ASTAR MARA
le Iain Mac a’ Ghobhainn (Dùn Eideann)
Bha uair ’s gu feumadh sgoilearan a’ Ghreugais ionnsachadh mar phrìomh chomharr air cho math ’s a bha foghlam aca; agus gu h-àraid òran-mòr Hòmair ’s e ’g innse mu na gaisgich euchdmhor a bha strì ri chèile fad dheich bliadhna aig baile Tròidh, bho chionn barrachd air trì mìle bliadhna air ais. Mar sin dheth, bhiodh eòlas math aca air sgeulachd Odusseus, fear de na gaisgich sin a dh’fhàg Tròidh an dèidh a lèir-sgrios, agus a shiubhail fada thar chuan le chompanaich ann a longan mòra dubha. B’e “Odusseia” an t-ainm a thug Hòmar air an eachdraidh sin, agus gus an latha ’n-diugh is gann gu faighear sgeul luchd-mara a bheir bàrr oirre. ’S iomadh facal a chaidh a riamh a sgrìobhadh mu dheidhinn an “Odusseia”, ach gu dearbha feumas gur e uirsgeul cho neònach ’s a chualas air thalamh air a’ chuspair seo, leabhar a sgrìobh Frangach air an robh “Gilbert Pillot” mar ainm.
Bho chionn linntean rinn daoine oidhirp air cùrs Odusseus a chur air dealbhan-dùthcha an latha- ’n-diugh, ach dh’fhailich air a’ chuid mhòr a dhol gu cinnteach an urras càite na shiubhail e fhèin agus a sgioba air an astar-mhara a-rèir aithris a rinn iad. Bha gu leòr cheistean ri fhreagairt: càite robh eilean Circe? no eilean Chalupso? agus dè mu dheidhinn Sculla is Charubdas is gu leòr chuisean-eagail eile a chuir an sgiona à cochall an cridhe? Cha robh dùil aig gin de na fir-rannsachaidh nach ann sa’ mhuir-mheadhon-tìreach a bha astar-mara Odusseus gu tur; ach cha b’e sin barail M. Pillot… .
Seo, mata, beagan aithris air mar a chaidh dhaibh a-rèir a’ leabhair a sgrìobh M. Pillot. …
Ri linn Odusseus cha robh e comasach do na bàtaichean aca dhol air fuaradh; cha robh aca ach aon seòl-mòr ceithir-cheàrnach; mar sin dheth, dh’fheumadh iad an dara cuid ruith roimh’n a’ ghaoith, neo air a’ chuid eile, iomradh. An uair a bha na suinn airson tilleadh dhachaigh à Tròidh, ’sann a thàinig stoirm eagalach orra às an àirde’n ear agus b’fheudar dhaibh ruith roimh ’n a’ ghaoith fad naoidh latha, gus an deach a sgiùrsadh mu dheireadh a-mach siar air Gibraltar, air druim a’ chuain mhòir.
Thachair gu leòr riubha anns na ceàrnaidhean sin fhèin, ach co-dhiù air ceann sreath thog iad orra gu tuath. Ràinig iad àite air an robh “Laestrygonia” mar ainm; àite anns an robh famhairean fineachail, fiadhaich a thòisich a’ tilgeil ulpagan chlach sìos bho bhàrr nan creagan air bàtaichean nan Greugach, agus a chuir às dhaibh a h-uile aon ach bàta Odusseus fhèin. B’e an t-àite seo ceann an iar-thuath
Eirinn… .
Thug Odusseus a chasan leis gu fairge gu math sgiobalta, is chùm e air adhart gu tuath gus na ràinig e eilean “Aea”, far an robh a’ còmhnaidh a’ bhan-dia “Circe”, is i mar bu trice a’ gluasad ma choinneamh beart-fhighe, ’s a’ seinn leatha fhèin le guth a bha tàlaidheach, meallta. B’e seo eilean Bharraigh… .
Ged bu bhan-dia i, bha i cuideachd ’na bana-bhuidsear, agus an uair a thàinig sgioba Odusseus an toiseach a-steach don fhàrdach aice, chur i geasan orra is thionndaidh i ’nam mucan iad. Nise, ged a bha Odusseus ’na ghaisgeach ainmeil, bhatar a’ cur às a leth gu robh e cuideachd làn ìnnleachd is chuilbheartan, agus a cheart cho carach, ’s cho seòlta, ’s cho mealltach ri Circe fhèin; mar sin ann an ùine ghoirid rinn e chùis oirre, eadhon gu ìre caithris-na-h- oidhche leatha; agus thug e oirre a chompanaich a thoirt air ais gu bhith ’nan daoine rithist. An dèidh sin dh’fhuirich na seòid fad bliadhna air an eilean-sa; agus is beag an t-iongnadh sin, ’s mar a ghabh Circe riutha cho coibhneil air a’ cheann-thall, ged a rinn i eucoir orra an toiseach.
An ceann ùine bha an sgioba airson tilleadh dhachaigh, agus dh’aontaich Odusseus riutha. Thug Circe dhaibh mòran treòrachaidh mu dheidhinn an turais ach thug i comhairle orra dhol an toiseach gu Tìr nam Mairbh; “Hades” anns a’ Ghreugais. Sheòl iad dìreach gu deas gun do ruig iad tìr nan Cimmereach, “còmhdaichte ann an ceò is sgòthan”. B’e seo ceann a tuath Eirinn, timcheall air baile Doire, suas abhainn Foyle… . Co-dhiù, thachair ri Odusseus an sin mòran taibhsean feadhainn a chaochail anns na linntean a chaidh seachad. Agus an dèidh a’ chèilidh iargalt sin chaidh a sgioba gu fairge rithist suas air ais gu eilean Circe.
Mu dheireadh thall dh’fhàg iad eilean Circe, ach a-rèir an treòrachadh a thug i dhaibh, dh’fheumadh iad aghaidh a chur air iomadach deuchainn eile mus ruigeadh iad dhachaigh, gu h-àraid “Sculla” is “Charubdas” … agus air an astar sin, bha aca ri dhol seachad air àite-còmhnaidh nan “Seirenich”; b’iad sin creutairean a bha letheach boireannach is letheach eòin; bhitheadh iad a’ tàladh seòldairean gu ’m bàs “le binneas an òrain”. Ach chuir Odusseus cèir ann an cluasan an sgioba gus nach cluinneadh iad na Seirenich, agus thug e orra e-fhèin a cheangal ris a’ chrann; mar seo dh’fhaodadh e cluinntinn guth nan Seirenich, ach cha robh rian aige faighinn às; dh’fheumar cumail air adhart. ’Sann an Tìr-iodha neo ann an eilean Cholla bha na creutairean gairiseachail ud a’ tàmh… .
’S a-nise, mu an coinneamh bha Sculla is Charubdas. B’e fìor uile-bheist oillteil a bh’ann a Sculla: le dà chois dheug is sia cinn, gach aon air amhaich fhada is trì sreathan fiacail anns gach claigeann. Bha i staigh ann an geodha dhorch letheach-slighe suas creag àrd os cionn
Charubdas. ’Sann an eilean Scarba a bha bhèiste-sa tàmh…agus a-rèir beul-aithris bha uaireigin seann chailleach, bana-bhuidsear, ann an geodha an seo. …Agus dìreach gu h-ìosal fòipe bha an fhairge air ghoil le cuairt-shlugan iargalta ris an abrar “Charubdas” … b’i seo Coire-bhreacain … eadar Scarba is Diùra.
Cha robh matà rian seachnaidh ann; cha robh air ach dearg dhian a dhèanamh troimh’n a’ chaolas chumhang eadar na cuisean-eagail ud, agus is ann air fìor èiginn a fhuair iad gu sàbhailte tarsainn.
An dèidh sin thachair mòran eile riutha mus do ràinig iad dhachaigh anns a’ Ghrèig, ach b’e siud geàrr-eachdraidh air mar a chaidh dhaibh anns a’ Ghaidhealtachd, a-rèir M. Pillot. Faodar aon àite eile ainmeachadh; eilean “Chalupso”; bha M. Pillot a’ cumail a-mach gur e Innis-Tile (Iceland) a bha seo, agus gun do sheòl iad air ais ann a seachd latha deug às a sin; feumas e bhith gu robh i ga ghearradh gu math geal aca air an t-slighe sin!
’Sann timcheall air a’ Ghrèig fhèin agus air an Eadailt a bhiodh iomadach oidhirp ga dhèanamh airson socrachadh càite robh na ceàrnaidhean a dh’ainmich Hòmar ’na bhàrdachd. Dh’fhaodar iomradh a thoirt air aon de na fir-rannsachaidh: Suaineach dam b’ ainm Goran Schildt. Lean esan leis a’ bhàta aige fhèin cùrs air an deach sgioba Odusseus, a-rèir dòchais, ach ma tha duine sam bith airson cur leis na cur na aghaidh, faodaidh iad fhèin an tuilleadh leughaidh a dhèanamh… .
Chan eil fhios dè seòrsa beachd a ghabhas muinntir nan eileanan air na sgrìobh M. Pillot, ach co-dhiù, nach do chuir e dreach ùr air sgeulachd Hòmair? Agus ged nach bitheadh ann ach uirsgeul mac-meanmhainn, co aige an-diugh tha fios cinnteach nach e sin a bha san t-seann sgeulachd bho thoiseach?
CLAR LEABHAR
(1) Odusseia Hòmair. .. eadar-theangaichte le Iain Mac Gilleathain.
(2) The Secret Code of the Odysseyle Gilbert Pillot.
(3) In the Wake of Odysseusle Goran Schildt.
title | Astar Mara |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1989.0 |
display date | 1989 |
publication date | 1989 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 147 %p |
parent text | Gairm 147 |