Seann Sgeul a Uibhist
BHO DHOMHNALL IAIN DOMHNALLACH
’SE MacMhuirich a b’ oide do dh’Anna, nighean Mhic ’ic Ailein, agus bha i air a togail astigh aige fhéin ann an Staoiligearraidh, bho a bha i ’na pàisde gus a tainig i gu ìre boireannaich. Agus là de na lathaichean thug i tarruing air gu fac i aislig as a cadal.
“Seadh,” ars a h-oide rithe, “gu dé an aislig a chunnaic thu?”
“Chunnaic,” ars ise, “mi bhith muigh anns a’ mhadainn, agus mi a’ cluinntinn na cuthaig agus gun bhiadh ’nam bhroinn.”
“O matà,” ars a h-oide rithe, “cha bhi thu ann an tigh MhicMhuirich nuair a thachras sin.” Agus ’s e an rud a rinn e, chuir e mach an tochradh dhi anns a’ mhionaid—seachd mairt dheug agus tarbh—agus dh’fhalbh e dhachaidh leatha gu ruig Ormicleit gu h-athair, agus iad ag iomain na spréidhe rompa.
Chunnaic iad bho’n chaisteal an Ormicleit an tàin chruidh a bha suas an tràigh bhàn, agus fireannach is boireannach as an deaghaidh. Nuair a theann iad na b’fhaisge orra, dh’aithnich iad có bh’ann. “O a Rìgh shaoghail,” arsa Mac ’ic Ailein, “gu dé rinn Anna mo nighean ceàrr air a h-oide, nuair a tha i fhéin is e fhéin a’ tighinn an so, agus a tochradh leatha.”
Co-dhiùbh, nuair a ràinig MacMhuirich is a dhalta Ormicleit, dh’fhaighneachd Mac ’ic Ailein gu dé a rinn Anna ceàrr. Thuirt MacMhuirich nach do rinn a nighean dad ceàrr ach gu robh toil aice tilleadh dhachaidh. A nis, anns an àm a bha sin bha e ’na chleachdadh ann an Uibhist cruinneachadh a bhith aca air an deireadh chròthaidh, agus a’ cheart bhliadhna bha so bha cruinneachadh aca ann an Ormicleit nuair a bha am bàrr air fhaighinn dhachaidh.
A nis, air greis dhe’n oidhche, mar gum biodh an deoch air fàs beag air a’ chruinneachadh, chuir a’ bhan-tighearna amach a nighean, Anna, as an tigh anns a robh a’ chuirm, dha’n tigh-mhór a dh’iarraidh tuilleadh dibhe. Nuair a thill a nighean astigh, is an deoch aice, bha blàth caoinidh oirre. Dh’fhoighneachd a màthair dhi gu dé a bh’oirre. Thuirt a nighean gun do thuit i bhon a chaidh i mach, ann an tòrr shligean, is gun do ghearradh a glùin.
“O gu dearbh,” ars a màthair, “dh’aithnich mi air sùil Fhearchair ’ic Alasdair gun robh rud-eigin ’na bheachd.” Agus chùm i beachd air an oidhche bh’ann, agus trì ràithean bho’n oidhche sin bha pàisde gille aig nighean Mhic ’ic Ailein, agus thug i suas Fearchar Mac Alasdair, an gréidhear, ’na athair dha. Cha robh dad an uair sin ach breith air agus a chur ann an daingnich agus glas-làmh air.
Bha Fearchar Mac Alasdair ann a sin anns a’ phrìosan. Bhiodh fear daonnan a’ dol g’a ionnsaigh le biadh, agus là dhe na lathaichean, dh’iarr am prìosanach air, nuair a dh’fhalbhadh e an oidhche sin, dorus a’ phrìosain fhàgail fosgailte. Rinn an duine sin, agus fhuair am prìosanach mu sgaoil an oidhche sin. Dh’fhalbh e agus ràinig e a’ chlisneach aig crìoch Staoinibrig, agus thòisich e ri suathadh na glas-làmh a bh’air a làmhan ris a’ chlisnich gus na dh’fhuasgail e an taraig a bha ’ga ceangal, a chionn fhuaradh an taraig aig taobh na clisnich beagan ùine ’na dheaghaidh sin.
Thug am prìosanach aghaidh air a’ bheinn, agus ràinig e bàgh na Hann aig bun Loch Aoineart agus fios aige gum faigheadh e bàta ann a sin a bheireadh gu tir-mór e. Chaidh e do thigh an fhir a bha còmhnaidh anns na Hann, agus chaidh gabhail aige glé mhath ann, a chionn dh’aithnich iad gu math có bh’aca agus gur h-ann air theicheadh a bha e. Chuireadh biadh g’a ionnsaigh chun a’ bhùird, agus bha e fhéin is fear-an-tighe ’s a bhean a’ bruidhinn ’s a’ seanachas agus iad a’ gabhail am bithidh. Dh’éirich an so fear-an-tighe amach as an tigh, agus bha am fear a bha aig a bhiadh astigh a’ gabhail fadachd nach robh e a’ tilleadh. Agus a thaobh ’s gu robh droch amharas aig air, dh’éirich e fhéin amach agus ghabh e sìos chun a’ chladaich is sheall e air a sgothaidh agus bha clach air a cur troimh ’n ùrlar aice. Anns a’ mhionaid thuig e mar a bhà, gur e fear-an-tighe a rinn so, agus gu robh e a nis air a rathad gu Ormicleit gus esan a bhrath. Dh’fhalbh e ’s chuir e aghaidh air a’ bhaile as deaghaidh an fhir a dh’fhalbh, agus rug e air astigh pìos a rathad, agus mharbh e air a’ bhad e. Thilg e an uair sin an corp aige do dh’abhainn a bha faisge, agus cha d’fhuaras riamh corp an duine sin gus an d’fhuaradh na cnàmhan an ath bhliadhna, anns an abhainn. Agus theirear Abhainn nan Cnàmh ris an abhainn sin chun an là-an-diugh. Thill am prìosanach an uair sin dha na Hann. Fhuair e ceaba agus bhuainn e sgrath réisg, agus chàraich e air ùrlar na sgothadh i air uachdar an tuill. Chuir e calcadh air chor-eigin fòidhpe, agus dh’ fhalbh e leatha. Chualas as a dheaghaidh sin gun do ràinig e tir-mór gu sàbhailte.
Ach co-dhiùbh, ann an Uibhist, dh’fhàs a mhac suas ’na dhuine mór sgairteil agus ’s e Raoghall a bha mar ainm air. Nuair a thainig e gu ìre duine thug a sheanair dha Staoinibrig, agus rinn so uachdaran dheth air baile fearainn. Goirid as a dheaghaidh so thainig bàta anns a robh luchd dibhe do’n fhadhail, agus bha iad a’ cur air tìr nan togsaidean ’s ’gan cur ann an tigh-stòir air a’ chidhe. Chaidh a nis geall a chur amach, duine sam bith a chuireadh suas an togsaid air an staidhre le cheann, gun a làmh a chur ’na còir, gum faigheadh e an togsaid dha fhéin. Bha toil aig gu leòir fiachainn, ach cha robh a mhisneach aca, ach co-dhiùbh dh’fhiach Raoghall, mac nighean Mhic ’ic Ailein. Dh’fhalbh e leis an togsaid, ’ga putadh suas an staidhre le neart a chinn, agus an uair a bha e gus a bhith aig a’ mhullach leatha, shleamhnaich a chas bhuaithe le alltrapadh air choreigin agus thill an togsaid air ais, agus gu mì-fhortanach phronn i an ceann aige. Bha ionndrainn mhór air Raoghall as a dheaghaidh sin, agus ’s ann an uair sin a thainig e fa-near dha ’n fheadhainn dha ’m buineadh e briathran a thuirt seann duine bh’anns an nàbachd là ’s e air thighinn dh’an tigh aig Mac ’ic Ailein ’s Raoghall ’s e ’na phàisde beag anns a’ chreathail. Sheas an seann duine os cionn a’ phàise ’s e ’g amharc air. Chuir e a làmh air a cheann, agus ars esan, “ ’S cruaidh cruaidh leam an tinn a theid air a’ cheann bheag bhàn sin fhathast.” “Gu dé,” arsa Mac ’ic Ailein, “an tinn a tha thu a’ faicinn a dh’ionnsaigh an leanaibh?” “O chan eil” ars an seann duine, “ach tha mi cinnteach nach bi mise neo sibhse beò gus sin fhaicinn a’ tachairt.” Agus ’s ann nuair a chaidh Raoghall a mharbhadh a thainig an fhàthachd a rinneadh dha ’na leanabh beag fa-near dha na daoine. Agus chaidh òran tiamhaidh muladach a dheanamh dhà as deidh a bhàis.
title | Seann Sgeul a Uibhist |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain Dòmhnallach in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |