RIGH NAN CUAN ARD
le Iain MacUisdein
Nuair a thadhail an Ceannard-càbhlaich Dòmhnall Murchadh Mac Gill’Eathain air Steòrnabhagh ann an 1962 a ghabhail saorsa a’ bhaile, bha e ’na sgiobair air an t-soitheach bu mhotha anns an t-saoghal, a’ Bhan-righ Ealasaid. Bha e air a bhith ag obair còmhla ri Cunard airson dà fhichead bliadhna ’s a ceithir, agus sheòl e air faisg air dà fhichead bàta le Cunard.
Ach bha a chiad eòlas air beatha aig muir gu math eadar-dhealaichte aig Dòmhnall Mac Gill’ Eathain. Anns a’ bhliadhna 1916 bha e fhathast ’na oileanach ann an àrd-sgoil MhicNeacail. ’S e bàta dà chroinn is dà
[Dealbh]
A’ Bhan-righ Ealasaidh aig Iorc Nuadh.
fhichead tonna anns a robh e. ’S ann aig bràthair athar Tormod a bha am bàta seo agus ’s e “Ceann Phabail” an t-ainm a bha oirre. An dèidh mòran uairean a thìde air a’ bhàta bheag, bha Dòmhnall a’ faireachdainn dòigheil gu leòr – gus an do thòisich am bàta a’ roiligidh ann an sumainn. An uairsin ghabh e truinnsear sgadan ròsda agus gu math luath bha na “sealegs” aige a’ ruith air falbh. Ach chuir e roimhe nach buannaicheadh am muir agus, an dèidh an dara oidhche, cha robh cur na mara air Dòmhnall tuilleadh.
Nuair a bha e ’na Chaiptean air a’ Bhan-righ Ealasaid agus air bàtaichean eile le Cunard, mar am Britannic, Carinthia, Caronia, Franconia, Mauretania agus a’ Bhan-righ Màiri, cha b’ e sgadan ròsda a bha aig Dòmhnall airson a bhracaist. Ach, nuair a thòisich e aig Cunard, cha robh e cho math air a dhòigh. ’S e an Tyria a’ chiad bhàta a bha aige. ’Se bàta-luchd de 1,800 tonna a bha innte,agus ’s e preantas a bha ann nuair a chaidh e air bòrd. Ghiùlain an Tyria luchd eadar na puirt sa’ Mhuir Mheadhan-thìreach rè a’ Chiad Chogaidh. Aig Sisili, chuir iad 2,000 tonna de phronnasg airson gas puinnsein a dhèanamh, air tìr.
An dèidh a’ Chiad Chogadh, bha Dòmhnall ’na oifigear, air bàtaichean-luchd beaga agus air luing-aisig mhòra. Chaidh e an uairsin don R.N. R. far an d’ rinn e seirbheis air iomadh long agus“submarine”. Rè an“Depression”, dh’ oibrich e greiseag ghoirid air tuga agus ’s e“deckhand”a bha ann. Ann an 1938, rinn e seirbheis ghoirid air a’ Bhan-righ Màiri, a bha an uair sin ’na bàta grinn ùr. Ach bha neulan dorcha a’ cruinneachadh agus bha Cogadh eile a’ tighinn a chuireadh seòladairean ann an cunnart.
Do Dhòmhnall, thòisich an dara cogadh air bòrd H.M. S. Transylvania, bàta-aisig dhaoine de 17,000 tonna, far am b’esan am Prìomh Oifigear air bòrd. Bha iad a’ cur stad air bàtaichean a bha cur stuth chun na Gearmailt. ’S e Bian bho Suomi an t-ainm a bha air aon bhàta. Nuair chaidh Dòmhnall air bòrd a’ bhàta seo, dh’ aithnich e gum b’ e Gearmailtich a bha air an t-soitheach agus b’ e gu dearbh am Bianca bho Hamburg a bha anns a’ bhàta. An dèidh iomadh latha doirbh, thug Dòmhnall am bàta agus na sgiobaidhean aice sàbhailte gu Lìte.
Cha robh Dòmhnall cho sealbhach anns an Iuchar 1940. Bhuail an toirpead bho bhàta-U air HMS Transylvania. Chaidh am bàta fodha gu math luath. Ràinig Dòmhnall bàta-teasairginn ach bha cus dhaoine innte agus chaidh i thairis. Mhair Dòmhnall beò a’ cur seachad na h-oidhche a’ cùmail grèim air crann. Shàbhail e beatha aon seòladair òg, dall le ola. Thug e cobhair dha agus chùm e grèim air a’ chrann cuideachd.
[Dealbh]
Domhnall Mac Gill’ Eathain ann an 1988.
Dà bhliadhna an dèidh an Dara Cogaidh chaidh Dòmhnall a shuidheachadh mar Chaiptean air an SS Samsurf. ’S e bàta-luchd de 7,000 tonna a bha innte agus chuimhnich Dòmhnall gur e am bàta seo “an rud as gràinde anns an do sheòl mi riamh”. Ach chaidh e ceart mu chuairt an t-saoghail ann an Samsurf. Ann anVancouver, far na luchdaich iad 8,000 tonna de chruithneachd, bha troigh de shneachd air an deic. Nuair thugadh an luchd cruithneachd dhith ann amBombay, bha iad ag obair aig 95°F . AigBasra, ràinig an teodhachd 122°F . BhoBasrathug iad 8,000 tonna eòrna guFreetown, far na rug iad air còig “stowaways” cuideachd. Thill anSamsurfair ais don phort an dèidh an turais a thug ochd mìosan agus a bha 31,648 mìle air fad.
An dèidh an turais seo, bha beatha eadar-dhealaichte aig Dòmhnall. Bha na luing aige uile ag aisig dhaoine. Thug na bàtaichean seo daoine gu na Stàitean Aonaichte agus Canada, no sheòl iad gu puirt annasach air na cùrsan mara. Bha daoine beairteach agus ainmeil air na liostan de fhir-turais. Nuair a bha Dòmhnall ’na Chaiptean air a’ Bhan-righ Ealasaid ann an 1960, cha b’ urrainn dha a bhith na b’eadar-dhealaichte na chiad turas aige air Ceann Phabail mu chuairt air Eilean Leòdhais.
Chan eil a’ Bhan-righ Ealasaid còmhla ruinn a-nis ach tha Dòmhnall Mac Gill’ Eathain a’ fuireach fhathast ann aSouthampton, dachaigh nam bàtaichean-aisig aig Cunard. Tha e a-nis ceithir fichead bliadhna ’s a deich.
title | Rìgh nan Cuan Ard |
internal date | 1989.0 |
display date | 1989 |
publication date | 1989 |
level | |
reference template | Iain MacUisdein in Gairm 149 %p |
parent text | Gairm 149 |