[207]

Acadamaidh Rioghail Inbhirnis

LE ALASDAIR IAIN MACASGAILL

Bu lòchran mi do’n àirde tuath
’Son seachd ceud bliadhna ’s còrr.”

MA thadhaileas tu an Acadamaidh Rioghail Inbhirnis, agus ma theid thu asteach air an dorus mhór, chì thu na briathran so fuaighte, gu snasmhor grinn ann an Laidinn, air brat-dùnaidh an talla mu do choinneamh, acomharrachadh gu soilleir gu bheil freumhaichean na sgoile atolladh air ais troimh iomadach linn, ged nach eil an togalach anns a bheil na sgoilearan an diugh, taing do Shealbh, càil idir coltach ri cho aosda ri sin! Air an taobh eile, mu choinneimh na cloinne gach latha, nuair a tha iad an ceann a chéile aig adhradh maidne, tha suaicheantas na sgoile, le a sgrìobhadh an LaidinnLe cruaidh spàirn agus deagh bheus” (Labore et virtute)acur gu sìmplidh réidhnan cuimhne nach tig buaidh gun dìchioll, agus nach ann le aran a mhàin a bheathaichear an duine.

Seallamaid a nis ris an t-seann eachdraidh so. Ma sgrùdas sinn na seann sgrìobhaichean cho fad air ais ri 1233, chì sinn gu robh Manachainn Dominicanach an Inbhirnis aig an àm sin, an àit’ -eigin faisg air an t-sràid ris an canar an diugh Sràid nam Manach neo nam Bràithrean Bochda(Friars) ,agus gu robh sgoil bhalach dlùth cheangailte rithe. Chan eil aon chlach air muin cloiche den t-seann làrach sin ri fhaicinn a nis, ach is ann ris an sgoil ud a tha an Acadamaidh Rìoghail atagradh achiad chàirdeis ud a dhainmich sinn.



[208]

Ri linn an ath-leasachaidh chuireadh as do Sgoil nam Manach ach cha tàinig crìoch air Foghlum, oir cha bann mar sin bu mhath le luchd-riaghlaidh abhaile aig an àm e; thog iasdan Sgoil Ghràmair a tha fhathast ri a faicinn aig fìor cheann shìos Sràid na h-Eaglaise. ’S ann anns an dearbh sgoil so a fhuair iomadach balach a bha gu bhith iomraideach ann an eachdraidh is an litreachas na Gaidhealtachd achiad bhlas air foghlum is air eòlas leabhraichean. Air an fheadhainn a bainmeile de na ceatharnaich sin, dhfhaodamaid ainmeachadh Mac-an-Tòisich Bhòrluim a bha cho sgairteil ann an ar-a- mach nan Seumasach, 1715; Seumas Mac aPhearsain, a choisinn uimhir de chliù agus de mhì-chliù leis, mar a thuirt e-fhéin, an eadar-theangachadh, a rinn e air Bàrdachd Oisein; agus cuideachd bha Sinileir Wolfe, a fhuair ainm dha fhéin agus buaidh da rìoghachd aig Quebec, agabhail Mathamataics anns an sgoil so nuair a bha ena fhear-cuideachaidh aig Diùc Cumberland an déidh blàr fuilteach Chuil-lodair.

Bha, mar sin, freumaichean na sgoilearachd air greim linntean a ghabhail an Inbhirnis, ach bha an t-ochdamh linn deug gu bhith amach mus do thòisich iad ri sgiabadh agus ri beathachadh bhlàth rud-eigin coltach ris nas aithne dhuinn an diugh. Be acheart bhliadhna, 1787. A réir coltais, bha anns abhaile fiùghalaich— ’nam measg bha Mac an Tòisich, MacShimidh, Mac Mhic Alasdair agus daoine mór eilenach robh idir idir làn riaraichte gu robh cothrom na Féinne aig òigridh na Gaidhealtachd gu feum sgoilearachd a dheanamh de na tàlantan breithneachaidh agus na buadhan foghainnteach a bhuilich nàdur orra. Chruinnich iadsan an ceann a chéile, thug iad ruith air cùisean, agus, an deireadh an latha, leig iad ris gu neo-sgàthach an comh-dhùnadh: gum biodh e ion-mhiannaichte feumail, chan ann a mhàin do bhaile Inbhirnis agus don t-Siorrachd ach eadhon don Airde-tuath air fad, nan deidheadh Acadamaidh a thogail sabhaile. “Sgoil far am bitheadh balaich uasal na Gaidhealtachd air an oileanachadh,” mar a thuirt iad fhéin. Bàrd an rùn agus bairidh an iarraidh. Gu , cha dean coplaich bruidhinn idir togalachbha £4 ,000 a dhìth orra agus cha bu bheag e an diugh fhéin gun luaidh idir air an ud. Ach, nach fìreannach an seanfhacal: “Far am bi toil, bithidh gnìomh”? Chaidh na seòid gu fuaim. Chuir iad comunn ri chéile, agus cha bfhada gus an robh fios aig Gaidheil ann an ceithir rannan ruadha an domhain mar a bha cùisean aig baile.

Chaidh am fios amach gun robh cor an fhoghluim anns an àirde tuath am feum cobhairgun robh feum do-labhairt air Acadamaidh far am faigheadh an òigridh ionnsachadh cho math agus a bha adolagus gum be Inbhirnis an t-àite bu fhreagarraiche agus bu ghoireasaiche airson togalach den t-seòrsa. Seach nach burrainn do bhaile Inbhirnis na bha sud de airgead a thogail, bha cothrom a nis air a thoirt do gach mac màthar aig an robh dàimh ris aGhaidhealtachd a làmh a churna phòcaid agus an cuideachadh a bfheàrr a burrainn e a thoirt don aobhar.

Cha be tadhal gum bhanacharaid a bha aig achuireadh. Ann am beagan is bliadhna, chaidh còrr air £6 ,000 a chruinneachadh, agus



[209]

[Dealbh]
Is e Alasdair fhein a tha air ceann earrainn na Gaidhlige ann an Acadamaidh an diugh.

ann an 1792 bha an Acadamaidh so an àirde. Is ann air an t-Sràid Uir, ris an canar an diughSràid an Acadamaidha bha an togalach, far a bheil Tigh-Bìdh Burnett an diugh, agus chithear beagan den t-seann làrach an sin fhathast. An ath-bhliadhna chuir ùghdarras an rìgh seula air an obair, agus tha an sgoil rìoghail an ainm agus an urram bhon sin gus an diugh. Bann airson na Gaidhealtachd gu h-iomlan a bha an sgoil so, agus is iomadh òganach aig nach robh móran de imlich na spàine sachlachan a chuir i air a chasan, afosgladh dhaibh-san chothroman a chuir iad fhéin le tùr, tuisge, deagh cheann agus mór dhìchioll, gu fìor bhuil. Agus cha robh sin gun chliù dhaibh féin, don daoine, agus don sgoil a dhoilein iad, ann an iomadach ceàrnaidh den t-saoghal.

Cha robh caileagan idir anns an sgoil so an toiseach, ach fhuair iasdan cothrom a thighinn innte uair-eigin mu mheadhon na naoidheamh linne deug agus tha balaich is nighneagan astrì ri chéile a nis innte.

Bheir sinn a nis sùil mhionaideach air obair na sgoile so san ud agus chì sinn nach bann da-rìribhnan cadal a bha na balaich. Bha cagnadh gu leòir mun coinneamh mus cnàmhadh iad na bha air a thairsge dhaibh. Bha ceann abhùird, mar gum beadh, mar thà aig aBheurla, agus bha eadhon Sasunnach fhéin gu bhithga teagaisg. ’S e tòrr a bha so, tha e glé choltach bhon eubhach a bha air!

Bha cuideachd air achlàr, Laidionn, Greugais, Fraingis, Sgrìobhadh, Cùnntas, Dòigh chumail leabhraichean, Mathamataics, Sgiobaireachd, Gunnaireachd, Tomhais de gach seòrsa, Eachdraidh, Feallsanachd, Speuradaireachd, agus beagan de gach seòrsa eòlais eile air an dfhuair mac an duine greim. Ach aGhàidhlig? —och, ochan, cha robh fiù agus faighneachd oirre an toiseach. Ma bha ùir dhubh Chuil-lodair, eadhon fhathast fliuch drùidhte le fuil nan laoch dam bu dual aGhàidhlig a bhruidhinn gu pongail fileanta agus a cliù a dhìon bho thàir an fhòirneirt, ag osnaich leis an ùr-thamailt so, cha robh cluasan càirdeil air ghleusadh gu éisdeachd sabhaile. Nach be an dìol e air cànain na Gaidhealtachd? Ach ged a bha càirdean abhailenan tosd, cha do dhfhàg sin bratach na Gàidhlige gu turna sìneadh, agus cha bfhada gus an do dhainmicheadh gun robh Comunn Gaidhealach Lunnainnar beannachd acaatagradh



[210]

a còrachagus beaganna dhéidh sin, gum biodh aGhàidhlig, mar bu chòir dhi, atogail a h-àite am measg chuspairean teagaisg na sgoile. Tha i an sin fhathast, agus cha mhisde an sgoil pioc e.

Mas fhàg sinn eachdraidh an Acadamaidh Rìoghail anns na làithean bho chian ud, chì sinn ainm eile, cuideachd, as am bu chòir do na Gaidheil ainmeil ud, Eóghan MacLachlainn a chuir uiread de mheas is de urram air ar cainnt is air ar litreachas. Bha fear-teagaisg Laidinn agus Greugais a dhìth air an sgoil aig an àm, agus chuir esan asteach air a shon. ’S e Mac Mhic Alasdair Ghlinngaraidh an tac a bfheàrr a bhaige airson an t-àite fhaighinn, agus, gu dearbh, bha esan cho mór leis agus gun mhaoidh e gun deanadh e fhéin agus a dhaoine dìreach air Inbhirnis agus gun deanadh iad smùr dheth mur faigheadh MacLachlainn an inbhe a bha asireadh!

Thig sinn a nis gu Acadamaidh Rìoghail an n diugh; ’s ann an 1895 a chuireadh an togalach so an àirde, air mullach achnuic, agus fairichidh tu òirdhearcas na h-aoisega chuartachadh agus ena pìos air phìos a chur ris bhon uair sinoisean airson ealdhain agus fiosrachadh dhùilean(science)ann an 1912, agus oisean eile air leth air acheann eile airson na cloinne bige ann an 1926. Feumaidh sinn, cuideachd, cumailnar cuimhne gun robh a h-uile balach agus caileag a bha atighinn don Acadamaidh sna laithean ud apàidheadh airson am foghluim agus an oileanachaidh, agus faodar a thuigsinn, acur meas air achothrom da réir. Ach chuir Achd an Fhoghluim 1918, as do phàidheadh, anns na sreathan bhos cionn na trìtheamh bliadhna, agus chuir Achd 1946 as gu buileach dha ann an Ard-Sgoil.

An diugh, tha suas ri ochd ceud anns an sgoil uile gu léir, agus tha timcheall air an t-sia ceud dhiubh sin san àrd-sgoil. Thainig amhór-chuid dhiubh sin asteach a òg-sgoiltean abhaile agus timcheall; tha deuchainnean aca ri shuidhe an sin nuair a tha iad mu dhà-dheug, agus ma tha gach cunntas aca sin agus gach teisteanas sgoile eile acumail amach leth-ghealltanais gun toir iad deagh fheum as an t-seòrsa sgoilearachd agus oileanachaidh a tha àrd-sgoil mar so acur fa chomhair chloinne, tha an cothrom sin air a thoirt dhaibh. An sin tha sia bliadhna rompa san sgoil ag ionnsachadh chànanan, eachdraidh, cunntais, eòlais-dùthcha, fiosrachadh dhùilean, agus gach eòlais eile a thàtar a nis asmaoineachadh feumail do inntin agus do chorp an duinena fhàs gu coimhliontachd. Tha Ard-dheuchainnean na rìoghachd san amharc aca mus fàg iad, agus ma shoirbhicheas leotha an sin, faodar stiùireadh air oil-thigh na thaobh sam bith eile a tha am miann fhéin agus am faireachduinneangan tarruing.

Chan eil barrarchd air an da fhichead aig a bheil aGhàidhlig; tha iad sin as na Hearadh, Scalpaidh, Uibhist agus Barraidh agus mu dhithis na triùir aig am beil an dachaidh a nis air tir-mór, ach a fhuair am bainne am measg fàile cùbhraidh an fhraoich. Gu bitheanta, tha amhór-chuid de na sgoilearan sin afuireach ann an sgoiltean nan Eileanan aca fhéin gus a bheil iad astreap ris an t-sia-deug, agus atighinn chun na ceathramh bliadhna san Acadamaidh, ach



[211]

[Dealbh]
Domhnall I. MacDhomhnaill

bithidh corra dhuine atighinn eadhon air achiad bhliadhna. Is e fìor bheagan gu dearbh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlige gun eòlas idir a bhith aca oirre mar chànain mhàthaireil, agus bu mhór am beud, ach chan eil e cho furasda ri sin sean fhreumhaichean achleachdaidh a reubadh a bith, ged nach biodh cnap-starra sam bith eile san t-slighe ach sin fhéin.

Ma bheir sinn sùil air feadhainn de na maighstirean sgoile a chuir meas agus urram air an togalaich dhreachmhoir so, chì sinn fìor charaid eile don Ghàidhealtachd air ceann na sgoile bho 1895 to 1908be sin Mgr. U. I. MacBhàtar. Nach mór a rinn esan airson na Gàidhlige agus airsonsgoilearan agus sgoilearachd, gu h-àraid an déidh dha a dholna àrd-ollamh a dhOil-thigh Dhuinéideann? Is iomadh òganach a chuir esan air a chasan, agus, cuideachd, is iomadh balach eile a dhfhalbh as an sgoil bhonuair sin, a ràinig inbhe ro-àrd ann an iomadh ceàrnaidhean na talmhainnann an oilthighean, colaistean, sgoiltean, eaglaisean, leabhar-lann, sgrìobhadh, saighdearachd tha iad anochdadh gu glan soilleir an tùr a rugadh annta agus am foghlum a thug an sgoil dhaibh. Chan eil math an ainmeachadh uile, oir bhiodh an t-sreath cho fada ri do ghàirdean, agus dhfhàgte cuid-eigin as, ach, far a bheil iad tha an sgoil acur fàilte orra, air an son fhéin agus airson an urraim a chuir iad air a ballaichean.

S e Sgiathanach urramach, Domhnull Greum nach maireann, a Uige, a bha air ceann na Gàidhlige san sgoil gus an do chaochail e mu chóig bliadhna air ais. Bha e fhéin tuisgseach tonaisgeil, agus ciùin carthannachna dhòighean, agus is iomadh oileanach aig a bheil cuimhne chùbhraidh bhlàth air cho bàidheil coibhneil agus a choinnich e riutha air an t-slighe troimhn sgoil.

Tha sinn toilichte, cuideachd, a ràdh gu bheil aGhàidhlig againn air ceann na sgoile an diùgh, oir is ann a Loch Carran a tha Maighstir MacDhòmhnaill, agus tha làn a chinn aige-san dhith. An a shuidhicheadh esanna cheann air an sgoil bho chionn còrr is deich bliadhna is ann saGhàidhlig, tha e coltach, a dhaingnicheadh na cùmhnantan, agus nach bu mhóragus airidhan e an eachdraidh na sgoile a bhith acluinntinn mac-talla an t-seana chànain asiubhal gu binn bàidheil am measg nan sparran agus neo-air-thaing do na chumadh as i? Gum fada mhaireas i mar sin.

titleAcadamaidh Rioghail Inbhir Nis
writersAlexander John MacAskill
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Alasdair Iain MacAsgaill in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page