[109]

ANNDRA SIOBAILEIG

le Calum MacMhaoilein

Dh’fhalbh e mar a dh’fhalbh Anndra Siobaileig.” Is tric a chuala mi na facail a tha seo nuair a bha minam bhalach. Bhiodhte gan cleachdadh nuair a dheidheadh rud sam bith às an t-sealladh, nuair nach biodh dùil ri sin tachairt.

Ach a thachair do Anndra? No cuin a thachair e?

Tha e coltach gur ann nuair a bha Breatainn acogadh ris an Fhraing anns achogadh ris an abrar Cogadh nan Seachd Bliadhnamu 1758 no fìor thoiseach 1759a thachair gun deach Anndra gun tobair a dhiarraidh uisge.

Bha Siobaileag trang ag ullachadh biadh do na bha anns an taigha h-athair agus a màthair, i fhèin aig aois mu dha fhichead bliadhna, agus a mac Anndra a bha nise ochd bliadhna deug. Cha robh an duine aig Siobaileig, ma bha duine aice, còmhla riutha idir, agus cha robh a riamh eòlas aig Anndra air athair. Nuair a chaidh Siobaileag a dhiarraidh uisge airson am biadh a bhruich, fhuair i na cuinneagan falamh agus gun deur uisge am broinn an taighe.

On a bha a mhàthair cho trang, thuirt Anndra gun deidheadh e fhèin gun tobair, agus atogail leis chuinneig, chùm e air a-mach an doras. Chaidh e chun na tobrach agus fhuair e an chuinneig agus iad làn uisge, ach cha robh sealladh air Anndra. Chaidh fios a chur gu gach taigh anns an nàbaidheachd an dòchas gu robh Anndra air a dhol a-steach do thaigh, ged a bha fios aca nach robh mòran dòchais gun dèanadh Anndra seo, oir bha a mhàthair ag iarraidh an uisge ann an cabhag. Rinn muinntir abhaile gu lèir oidhirp air an tòir a leigeadh air Anndra, ach nuair a thuit an oidhche cha robh lorg aig duine bha air tighinn air.

Bha Anndra, e fhèin, afaicinn gach a bha adol air adhart anns abhaile ach cha robh càil ann a burrainn dha a dhèanamh gu innseadh do na bha ga lorg càite an robh e. Bha e an grèim aig seòldairean Frangach a bha air tighinn gu tìr gus an glacadh iad òganach anns abhaile.

Goirid roimhe seo, dhfhalbh bàta-cogaidh Frangach à Montreal



[110]

gus cùnntas a thoirt gu Paris mu an adhartas a bha na Frangaich adèanamh anns achogadh ri Breatainn air taobh thall aChuain Shiar. Ann an Caolas Chabot, faisg air Eilean Phòil thàinig iad tarsainn air eathar gun duinena broinn, ach bha bucas air a h-ùrlar. Nuair a thug iad am bucas air bòrd, chunnaic iad gu robh mòran phàipeirean ann le sgrìobhadh ann an cànain nach robh iad atuigse. Thug na h-oifigeirean gu lèir sùil air an sgrìobhadh ach cha robh duine adèanamh càil dheth gus an tàinig e gu oifigear a bhuineadh do Lorient anns aBhreatainn Bhig. Bha beagan eòlais aige-san air cànan nan Ceilteach anns an dùthaich sin agus thuirt e gu robh e asmaoineachadh gur anns aGhàidhlig Albanach a bha an sgrìobhadh. Fhads a bha an rannsachadh seo adol air adhart, bha am bàta adèanamh a slighe tarsainn aChuain Shiar, agus chuir an sgiobair roimhe gun glacadh iad prìosanach a bhruidhneadh Gàidhlig Albanach mun ruigeadh iad cala anns an Fhraing.

Thàinig iad gu cladach taobh siar Eilean Leòdhais agus chuir iad triùir sheòldairean le eathar beag gu tìr a dhfheuchainn ri duine a ghlacadh. Chunnaic iad an t-òganach alìonadh cuinneagan uisge aig tobair, agus cha robh e fada gus an robh Anndra an grèim aca. Bha iad an dùil gun dèanadh Anndra eadar-theangachadh air an sgrìobhadh gu Beurla Shasannach, agus dhèanadh iad fhèin achùis air a chur gu Frangais on Bheurla.

Bha iad afalach ann an uamh os cionn abhaile, agus ged a bha e furasda gu leòr dhaibh faicinn bha adol gu h-ìosal, chan fhaiceadh duine iadsan mur a tigeadh duine a-steach don uamh, agus bha iad deiseil airson duine sam bith a bhiodh cho -fhortanach agus gun tigeadh e a-steach. Nuair a thuit an oidhche, rinn na Frangaich, agus Anndra còmhla riutha, air an eathar a bha iad air fhalach agus fhuair iad a-mach don Chuan Siar far an robh an long chogaidh às an do dhfhalbh iad. Thugadh Anndra air bòrd agus chaidh an sgrìobhadh a chur fo chomhair gun dàil. Thuirt Frangach ris anns aBheurla,

Feuch an dèan thu a mach a tha sgrìobhte air aphàipeir seo, agus an cuir thu Beurla air dhuinn.”

Ged a bha mòran de na h-òganaich anns abhaile gun fhacal Beurlanan cinn, bha Anndra air Beurla ionnsachadh glè mhath agus cha robh e fada gus an do thuig e a bha aige, oir bha e cuideachd air leughadh Gàidhlig ionnsachadh.

Chan eil an seo,” ars esan, “ach sgeulachd a bha neach air choreigin asgrìobhadh gus a chur an leabhar no ann am Mìosachan. Chan eil gnothaich aige ris an Fhraing no ri cogadh. ’Se thann sgeulachdan mu shìthichean agus mu bhuidsichean.”

Chan eil mi acreidsinn sin,” ars am Frangach. “Thugaibh an seo fear Lorient ach am faic sinn am beachd a thaige-san mun chùis.”



[111]

Nuair a thug fear na Breatainn Bhig sùil gu geur air an sgrìobhadh, fhuair e facal an siuds an seo a bha coltach ri facail anns a chànan aige fhèin agus thuirt e gu robh e asmaoineachadh gur e an fhìrinn a bhaig Anndra.

Ach, cha robh trioblaidean Anndra seachad le seo. Bha e air bòrd long Frangach agus cha robh dòigh air faighinn aisde gus a ruigeadh iad an Fhraing agus an deidheadh Anndra a chur ann am prìosan. Bha cunnart ann cuideachd gun tachradh iad ri bàtaichean cogaidh Bhreatainn. Bha Anndra an dara uair an dòchas gun tachradh seo, agus gun deidheadh a shaoradh, ach aig uairean eile cha robh fhios, nam biodh sabaid ann, nach fhaigheadh e droch leòn, no eadhon am bàs anns an t-sabaid.

Bha Anndra glaiste gu h-ìosal anns abhàta agus mar sin cha robh mòran fios aige bha tachairt. Dhaithnich e air gluasad abhàta gu robh gaoth glè chruaidh asèideadh ach cha robh fhios n àirde bhon robh i atighinn. Cha robh fhios càite an robh iad, ach, o na bha e acluintinn de eubhachd, bha e atuigsinn gu robh iad ann an cunnart air choreigin. Cha robh e acluinntinn fuaim ghunnaidhean, agus thuig e o seo nach be Càbhlach Bhreatainn a bhair tachairt orra.

Aig an taigh, bha sluagh abhaile fhathast a-muigh alorg Anndra. Mu cheithir latha an dèidh dha falbh, bha achuid mhòr aca air tighinn gu tuigsinn gu robh Anndra air a thoirt air falbh le cumhachd air choreigin. Bha feadhainn den bheachd gur e cumhachd -nàdurrach a bhann agus bha iad alàn chreidsinn gur e na sìthichean a thug leotha e. Bha feadhainn eile atighinn an àirde le freagairtean eile, ach cha do smaoinich duine aca air Càbhlach na Frainge. Bha aon rud anns an robh iad gu lèir air aon fhacal, agus be sin nach fhaigheadh iad sgeul air Anndra air cho fada agus a bhiodh iad asiubhal air a shon. Aig deireadh acheathramh latha bfheudar do Shiobaileag fhèin aideachadh gu robh i fhèin air a dòchas a chall, agus cha deach duine a-mach a lorg air achòigeamh latha.

Dhfhàg sinn Anndra glaiste anns abhàta Fhrangach. An dèidh trì latha chuala Anndra fuaim ghunnaidhean, agus dhaithnich e gu robh Càbhlach Bhreatainn air lorg fhaighinn orra. Chuale fuaim os a chionn mar gum biodh crann abristeadh, agus bha e ag èisdeach gu mionaideach an dòchas gun cluinneadh e fuaim nan seòldairean Breatannach atighinn air bòrd, ach cha robh a leithid ri chluinntinn, agus an ceann beagan ùine sguir na gunnaidhean a losgadh.

Ràinig iad cala, agus thugadh Anndra gu deic. An dèidh a bhith glaiste air son làithean, bha e toilichte a bhith afaicinn càite an robh e, ged is ann air talamh nan nàmhaid a bha e acoimhead. Ged nach robh mòran tuigse aige don chànan Frangach, chunnaic e gur e St. Malo ainm an àite san robh e agus bha rudeigin de chuimhne aige



[112]

am pàirt den Fhraing anns an robh am baile sin. Chaidh Anndra a chur air tìr agus a chur a-steach do thogalach a bha coltach ri taigh-gnìomhachais, ach mas e sin a bhann bha e nis air ullachadh airson prìosanaich a chumail, agus bha feansaichean de uèir bhiorach timcheall air an togalach air dhòigh agus nach robh rian aig duine oidhirp a dhèanamh air faighinn a-mach às. Bha mòran de sheòldairean Breatannach anns achàmp, agus thòisich Anndra ri feuchainn ri eileanaich eile a lorgnam measg. Achiad eileanach a thachair air, cha bann à Innse Gall a bha e ach à Eilean Jersey, fear do Eileanan aChaolais. Be seo Seòras agus fhuair e fhèin agus Anndra toileachas ann an cuideachd achèile.

Is ann glè ghann a bha am biadh anns achàmpa, agus bha Anndra afaireachdainn an acrais gu math tric. Cha robh e eòlach air acras, oir bha a mhàthair glè mhath air biadh a chosnadh dha gus an tàinig e fhèin gu ìre a choisneadh dha fhèin, agus cha robh dìth abhidh agus droch dhòigh de gach seòrsa atighinn air idir. Ach bfheudar faighinn an àirde ri na trioblaidean sin, agus bha e ga chumail fhèin ann an deagh òrdugh, ann an dòchas gun tigeadh cothrom teichena rathad.

An ceann seachdain no dhà thòisich na Frangaich afaighinn obair do na prìosanaich. Bha mòran obrach ri dhèanamh timcheall air cala St. Malo, agus bha Anndra agus cuid de chompanaich glè dheònach air an obair seo a dhèanamh, oir bha e coltach ri obair às am biodh
dòchas ri cothrom teiche.

Bhiodh Anndra, Seòras, agus gille Sasannach dom bainm Tom, glè thric anns an aon bhuidheann obrach, agus bha e mar chleachdadh aca a bhith dèanamh an dìchill gu fuireach ann an cuideachd a chèile, ged nach robh seo an còmhnaidh furasda. Latha bha siud, bha an triùir ann an eathar beag anns achala le Frangach le gunna acumail sùil orra. Ged a bha Seòras eòlach gu leòr air achànan Fhrangach agus fileanta ann, fhuair e air seo fhalach air na Frangaich, agus mar sin bha e atuigse achòmhraidh a bha eadar an luchd gleidhidh. Fhuair Seòras air innseadh don dithis eile gu robh iad adol a pheantadh bàta a bhana laighe ris an lamraig, agus thuirt e riutha gum biodh greis ann nuair a bhiodh iad falaichte bho gach neach air tìr.

Se sin an àm anns am feum sin dèanamh airson oidhirp a dhèanamh airson ar saorsa fhaighinn. Tom, gabh thusa grèim air aghunna nuair a theid mi fhìn agus Anndra an sàs anns an Fhrangach.”

Sin dìreach mar a thachair, agus nuair a bha aire an Fhrangaich air apheantadh, leum iad air agus leum Tom chun aghunna. Thug e an gunna do Sheòras, a labhair ris an Fhrangachna chànan fhèin.

Aon fhacal agus bithidh tu marbh.”

Cha burrainn don Fhrangach càil a dhèanamh, agus fhuair iad a-mach às achala agus chuir iad suas an seòl. Chùm iad cùrsair



[113]

Eileanan aChaolais agus on bha Seòras eòlach air na cladaichean sin besan a bha asgiobaireachd a’ bhàta... Bha gach adol gu math dhaibh gus an robh iad faisg air Jersey, ach an uair sin dhèirich gaoth chruaidh on àirde an Iar-Dheas agus bfheudar an seòl a leagail. Mar sin cha robh rian stiùiridh aca, agus chaidh iad air na creagan mu leth mhìle o an dachaigh aig Seoras.

Anns an tubaist, fhuair Anndra droch sgal mun cheann agus chaill e fhaireachadh airson greis. Nuair a thàinig e thuige fhèin, cha robh duine còmhla ris ach Seòras, agus nuair a dhfhoighnich e mun dithis eile, cha robh cinnt aig Seòras ach bha e asmaoineachadh gun bhàthadh iadBha Anndra afaireachadh glè lag ach rinn e airson coiseachd an leth mhìle gu dachaigh Sheòrais. Cha robh aig taigh ach màthair Sheòrais agus a phiuthar, Anna. Bha iad ro-thoilichte Seòras fhaicinn agus chuir iad fàilte chridheil air Anndra cuideachd. Nuair a chual iad gu robh Anndra air goirteachadh fhaighinn, dhfheumadh e a dhol don leabaidh gun dàil, agus thubhairt Anna gun coimheadadh ise às a dhèidh gus am faigheadh e air a chasan.

An ath latha cha robh Anndra càil na bfheàrr. Thàinig laigse air aig amannan troimh an latha, agus bfheudar do Anna cur fios gu lighiche a thighinn a shealltainn air. Cha robh an lighiche afaighinn gu bonn a thinneis, agus cho-dhùin e gur e dochainn a thàinig air eanchainn Anndra. Chaidh làithean seachad ach cha robh coltas gu robh feobhas atighinn air Anndra. Bha Anna fritheilteach air agus bha i còmhla ris a dhoidhches a latha, ach nuair a thigeadh a màthair no Seòras, a ghabhail a h-àite fhads a gheibheadh i norrag chadail.

Tha fìor eagal orm,” thuirt Anna ri a màthair aon latha, “nach eil Anndra adol a thighinn beò às an tinneas a thair. Tha an t-eilean a tha seo cho gann do fhireannaich agus nach fhaod sinn duine a shamhail Anndra a chall.”

“ ’Se eileanach a tha an Anndra ach chan ann do an eilean seo a bhuineas e.”

Ma thig Anndra troimh an tinneas seo, cha leig mi air falbh e, ach tha droch eagal orm nach tig.”

Thug Anndra sia mìosan air Eilean Jersey. Bha a thoinisg aige fad na h-ùine, agus bha e toilichte gu robh Anna cho cùramach air. Chaochail e an ceann na tìde sin agus tha e adhlaicte anns an eilean far an dfhuair e am bàs.

titleAnndra Siobaileig
internal date1989.0
display date1989
publication date1989
level
reference template

Calum MacMhaoilein in Gairm 146 %p

parent textGairm 146
<< please select a word
<< please select a page