[330]

AMHGHAR A’ CHUAIN

le Pòl Mac a’ Bhreatunnaich

Eachdraidh mu dheidhinn call abhàta Gearmailteach Munchen, saChuan Siar saGheamhradh 1978.
Bha an sgrìobhadair air an eithear King George, nuair a ghabh i co-phàirt san teasraiginn.

Be an dàrna latha deug dhen Dùbhlachd sabhliadhna 1978 a bhann, le gailleann cruaidh asluaisreadh nan tonn thairis guailleann an eitheir mhòir an King George, trom le faisg air ceithir fichead mìle tunna de ghrànna com, ’s i a meadhoin aChuain Shiar air cùrsa gu Lunnainn à Baltimore ann an Ameireagaidh. Air bòrd, bha gach fear aig a ghnothach fhèinfeadhainn acumail sùil air an inneal chumhachdachna bonn a bha ga sparradh air adhart gun strì; feadhainn eile le sùilean geur asruthadh on fhuachd air gach oisinn dhen drochaid ga stiùradh dìreach agus atoirt faire air achuan mhosach mun cuairt; agus am blàths a sheòmair làn de uidheaman fhèin, bha oifigeach an Rèidio ag èisdeachd gu dùrachdach ri na fuaimean neònach atighinn asda, nach tuigeadh mòran eile ach e fhèin.

Bheothaich aire nuair a chual e an comharra sònraichteSOSon oifis am Portishead an Sasann, ag innse gun deachaidh teachdaireachd a chluinntinn moch samhadainn on bhàta mòr GearmailteachaMunchen, an cunnart a dhol air char, agus suidhichte faisg air 46.15 Tuath 27.30 Iar agus iad afeòrach fiosradh o bhàta sam bith faisg air an àite ud saChuan Shiar. Cha deachaidh an còrr fiosrachaidh a chluinntinn on chiad chomharra a chaidh a chur a-mach; ach bha plèan Nimrod à Sasann san adhar gu siubhal dhèanamh mun àite. Bha iad am beachd gum biodh am plèan air làthair mu leth-uair an dèidh a deich samhadainn ud.

Thug an t-oifigeach am brath thun asgiobair air an drochaid gun dàil, agus thomhais esan an t-astar air achairt-iùil a bha an King George on àite san robh am bàta Gearmailteach an àmhghair. Bha an t-astar còrr agus trì cheud mìle thun an Ear-Thuath air a cùrsa, agus gun



[331]

teagamh ro-fhada air falbh dhaibh-san teasraiginn sam bith a thoirt seachad, oir leis aghailleann agus an droch fhairge, cha robh e comasach barrachd astair a thoirt as abhàta mhòr.

Thill fear na Rèidio gu a sheòmar fhèin, agus ged nach robh mòran a burrainn am bàta-san a dhèanamh, chùm e a chluasan geur airson an còrr iomraidh; oir cuiridh tachartasan achuain cùram air a h-uile maraiche. Chaidh am feasgar seachad agus thàinig an oidhche gun an còrr ionnsachadh mun bhàta mhì-shealbhach fhaotainn; agus ged a shiubhail plèanaichean an cuan chan fhacas cha chual iad iomradh oirre. Bha corra bhàta adlùthachadh air an àite a bhathar am beachd gu robh am bàta Gearmailteachna trioblaid, ach a dhaindeoin an siubhal, chan fhacas cha chual iad fàth oirre na bu mhotha.

A-rèir tuilleadh fiosrachaidh a chaidh a chraobh-sgaoileadh air an rèidio, be bàta mòr calma a bha saMhunchen, gun i mòrans còig bliadhna a dhaois, air a togail le gach innleachd a dhearbhadh a teàrainteachd; agus i air a togail sònraichte gu luchd bhirlinneans iad fhèin air a luchdadh, a tharainn air bòrd.

Chaidh brath eile a chur thairis an rèidio gun robh bhàta-shàbhailidh adèanamh air an àite airson teasraiginn a thoirt seachadbiad sin an Smit Rotterdam às an Olaind, agus an Titan, Ghearmailteach; ach cha robh dùil aca a bhith sachoimhearsnachd gu feasgar an ath latha. Chaidh sanas cuideachd a thoirt a bhith ag èisdeachd airson comharran a chluinntinn o uidheam rèidio a dhobraicheadh leis fhèin aon uairs gun deachaidh a thilgeadh dhan mhuir, no gum fanadh e air bhog eadhoin ged a rachadh bàta fodha.

An ath mhadainn tràth dhen treas latha deug, dhèisdear a-rithis airson iomradh às ùr air abhàta, ach cha robh an còrr sgeul oirre. Bha an cuanna chop bàn san stoirm, aghaothna gailleann on Iar-Thuath, agus stuadhannan mar bheanntan aluaisgreadh gun fhois, fads a bha an speur dubh le frasan fuar geamhraidh. O na thog iad achiad iomradh, bha an King George a-nis an dèidh an Ear-astar a ghiorrachadh gu mòr, ach bha a cùrsa gu math gu Deas air an t-suidheachadh a bha air aithris aig an robh aMhunchen an latha roimhe.

Bha corra bhàta asiubhal fhathast ach cha robh iomradh às ùr aca ri innse; agus le staid na sìde, cha robh e furasda dhaibh mòran a dhèanamh ach an sùilean a chumail geur. Cha robh barrachd seilbh air na plèanaichean acuartachadh an àite asiubhal achuain, agus leis na neòil cho ìosal bha an t-astar a chitheadh iad de uachdar achuain air a bhacadh gu mòr.

A-null mu dheich uairean samhadainn smaointich oifigeach an Rèidio air aKhing George gun robh e acluinntinn comharra àraidh, ach cho lags nach robh e furasda a thogail. Co-dhiù, rinn e a dhìcheall



[332]

èisdeachd na bu ghèire, agus be a bharail gum be comharra cruaidh-chàs e o uidheam-sàbhailidh a dhobraicheadh leis fhèin aon uair gun robh e air bhog samhuir. A-null mu mheadhoin-latha agus an comharra afàs beagan na bu chruaidhe, thionndaidh e an t-inneal a threòraicheadh an taobh às an robh e atighinn, ach ged nach robh e furasda fìor-sheòladh fhaotainn, bha e coltach gum bann Tuath orra a bha e.

Thionndaidh an sgiobair sròn abhàta gu Tuath gun dàil, agus chaidh freiceadain a dhùblachadh air an drochaid. Chuirear brath Portishead a bha acruth-shuidheachadh an teasraige airson abhàta san èiginn; agus chun a Smit Rotterdamam bàta-sàbhailidh a bu ghiorra, agus i an uairsin mu cheud mìle on Khing George, adèanamh a rathaid chun an t-suidheachadh a bhanam beachd iomradh no sealladh fhaighinn air aMhunchen no air a sgioba ma bha iad idir ri faotainn beò. Bha an Smit Rotterdam air a togail gu sònraichte airson cuideachadh a thoirt do eithrichean ann an trioblaid sachuan agus an slaodadh gu cala sàbhailte; agus mar sin bha e coltach gur i bu fhreagarraiche cruth-shuidheachadh an teasraig a ghabhail os làimh air an làthair; agus be sin an t-òrdugh a chaidh uice o na cumhachdan acoimhead às dèidh na cùise air tìr.

Cha robh teagamh nach do chuir an t-ionnsachadh ùr mun chomharra a bha air a chluinntinn air rèidio na King George, dreach eile air achùis, oir cha robh an uidheam a bha acur a-mach achomharra comasach a bhith air a chluinntinn na bfhaide air falbh na eadar deich mìle fichead agus leth-cheud. Bha sin acur an t-suidhiche còrr a ceud mìle Deas air an àite far an robh an siubhal co-chruinnichte gun sealbh. Dhiarrar air an Khing George a cùrsa a leantainn agus faire a chumail air achomharra feuch an robh e fàs na bu làidir a chluinntinn, oir bheireadh sin dearbhadh gun robh e san làthair.

Aig an aon àm thionndaidh an Smit Rotterdam a cùrsa air aKhing George oir be am beachd gum be siud comharra on bhàta Gearmailteach, no a sgioba air ràth no am bàta beag.

Thàinig brath an uairsin o oifis sealbhadair na MunchenHapag-Lloyd a Hamburg, ag iarraidh fiosrach air achomharra, agus air sin innse dhaibh, dhearbh iad gum be siud an comharra ga-rìribh a chuireadh an seòrsa uidheam-sàbhailidh a bha air aMunchen, a-mach. Thuirt iad cuideachd, nach faoidte dùil fhaighinn ceangailte ri ràth no bàta beag, ach gu cinnteach gum biodh e faisg orra-sin, ma thàinig air an sgioba am bàta a thrèigsinn.

Dhùrachdaich iad an King George cumail oirre asiubhal sachoimhearsnachd, oir gun teagamhs i bu ghiorra dhan t-suidheachadh ùr far am biodh an teasraiginn ri cho-chruinneachadh. Thuirt iad gum biodh plèanaichean à Breatann, às aGhearmailt, agus



[333]

à Eileanan na Azores agabhail pàirt san t-siubhal ann an ùine ghoirid.

A-null mu fheasgar bha fuaim achomharra cho làidirs gun robh e na bfhasa a sheòladh a leantainn air an inneal-rèidio air bòrd aKhing George, agus cha robh teagamh nach robh i gu math faisg air. Ach bha an t-sìde afàs na bu ghairbhe le frasan troma agus tàirneanaichs dealanaich; ’s cha robh e furasda faicinn mòran a bharrachd fad abhàta fhèin air gach taobh. Làmh ris a sin bha sròn abhàta an uairsin saghaoith, agus bha sin acur bacadh air a h-astar a chumail suass na tuinn abristeadh thairis oirre.

Deireadh an fheasgair, thàinig plèan Ameireaganach às na h-Azores tarsainn aKhing George, agus thòisich i air siubhal air chuartagan air gach taobh eadar an King George agus an Smit Rotterdam, a bha nis air tighinn glè fhaisg air an àite, agus a bha cuideachd aleantainn fuaim achomharra a bha i atogail air an rèidio. Leis an dorchadas atuiteam, agus i astar o na h-Azores, cha burrainn dhan phlèan fuireach na bfhaide san t-suidheachadh. Chan fhac i , ach dhearbh i gun robh an comharra thar na rèidio, ri chluinntinn gu làidir faisg air far an robh an King George asiubhal. Ged a bha a chomharra làidir, cha robh an uidheam às an robh e atighinn furasda fhaicinn, oir cha robh a mheud mòran na bu mhotha na ball coise a-measg nan tonn.

Leis an dorchadas, dhaontaich sgiobair na Smit Rotterdam, a-nis air an làthair còmhla ris aKhing George, gum bfheàrr dhan bhàta cùrsan a leantainn mar a bha iad adèanamh airson deannan mhìltean agus ath-lorgadh air ais mu cheithir mìle on lorg a lean iad air an cùrsa gu Tuath.

Chùm iad orra mar sin fad bhuan na h-oidhche, air aiss air aghaidh, ach chan fhaca iad sealladh air sam bith. Bha na plèanaichean ri tilleadh saghlasanaich agus bha corra bhàta eile air an rathad thun an àite gu cuideachadh san teasraiginn.

Amhadainn sin, an ceathramh latha deug, leis an stoirm gun choltas lagachadh, bha an King George aleantainn a cùrsa-siubhail, mar a chaidh a h-òrdachadh a dhèanamh, ach gun fhaicinn a thogadh an inntinnean, ged a bha iad dearbhte gun robh iad faisg air làthair na trioblaid. Bha nis còrr agus latha air dhol seachad on a chaidh achiad iomradh a thogail, agus be barail gach neach, nach robh mòran dòchais air duine fhaighinn beò air ràth no am bàta beag ann am fuachd agus cruaidh-chàs agheamhraidh.

Air na cùrsan siubhail fad na h-oidhche, chailleadh cluinntinn air achomharra air an rèidio uaireannan mar a bfhaide a bheireadh an sgrìob iad bhuaithe, ach mu mheadhoin na maidne bha fhuaim atighinn a-staigh na bu làidire adearbhadh gur ann uige a bha am bàta aseòladh. Bha an Smit Rotterdam air cùrsa dhi fhèin, agus bàta



[334]

Gearmailteach eilean Erlangan, a ràinig faisg oirre. Acoimeas treòrachaidh achomharra, bha e soilleir dhaibh uile gun robh iad adlùthachadh air, agus thionndaidh iad an srònan air an àite far an robh iad cinnteach am faiceadh iad rudeigin.

Ràining plèan Gearmailteach an suidheachadh aig aKhing George agus aleantainn a cùrsa air aghaidh, thòisich i air siubhal. Cha robh i fada à sealladh nuair a dhinns i dhaibh gun do mhothaich i do bhirlinn dhen t-seòrsa a bhana luchd air aMhunchen, agus mionaidean an dèidh sin, gum faca i fear eile dhiu, ach nach robh sealladh do dhuine bhith air bòrd orra. Loisg i deàlraich os an cionn airsons gu mothaicheadh an King George agus an Erlangan iad, oir biad na bàtaichean bu ghiorra dhaibh.

Bha am feasgar adol seachad agus an dorchadas gun a bhith fada air falbh, ach bhrosnaich an t-iomradh ùr na bha uile asiubhal achuain. Bha na frasan fhathast cruaidh agus fuar; na tuinn aruith mar bheanntanan dubha, agus aghaothna stoirme gun lagachadh. Ciamar a bhiodh neach beò air uachdar nan stuadhannan ud ann am bàta beag fosgailte, no an ràthcha robh mòran a bheireadh beachd gun robh a leithid comasach.

Bha an Erlangan beagan air Deas air aKhing George, agus ise asealltainn air achiad bhirlinn fads a bha an King George adèanamh air an dàrna fear. Air oisinn na drochaid air aKhing George, bha seòladair òg air a chiad thuras gu muir asiubhal uachdar achuain le sùilean òga geur, agus be esan a mhothaich dhan ràth air a sìobadh o stuadh gu stuadh. Thionndaidh an sgiobair sròn an eitheir mhòir air an ràth; agus bha gach sùil an uairsin asealltainn feuch an robh neach beòna bhroinn. Bha an ràth cho fìor bheag, gun chobhair air bhàrr nan stuadh air a sìobadh air adhairt saghaoith.

Cha be cùis fhurasda e am bàta mòr a shicearachd faisg air an ràth ach fo làimh-ealanta an sgiobair, stiùir e i gu fasgadh a thoirt dhan ràth. Cha robh sealladh air duine fo sgàil-bhrat an ràth, ’s mar sin cha robh e furasda grèim fhaighinn air. Be dubhan mòr air sreang làidir iasgaich a ghreimich an ràth mu dheireadh, agus a thug comas dha na seòladairean a shlaodadh gu taobh abhàta. Le saothair agus cuideachadh o na stuadhannan mòra ag èirigh suas taobh abhàta rinn iad an gnothach air an ràth a shlaodadh air bòrd.

Gu brònach cha robh duine ann, ach be beachd gach fear gum bfhaoidte gun robh aig aon uair. Cha robh dòigh air sin a dhearbhadh co-dhiù, ged a bha rud no dhà atoirt orra smaointinn gum be làmh duine a dhùisnich leithid nam botaill-gaoithe agus nithean eile a bha fuasgailte. Bha asgàil-bhrat uachdair stròicteco-dhiù thachair sin nuair a chaidh fhuasgladh, no le gailleann na stoirme, cha robh e furasda a dhèanamh a-mach. Ach le cinnt, ma bha daoine idir air bòrd



[335]

an ràth aon uair, cha robh mòran fasgadh ann dhaibh, agus cha bu mhotha bhiodh cothrom aca a bhith beò fada san fhuachd.

Leis an ràth air bòrd, chaidh iomradh gu na cumhachdan air tìr astiùradh an teasraiginn, agus gu na bàtaichean mun cuairt. Bha h-uile asealltainn gum be siud suidheachadh na tubaist; agus neartaichear an siubhal le dùrachd, le bàtaichean à gach cèarna acruinneachadh gu cuideachadh san t-siubhal. Bha smuain gach fear air bàrr achuain mhosaich ud, air na daoine gun chobhair a bha ma dhfhaoidte fhathast astreap ri taobh bàta-bige no ràth eile, afeitheamh sàbhailidh.

Air na cumhachdan air tìr iomradh fhaighinn air an ràth, a dhreach agus gach àireamh sgrìobhte air a thaobh, cha robh teagamh nach buineadh e don Mhunchen. Chaidh gach bàta a bha idir faisg air an àite an uairsin a chur fo ùghdarras an Smit Rotterdamam bàta-sàbhailidh, airson cùrsa àraidh a leantainn. Bha na bàtaichean mòra de gach seòrsa, a-nis ri dholnan sreath mu cheithir mìle eatorra, airson an cuan a shiubhal ma bha idir neach no air uachdar. Bha an King George an cuideachd na h- Erlangan a shiubhail na birlinnean, ach a fhuair iad falamh; an Smit Rotterdam agus an Dusseldorf Expressbata mòr eile Gearmailteach; agus am bàta-sàbhailidh eile, an Titan. Bha truas agus iomagain gun chiall air feadh na Gearmailt airson na seachd duine fichead agus an aon bhean, a bha air bòrd na Munchen, gu h-àraid aig an àm ud dhen bhliadhna, gun ach beagans seachdain gu Nollaig; ’s mar sin bha gach bàta aig muir san earrann ud dhen Chuan Siar air am brosnachadh pàirt a ghabhail as an t-sireadh.

Bha an uidheam-rèidio acur a-mach a chomharra tùrsach fhathast, ach ged nach dfhuair duine sealladh air, be beachd nam maraichean air an làthair nach robh feum ùine a chosg ga fhaotainn, oir fads a mhaireadh a chomharra, bha e ag innse dhaibh càite an robh neart na gaoithe ga iomain agus rud sam bith eile a bha air bhàrr na mara.

An ùine glè bheag, bha cabhlach air cruinneachadh nach facar a leithid còmhla o làithean achogaidh, ’nan sreath astiùradh an aon chùrsa agus asiubhal gach òirleach dhen mhuir. Mhothaich an Titan do ràth eile, agus thug i air bòrd e, ach bha e falamh agus salach le ola dhubh. Thog bàta eile cearcall-beatha le ainm Munchen air, agus feadhainn eile spealgan fiodhas sprùilleach de gach seòrsa, ach cha robh sealladh air duine marbh no beò.

Bha e soilleir do gach neach an uairsin gum be siud an suidheachadh gun teagamh san do thachair an tubaistàite a bha faisg air ceud mìle gun Ear-Dheas air an làthair far an robh a siubhal air a co-chruinneachadh o thoiseach. Nan robh bàta eile gu Tuath air an comharra a thogail na bu tràithe, ma dhfhaoidte gun deachaidh barrachd furachras a thoirt air; ach mars trice thachras, be uidheam



[336]

ùr a bha san inneal a bha cur a-mach achomharra. agus cha robh mòran acur gèillna fheumaileas.

Air acheathramh latha dhen teasraiginn gun an còrr às ùr atighinn gu follais, be beachd sgiobair na King George nach burrainn dhàsan fuireach na bfhaide air an làthair, oir bha a chonnadh ola aruith sìos agus e feumail luchd abhàta a thoirt gu cala. Mar sin fhuair e cead an t-àite fhàgail, oir bha cabhlach mhòr bhàtaichean eile a-nis deònach co-phairt a ghabhail san t-siubhal, airson neach a dhfhaodadh a bhith fhathast beò. Chaidh an teasraiginn air aghaidh airson còrr agus seachdain eile, gus nach robh òirleach de mhìltean dhen chuan nach deach a rannsach, ach an còrr fios no fàth cha dfhuaras air aMhunchen no a sgioba. Bha i ri a h-ainm a chur ris achlàr-ainm de bhàtaichean a chaidh air chall gu diamhair air achuan fharsainn troimh linntean, gun fhios no reusan gu a thachair dhaibh no beathannan nan daoine a sheòl iad.

Air dhan Khing George Lunnainn a ruighinn, chaidh an ràth a chur air tìr gun dàil airson a chur a-null don Ghearmailt far an deachaidh a sgrùdadh gu h-ealanta feuch gu a dhionnsaicheadh daoine bhuaithe.

Còrrs bliadhna an dèidh an tachartais sin, nuair a chaidh gach iomradh mu dheidhinn a chruinneachadh o bhàtaichean a chuidich san t-siubhal às gach cèarna dhen t-saoghal, shuidh a chùirt-sgrùdaidh ann am Bremerhaven gu breith a thoirt air gu a thachair dhan bhàta. Be am barail gun deachaidh car dhith ann astoirm anabarrachcarson a thachair e do leithid a bhàta mòr calma ùr, cha burrainn dhaibh a radha. Be am beachd cuideachd, nach do dhfhàg aon anam beò am bàta, agus gun do chaill iad am beathannan nuair a chaidh i sìos. Be am breith gun deach am bàta fodha nuair a chaidh an comharra àraidh a thogail air aKhing George, agus a bha an uidhe air bhog samhuir.

Co-dhiù dhfhàg an sgioba am bàta no nach do dhfhàg, bha comann na mara dìleas agus deònach cuideachadh san teasraiginn, oir mar bha fios aca ro-mhath ged a dhfhaodadh cuideigin eile a bhi an èiginn an diugh, bha e cheart cho comasach gum faodadh iad fhèin a bhith aguil airson furtachd an -rna-mhàireach.

titleAmhghar a’ Chuain
internal date1988.0
display date1988
publication date1988
level
reference template

Pòl Mac a’ Bhreatunnaich in Gairm 144 %p

parent textGairm 144
<< please select a word
<< please select a page