A’ CUIMHNEACHADH LAITHEAN M’OIGE
le Catrìona NicNèill (à Barraigh)
Saoil co mheud agaibh aig a bheil cuimhne air bhith dol don sgoil cas-ruisgte, eadhon air làithean fuara, fliuch -- chan e idir air an toirt don sgoil ann an carbad, mar tha bitheanta san là-an-diugh.
Cha robh mise cho dona dheth ’s a bha cuid againn; bha na bu lugha na mìle dh’astar agam ri choiseachd don sgoil, ach bha cuid eile a’ coiseachd mu dhà mhìle, agus nam b’e là fliuch a bh’ann, dh’fheumadh iad a sin suidhe ann an aodach àitidh fad an latha. Aig àm dìnneireach cha robh aca ach aran is càise, na leithid sin a thoireadh iad às an taigh -- cha b’e dìnnear theth air a còcaireachd. B’e sin an cuid gus an tilleadh iad dhachaigh, a’ coiseachd a-rithist.
Air cho truasail ’s gum biodh an fheadhainn a bha gar teagasg cha robh cothrom aca mòran a dhèanamh gus an cuideachadh nuair bha gach neach air an aon chàradh. Nach e an saoghal a dh’atharraich!
Aig àm an Earraich bhiodh na casan againn goirt leis na “màrtainnean”. Cha b’e daoine beaga às an neul-shiùbhlach Mars a bha ’n seo idir ach sgagaidhean beaga goirte a bha gaoth gheàrrteach a’ dèanamh, gu h-àraid anns a’ mhìos Mhàrt.
Tha cuimhne agam fhathast air an dèireach a bhiodh ’nam chasan aig àm cadail, nuair a bhithinn gan nighe.
Ach air cho goirt ’s gum bitheadh iad, cha leigheadh an t-eagal leinn ràn a dhèanamh oir bha Gille nan Corc gar faicinn -- ged nach fhaiceadh sinne esan -- agus, mura nigheamaid ar casan thigeadh e le ’chorcan beaga (sgeanan) gus a stobadh nar casan ’s an goirteachadh na bu mhiosa.
’Se dòigh ghleusda bha seo aig ar pàrantan airson toirt oirnn a rud bu chòir dhuinn a dhèanamh gun dragh sam bith.
Cha b’e Gille nan Corc an aon bhòcan a bha ’n t-eagal againn roimhe. Bha dà chreutair eile ann a bhite maoidheadh oirnn: A’ Nighean Chlach-ùrlair agus a’ Chorra-chagailte. Chan fhaca duine riamh a’ Nighean Chlach-ùrlair ach bha i cho geur-shuileach is cho math claisneachd is gu robh fios aice air a h-uile dad beag ceàrr a
Math-dh’fhaoite gur e ’Chorra-chagailte a bha ’g innseadh nan sgeul. Bha ’n creutair, no ’n Spiorad neònach seo (co b’e bh’ann) a’ còmhnaidh am-measg nan èibhleag san teine ach cha robh teas an teine ga losgadh idir. Chitheamaid sealladh beag siùbhlach bho àm gu àm anns an teine nan coimheadamaid gu dlùth. An e a’ Chorra a bh’ann? Co aige bheil fios.
Air Dimàirt Inid, a latha ro thoiseach a’ Charghais, bha e ’na chleachdadh gu feumadh deagh dhìnnear a bhith air a chur air a’ bhòrd aig gach teaghlach mun tòisicheadh traisg a’ Charghais, agus leis a sin, mharbhadh iad cearc -- no dhà, air rèir meud an teaghlaich -- airson sin. Neach sam bith nach dèanadh seo bha e ’n cunnart gu rachadh aicheamhail a thoirt às oir bha e ri ràdh, “Ge be nach dèan an Inid dha dheòin ni e a’ Chàisg dha aindeoin”.
Co-dhiù bha boireannach bochd anns a’ bhaile nach robh aice ach dà chearc agus, mun tàinig Dimàirt Inid fhuair a h-aon dhiubh bàs.
Ciod a bha i ri dhèanamh? Nam marbhadh i a’ chearc a bh’air fhàgail cha bhiodh gin de dh’uighean aice. Bha a’ chearc math gu breith agus uighean mòra brèagha aice. Cha b’urrainn dhi a marbhadh!
Air dhi a h-inntinn a dhèanamh suas chaidh am boireannach don taigh bheag a-muigh, far a robh barailte de sgadan saillte aice, agus thug i às na dheanadh dìnnear a latha.
Cha do smaointich i ’n còrr mu dheidhinn gus an deach i mach gus a’ chearc a dhùnadh suas airson na h-oidhche. Fhuair i air a bàthadh i anns a’ bharailte sgadain! Bha e coltach nach do chuir i a sgiathag dòigheil air mullach a’ bharailte nuair a thug i às an sgadan. Leum a’ chearc suas air a’ bharailte, chaidh a sgiathag air a tarsainn is thuit a’ chearc anns a’ bharailte ’s chan fhaigheadh i às. Mo thruaighe! Cha robh nis cearc no ugh no sgadan aice -- oir cha leigeadh a sgreamh leatha an còrr den sgadan ithe on a bhàthadh a’ chearc anns a’ phiceal anns a robh e.
An e aicheamhail a bh’ann? Cha chreid mi idir gu robh leithid de rud riamh ann.
Nach eil a seanfhacal ag ràdh, “Nuair thig ri duine thig ris uile”.
Agus cuideachd, “Cha tig trioblaidean ’nan aonar
(Tha leabhar le Catrìona, Only the Sunny Days, air ùr thighinn a-mach bho Heatherbank Press).
title | A’ Cuimhneachadh Làithean m’ Oige |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Catrìona NicNèill in Gairm 143 %p |
parent text | Gairm 143 |