Cornish Simplified,le A. D. S. Smith (Caradar) (Ri fhaotainn bhoJames Townsend & Sons, Ltd. Exeter.5/ -)
Ma thug na sgrìobh Beitiris Witt mu’n Chòrn (anns an àireamh so de Ghairm) ort smuaineachadh air turus a thoirt do’n dùthaich sin, cha b’ fhuilear dhut beagan fios a bhith agad air seann chànain na dùthcha, ged nach eil duine ’ga bruidhinn an diugh ach duine dh’ionnsaich o leabhraichean i. So agad, matà, leabhar beag a bheir deagh bheachd dhut air a’ chànain sin. Chaidh a chlo-bhualadh an toiseach sa’ bhliadhna 1939, air do na leabhraichean Cuimreach aig Caradar(Welsh Made Easy)móran dhaoine a thàladh chùm Cuimris ionnsachadh. Chaochail Caradar an 1950, agus chuir a bhanntrach amach an dara clo-bhualadh de’n leabhar so an uiridh. Chan eil ach glé bheag de dh’atharrachadh air bho’n chiad chol-bhualadh, ach tha E.G. R. Hooper an deidh beagan a chur ris. ’S ann gann a tha litreachas ann an Còrnais, ged a tha còrr is mìle bliadhna bho sgrìobhadh an toiseach i. Tha móran de na buill-sampaill anns an leabhar so air an togail as na dealbh-chluichean Còrnach a chuireadh ri chéile bho’n a’ chóigeamh linn deug gu ruig an t-seachdaimh linn deug.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Cornish Simplified) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |