SGOIL FHEARANN-DOMHNAILL
le Seònaid NicDhonnchaidh
Seo seann dealbh de Sgoil Fhearann-Dòmhnaill, an sgìre Shlèibhte, san Eilean Sgitheanach. Chaidh a ghabhail mu 1920.
B’e na tidsearan a bha os ar cionn Oighrig Mhàrtainn à Stafainn is Seumas Christie, fear Gallda. Seo a’ chlann, a’ tòiseachadh aig an làimh chlì anns an t-sreath chùil:
Crìsdean Iain Fhionnlaigh, Iain Raonaid, Iain Mhata, Iain Chaluim Bhàin, Aonghas Aonghais Raghnaill, Dòmhnall Màrtainn, Iain a’ Mhinisteir, Daibhidh Aonghais Ia’ Ruaidh, Ruairidh MacCruimein, Dòmhnall Uilleam Chaluim Bhàin.
An dara sreath:
Màiri NicAsgaill, Mòrag Eòghainn, (is a piuthar bheag, Anna, air làimh aice ris an aghaidh), Màiri Alasdair Amarsdan, Katie Ann Sheonaid Ruaraidh, Mòrag Chailein, Peigidh Alasdair Ailein, Cathie a’ Mhinisteir, Màiri Alasdair Ailein, Seasaidh Ann Eachainn, Màiri Anna an Fheargasdannaich, Chrissie NicCruimein, Bessie a’ Mhinisteir, Annag Borbra, Ceiteag Alasdair Ailein, Seasaidh Eòghainn, Dolina Dhòmhnaill Mhòir.
An treas sreath:
Aonghas Chailein, Jackie Iain Chlachair, Dànaidh MacCruimein, Calum Eachainn, Eachann a’ Mhinisteir, Niall Dhòmhnall Lachlainn, Dòmhnall Dhòmhnall Lachlainn, Eòghann Beag Eòghainn, Murchadh Raonaid, Alasdair Aonghais, Ailein MacCruimein, – agus an dithis nigheannan beaga a’ cumail suas na sgliat san fhìor aghaidh: Seasag Aonghais is Ceiteag Dòmhnall Lachlainn.
Tha cuimhn’ agam fhìn gu robh còir aig triùir eile bhith an làthair:- Alasdair Eachainn, Seonaidh Beag Eachainn agus Ceiteag an Fheargasdannaich. Bha mar sin còrr is da fhichead a’ dol an sgoil a dh’ Fhearann-Dòmhnaill agus cuiridh e annas air mòran a chluinntinn gu robh còig sgoiltean eile an Slèibhte an uair sin: Sgoil na h-Airde, Sgoil Aird-vàsair, Sgoil Thòcavaig, Sgoil an Druim-fheàrna agus Sgoil Dhuibheasdail -- gun ghuth air “Sgoil Dhòmhnaill Pheadair” far an robh caileag òg à Achadh na Cloiche a’ toirt ionnsachadh do chloinn cìobar an Dal a’ Bhile. Bha an t-àite cho iomallach ’s nach fhaigheadh i dhachaigh ach deireadh na seachdainneach.
Cha robh sgoilear aig nach robh Gàidhlig ruidhteach fhileanta. Bha Gàidhlig aig “Miss Martin” agus bha sin feumail nuair a thigeadh an fheadhainn bheaga an sgoil gun aca ach Gàidhlig agus an t-eadar-theangachadh gu Beurla a’ tòiseachadh on chiad latha. “ ’S mòr cumhachd na h-eisimpleir,” agus gu dearbh, le bhith cluinntinn na feadhainn mhòra, suarach an ùine gus am biodh clann gu math beag a’ toirt oidhirp air a’ Bheurla.
Bha am maighstir-sgoile air a bhith an Aird Shlèibhte an toiseach agus is iomadh sgeulachd air an tugadh e làmh a bhuineadh do dh’eachdraidh is beul-aithris na sgìre. Tha cuimhne agam an là a dh’ainmich e gu robh seann bhodach beò anns A’ Chill-Mhòir fhathast aig an robh cuimhne air Loch nan Uraichean a bhith air a slaodadh le lìon feuch am beirte air an “each uisge” is e an dèidh nighean òg bhrèagha a ghoid leis às an àirigh an Gleann Shàsaig is gabhail a-steach don loch leatha. Ach chan fhacas a dubh no dath riamh. ’Se duine beag tapaidh a bha an “Christie”. Bha e ’na eildear is ’na chlèireach anns an Eaglais Stèidhichte agus chan eil e annasach e fhèin -- agus Miss Martin cuideachd -- bhith cho fìor dhìcheallach ri leasan Bìoball ionnsachadh dhuinn a’ chiad rud a h-uile madainn.
’Se sgoil-mhara cuspair a bha am maighstir-sgoile glè mhath air is bha eòlas math aig na balaich mhòr air mum fàgadh iad aig 14. Eadar Aird-Shlèibhte is Fearann-Dòmhnuill is iomadh sgiobair a chaidh roimh na làmhan aige. Bha e bòsdail às a sin -- gun cuireadh e balach gun “drochaid” le sgoil-mhara! (Ach cha robh guth air ràdar no rud sìos bhuaithe san là sin).
Ris an tìde bhrèagha thogadh e fhèin is na gillean mòra orra don ghàrradh len cuid spaidean is eile -- fhad’s a bhiodh na h-igheannan a’ fuaigheal is a’ fighe. Chan eil cuimhn’ agam air mòran “P.T. ” fhaotainn ach an uair ainneamh a thigeadh tè timcheall -- tha mi cinnteach à Ard-Sgoil Phortrìgh. ’S cha bu mhotha na sin a bha dh’fheum againn air -- ’s a h-uile creutair againn air coiseachd na sgoil. (Gu dearbh ’sann a’ ruith bu trice bha sinn!) Bha na h-uimhir a bha tighinn à Bràigh na Teangan. Cha b’e mhàin gu
robh an t-astar fada ach bha an rathad, ma b’airidh e air an ainm, scarbach curs, droch cheann bhrògan no chasan rùisgte. Cha robh caiseart no aodach aig clann an uair sin seach mar a th’aca ’n-diugh. Tha fios gun d’rinn e cruaidh sinn!
Tarraing -- sin cuspair eile air nach eil cuimhn’ agam mòran spèis a bhith am Fearann-Dòmhnaill. An uair ainneamh a chluinneamaid gum biodh tarraing againn an dèidh àm dìnnearach thilleamaid an sgoil le rudeigin à clais an rothaid -- mar bu trice meanglan smeur no caorainn. Cha b’e ’n t-iongnadh nach tug neach againn a-mach ìre sam bith anns an loidhne sin!
Bha suim mhòr againn an claisean an rothaid as t-Earrach is toiseach an t-Samhraidh nuair a thòiseachadh na h-eòin bheaga air neadachadh is bha mòran fhlùraichean rin cruinneachadh. ’S iomadh achlais mhòr de “shaighdearan” a gheibheadh Miss Martin on chloinn bhig aon uair ’s gum biodh “Là buidhe Bealltainn” seachad. Bha earrann mhath de ar n-ionnsachadh air taobh a-muigh den taigh-sgoile. ’S dòcha gu bheil an uimhir sin againn a bharrachd air cloinn an là an-diugh is a’ chuid mhòr dhiubh air an toirt an sgoil is dhachaigh le busaichean -- no càraichean am pàrantan.
Uair aineamh gheibheadh sgoilear “bursaraidh” a chuidicheadh e gu dhol air adhart gu Ard-sgoil Phortrìgh. Mar bu trice dheanadh iad glè mhath -- a thaing sin, tha mi cinnteach, chan ann a-mhàin dhoibh pèin ach do Christie. Chumadh e ceann an amail ri tidsear à sgoil mhòr sam bith. Bha e faotainn an “Teachers' World” gu cunbhalach is a’ dèanamh deagh fheum dheth.
’Se glè bheag a bha air a chur a-mach air leabhraichean leughaidh. A bharrachd air an t-seann leabhar-lann aig Coats -- is bha sinn air an rùchd a thoirt à sin o chionn fhada -- chan eil cuimhn’ agam ach air aon leth-dusan bloigh leabhair, gun dealbh gun eile aig ceann an t-suidheachain aghaidh, is mar bu luaithe chuireadh tu crìoch air do chuid cunntais ’sann a b’fheàrr do sheanns’ air grèim fhaotainn airWestward Ho, Quentin Durwardno a leithid.
Tha mi sa’ bharail gur e dithis mhinistearean, ceathrar nursaichean, is seachdnar thidsear thàinig às na bheil san t-seann dealbh seo, a bharrachd air iomadh cosnadh eile a b’ fhiach. Bha e air a sparradh air cloinn an là sin gur e faotainn air adhart faotainn air falbh. Saoil an robh mòran aig sin ri dhèanamh ri bàs na Gàidhlig?
Thoiribh sùil far na sheas sinn airson fear nan dealbhan. Seo gnoban beag àrd ri cùl a’ bhalla am pàirc nan nighean. Sin far an robh am feur snog gorm. Sin cuideachd far an robh iomadh greis
thoilichte againn. Mar an robh sinn a’ faotainn “dràma” a b’fhiach san sgoil bha sinn a’ dèanamh suas ar dràma fhìn an uair a thòisicheamaid air “taighean beaga”.
Bha sinn air port cruinnich a chur air a h-uile picean -- a h-uile soitheach briste bu bhrèagha na chèile -- is air an stopadh sa’ bhalla -- ’se sin ar cuid-ne dheth ’n bhalla -- agus dh’fhanadh sinn an sin gus am faigheadh sinn a’ chiad chèileadaran . . . Cha b’fhiach na h-ainmean againn fhìn ach a h-uile h-ainm a b’fhasanta na chèile; Abair gnothaichean mòra ’s fealla-dhà! Geama eile a bh’againn, ’se “A’ chearc ’s an coileach” . Bhiodh a’ chearc air toiseach ’s i cur a h-aghaidh air a’ choileach is esan a’ cur roimhe gum faigheadh e dh’ionnsaigh nan isean a bha ’na loidhne fada a’ slaodadh ri chèile air cùl na circe. Bha ’n geama seo car trom air peiteanan! Chan eil fhios agam ciamar a fhuair sinn grèim air“Here we go gathering nuts in May, ”no“London Bridge is broken down, ”ach tha e collach gu robh an fheadhainn Bheurla sin bitheanta sna h-Eileanan-a- Muigh cuideachd.
Bha balla cloiche a’ roinn pàirc nan nighean bho phàirc nan gillean. A dh’aindeoin sìde bhiodh na balaich ag iomain. Is bha bhuil ann! Cha robh bileag feòir air fhàgail sa’ phàirc aca-san: bha tàmh-uisge cuideachd ris an taobh ìosal agus ’sann an sin bu trice a bhiodh iad a’ sabaid airson am ball. Abair poll! As t-Samhradh tha cuimhn’ agam na balaich a bhith ruith mach is dhachaigh aig àm dìnnearach le “giord” mar a theireadh iad ris a’ chuibhle baidhsagail a bhiodh iad a’ stiùireadh cho snasail le lùbach de uèir. Cha robh na rothaidean mòra cho cunnartach an uair sin, is bha na meircean air an ithe cho lom aig a’ chrodh ’s gu robh e soirbh ruith cas-rùisgte orra.
Cha robh mòran cur-seachad againn taca ri cloinn an là-an-diugh ach cha robh ionndrain againn air nì air nach robh eòlas againn. Uair no dhà fhuair sinn fèisd Nollaige bho mhuinntir A’ Chnuic -- Màidsear Kemble ’s a bhean agus bho na Màrtannaich a bha an Ostaig Ard. ’Se othail a bh’ann aig àm fèill a’ chruidh. Bhiodh na dròbhairean a’ dol seachad an oidhche roimhn àm is dh’fheumadh na gillean mòra bhith às dèidh a’ chruidh len cabair mhaide -- co-dhiù ’se math no milleadh a bha iad a’ dèanamh. ’Sann an siod a bha ’n èigheach -- crodh a’ geumraich, coin a’ comhartaich, dròbhairean a’ feadaireachd is clann ag othail. Aon là fèille tha cuimhn’ agam an sgoil a dh’fhaotainn ma sgaoil mu mheadhoin là is rinn a’ chuid mhòr againn air Armadal is pàirc na fèille. ’S mi fhuair mo lèireadh air an rathad sìos an uair a sgailc mi m’òrdag mhòr ri upag mhòr cloiche aig Drochaid
a’ Mhuilinn. Is cuimhn’ eile th’agam air an aon fhèill -- gun tug m’athair air ais dhachaigh “Lòcan”, a bhò shnog Ghàidhealach aig an robh am bainne brèagha tiugh bho nach robh e faotainn oirre ach ochd notaichean!
Is iomadh bliadhna o chaidh a h-uile sgoil an Slèibhte a chur còmhla ri Fearann-Dòmhnaill. Tha an sgoil fhèin ’na seasamh gun mòran atharrachaidh on taobh a-muigh ach gun deachaidh am balla meadhanach a thoirt air falbh is teàrr a chur air a' phàirc-chluich
gu lèir. Ach o chionn beagan bhliadhnachan fhuair Slèibhte rud air an robh iad glè fheumach -- sgoil ùr. Agus sgoil bhrèagha da-rìreadh! Tha “Sgoil Shlèibhte” air a togail aig a’ Chill-Bhig ann an raoin brèagha ’coimhid a-mach air an Linne Shlèibhteach is a-null gu Loch Nibhis is Mallaig. Cha b’urrainn mi smaoineachadh air suidheachadh bu ghrinne. Tha ceathrar thidsearan os cionn mu cheithir fichead sgoilear is ceithrear eile a’ tadhal mu leth là san t-seachdain airson cuspairean sònraichte -- aon dhiubh Gàidhlig. Chan eil ach beagan aig a bheil Gàidhlig mar chiad chànain.
Tha a h-uile goireas san sgoil: compiutairean is eile agus biadh brèagha air a dheasachadh is air ithe air an làraich. Taobh a-muigh na sgoile tha farsainneachd gu leòr aig a’ chloinn le raoin ball coise taobh na sgoile, airson inbhich cho math ri sgoilearan.
A h-uile piseach leotha!
title | Sgoil Fhearann-Dòmhnaill |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Seònaid NicDhonnchaidh in Gairm 141 %p |
parent text | Gairm 141 |