Troimh Shùil na Camara
B’E An t-Athair Urramach Iain Moireasdan a b’àirde rinn sgal an aghaidh rocaidean Uibhist. Co-dhiùbh a tha duine leis no ’na aghaidh—agus nochd sinn anns an àireamh mu dheireadh có an taobh air a bheil Gairm—chan eil neach nach mol daigneachd an t-Sagairt. So shuas an eaglais aige—Eaglais Aird-Choinnich—agus an uair a chunnaic sinn an dealbh, shaoil leinn gum bu toigh le feadhainn a faicinn agus beagan a chluinntinn mu na tha ìnnte.
Thogadh an dealbh aig àm Nollaige, mar a thuigeas duine bho’n chreathail air an làimh-chlì. Tha a’ chreathal so air a togail a h-uile bliadhna le buill de’n choimhthional, agus tha i a’ seasamh anns an Eaglais bho là Nollaige gu ochd là an déidh Féill an Taisbeanaidh. Tha a’ chùbaid air a snaigheadh a taoic, agus ghibhteadh i do dh’Ard Eaglais an Obain le Marcus Bhòid bho chionn leth-cheud bliadhna; bha Mgr. Moireasdan a’ searmonachadh ìnnte fad shia bliadhna anns an Oban, agus an uair a chaidh crìoch a chur air an Ard Eaglais ùir, lean a’ chùbaid do Uibhist e. Chaidh an t-altair a shnaigheadh le saor Uibhistech an uair a chaidh an Eaglais fhéin a thogail—bho chionn 127 bliadhna! —agus chunnacas am Pàilliun agus na Coinnlearan an toiseach anns a’ Chaibeal Chaitligeach a bha anns an Fhéill Mhóir am Bellahouston ann an 1937.
Tionndaidhibh a nise an duilleag, ach chì sibh dealbh eile a Uibhist . . . .
[Sanas]
[Dealbh]
AM bliadhna, air son na ciad uair, thug Comunn Chloinn Dòmhnaill Cuach Airgid mar dhuais pìobaireachd do Chomunn nan Lùth-chleasan ann an Uibhist-a- Deas. ’S i an duais Cuach Fhionnghail NicDhòmhnaill, agus chumadh a’ chiad cho-fharpuis air a son air an 26mh latha de’n Fhaoilteach. Chan fhaod an duais a dhol gu duine nach buin do dh’Uibhist fhéin, agus, am bliadhna choisneadh i le Uilleam Walker a Dalabrog a bha ’na shaighdear fad a’ chogaidh ann an Réiseamaid MhicShimi. Anns an dealbh so, chì sibh Uilleam a’ faotainn na Cuaiche bho Cheann-suidhe Comunn nan Lùth-chleasan—Fionnlagh MacCoinnich. ’Na sheasamh air a chùl, chì sibh Fear Cathrach nan Lùth-chleasan—Maidsear Alastair Camshron.
Seallaibh a nise air an duilleig so thall . . . .
Thogadh na dealbhannan so le deagh charaid do Ghairm, agus an uair a thug e dhuinn iad, thubhairt e gun toireadh e leabhar eireachdail mar dhuais do’n chiad duine a sgrìobhadh thugainn agus a dh’innseadh dhuinn càite a bheil na dealbhannan air an togail. Ainmean nan sràidean ann an Gàidhlig! Mu’n d’thuirt a’ chailleach Sgiathanach— “An dean sibh stem orra?” Ma nì, sgrìobhaibh thugainn gu 227Bath Street,Glaschu, C.2.
[Sanas]
[Dealbhan]
title | Troimh Shùil na Camara |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 15 |