[168]

Banais Aighearach an Eirisgeidh

Le Mgr. AILEAN DOMHNALLACH
(bho Fhear Chanaidh.)

Ma bheir duine sùil air anEriskay Registerfar an robh pòsaidhean agus baistidhean muinntir an eilein air an sgrìobhadh le Mgr. Ailean Dòmhnallach nach maireann, is coltach gum faic e an earrann so:—

Donald Campbell, Haun, and Kate Campbell, Chapelhouse Ru-Ban, were after due proclamation of banns married by me in the Oratory Ru Ban (with nuptual mass) on Tuesday, 7th February, 1899, in presence of John Reilly and Maggie McLennan.
ALLAN MCDONALD.”

Nis, ’s i bean-chumail-tighe aig Maighstir Ailean aig an àm ud a bha ann an Ceit Chaimbeul; agus air a thàilleabh sin, agus leis cho toilichte cridheil a tha muinntir an eilein sin, rinneadhbanais agus mór-phosadha bha ainmeil. Biad na daoine a shuidh aig bòrd na bainnse an oidhche sin, a réir leabhrain Mhgr Ailein fhéin:—

Kate (Bhàn)
(bean na bainnse)
Bridesmaid
Father & Mother

Myself
(Mgr Ailean)

Donald
(fear na bainnse)
Neil (MacDiarmid)
(bràthair Ruairi)

* * * * *

A.McL(ennan)

H.McL(ennan)
(a bha cumail na bùthadh ann an Eirisgeidh aig an àm sin)
Fr McDougal
(sagart Bheinne bhFadhla)
Miss Rigg
(piuthar Mhgr Sheòrais Rigg a chailleadh san fhiabhras)
Piper
Kate (sister of D)
Donald Beag (MacIsaac)

Donald Stiall

John MacDonald
wife (Iseabail, piuthar fear na bainnse)
Donald Campbell (bràthair fear na bainnse)
Angus McEachen (saor)
Miss McDougall

Schoolmaster
(John Reilly)
Miss Reilly

Fr John
(sagart Bhòirnis)
Jessie

Piper
Jane
Angus (Campbell, bràthair fear na bainnse)
Rory McDiarmid
(Ruairi macIllEasbuig)
Jessie
Rachel

Peggy McLennan

R. McAskill (Polacharra)
Marion McAskill



[169]

[Dealbh]
Bean Na Bainnse



[170]

Dhiarradh air Mgr Ailean slàinte bean is fear na bainnse a ghabhail, mar a bàbhaist; agus is e thuirt e:—

Slàinte! bhean is fhir na bainnse!
Ged is Caimbeulaich sibh còmhla,
S ioma cùis a thagam ruighinn,
S minam shuidhe aig abhòrd-sa;
Thàinig caochladh air an t-saoghal
Bho raonadh Inbhear Lòchaidh,
Faicibh so air gach làimh dhiom,
S pailt na nàimhdean air gach dòrn dhiom!
Chan eil iongnadh gediodh sgraing orm
Mun deoch slàintes fheudar òl leam,
Slàinte càraid a chlann Diarmaid
Cha robh mi riamh an leithd de dhònadh;
Slàinte nan Caimbeulach nimheil
Aig fear mo chinnidh-sa Chlann Dòmhnaill!
Slàinte an treamh as beag mo spéis dhaibh,
Sin éiginn bheireadh orm gun òlainn!
Nuair chuimhnichear am foills am falachd
Am murt, an gadachd, ’s an cuid dòibheart,
Oidhche Ghleanna Comhanns gach eucoir
Rinn na béistean air Clann Dòmhnaill!
S cha do thréig iad fhathasd an dòchas
Bhith ri spùilleadh agus fòirneart,
S bho thachair dhomh bhithn fhine rìoghail,
Rinn iad innleachd air mo leònadh.
Cha robh mi idir asmaointinn
Gu robh saod gun tigeadh tòir orm,
Ach thàinig iad gun fhios gam fhoighneachd
Anns an fhoill bu dual don phòr ud;
Cho donas gu robh luchd nan creachan
Anns na linn chaidh seachad òirnne,
S ann tha buileach donam meàirleach
Tha sacheàrnsa air tòiseach;
Bho bha mi gun chrodh gun aighean
Mar bha chaileag rinn an t-òran,
Cha robh sian a smaointinn agam
Gun tigeadh gadaichenam chòir-sa;
Càraid chat is deannan ianlainn,
S caigeann phiatan, mo chuid stòrais,
Tuillidh maoin cha robh e agam,
S cha robh mi ri amharus mun dòibheart
Bha cinntinn anns achridhe carach
Dhfhàg an sagart bochd gun sòlas,
Ged shladadh e leis mo spréidh-sa,
Cha chuireadh e éis no bròn orm;
Ach ghoid e bhuam bean-an-taighe,
S dhfhàg na fraighean-sa gun dòigh orr’,
Nam bu duine mi gu aimhreit,
Gheibheadh an Caimbeulach an dòrn uam,
Nach do sheas e lagh na gadachd
Nach dianadh slad air mnathan còire;



[171]

Dhfhàgainn sgeòdan air a bhusan,
S bheirinn dusan sgailc mun t-sròin dha,
S bhiodh e dùbailtena fhine
Camabhialachs Cama-shrònach!
Ach bho theirear riumAn Crìostuidh,”
S e mar fhiachaibh orm bhith stòlda,
Cha dian mi phronnadh no riasladh,
mi strìochdadh mar as còir dhomh,
S nach reachainn idir an urras
Nach dfhalbh luragga deòin leis.
Ged tha ur treamh seach càch neo-mhiosail,
S a h-uile miosad riamhnan còmhdhail,
Chan eil mi idir dol a chantainn,
Nach eil mig altrum gné de dhòchas
Nach fhaod e bhith nach eil an déis so
Cho neo-spéiseil ris achòrr dhiu,
Cha robh tòrrna mholl gun sìlean
Den ghràin bu phrìseile dhen eòrna,
Nach anns apholl a than daoimein,
Leug as foighneachdga bhòidhchead?
Nach suarach salach an t-àite
Bhios daoine cnàgnadh an òir as?
S ged is suarach, fuathach, nimheil
An fhine dhem bheil sibhse còmhla,
Bheir sinn dhuibh le chéilen t-urram
Gur sibhsen gràinne-mullaich eòrna,
Gur sibhse smior de dhòr na méinne,
Is daoimeannan ceutach ur seòrsa.

Achs tìm dhomh tilleadh thun mo ghnothaich,
S aghoileam-sa chur gu crìoch dhuibh,
S cuiream suas gun tuilleadh dàlach
Slàintna càraid-sa Chlann Diarmaid!
S e mo ghuidhe dhaibh an còmhnuidh
An cupan sòlais a bhith lìonte,
S a h-uile dhaibh air an fhonn-sa
An raths am fonn a dhol am miadachd,
Sòlas inntinne is cridhe,
S cuibheas maoin dhaibh mar a dhiarradh,
Fallaineachd dhaibh agus slàinte,
Gun dad gus am fàgail cianail,
Gaol nan daoine gun ghruaim dhaibh
Bhith mun cuairt daibh ioma bliadhna,
Faire Mhoire is cùram Mhìcheil,
Comhnaidh naoimh is ban-naoimh Chrìosta,
Iùl nan ainglean thun na crìchdhaibh,
Is seilbh rìoghachd Dhé gu sìorruidh.


Tha mi an comain Eóghainn Mhic Gillinnein a bha aig abhanais so, ’s thug dhomh móran fiosrachaidh air an fheadhainn eile a bha an làthair am feasgar ud.
F. C.

titleBanais Aighearach an Eirisgeidh
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Ailean Dòmhnallach in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page