[181]

An Sgeilp Leabhraichean

The Island Hill,le Campbell Steven.
Clo-bhuailte, le Hurst & Blackett. 18/-

Bithidh móran de ar luchd leughaidh eòlach air an ainm aig Campbell Steven. Tha e daonnan asgrìobhadh ann am paipearan naidheachd agus ann am mìosachain Albannan còmhnuidh air an aon chuspair, beanntan agus eileanan ar dùthcha.

Is ann do Ghlaschu a bhuineas e, agus, mar sin, tha e nàdurra gur ann aig a dhorus fhéin, mar gum bitheadh, a thòisich e air a thurus. Thug e achiad sgrìob gu Creag Ealasaid, agus tha e atoirt dhuinn iomraidh thaitnich air aon de na h-eileanan beaga as ainmeile ann an Alba.

Bho Chreag Ealasaid, tha an leabhargar toirt gu Eilean Arain, agus, as a sin, gu Eilean Bhòid, agus, an uair sin, tuath gu eilean beag ainmeil Scarba far an do chuir Mairi Nighean Alasdair Ruaidh, a reir cuid, seachad làithean dubhach a fògraidh a Dun Bheagain. Bha mise riamh den bheachd gum beilean beag, lom, fuar, Scarba, ach chan e sin idir an dealbh a tha an so, ach dealbh de eilean làn de fhéidhs de spréidhs dhainmhidh, le daoine coibhneilga chòmhnaidh.

Cuairt a Dhiùraidh. As a sin a Liosmór. Mar a tha Steven fhéin ag radha chan eil ainm air eilean Gaidhealach eile cho taitneach tarruingeach ris an fhear so, agus tha tàladh iongantach anns gach fuigheig de eachdraidh a tha co-cheangailte ris. Ach, mar a tha fìor a thaobh iomadh ceàrnaidh den Ghaidhealtachd an diugh, tha tighean a sìor dhol fàs air Liosmór, agus tha Steven adeanamh iomraidh air na togalaicheanfuaraidh, fàsa chunnaic e air gach taobh.

Chan ann a mhàin anns na h-eileanan air a bheil sinn eòlach a thadhail an t-ùghdar so, ach anns na h-eileanan beaga bìodach far nach eils far nach robh sluagh, oir tha e an tòir air obair nàduir mar a tha e an tòir air làmh-obair dhaoine. Fad an t-siubhail, tha a shùil air an taobh tuath, agus tha e adeanamh a shlighe troimh Mhuiles troimh I, troimh Rùm is troimh Eige agus suas don Eilean Sgitheanach.

Is e caibidil cho taitneachs a tha anns an leabhar, an te mu dheighinn Eilean Shanndaidh mun bheil iomradh anns aGhairm so air duilleig 173. Bha luairean atighinnnam cheann aleughadh mu dheidhinn an Stac agus mu dheidhinn nan Leódhasach* a ràinig a mhullach air ròp a bha sìnte ceithir cheud troigh os cionn geodhaidh. Ged nach bitheadh aig Campbell Steven ach so fhéin, cha mhór nach bfhiachThe Island Hillsna h-ochd tasdain deug.

* Faicibh t .d. 173

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Island Hill)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page