A’ GHAIDHLIG ANN AN SEIRBHEIS NA SLAINTE
leis an Lighiche Uilleam MacCoinnich
Tha còrr is deich bliadhnaichean bho thàinig mi a dh’fhuireach anns na h-Eileanan Siar. Fhuair mi dreuchd mi Bòrd na Slàinte mar lighiche, agus ’se an obair bha agam a bhith a’ coimhead às dèidh sheann dhaoine anns na taighean-eiridinn agus a bhith tadhal orra cuideachd ’nan dachaighean fhèin.
Chòrd e glè mhath rium an uairsin a bhith cluinntinn na Gàidhlig ga bruidhinn bho mhoch gu dubh oir b’ ann à Sasann a thàinig mi.
Ann an taighean-eiridinn na Gaidhealtachd faodar a thuigsinn gum bi Gàidhlig aig na h-euslaintich agus bidh iad ga bruidhinn ri chèile agus ris na banaltraman, ach cha bhi na banaltraman a’ bruidhinn ri chèile ann an Gàidhlig cho tric is bu chòir, agus tha seo gu h-àraid fìor a thaobh nan lighichean.
Is gann gum faighear neach dhiubh aig a bheil i, agus ged a gheibhear, tha cnap-starraidh mòr ann – chan eil a’ Ghàidhlig fhathast air a toirt gu ìre ’s gu bheil i freagarrach dhaibh airson dreuchd.
Gu ruige seo cha deachaidh oidhirp cheart a dheanamh air na faclan a bhiodh iomchuidh dhaibh a thional, gun ghuth air faclan ùra a chruthachadh. Tha sinn a’ creidsinn a-nis gun dèanadh e feum comann a chur air chois, fosgailte do gach neach aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig. Bheireadh seo cothrom do bhuidhnean lighichean is bhanaltraman a tha sgapte air feadh na dùthcha an cuid eòlais a chur ri chèile, agus seach gur h-iadsan an fheadhain aig a bheil feum air faclan ùra, bithidh iad nas coltaiche deagh fheum a dhèanamh de na thigeadh às.
Chaidh agam fhèin air feum a chur air a’ Ghàidhlig nuair a bha mi ag obair sna taighean-eiridinn, agus faodaidh mi a ràdh mu na chruinnich mi de fhaclan nach eil a’ Ghàidhlig gann dhiubh. Gu dearbh, tha cothrom air leth ann faclan brìoghmhor freagarrach a thaghadh, a thogadh ùidh cuideachd ann an luchd-ionnsachaidh.
Nach b’fhiach e an t-saothair faclair Gàidhlig a dheasachadh a bhiodh feumail do lighichean agus do bhanaltraman ’nan obair?
Seo agaibh ma tha an litir agus am fiosrachadh a chuir sinn a-mach anns a’ Chèitean am bliadhna, ’s sinn a’ cur air bhonn Comann Gàidhlig Seirbheis na Slàinte. Bidh dùil againn, ann an àireamh eile de Ghairm, taghadh de na facail a chaidh a chruinneachadh a thoirt am follais, ach am faic luchd-leughaidh na th’ann ’s na tha ri dhèanamh.
(1) LITIR
Dr Uilleam MacCoinnich
3 Rathad Chnoc nan Gobhar
STEORNABHAGH
Eilean Leòdhais
PA87 2NJ
An Cèitean 1988
A Bhanacharaid/Charaid
Tha sinn an dòchas nach cuir e cus dragh oirbh litir fhaighinn mar seo le beagan fiosrachaidh mu chomann ùr, ach o chionn dà bhliadhna air ais chaidh liosta de dh’fhaclan Gàidhlig a dheasachadh a bhiodh feumail an dà chuid do lighichean agus do bhanaltraman ’nan obair.
Riamh bhon uair sin, bha sinn a’ creidsinn gum biodh e math agus iomchaidh comann a chur air chois a bhiodh fosgailte do na h-uile ann an Seirbheis na Slàinte aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig.
Chì sibh beagan de na smuaintean againn fhìn air a’ chùis air an duilleig an cois na litreach.
Tha sinn a-nis airson beachdan fhaighinn bho lighichean eile a bhuineas don Ghàidhealtachd air an fheum a dh’fhaodadh a leithid de sheirbhis a dhèanamh, agus a’ bhuaidh a bhiodh aig a’ chomann ùr seo a thaobh Gàidhlig ann an Seirbheis na Slàinte.
Bhitheamaid gu mòr nur comain, ma tha ùidh agaibh fhèin ann an seo, no ma tha beachd sam bith agaibh air dè an seòrsa comainn a dh’fhaodadh a bhith ann, nan cuireadh sibh fios thugainn – agus nan cuireadh sibh fios thugainn cuideachd mas aithne dhuibh lighichean
no banaltraman Gàidhealach aig am biodh ùidh anns a’ chùis anns a bheil sinn an sàs.
Ma tha sibh ag iarraidh an liosta fhaicinn, chan eil agaibh ach fios a legeil thugainn agus cuiridh sinn thugaibh lethbhreac dheth.
Le meas mòr,
Is sinne
(Dr Niall Mac’IlleDhuinn, Inbhir Garbhain)
(Dr Andar Gunneberg, Glaschu)
(Dr Uilleam MacCoinnich, Steòrnabhagh)
(Dr Iain Mac a’ Ghobhainn, Steòrnabhagh)
(2) Fiosrachadh
COMANN GAIDHLIG SEIRBHEIS NA SLAINTE
“Cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Seirbheis na Slàinte, agus anns na seirbheisean co-cheangailte rithe, gu sònraichte am-measg na tha a’ dèiligeadh ris an t-sluagh, eadar luchd-dreuchd, cosnaichean is muinntir shaor-thoileach.”
DEANADAS A’ CHOMAINN
1. Faclair Gàidhlig a dheasachadh agus fhoillseachadh a bhiodh feumail an dà chuid do lighichean agus agus do bhanaltraman ’nan obair.
2. Stuth-teagaisg ullachadh, mar leabhranan, dealbhan, teipichean bhidio agus eile, airson a chleachdadh le luchd-obrach.
3. Teagasg - misneachadh a thoirt do lighichean agus do bhanaltraman a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, tro bhith a’ còmhradh riutha air cuspairean slàinte.
4. Seirbheis eadar-theangachaidh gus Gàidhlig a chur air na chaidh fhoillseachadh mu thràth mu dheidhinn cuspairean slàinte, marHealth Information Leaflets, Scottish Home and Health Department, companaidhean dhrogaichean, British Diabetic Society, agus eile.
5. Seirbheis-tadhail – taic a thoirt don fheadhainn a tha comasach agus deònach Gàidhlig a bhruidhinn ri Gàidheil anns na taighean-eiridinn, gu h-àraid air tìr-mòr.
6. Coinneamhan Gàidhlig a chur air dòigh: òraidean, cèilidhean, cuairtean agus eile às leth nam ball, gus am bi taobh sòisealta agus sgoilearach air a’ chomann.
7. Dà-chànanas – taic a thoirt do Bhùird Slàinte Ionadail ann a bhith dealbh poileasaidh dà-chànanach, gu h-àraid a thaobh thaighean-eiridinn ùra.
8. Cuairt-litir a chur a-mach gu cunbhalach.
title | A’ Ghàidhlig ann an Seirbheis na Slàinte |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1988 |
level | |
reference template | Uilleam MacCoinnich in Gairm 144 %p |
parent text | Gairm 144 |