Scottish Poetry, A Critical Survey,deasaiche le James Kinsley (Cassell, Lunnainn. 30/- ).
’S ann tearc a tha leabhraichean tomadach air eachdraidh litreachas na h-Albann, is chan eil e ri fhaotainn an duine a bheireadh breith chomasach air gach lùb is filleadh a th’anns an tartan so, gun luaidh air na meanbh-ghreimeannan a tha san obair-ghréis thall ’sa bhos. Tha eòlas domhain ann an grunn chànainean a dhìth air an fhear-
sgrùdaidh—Beurla is Albais, Gàidhlig (agus Gàidhlig na h-Eireann), Laideann, agus is dòcha Cuimris is Norse. Agus a chionn ’s gu bheil litreachas an còmhnaidh a’ fàs is a’ searg, is gu bheil fàs mar shearg ann an sealladh an dara duine, is searg mar fhàs ann am beachd fhir eile, cha b’fhuilear do dh’aon duine a bheachd iomlan a thoirt seachad air an eachdraidh sin.
Anns an leabhar a tha fo ar comhair tha deich ùghdairean a’ toirt seachad am beachdan eadar-dhealaichte; tha beagan eòlais aig dithis dhiubh sin air litreachas na Gàidhlig, is cha mhór gu bheil guth air Cuimris no Norse.
Ach coma: tha sinn taingeil air na fhuair sinn. Faodaidh sinn a ràdh gur h-e so leabhar cho luachmhor ’s a chaidh a sgrìobhadh fhathast air litreachas na h-Albann. Tha e a’ leigeil fhaicinn dhuinn cho farsaing ’s a bha an raon sin, is cho cumhang ’s a dh’fhàs e—abair tràth anns an 18mh linn, agus a rithisd anns an 19mh linn—; cho làidir ’s a bha na bàird nuair a bha co-cheangal aca ri litreachas na Roinn-Eòrpa, agus cho lag ’s a dh’ fhàs iad nuair a thòisich iad air na Sasunnaich a leantainn (30 no 50 bliadhna air an cùl), no an uair a liùg gach fear air cùl gàrraidh ’na sgìreachd fhéin. Tha rud againn ri ionnsachadh uaithe so: thaWhistlebinkiegu math beothail air a’ Ghaidhealtachd fhathast. So mar a tha David Daiches ag ràdh:
“The strength of a national art does not lie in its refusal to borrow from other national arts, but in its ability to domesticate its borrowings properly in its own medium. ”
Chì sinn gu bheil ceangal nach beag eadar litreachas na Gàidhlig—gu h-àraidh anns an 16mh linn—agus litreachas eile na h-Albann. Tha an t-Ollamh James Kinsley a’ sgrìobhadh air na bàird o shean, mar a tha Barbour, Dunbar, Seumas a h-Aon, Henryson. Sgrìobh bana-Ghaidheal nach maireann—Agnes Muir Mackenzie—air bàird an Renaissance, mar a tha Gavin Douglas, David Lindsay, Alexander Scott, Alexander Montgomery, William Drummond. Chaidh an t-uabhas de bhàrdachd an Laideann a sgrìobhadh an Albainn—móran dhith a thainig amach a Oilthigh Obair-dheadhain—agus ged nach do mhair móran dhith beò cha bu mhath dhuinn a dìochuimhneachadh. Tha an Ridire Seumas Fearghustan a’ sgrìobhadh gu sgilear air na baladan, a’ mìneachadh a’ cho-cheangail a th’ eatorra agus eachdraidh dhaoine. Cha do dhùisg a’ bhean-uasal A. M. Oliver iarrtas mór unnam air bàird na h-ochdaimh linne deug ath-leughadh, ged a tha móran am bàrdachd Sheumais MhicThómais (a sgrìobh mu na Ràithean) as fhiach a chnuasachadh. Glacaidh sgrìobhadh David Daiches aire an leughadair, gu h-àraidh air na cuspairean Allan Ramsay is Robert Ferguson. Tha caibidil air Burns an so cuideachd, gun móran de rud às ùr ann; ach ’s fhiach na tha aig John W. Oliver ri ràdh mu bhàrdachd Scott a leughadh. ’S e sop as gach seid a th’aig George Kitchin, a’ sgrìobhadh air‘The Modern Makers. ” (Is math co-dhiùbh nach eil eagal air innse do MhacDiarmaid gun do thuit a bhàrdachd bhuaithe gu mór o chionn fhichead bliadhna). Is aig deireadh an leabhair tha facal no dhà aig Douglas Young ri ràdh mu bhàrdachd Ghàidhlig troimh na linntean.
R. McT.
[Sanasan]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scottish Poetry) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |