[60]

AN COMANACHADH
le Aonghas Mac-a- Phì

Bha mi abruidhinn ri caraid bho chionn ghoirid, a thubhairt rium nach deach e riamh gu geamaichean Phortrìgh, nuair a bha e beag, oir gum be èildear a bhana athair agus gun robh latha-traisg na h-eaglais aca, air an aon latha ris na geamaichean.

Nach en saoghal a tha air atharrachadh anns na bliadhnaichean bhon uairsin. Bha mi aleughadh sna pàipearans acluinntinn air rèidio gun robh àimhreit eadar luchd-deasachaidh nan geamaichean am Portrìgh agus eaglais anns abhaile sin, gun do thagh luchd-nan-geamaichean, latha traisg na h-eaglais seo airson am fèisd aca ... rud nach drinn iad riamh roimhe.

Thug seonam chuimhne iomadh comanachadh dhan deach mi, cuide ri mo phàrantan anns an Eilean Sgiathanachs mi òg.

Be seachdain mòr, seachdain achomanaiche, anns gach baile beag an uairsin. Bha daoine acruinneachadh às gach àite dhan eaglais agus glè thric cha robh àite-suidhe gu leòr ann dhan àireamh dhaoine a bha tighinn a dhèisdeach. Bhiodh cuid dhen t-sluagh atighinn an carabadan, cuid am busaichean, cuid am bàtaichean, cuid air baidhsagal, ’s cuid acoiseachd. Bhiodh muinntir an àite adeasachadh biadh fad seachdain airson na càirdean aca a thoirt go bòrd gach latha dhen chomanachadh. Bha gach bean-taighe air bhioran gu leòr a bhith aice airson na daoine a bheireadh fear-an-taighe dhachaigh leis an dèidh an t-searmoin, ’s gun fhios aice co-mheud, gus an ruigeadh iad ... ach cha chuala mi riamh gun do ruith bean-taighe a-mach à biadh aig dìnneir-comanachaidh. (Ged a bhiodh mac bràthair mathar ag ràdh gun cual e athair ag innse dhaibh, gur tric a bhiodh e ag ùrnaigh nach toireadh am bodach ro-mhòr a dhaoine dhachaigh an -ud, oir nach fhaigheadh esan a dhìnneir, gus an robh achailleach cinnteach gun robh gach aoigh sàsaichte!)

Bhan comanachadh atòiseachdadh le latha-traisg air Diardaoin. Chan fhaca mise duine riamh atrasg air an -ud, ach is cinnteach gun robh iad ris anns an t-sean-nòs. Bhan uairsin coinneamh ann Dihaoine, coinneamh Ceist nam bodach. Air Disathairne, bhiodh



[61]

coinneamh Ullachaidh ann airson an t-Sàbaid. Bhan Comanachadh atighinn gu crìch le seirbheis Taingealachd air Diluain ... làithean trang air leth.

Achsann air an t-Sàbaid a bhan cruinneachadh a bu mhotha dhen t-sluagh nuair a bha na comanachaidhean aig bòrd agus is tric nach robh coltas air gum biodh àite suidhe ann do gach duine anns an eaglais, ge be cho mòrs a bhiodh e. Ach cha robh seona dhragh, ’s an aimsir math a-muigh, oir chruinnicheadh amhuinntir air slios cnoc, teann dhan eaglais far an robh farsaingeachd gu leòr aca. Nach be seo an cleachdadh, fada mus robh eaglaisean cloiche na eile aca co-dhiù.

Bha cùbaid-fiodh aig gach eaglais sna làithean ud, a ghabhadh togail a-mach dhan phàirce agus e mòr gu leòr airson dithis suidhann. Cha robh e ao-coltach ri bocsa-telefon neo cathair-sedàn, le doras beag air aon taobh agus an dara leth dheth fosgailte air an taobh eile. Bhan coithionalnan suidhe air sliosan chnuicachuid a bu mhotha air na seacaidean, neo na còtaichean aca, ged a bhiodh corra sheann duine neo cailleach le cathair.

S math mo chuimhne air na seirbhisean ud a-mach fo na h-iarmailteans aghaoth bhlàth atighinn a-steach far na locha. Tha fios gun drinn en t-uisge uairean, ach chan eil cuimhneam air uisge a bhith stad comanachadh riamh.

Tha cuimhneam gun do theab amheanbh-chuileag seirbheis a stad aon uair aig aChomanachadh againn, ge ta. Bha iad ag èirigh beò às an fheurs às a fhraochs am feasgar cho ciùin, fionnar, ’s theabar an coithional ithe gu lèir. ... Be seirbhis ghoirid en oidhche ud!

Ach is en t-seinn, a-mach fo na h-iarmailtean, an rud nach dìochuimhnich mi rim mhaireann ... ag èisdeach ri Sailm Dhàibhidh an Gàidhlig,ag èirigh suas bhon t-sluagh an dèidh dhan phrecentor an loidhne a chur a-mach, an guth làidir, treun. Be eòlas àlainn, taitneach seo, a ghabh grèim air spiorad is cridhe iomadh Gaidheal, òg is sean. Chuireadh am fear a bha togail an fhuinn a-mach an loidhne le ghuth ceòlmhors na faclan Gàidhlig asgeadachadh pongan achiùil. Dhèireadh a ghuth an uairsin aig ceann na loidhne air co-sheirm achoithionals iad uile atogail glòir, faclan an t-salmadair gu Dia air an robh iad adèanamh adhradh.

Chuala mi a leithid do dhadhradh aon uair, ’s mi fadalach air baidhsagal adol gu coinneamh pìos bhon bhailagainn-fhìn. Bha mi mu mhìle air falbh agus feasgar brèagh, ciùin ann, ach dhèirich an t-sèise seo mar bheannachd air an fheasgar agus stad mi car tamall ga èisdeachd ... bithidh mi ga chluinntinn fhathastnam mhac-mheanmna.

Dhfheumadh tu bhith ruighinn agus buan ge ta, a dhol chun nan seirbhisean, oir bha na ministearan acreidsinn ann a bhith a



[62]

dèanamh searmoin agus ùrnaighean làn. Mar a bu trice, bha dithis mhinistearan agad co-dhiù, agus nuair a bha fear dhiubh sgìth thòisicheadh am fear eile. Achs iad daoine cruaidh na Gàidheil agus nuair a dhfhàsadh an latha ro-bhlàths an searmoin slaodach, cha robh daoine diùmbach nam faiceadh iad fear neo an siuds an seo adèanamh norrag bheag. Tha e doirbh a h-uile facal a ghabhail a-steach, nuair a tham ministear abruidhinn barrachd air leth uair a thìde ... ged nach gabh iomadh ministear ris a sin, ’s iomadh fear aca atomhas tlachd a shearmoin, air fhaide.

Ach bha na ministeirean iad-fhèin comasach agus cruaidh, oir bu tric a bheireadh fear dhiubh sgleog air oir na cùbaids teachdaireachd a shearmoin atighinn gu ìre. Bha e èibhinn an uairsin a bhith afaicinn bodach neo cailleach abreabadh às an t-suain, ’s iad afeuchainn ri bhith acoimhead dùisgeil.

Bhiodh sluagh mòr adol chun na Comanaichean nuair a bha misògmòran a bharrachd air na chithear an-diugh. Chan eil mi idir ag ràdh gun robh an sluagh sin uile beannaichte, seach mar a thàtar an-diugh, ach bha àireamh mhòr acruinneachadh anns na bailtean aig àm achomanaiche, agus bha càirdeas mòr ga shealltainn am-measg dhaoine aig an àm, nach eil idir cho bitheanta san -an-diugh. Achs fhada bho na làithean a chunnaics a chuala mi coitheanalnan suidhe air cnoc aseinn:–

Mo shùilean togam suas a chùm nam beann on tig mo neart.”

titleAn Comanachadh
internal date1988.0
display date1988
publication date1988
level
reference template

Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 145 %p

parent textGairm 145
<< please select a word
<< please select a page