Oran Mu Na Rocaidean
le ALASTAIR MACDHOMHNAILL, BORNAIS
Chan eil àit an diugh fo’n ghréin
Far an togte“Rocket Range”
Ach an Uibhist ’s e cho réidh
’S truagh leam fhéin na daoin bhitheas ann.
Chan eil cnoc no glaic no gleann
Nach bi làn de chlann nan Gall,
Bithidh na Gàidheil ’s iad fo choill
An cùl nam beann gun fhois gun tàmh.
Cha bhi Uibhist mar a bha
Loma làn de’n h-uile gràdh
Tha na Goill a tighinn ’nar n-àit
’S fàgaidh iad gach nì ’nan déidh.
’S ann a sud a bhitheas a fuaim
Nuair leigeas iad an“Rocket”suas
Thig crith-thalamhuinne mun cuairt
Is tuitidh gach beinn do ’n chuan.
Chan eil giadh na cala bhàn
Air an loch aig ceann a’ bhàigh
Nach falbh air iteig— ’s mór an càs—
’S nach till gu bràth fhads bhios sin ann.
’S mas fheudar dhuinne falbh gun dàil
A Uibhist bhòidheach nam beann àrd
Gheibh sinn fasgadh ann am Màrs
’S budh sinn dlùth don t-Sìorraidh Bhràth.
’S ged a tha mi nise aosd
Cha iarrainn falbh a tìr mo ghaoil
Gu falbh iad leam an ciste chaoil
Air giùlain cuideachd tìr mo ghaoil.
Ach ma chailleas sinn ar còir
Air Uibhist bhòidheach nam beann mòr,
Air solus Bharraidh isRockall
Nach mór an sgrìob a thainig òirnn.
title | Oran Mu Na Rocaidean |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Alastair MacDhòmhnaill in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |