[182]

Casual Columns. ”Clò-bhuailte, anGlasgow Hearald. ”12/6.

Bho chionn suas ri bliadhna, chuir anGlasgow Heraldamach leabhrachan— “My Uncle Georgele Alastair Phillipsachiad leabhar a chuireadh amach fo ainm aphaipeir riamh. Reiceadh còrr agus cóig mìle deug leth-bhreac dheth, agus bhrosnaich so an “Glasgow Herald” gus leabhar eile a chur ri chéilean turus so, co-chruinneachadh de sgrìobhaidhean a nochd anns aphaipear bho àm gu àm feadh nam bliadhnachan. Tha e cus nas tomadaiche anns a h-uile dòigh na bha “My Uncle George,” agus seulaichidh an àireamh a reicear dheth co-dhiùbh a thàtar adol a chlò-bhualadh an còrr leabhraichean no nach eil. ’Se sin a tha sinn an dùil co-dhiùbh.

Anns na làithean a thann, is e anGlasgow Heraldan aon phaipear maidne ann an Alba a tha atoirt dad as fhiach de urram do shaor-sgrìobhadhsgrìobhadh nach eil uile gu léir ceangailte ri tachartasan an latha, no ri tachartasan na h-oidhche ann an Hollywood. Fon ainmThe Week End Pagethàtar aclò-bhualadh ceithir no cóig de sgeulachdans de iomraidhean de gach seòrsa a h-uile Di-Sathurna, mar is trice, deagh sgrìobhadh, agus sgrìobhadh inntinneach.

Is ann bhon duilleig Di-Sathurna so a tharruingeadh achuid as motha den leabhar ùr—“Casual Columns”—ged a tha miosgachadh math ann de rudan eile a duilleagan aphaipeir.

Tha còrr agus dusan pìos fo ainm Alastair Phillips fhéinpìosan marDiscretions of Aunt Maggiea bheir gàire ge be àite an leughar e, agusLilac Time”—an sgeulachd ainmeil mun turus a chaidh an làraidh ghuail fodha anns aghàrradh aige ann an Glaschu.

Bann anns anWeek End Pagecuideachd, a rinn Alastair MacIlleathain (mac don Urr. Alasdair MacIlleathains do Mhairi NicLaomainn) ainm an toiseach leis an sgeulachdAn Dìleasa choisinn duais ceud not dha. Bhon uair sin, chuir Alasdair amach leabhar a tha air beag fhortan a dheanamh dha mar thà— “H .M. S. Ulysses.” Uill, thaAn Dìleasclò-bhuailte ann anCasual Columnscuideachd, agus bithidh móran toilichte an sgeulachd so fhaicinn ann an riochd maireannach den t-seòrsa so.

Tha móran ainmean anns na duilleagan so air am bheil sinn eòlach ann an litreachas na h-Albanntha suas ri leth-cheud ainm ann uile gu léir, gu ruigeas air pìosan a thogadh as gach oisean den “Herald.”

Tha sinn an dòchas gun ceannaichear an leabhar so, oir tha sinn an dòchas gun lean am paipear iomraiteach so air leabhraichean a chur an clò. Tha feum an diugh air deagh sgrìobhadh, agus so aon dòigh anns an tig e fa chomhair an t-sluaigh, agus an aon dòigh anns am misnichear sgrìobhadairean ùra.

F. McD.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Casual Columns)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 14 %p

parent textGairm 14
<< please select a word
<< please select a page