[24]

LEASACHADH AGUS CANAN

(Beachdan air feallsanachd is buaidh Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd, le fear a bha ag obair dhaibh fad bhliadhna).

le Maoilios Caimbeul

Siostam agus Luachan

Anns an alt seo bidh mi atoirt suil air abhuaidh a tha aig an stèidh choitcheann a tha ann am Breatann -- no anestablishment -- air aGhàidhlig. Leis an stèidh choitcheann chan eil mi dìreach aciallachadh na structuran a-mhàin, ach cuideachd na beachdan a tha daoine agabhail riutha gu nàdurrach, cho nàdurrach ri bhith ag analachadh. Tha mi ciallachadh creideamh ann an adhartas, ann an cumhachd airgid agus calpa, ann am prothaid mar bhun-phrionnsabal, ann an saidheans agus san teicneolas ùr agus anns an t-siostam fhèin.

Tha an creideamh sin aciallachadh gu bheil luachan àraidh aig an fheadhainn a tha astiùireadh an siostaim.

Bha uair ann agus bha luachan tur eadar-dhealaichte aig AGhàidhealtachd agus na bha aig achòrr de Bhreatainn. Nuair a bha na cinnidhean aig àird an neirtse calmachd ann an cath, dìlseachd dha dfhine fhèin agus fialaidheachd na prìomh luachan a bha aig daoine. A-nise, gu ìre mhòir, tha AGhàidhealtachd air gabhail ris na luachanEòrpach/Sasannacha chaidh ainmeachadh, mar a ta amhòr-chuid dhen t-saoghal.

An-dràsda tha sinn afaicinn ath-bheothachadh -- mas e sin am facal -- air na luachanSasannachfo stiùireadh Thatcher. ’Se prothaid, agus saorsa a bhith aig duine prothaid a dhèanamh, na bun-phrionnsabail a tha air cùlaibh na feallsanachd aice. Saorsa dhan duine air leth gu h-àraidh, ach , no , tha pàigheadh air a son?


Feallsanachd Schumacher

Anns an leabharSmall is Beautiful, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1973, tha an t-eaconomair E. F. Schumacher nach



[25]

maireann acur an cèill feallsanachd airson eaconomachd a tha adol tur an aghaidh na prionnsabail a bha, agus a tha fhathast ariaghladh eaconomaidh amhòr-chuid dhen t-saoghal, ach gu h-àraidh na dùthchannan as beartaiche. Ged a bha Schumachers dòcha asmaoineachadh air amhì-chothrom a tha eadar na dùthchannan beartach agus an fheadhainn bhochda, tha na tha e ag ràdh fìor dhan mhòr-chuid dhen t-saoghal. Seo geàrr-chunntas air na smuaintean aige.


Na Nithean a tha Ceàrr

Se fàs eaconomach gun chrìch, prothaid, agus margaidh shaor na luachan as àirde a tha aig an eaconomair agus aig dùthchannan na h-iar.

Chan obraich sin air adhbhar: thig beartas nàduir gu crìoch, agus chan fhuiling an àrainneachd an truailleadh, am màbadh agus an spùinneadh a tha i afaighinn.

Tha an eaconomair acur prìs airgid air gach , mar gun gabhadh prìs a chur air nithean mar bòidhchead, slàinte, cultur agus gnè ar beatha.

Tha prothaid agus amhargaidh atighinn ro dhaoine agus na feuman aca.

Tha eòlas afaighinn barrachd inbhe na tha gliocas.


Mar a Ghabhas Nithean a Chur Ceart

Feumaidh an eaconomaidh a bhith ag obair do dhaoines chan annnan aghaidh.

Tha feum air gnìomhachasan agus buidhnean beaga a bhitheas fo bhuaidh nan daoine anns achoimhearsnachd.

Feumaidh eòlas a bhith fo bhuaidh gliocais anns an dòigh a tha sinn adèiligeadh ri beartas nàduir, am fearann agus an teicneolas ùr.

Bha còir a bhith agabhail slighe abhealaich, eadar Prothaid a bhith againn mar dhia agus tur-smachd a bhith aig an riaghaltas thairis air an eaconomaidh.

Bu chòir cumhachd a bhith leis an duine choitcheann thairis air a bheatha fhèin, agus chan ann leis an eòlaiche.

Sin dìreach blasad dhe na tha Schumacher ag ràdh. An a tha cudthromach mu dheidhinn na feallsanachd aigese gu bheil e acoimhead air cùisean gu h-iomlan. Chan eil e seachnadh ceistean moraltachd, cultuir agus luachan.



[26]

Na Structuran

Se achiad a bheir sinn an aire dha gu bheil structuran neo-fhaicsinneach agus faicsinneach ann a tha toirt buaidh oirnn. Leis an fheadhainn neo-fhaicsinneach tha mi ciallachadh an dòigh-smaoineachaidh a tha fuaighte ris achultur smachdail; is iad sin creideamh ann am prothaid, ann an sòghalachd, ann an adhartas gun chrìch agus ann an eòlas.

Leis na structuran faicsinneach tha mi ciallachadh na buidhnean Riaghaltais agus prìobhaideach a tha ag èirigh a-mach às achultur smachdail. Aig co-labhairt air -chànanas ann an Inbhir Nis ann an 1984 chaidh liosta a thoirt dha na bha làthair dhe na buidhnean poballach aig a bheil làthaireachd bheag no mhòr ann an Roinn na Gàidhealtachd. Bha 161 buidheann air an liosta, mòran dhiubh a chaidh a stèidheachadh le Achd Pàrlamaid Bhreatainn. ’Se Beurla achainnt oifigeil aca agus tha amhòr-chuid aca nan dòigh fhèin ataisbeanadh luachan achultuir smachdail.

Tha cuideachd na buidhnean prìobhaideach ariochdachadh na luachan sin. Mar a tha Schumacher asealltainn, tha na luachan -- agus an cànan (Beurla anns an dùthaich seo) leis am bheil iad air an giùlan -- air an snìomh a-staigh anns na meadhanan foghlaim. ’Se na h-aon luachan a tha air an craoladh tro na meadhanan foghlaim air aGhàidhealtachd agus anns achòrr de Bhreatainn. Le sin tha e nàdurrach gum bi buidhnean prìobhaideach cuideachd ag obair tron chultur smachdail.

Gun fiaradh na fìrinn faodaidh sinn a ràdh gu bheil bàs na Gàidhlig sgrìobhte air na structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach sin. Chan e aGhàidhlig a-mhàin a tha afulang, ach na mion-chànanan air feadh an t-saoghail. Tha e atachairt anns a h-uile dùthaich far a bheil an cultur smachdail agabhail ri luachan sòghalach agus adleasadh dha fhèin ùghdarras riaghlaidh. Agus sin an saoghal air fad.

Schumacher a-rithist:

Unintentional neo-colonialism is far more insidious and infinitely more dificult to combat than neo-colonialism intentionally pursued. It results from the mere drift of things, supported by the best intentions. ’

Ged is ann air na dùthchannan bochda a bha e abruidhinn, saoilidh mi gu bheil na facail sin fìor mu ar suidheachadh-ne.


Bòrd na Gàidhealtachd

Bu thoigh leam Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd a ghabhail mar
eisimpleir air na structuran faicsinneach, agus sealltainn air mar a the



[27]

e acoimhlionadh an cliath-smuain a tha Schumacher acur fo ar comhair.

Tha beagan eòlais agam air dòigh-obrach A' Bhùird bhon taobh a-staigh leis gu robh mi ag obair ann airson còrr agus bhliadhna. Còig bliadhna deug air ais tha cuimhne agam a bhith faighneachd dhiom fhìn: tha Am Bòrd adèanamh airson leasachadh na Gàidhlig? Aig an àm sin cha robh càil. Carson? tha Am Bòrd adèanamh a-nise? Sin na ceistean dhan robh mi ag iarraidh freagairt, agus tha min dòchas le bhith ag obair dhan ABhòrd airson greis gun dfhuair mi freagairtean, agus cuideachd sealladh beag air mar a tha na structuran faicsinneach a tha gar riaghladh ag obair.

Nuair a chaidh Am Bòrd a stèidheachadh le Achd Pàrlamaid ann an 1965 chanadh cuid gur ann le deagh rùn dhan Ghàidhealtachd a chaidh sin a dhèanamh. Bha daoine mothachail gu robh an Roinn air dheireadh a thaobh eaconomaidh agus leasachaidh. Bha cuid ann an ùghdarras dhen bheachd gu robh an sluagh fad air ais, nos dòcha coma co-dhiù, nuair a bha cùisean atighinn gu gnìomhachas. Ged a bha am facalsòisealtaair ainmeachadh bha fios aig a h-uile duine gur e a bhith cruthachadh obraichean agus ghnìomhachasan ùra an cudthromach. Cha robh cultur air ainmeachadh.

Tha e air a chur sìos anns an Achd nach fhaod Am Bòrd innse tha faighinn cuideachaidh. Tha an dìomhaireachd sin feumail, mar a chì sin.

Se achiad a bheir sinn an aire dha gun deachaidh Am Bòrd a stèidheachadh mar ionnstramaid airson leasachadh eaconomach agus, mar a tha Shumacher asealltainn, nuair a tha sin mar sinse prothaid am bun-phrionnsabal. De airgead ABhùird tha mu leth, no £18 millean, adol a-mach air tabhartasan, iasadan agus air earrannan-maoineis. Chan eil e gu diofar a gheibh an t-airgead sin fhads a chruthaicheas iad obraichean agus a iad prothaid. Tha e fìor a ràdh nuair a tha e atighinn gu cultur agus luachan spioradail sam bith gu bheil airgead agus prothaid dall.

Nise chan eil mi ag ràdh idir gu bheil a bhith adèanamh prothaid ceàrr. ’Se tha mi ag ràdh gu bheil e riatanach sealladh iomlan a bhith aig eaconomairean, no aig duine sam bith, nuair a tha iad an sàs ann an leasachadh.

Tha e fìor gu bheil aon roinn anns ABhòrd, an Roinn Leasachaidh shòisealta agus culturach gun a bhith coimhead air prothaid a-mhàin. Ach cuimhnicheamaid nach eil ach còignear, de luchd-obrach ABhùird -- a-mach às còrr agus 260 -- ag obair innte, agus gur e criomag dhen airgead a tha aca -- gu math nas lugha na millean.

Se an dara a bheir sinn an aire dha gu bheil an fheallsanachd sin aig ABhòrd aciallachadh nach eil sealladh air leth aca bhon



[28]

t-sealladh chumanta – ’se sin sòghalachd. Chan eil duine saidhbhir agus adèanamh prothaid. Chan eil e gu diofar seòrsa luachan, cànan, no cultur a bhitheas aig daoine fhads a bhitheas iad afaighinn beòshlainte. Tha Schumacher asealltainn nach eil na luachan dall sin a tha ceangailte ri airgead gu leòr.

Tha nithean asruthadh on chreideamh chumanta. Tha e ciallachadh gu bheil leasachadh eaconomach agus cultur air an sgaradh bho chèile. Chan e a-mhàin gu bheil iad air an sgaradh, ach tha sloc do-thomhas eadar na dhà. Chan fhaod smuaintean faoin, lag mu chultur a bhith atruailleadh agus amilleadh an smuain chruaidh eaconomach.

Tha e ciallachadh nach eil e gu diofar gheibh airgead cuideachaidh bhon Bhòrd fhads a bhitheas an gnìomhachas aca soirbheachail. Tha e ciallachadh nach eil fhios aig ABhòrd fhèin, no aig duine eile, co às a tha na daoine a tha afaighinn achuideachaidh. Chan eil ceist mar sin ceadaichte.

Tha an aithisg phrìseil sin, Cor na Gàidhlig, a dhùghdaraich Am Bòrd ann an 1982 ag ràdh:

The stabilisation of population figures is supportive (airson achànain) in so far as it retains a native population within the traditional Gaelic area, but destructive to the extent that it depends on a large influx of non-Gaelic population. ’

Se an fhìrinn, ma tha an sluagh afas agus an eaconomaidhfallainnach eil e gu diofar leis ABhòrd an cànan a bhitheas daoine abruidhinn. Dhan ABhòrd chan eil ceistean mar, ‘ bhuaidh a tha aig na poileasaidhean againn air achànan?’ ceadaichte.

A-nise, nam biodh Am Bòrd ag obair ann an Lunnainns dòcha nach biodh e gu diofar gheibheadh an cuideachadh. Airs bith thachras anns an eaconomaidh, tha cultur agus luachan Lunnainn air an dìon gu ìre tro na structuran -- gu h-àraidh fòghlam. Ach chan eil sin fìor idir air aGàidhealtachd far a bheil an sluagh tearc, an cultur lag agus amhòr-chuid dhen fhòghlam tro mheadhan na Beurla.

Chan eil Am Bòrd achna eisimpleir. Tha achuid as motha de bhuidhnean ag obair leis an aon fheallsanachd. Tha e ciallachadh gu bheil aGhàidhealtachd ag atharrachadh gu luath le buaidh bhon taobh a-muigh, ach cuideachd bhon taobh a-staigh.

Tha cuid mhath, ’s dòcha achuid as motha, de shluagh na Gàidhealtachd agabhail ri luachan nan sòghalach, a thana chuideachadh mòr dhan chultur smachdail.

A bharrachd air an riaghailt mhòr -- prothaid -- tha a thuilleadh ann a tha fìor mun Bhòrd agus mu bhuidhnean eile, a tha a seulachadh gu bheil an siostam ag obair. Is e sin crannchur an luchd-obrach . . .



[29]

Luachan nam Bùirdeasach

Tha Schumacher adèanamh eadar-dhealachadh eadar eòlas agus gliocas agus ag agairt gur h-ann air saoghal an eolais a tha saoghal an latha an-diugh stèidhichte. Tha eòlas acur na ceist, Ciamar? ach gliocas acur na ceist, Carson? Nuair a tha sinn afaighneachd Carson? tha sinn aceistneachadh na luachan a tha gar cuairteachadh.

Is iad na bùirdeasaich muinntir aChiamar?’ Leis na bùirdeasaich tha mi ciallachadh an cuibhreann sin dhen t-sluagh aig a bheil na luachan seo gu coitcheann: tha iad adèanamh uaill às, agus feum de, eòlas agus fòghlam, agus afaighinn inbhe agus beòshlainte tro bhith reic an eòlais aca; no tha iad adèanamh airgead às malairt no gnìomhachas air choreigin.

Chan e nach eil acheist, Carson? uaireannan ag èirigh ann an inntinn nam bùirdeasach, gu h-àraidh mur boin e/i dhan chultur smachdail. ’S dòcha gun can e ris fhèin. Co dha bha còir agam a bhith dìleas? Ma tha Gàidheal ag obair taobh a-staigh na structuran smachdail agus fhios aige, can, gu bheil am buidheann anns a bheil e amarbhadh a chultur fhèin, tha e adol a dhèanamh? Faodaidh e ràdh. Tha na luachan aig abuidheann nas cudthromaiche. Fuirichidh mi far a bheil mi. Cha chan mi guth. Faodaidh e ràdh. Tha an t-airgead ro mhath. Fuirichidh mi far a bheil mi. Cha chan mi guth. Nos dòcha gu can e. Obraichidh mi taobh a-staigh an siostaim. Cuiridh sinn an siostam gu feum an dualchais.

Se achrois leis an roghainn mu dheireadh gu bheil na structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach a dhainmich mi mar tha aruith an siostaim. ’Se glè bheag as urrainn do aon duine, no dithis no triùir, a choimhlionadh taobh a-staigh an siostaim. ’Se an sporan a tha riaghladh, agus a thaobh bhuidhnean poballach ann an Albasann aig achultur smachdail ann an Lunnainn a tha na h-iuchraichean.

Nuair a bha mi ag obair aig ABhòrd bha mi afaicinn gur h-ann mar sin a bha cùisean. Tha Am Bòrd afasdadh dhaoine air sgàth an eòlais phroifeasanta a tha aca. Achse na daoine a tha agabhail ri luachan ABhùird -- luachain achultuir smachdail -- a tha aig an inbhe as àirde. Anns an dol seachad faodaidh sinn toirt an aire gu bheil Bhòrd ann, am bòrd riaghlaidh, is iad sin na seachdnar a tha air an taghadh leis an Riaghaltas, agus an luchd-obach as àirde a tha acur an sàs poileasaidh an Riaghaltais agus aBhùird Riaghlaidh. Airson cùisean a dhèanamh sìmplidh canaidh sinn Bòrd 1 agus Bòrd 2.

Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil na structuran sin fìor airson amhòr-chuid dhen siostam a tha gar cuairteachadh. Ann an aithghearrachd -- prothaid, eòlas, reic agus ceannach anma, agus buaidh tro structuran faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.



[30]

Cor na Gàidhlig

Gu ruige na bliadhna 1982se glè bheag de dhairgead agus nas lugha de thìde a bha Am Bòrd acosg air aGhàidhlig. Mar a chunnaic sinn cha robh adhbhar aca. Bha cultur taobh a-muigh feallsanachd agus raon-ghnothach ABhùird. Cuideachd, chanadh iad, cha robh iad afaighinn iarrtasan airson cuideachadh bho na Gàidheil. Mean air mhean bho 1982 tha Am Bòrd air a bhith cur airgid ann an adhbhar na Gàidhlig gus na chosg iad, anns abhliadhna 1985/86, còrr agus £200 ,000. Mar a chunnaic sinn chan eil an sin ach criomag bheag às lofa mhòr ABhùird. Ach carson achriomag fhèin? An e gu robh feallsanachd ùr aig ABhòrd a bha adol an aghaidh achultuir smachdail?

Chan e idir. ’Se an t-adhbhar dha tachairt gu robh cuid de luchd-obrach ABhùird deònach rudeigin a dhèanamh, agus às a sin thàinig am buidheann a chuir ri chèile an aithisg Cor na Gàidhlig. Tha Am Bòrd ri am moladh airson gabhail ri cuid dhe na molaidhean a tha anns an aithisg sin, gu h-àraid am prìomh mholadh -- a bhith stèidheachadh am buidheann piobrachaidh agus comhairleachaidh, Comann na Gàidhlig (CNAG).

Tha an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air staid achànain ann an Cor na Gàidhlig air leth feumail agus cudthromach. Tha an aithisg atoirt dealbh dhuinn air staid dhòrainneach achànain agus na h-adhbharan eachdraidheil a tha air cùl an t-suidheachaidh; ag innse dhuinn anns an fharsaingeachd na nithean matha a tha air a bhith tachairt agus na h-uireasbhaidhean; agus cuideachd acomharrachadh na slighe air adhart.

Tha a aithisg cuideachd asealltainn na tha ceàrr air na structuran -- sin na stèidh-bhuidheannan, mar na h-ùghdarrasan ionadail, aig a bheil buaidh air ar beatha. Seo beagan dhe na tha ceàrr:

They are characterised by fragmentation of effort and lack of liaison, misconceptions and outdated stereotypes of the nature of the modern Gaelic community, a tendency to isolate the linguistic aspect from other aspects of community development, and the lack of sophisticated research into communal development from a linguistic viewpoint. ’

Airson gu bheil na structuran cho lag bha an aithisg amoladh gum bitheadh buidheann ùr ann, Comhairle na Gàidhlig, a bhiodh alìonadh na beàrn. Bhiodh am buidheann ùr adèanamh nithean mar seo:

‘. . . providing information, liaison, research and development facilities in the Gaelic field generally, but particularly for the



[31]

agencies with which it would be linked. ’

agus

‘. . . our purpose should be to provide a bank of resources, knowledge, skill and expertise on which such organisations could call at will. ’

Thathe agencies with which it would be linkedaciallachadh Comhairle nan Eilean, Roinnean na Gàidhealtachd agus Strathchluaidh, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach.

A bharrachd air a bhith acomhairleachadh bhuidhnean eile bhiodh CNAG cuideachd agabhail phròiseactan os làimh iad fhèin.

Chì sinn bho na chaidh a ràdh gur h-e am bun-phrionnsabal a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha ag èirigh às achultur smachdail. (Chan eil mi acùnntadh AChomainn Ghàidhealaichnam measg). Mar a chunnaic sinn, tha craobh mhòr ann dhiubh sin le iomadh geug agus iad stèidhichte air luachan a tha aineolach mu luachan culturach, no tur nan aghaidh.

Se acheist a tha ag èirigh: A bheil sinn adol a dhath-bheothachadh na Gàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha le aon làimh acuideachadh na Gàidhlig, aus leis an làimh eile acur às dhi? Chan eil acheist dubh agus geal. ’S dòcha nach eil dòigh eile ann. Tha an siostam ann aguss dòcha nach urrainn dhuinn atharrachadh. No an urrainn? Chan e ceist dhùinte a bha còir a bhith ann.

Seallamaid air cuid dhe na buidhnean. Tha Am Bòrd 1 atoirt taic do CNAG agus do phròiseactan Gàidhlig, ach tha cuid dhe na tha ann am Bòrd 2 -- luchd-obrach ABhùird le àird inbhe -- gu tur an aghaidh na Gàidhlig. Tha iad an aghaidh inbhe sam bith a thoirt dhan chànan ann an obair choitcheann ABhùird, ach gu h-àraidh ann an dad co-cheangailte ri malairt agus gnìomhachas. Tha na trì Ughdarrasan Ionadail acruthachadh clasaichean agus sgoiltean Gàidhlig. ’Se ceum mòr a tha sin. Ach mu dheidhinn an luchd-obrach aca? an luach a tha anns achànan anns an obair choitcheann aca?

Saoilidh mi gu robh còir structuran Gàidhealach le luachan Gàidhealach a bhith ann. Tha toiseach tòiseachaidh air a bhith ann le CNAG, Comhairle nan Sgoiltean Araich, Comann an Luchd Ionnsachaidh, Fèis Bharraigh, Aonadan Gàidhlig ann an sgoiltean, na meadhanan craolaidh (gu ìre), Sabhal Mòr Ostaig, Fearann Eilean Iarmain agus mar sin air adhart. Tha fallaineachd na Gàidhlig an crochadh air fàs tighinn orra sin. ’Se achrois gu bheil iad sin gu ruige seo air a bhith ag earbsa ri taic bho structuran achultuir smachdail.



[32]

Obair ABhùird airson na Gàidhlig

Mar a chunnaic sinn tha Am Bòrd Gàidhealach anns na ceithir bliadhna mu dheireadh air barrachd ùidh a ghabhail ann an ceist na Gàidhlig, agus chan fhaod sinn an cuideachadh a thug iad seachad a chur an dìmeas. Gidheadh, cuimhnicheamaid gu bheil thaobh air acheist agus gu bheil Am Bòrd adèiligeadh ri Gàidhlig ru ruige seo mar phròiseact sam bith eile -- can tuathanachas èisg no forsaireachd. Ach eadhon ged a tha, tha mòran air tachairt.

Se am prìomh a rinn Am Bòrd a bhith acuideachadh le Comann na Gàidhlig a chur air chois. Tha CNAG air a bhith ag obair ann an phrìomh roinn: anns na coimhearsnachdan (gu h-àraidh còmhla ris an òigridh) agus am measg bhuidhnean nàiseanta agus ionadail -- acruthachadh bhuidhnean-obrach, acomhairleachadh agus apiobrachadh, ach gu h-àraidh adèanamh cheanglaichean eadar diofar bhuidhnean. Anns na bliadhnaichean air thoiseach tha min dùil gum faic sinn cho cudthromach agus a tha an obair-sa air a bhith (ged is ann taobh a-staigh nan structuran smachdail a tha CNAG ag obair).

Se an obair co-cheangailte ri fòghlam ma dhfhaoite an obair as cudthromaiche -- acuideachadh Comhairle nan Sgoiltean Araich agus Comann an Luchd-ionnsachaidh, acomhairleachadh nan ùghdarrasan ionadail agus Oifis na h-Alba, agus acruthachadh
structuran, mar na clubaichean òigridh, Sradagan, aig an rong ionadail.

Tha am Bòrd cuideachd air a bhith acuideachadh CNAG le pròiseactan àraidh a chur air adhart. ’Nam measg tha Iomhaigh, am buidheann fiosrachaidh/sanasachd stèidhichte ann an Slèite.

A thaobh a bhith acuideachadh bhuidhnean eile, faodaidh Am Bòrd Tabhartas Sòisealta a thoirt dhaibh no corra uair cuidichidh iad air stèidh Phròiseactan. Feumaidh pròiseact a gheibh taic a bhith ùr, annasach agus airidh, agussann airson am pròiseact a chur air a chasan a bhitheas an cuideachadh. Mar as trice mairidh an cuideachadh trì bliadhna. Gheibh buidhnean eile cuideachadh tro thabhartasan malairt ABhùird.

Chuidich Am Bòrd le bhith acur na leanas air bhonn: Acair, Sabhal Mòr Ostaig, CNSA agus CLI. Tha 10 -- 20 buidheann Gàidhlig afaighinn Tabhartas Sòisealta ann am bliadhna.

Seo cuid dhe na bha mise ris fhads a bha mi aig ABhòrd: adèanamh rannsachadh am measg luchd-obrach ABhùird airson faighinn a-mach bha ag iarraidh teagasg ann an Gàidhlig; acur chlasaichean air bhonn; acuideachadh le Dearc, am buidheann



[33]

prògraman chomputair, agus Toradh, buidheann airson stuth Gàidhlig a reic, a thòiseachadh, acur taisbeanadh-sgoile agus an sgeime airson luchd-turais, Blasad den Iar, air adhart anns an Eilean Sgitheanach; adealbh poileasaidh airson na Gàidhlig dhan Bhòrd; adèiligeadh ri iarrtasan airson tabhartasan sòisealta agus adèanamh ceanglaichean le buidhnean eile.


Co-dhùnadh

Chì sinn gu bheil Am Bòrd air tòrr adhartais a dhèanamh anns an taic a tha iad atoirt dhan Ghàidhlig, ach chì sinn cuideachd gu bheil sgaradh ann eadar eaconomachd agus leasachadh cànain. Tha feum air feallsanachd a bheir na dha còmhladh, chan ann dìreach ann an obair ABhùird Ghàidhealaich ach ann a bhith acoimhead air aGhàidhealtachd anns an fharsaingeachd.

Tha mi air mòran cheistean a thogail anns an alt seo mu ar suidheachadh mar Ghàidheil, agus chan eil mi adol a leigeil orm gu bheil mi cinnteach às na freagairtean, ach tha beachd agam orra. Thòisich sinn le bhith abruidhinn air saorsa, an t-saorsa a tha Thatcher atairgse dhuinn. ’S dòcha gu bheil saorsa eile ann, saorsa luachan, cultur agus cànan dhuinn fhìn a bhith againn agus na structuran a dhealbh a ghiùlanas na nithean sin.

An-dràsda chan eil ann ach structuran briste a tha an crochadh airson am bith air achultur smachdail. Cha tuirt mi guth air Comhairle nan Eilean, achs docha gu bheil na thuirt mi mun Bhòrd fìor gu ìre mun deighinn-san cuideachd. A bheil feallsanachd aca a tha adèanamh ceangail eadar leasachadh eaconomach agus cànan? na luachan a tha astiùireadh an luchd-obrach inbheach?

Nuair a bha mi aig ABhòrd bha acheist sin ag èirigh dhòmhsa. na luachan dha robh còir agam a bhith dìleas, luachan achultuir smachdail no luachan a tha adol a dhadhartachadh na Gàidhlig? Tha mi cinnteach gu bheil an aon strì ann an cridhe gach Gàidheal a tha ag obair anns an siostam. ’S dòcha nach urrainn buidheann mar Comhairle nan Eilean a bhith beò le thighearna, Mamon na Beurla, agus na structuran agus na luachan a tha fuaighte rithe, agus saorsa nan Gàidheal agus na Gàidhlig?

Achsi aChomhairles dòcha an aon bhuidheann poballach a dhfhaodadh a bhithna cheannard dha na Gàidheil -- nam biodh an toil ann.

titleLeasachadh agus Cànan
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Maoilios Caimbeul in Gairm 141 %p

parent textGairm 141
<< please select a word
<< please select a page