‘CRODH CHAILEIN’ IS ORAIN EILE
le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill (nach maireann)
(Uibhist-a- Deas)
Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Gun tugadh crodh Chailein dhomh bainn’ air a raon,
Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh ciar-dubh breac ballach air dhath na circ-fhraoich.
Nach iomadh uair a chuala sinn an t-òran brèagha sin ga sheinn le còisirean agus le guth aon-neach, maraon ri òrain àlainn eile a chaidh aiseag a-nuas ugainn tro na linntean, agus a tha bitheanta gu leòr eadhon fhathast, a-measg seinneadairean ar latha fhìn.
Tha e dualach an còmhnaidh gum bi sgeulachd bheag àraid air choreigin air cùl òrain den t-seòrsa seo. Nach eil an t-òran brèagha sin a’ chluineas sinn gu math tric ga sheinn air a rèidio, ‘Màrtainn a’ Bhealaich’ no ‘B’e siud e ’n cùl’ ag innse mu Bheathaig Mhòir agus mu a mac a bh’aice bho Mhàrtainn?
Nach eil an t-òran ‘Calum a’ Ghlinne’ a’ sealltainn dhuinn cho faighidneach ’s a bha bean Chaluim, nuair nach abradh i ach “Dia leat a Chaluim”, eadhon nuair a thilleadh Calum còir gun mhin gun each gun airgead. Nach iomadh fear a dh’òrdaicheadh leithid bean Chaluim a bhith aige, gu h-àraid aig seachdain a’ Mhòid. Saoil am biodh sìth ann dha a’ tilleadh ’s e air an t-fhèileadh a reic is òl!
Ach mar a tha a sgeulachd fhèin air cùl gach òrain dhiubh sin, bha mar an ceudna tè air cùl an òrain ‘Crodh Chailein’.
Feumaidh sinn a dhol air ais còrr is trì cheud bliadhna chun an àm a bha an cogadh eadar a Rìgh Teàrlach a h-Aon agus a’ Phàrlamaid. Anns a’ bhliadhna 1644 thog am Marcos Montròs arm anns a’ Ghaidhealtachd gus sabaid air taobh an Rìgh. Ghabh na Dòmhnallaich taobh an Rìgh, chan ann idir le meas no bàigh dha na Stiùbhartaich, ach gus cothrom fhaighinn air stràchdan a thoirt air na Caimbeulaich, a bha iad riamh a’ cunntais ’nan nàimhdean.
Tha fios againn cheana tro eachdraidh mar a thug Montròs an t-arm a-nuas bho Chille Chuimein, a’ coinneachadh Diùc EarraGhaidheal -- a bh’air an tòir le suas ri trì mìle saighdear -- aig Inbhir Lòchaidh. ’Sann mun bhlàr a chaidh a chur a seo a thuirt Iain Lom Dòmhnallach, Bàrd na Ceapaich,
An aithne dhuibh an Goirtean Odhar,
Bu mhath a bha e air a thodhar,
Chan innear chaorach no ghobhar
Ach fuil Dhuibhneach an dèidh reodhadh.
Bu bhiadh is bu cheòl an dòigh-beatha seo do na cinnidhean Gaidhealach aig an àm ud. Sabaid is creachadh; bha creach ri togail an còmhnaidh. Crodh an dàrna cinnidh ga ghoid air falbh leis a’ chinneadh eile.
Anns an Og-mhios 1646, bha buidheann dhe na Dòmhnallaich fo cheannas Aonghais Oig na Ceapaich a’ tilleadh bho chuairt-creachaidh dhen t-seòrsa seo, nuair a chual’ iad gu robh Caimbeulaich Ghleann Urchaidh aig cuirm-bainnse a nighinn agus gu robh uaislean Bhraid-Albainn gu lèir còmhla aig a’ chuirm fo bhuaidh na deoch-làidir. Dè a b’fheàrr leis na Dòmhnallaich ach crodh nan Caimbeulach a thoirt leotha còmhla ris na bh’aca mu thràth. Ach chuala na Caimbeulaich dè bha dol, agus ged a bha an deoch-làidir fhèin ’nan cinn, rinn iad a-mach às dèidh nan creachadairean le claidhnean rùisgte. Rug iad orra aig àite ris an canar Sròn a’ Chlachain, far na thòisich an cath. B’ann aig a’ ghleac seo a chuir fear Ghilleasbuig MacPhàil ùrnaigh gu Dia a’ comhairleachadh Dha mura gabhadh E taobh nan Dòmhnallach sa’ chath, E dh’fhuireach caoiteas e buileach, “agus biodh an gnothach eadar sinn fhìn ’s iad fhèin!” Bha e ag innse an dèidh a’ bhlàir gun do chuir e saighead ann an gobhal fear-na-bainnse, air chor ’s nach biodh e furasda dha oighre athaireachadh an oidhche sin!
Ach air rèir eachdraidh, cha do chuir saighead Ghilleasbuig cus grabaidh air fear-na-bainnse oir mu robh an cath buileach seachad mharbh e Aonghas Og na Ceapaich fhèin, ceannard nan creachadairean an oidhche sin.
Bu mhath leam a dhèanamh soilleir an seo, ged a bha an nàimhdeas follaiseach eadar na Dòmhnallaich agus na Caimbeulaich, nach e idir na Caimbeulaich a bu choireach anns an tachartas ainmeil bhrùideil air an treasa là deug den Ghearran sa’ bhliadhna 1692. Cha robh an Caiptean Raibeart Caimbeul ach a’ co-lionadh òrdan fir eile. Gu dearbh, bha cuid dhe na daoine aige a thug rabhadh dha na Dòmhnallaich dè bha gu tachairt, rabhadh a dh’adhbharaich gun d’fhuair mòran dhiubh tarraing às, ’na measg dà mhac Alasdair Mhic Iain fhèin, dàrna triath deug Chlann Iain Abraich.
Tha a’ choire gu mòr, mura bheil gu h-iomlan, ri chur air Sir Iain Dalrymple, a bha aig an àm ’na Rùnaire Stàite an Albainn, an toiseach an co-phàirt ri Seòras Melville. Ach cha robh làmh sam bith aig Melville ann an Gleann Comhann. Bha Dalrymple ’na dheaghaidh seo ’na fhear-taice gu math làidir do dh’Achd an Aonaidh sa’ bhliadhna 1707, aonadh a bhiodh is dòcha buannachdail gu leòr dhàsan ’s dha sheòrsa, ach bhàsaich esan mun deach a dùnadh gu
Ach tha mi falbh bhàrr mo sgeòil. Tilleamaid gu crodh Chailein.
Thug mi iomradh roimhe seo air an ruaig a thug na Dòmhnallaich air crodh nan Caimbeulach sa’ bhliadhna 1646. Anns a’ bhliadhna 1655 thug iad ruaig eile orra, agus air rèir beul-aithris b’e seo a ruaig a thug dhuinn an t-adhbhar airson an òrain ‘Crodh Chailein’.
’Se Clann Iain Ghlinne Comhann, maille ri an càirdean às a’ Cheapaich, a thug a ruaig seo. Chuir iad teine ris na bàthchannan ’s thug iad leotha an crodh bhàrr an ionadan-ionaltraidh ’s rinn iad air an fhearann aca fhèin. A bharrachd air a’ chrodh fhèin thug iad leotha cuideachd nighean òg a bha buachailleachd a’ chruidh-bhainne. Aig bad àraid air an t-slighe nuair a bha iad a’ dol tro bhealach cumhang bhrist a nighean seo casan feadhainn dhe na laoigh, gnìomh a chuir uiread a mhaille air na creachadairean ’s gun do rug na Caimbeulaich -- a bha gu làidir air an tòir -- orra. Am bad a chèile ghabh iad, agus mar a theireadh a seanchaidh ag aithris na sgeulachd,
Dhèanadh iad bogan air a’ chreaganAgus creagan air a’ bhogan.
Gu mì-fhortanach chaidh a nighean a mharbhadh anns an ar-a- mach a bh’ann, ach shàbhail i an crodh -- Crodh Chailein -- dha luchd-cinnidh fhèin.
Chaidh an t-òran ‘Crodh Chailein’, a chluinnear air a sheinn chun an latha ’n diugh, a dhèanamh mar gum b’e a nighean fhèin a bha ’g aithris na faclan, agus ’s iomadh fear is tè am Braid-Albainn a thug luinneag air fad iomadh bliadhna an dèidh sin.
Anns an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist, tha Maighread Fay Shaw a’ toirt seachad cùnntais a fhuair i bho Mhàiri NicRath à taobh a deas Loch Baghasdail. Ar rèir cùnntais Màiri, ’se sìthich a bh’ann an Cailean, agus b’e na fèidh an crodh aige. ’Se an leannan-daonnda a bh’aige a rinn an t-òran ’na òran-bleoghainn.
Cò a’ chùnntais a tha ceart?
Chan eil teagamh nach eil gach sgeul beul-aithriseil a theid aiseag a-nuas bho bheul gu beul, a’ dol air iomrall uair no dhà troimh cheò nan linntean, ach cha bheagaich sin idir an tlachd ’s an toil-inntinn a bheir iad dhuinne, na leughadairean an-diugh, eadhon gach caochladh cùnntais dhiubh.
Crodh Chailein mo chridhe, crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan crogan, crodh thogail nan laogh.
title | ‘Crodh Chailein’ is Orain eile |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill in Gairm 140 %p |
parent text | Gairm 140 |