[242]

SMUAINTEAN AIR BALL-COISE ’NAM OIGE

le Coinneach Mac aGhobhainn

Bha mi coiseachd suas am Mol-a- Tuath ann a Steòrnabhagh còmhla ri caraid nuair a chaidh fear seachad a tharraing mo shùil. Duine àrd, le falt liath a bha air tanachadh air amhullach, ach a bha ruadh air na taobhan; e sgiobaltana cheumaibh, le gothaidhna dhà ghualainn.

Na dhaithnich thu am fear ud? ”, thuirt mo charaid rium.

Cha do dhaithnich, ach bha na ghnè a thug maire thuige,” fhreagair mi.

Siud,” ars esan, “Louis Quinn”.

Louis ? ”, thuirt mi.

Tha”, arsa mo charaid, “Louis Quinn a bha cluich do na Rovers uaireigin”.

Louis Ruadh na Rovers!” thuirt mi le beagan iongnaidh, agus thog mo smuaintean air ais gu làithean mòige air Taobh Siar Eilean Leòdhais eadar 1930 agus 1939, linn anns a robh ball-coise air a thighinn beò agus ri dèanamh adhartas, mus do chuir an Cogadh gach bun os cionn.

Bha Nis màirnealach gu tòiseachadh ri cluich ball-coise, ach bha e nàdurrach dhaibh gun dèanadh iad adhartas gu luath, oir bha na fàbhar nach robh aig ceàrnaidh eile dhen dùthaich: bha mòran sluaigh ri còmhnaidh dlùth air a chèile, agus bha machraichean brèagha rèidh aca airson cluich. Cha robh ach mu cheithir mìle bho cheann gu ceann dhen a sgìre, agus ann an àm nach robh bheag de dhòigh siubhail ann ach air chois, no air baidhsagail, bha e furasda dha na gillean a thighinn còmhla airson cluich agus ionnsachadh. Cha robh cosnadh a-mach às an Eilean, mar seòladh agus obair-latha, ach tearc aig an àm, afàgail gu robh mòran bhalaich aig na dachaighean. Thug Nis greis aruith co-cheangal eadar gach baile, le sia agus seachd sgiobaidhean toirt pàirt ann. Thug seo dhaibh teòmachd anns an fhearas-chuideachd, agus cothrom taghadh nan cluicheadairean bu sgileil airson sgioba na Sgìre.

Bha an Taobh Siar, no ‘West Side’ mar a bha iad air an ainmeachadh, gu math adhartach ann am ball-coise aig an àm. Bha stiùiriche math



[243]

aca, ann am Murchadh MacLeòid à Brù. Bha seo follaiseach anns acho-dheuchainn eadar iadsan agus Nis airson duais Eilean an Fhraoich, nuair a fhuair an Taobh Siar abhuaidh le seachd tadhail gu a h-aon.

Bha an tiodhlaic seo air a chur a-mach le Comann Leòdhais agus na Hearadh Ghlaschu airson -stri eadar sgiobaidhean dùthchail nan ceàrnaidhean sin, bliadhna air ais, ann a 1933. Thug àrd-cheannas anns acho-dheuchainn seo dèine do na sgiobaidhean leasachadh a dhèanamh anns achluich aca. Bha tàladh anns an ainm fhèinEilean an Fhraoichagus a dhaindeoin duaisean eile a thàinig a-steach, ’se fhathast as luachmhoirri chosnadh. Seachad air a sin, chan fhaod ach cluicheadairean a bhuineas don an àite a bhith anns an sgioba, atoirt ionnanachd dhan achò-stri.

Achse sgiobaidhean Steòrnabhaigh ri tighinn a chluich a Nis as motha tha ri mo chuimhne. Aon fheasgar brèagha samhraidh ann an 1935 bha sinn staigh aig machair nan Còig Peighinnean afeitheamh gu foighidneach ris achò-stri eadar Nis agus na Rovers, an dèidh coiseachd astar cheithir mìle. Mu sheachd uairean thàinig bus na Rovers leis a sgioba agus beagan de luchd-taic. Thòisich achluich, agus cha robh e duilich ri fhaicinn gu robh cluicheadair aig na Rovers a bha ann an cleas dha fhèin, fear àrd ruadh, le gothaidhna dhà ghualainn. Bha e suas aphàirc leis abhàlla, a-nulls a-nall, ri fàgail gach fearna dhèidh, gun chobhair. Bha sgile neach leis fhèin, agus am bàlla fada suas aphàirc, ri cùnntadh anns a latha ud, agus bha pailteas den achiad fhear aig Louis Quinn. Ach bha cluicheadairean math aig Nis cuideachd, gu sònraichte Snagaidh Sheocain, fear leth-dìon (centre - half) agus Gaisean Fionn eadar na puist. Sinne air a loighne ag eubhach ri SnagaidhThoir sìos e! Stad e!” Cha robh cùmhnantan ball-coise cho daingeann agus a tha iad an-diugh. Bha slaod-taobh agus aghualainn air an ceadachadh.

Na faigheadh Louis troimh na deuchainnean sin bha aige ris abhàlla chur seachad air aGhaisean, agus cha robh sin furasda, oir bha e aig an àm cho math ri fear-gleidhidh a bhanns an Eilean. Faodaidh mi innse gun rinn na Rovers achùis gu socrach, ach ged a bha sinn duilich call, bha sinn air ar gluasad gu toileachas leis achluich a chunnaic sinn bhon an fhear ruadh.

Air an t-samhradh a chaidh bha mi aig Pàirc Chnoc nan Gobhar ann a Steòrnabhagh, ri faicinn achò-stri dheireannach airson duais Eilean an Fhraoich eadar Nis agus Na Lochan. Bha cluich mhath ann air gach taobh, gun mòran eadar na sgiobaidhean, agus choisinn Na Lochan achraobh-chosgair le aon tadhal a bharrachd. Bha Nis duilich gun do chaill iad, ach cha robh duine aig aPhàirc nach robh toilichte airson Na Lochan, a thug dhachaigh leotha Cupan Eilean an Fhraoich agus



[244]

a rinn cho math an dèidh bhith cho fada anns an fhàsach.

Ach cha robh mi air mo tharraing cho mòr ris achluich agus a bha minam òige. ’S dòcha gu robh mi acoimhead sìos ris na cluicheadairean an àite bhith coimhead suas riutha mar a bha minam bhalach. ’S mathaid gu robh rig ionndrain na gaisgich mar Snagaidh Sheocain, Gaisean Fionn agus feadhainn eile a bha cluich do Nisnam òige.

S dòcha gu robh mi rig ionndrain Maighstir na Cluich fhèin, Louis ruadh Quinn.

titleSmuaintean air Ball-coise ’nam Oige
internal date1989.0
display date1989
publication date1989
level
reference template

Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 147 %p

parent textGairm 147
<< please select a word
<< please select a page