[261]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

BHO chian nan cian be glaodh nam boireannach nach robh fàth aca iad fhéin a dhearbhadh. Chan fhaodar a chleith gu bheil cothrom nan cothrom aig sam bith a thogras an diugh ann an ceàird no dreuchdgu tric le pàidheadh firagus cha mhotha dhfhaodar àicheadh gu bheil móran acleith nan cothroman. Gun teagamh cluinnear mu thè an suds an so a tha mach as aghréighach gu minig chan eil cho ògs a bhà i. Tha fada cus co-ionnanachdnar measg.

Mu roinn bhig de mhnathan na dùthcha, ged thà, thatar agleachd gu dìblidh an dràsda. Is ainmig a chualas gu robh na sgoiltean air an cumail adol idir gu bho chionn ghoirid. Ged is cudthromach argumaid nam fear, tha aon ionad anns a bheil na mnathan os cionn prìsna sgoiltean. Nach ann an làmhan bean-teagaisg a thòisich sinn uile, agus a thogas ionad fiùghail, ge be cho fiosrach ealanta e, mur eil abhunait daingeann? ’S cinnteach gur làn thìde dhuinn ar sùilean fhuasgladh: gu bheil an t-àm air caochladh nuair a bha rudeigin tàireil co-cheangailte ri dreuchd na ban-mhaighstir sgoile. Cha do dhéirich an Ròimh an aon , agus chan ann clisg a thilgeas sinn dhinn cleachdadh linntean, ach is aobhar iomagain teircead luchd-teagaisg earbsailnar cuid sgoiltean.

Gu , matà, an seòrsa boireannaich a gheibhear aig ceart mullach na dreuchd so, a tha atogail uimhear de dheasbaireachd? Tha May Andrews, O.B. E., M.A. , ’na h-àrd cheann air an sgoil mhóir chaileag a stéidhich Seumas Gillespie an Dun-éideann.

Bi achiad bhoireannach air an do chuir Dun-éideann an t-urram so. Chuir aBhàn-righ urram eile oirre bho chionn còrr agus bliadhna airson a h-oibreach am measg na h-òigridh. Thoiribh sùil air a dealbh agus chì sibh nach ann a mhàinna dreuchd a tha i sònraichte ach mar bhoireannach cuideachd. Chì sibh gnùis chiùin, shubhach, làn den tuigses den ghliocas a threòraich ceudan chaileagan thar stairsnich an slighe troimhn t-saoghal, làn den choibhneas nach eil bog no fann nuair dhfheumar achmhasan a thoirt. Rugadh i an Dun-dèagh le gìbhtean anabarrach sgoilearachd agus comas riaghlaidh air lethach

[Dealbh]



[262]

chan e sin gu léir a thaga comharrachadh. Is iomadh a rugadh le mór bhuadhan, ach nach tric a chailleas iad cuimhne air gur h-e boireannaich a tha annta.

Nuair a dhfheòraich mi do Mhay Andrews mu a smuaintean agus i nis aig crìch aon turuis, oir tha i aleigeil dhith a h-uallach mór san earrach so, fhreagair i as abhad, “Fhuair mi mór-shonas agus deagh shàsachadhnam obair an còmhnuidh.” ’S e a prìomh òrdugh don luchd-teagaisg a tha fòidhpe iad ionnsachadh do na caileagan gu feum iad oibreachadh le dìchioll daonnan. Is e a creud innseadh dhaibh bho àm gu h-àm gun an aire a bhith air gu abhuannachd a gheibh iad as an saothar, ach le an uile chridhe air meud nas urrainn dhaibh a churs a thoirt do an saothair. Cha do choinnich May Andrewsna beatha riamh, agus shiubhail i earrann mhath den t-saoghal mhór, beag meas no dìth spéis air sgàth i bhithna bean-teagaisgcha robh i acoimhead air an son. Chòrd a beatha rithe agus tha i a nis asgur mus fhàs i car sgìth, is atogail oirre gu New Zealand, far a bheil in dùil òraidean a thoirt do chuid de na comunnan Albannach, agus tha Gairm adolna cois. Fad a beatha be a mór-thlachd an òigridh, agus chuir i a h-eiseamplair àrd fhéin rompa daonnan. Tha tàbhachdna pearsa maille ri sèimheachd; chan eil i asàthadh a cuid foghluim sìos damhaich, agus, a chàirdean, nach àluinn a brat. Chan fhaicear i gun a bhith banail, taitneach fasanta.

Tha i làn chinnteach gu soirbhicheadh aGhàidhlig gu math san sgoil mhóir; bu chaomh leatha bhith air tòiseachadh oirre san sgoil mus do leig i suas a dreuchd fhéin, aguss e a comhairle sinn strì a dhèanamh gus am faigh sinn i.

[Dealbh]

CHAITH mi greiseag eile còmhla ri ban-Albannach eileF. Marian Nic-Nèill. So agaibh a tha tuigseach, foghluimte, le brod na giùlain, air nach eil a h-earrann mhath de lasantachd macmeanmach aGhaidheil a dhìth. Tha an chuid aice-se, mór thlachd anns na làithean a dhaom, agus eòlas farsaing air an -an-diugh, “Saoileam,” thuirt i, “gur h-ann asaothrachadh as leth na h-Alba bha mi riamh.”

Seachdain roimhe so bha i air tilleadh dhachaidh a Inbhir-nis, far an robh ina ban-chomhairlich do luchd-oibreach Walt Disney agus iad adeanamh film de Oidhche Shamhna anns na seann làithean. Chan eil neach san dùthaich dan aithne barrachd mu sheann mhodhannan na i, agus tha i tranggan sgrìobhadh an leabhar mór a chumas cunntas gu bràth air iomadh nòs



[263]

[Dealbh]
Adeanamh film de Oidhche Shamhna

àraid agus beul-aithris. Chan e sin a-mhàinanns an leabhar dan ainmAn Cidsin Albannachsgrìobh i dhuinn gu ciatach an t-uabhas de dhòighean fuine agus deasachaidh lòin a thional i air feadh na tìre.

Nighean ministeir, aon de theaghlach mór, rugadh Marian ann an Arcaibh, agus ged nach robh an sporan tric cho làns bu toigh leotha, bha pailteas ciùil, leughaidh agus brod achòmhraidh daonnan mu a timcheall. ’S iomadh ceann a chaidh a chrathadh nuair a chaidh clann amhinisteir do sgoilmhóir san Roinn Eòrpa, ach thill Marian do Oilthigh Ghlaschu. ’S iomadach ceàrnaidh a thadhail i air feadh an t-saoghail, agus fad na tìde bha i tional sgeul, nòs agus rann.

Tha còrr air ceud crònan, móran dhiubh saGhàidhlig, aice nis, agus bidh dùil againn am faicinn an clò cho math ri leabhar eile an athghoirid. Is mór a gràdh air aGhàidhlig, ged nach eil i aice cho maths bu toigh leatha. Bha làn a chlaiginn aig a h-athair dhith; ach, mar is tric a thachras, nuair nach eil i aig amhàthair, no ma tha i lapach, beag diù dhith, cha do thog achlann i, agus is mór am beud nach ann anns aGhàidhlig a tha Marian asgrìobhadh dhuinn. “Chaill mise luachmhor thar prìs bho nach do thòisich mi air aGhàidhlignam òigears ise. “Cha bu chòir do neach a bheir ùidhe air gnathasan na h-Alba a thuigsinn, a bhith gun Ghàidhlig.”

Co-dhiùbh no co aca, bu chòir dhuinn a bhith làn toileachais gu bheil eachdraidh nam féisdeans nan dòighean aosda ann an làmhan cho comasach, an urra ri tha cho beò, gramail, glan-fhradharcach. Ars ise ann an dealachadh, “Cha ghabh mi aig àm sam bith, ’s cha do ghabh a riamh, iomradh mar fhìrinn.”



[264]

[Dealbh]

ABhanais Oiragus nuair a tha an dithis cho ainmeil ri Sir Compton MacCoinnich agus a bhean uasal, saoileam gu las sùilean nam ban buileach clisg. Bha am balachan trì ficheads a dhà dheug so anns an leabaidh agus a chasga shàrachadh am feasgar a chaidh mi a chòmhradh ris, agus is e fhéin a bha frogail meanmnach innte.

Chuir mi romham sgrìobhadh mun tigh dhuibh, ach le innse na fìrinn, cha chreid mi gun toir neach cus toidhidh do rùm sam bheil Sir Compton, is e fhéin cho sunndach tarruingeach. Tha aGhàidhlig



[265]

dlùth do a chridhe, is ged is toigh leis cumail amach nach eil i aige ach mu làimh, nuair a thuirt e dhà no trì fhacail an dràsda is a rithisd, gun fhios da, cha be blas na Beurla bhorra.

Phòs an dithis so, bho chionn lethcheud bliadhna, ann an Lunnainn, gun fhios do neachbfheudar dhaibh fear-sguabaidh na sràide a thoirt asteach don eaglais mar fhianuis. Chosd biadh na bainnse thasdan an duine, ’s am fìonna chois. Fhreagair e ri mcheisd mu shonas pòsda cho buan nach eil cumanta san àm sogu robh pailteas ri dhèanamh aca le chéile an còmhnuidh, gun chleachd iad an tonaisg, ’s nach do dhfhàg an dàrna neach an neach eile air chùl. Tha a bhean i fhéin tàlantach, ealanta air deilbh a dhreach-dhathadh, deas air aphiàno a chluiche, sgileil air gràbhaladh, agus tha greis mhath bho thòisich i fhéin acur leabhraichean an clò. Cha robh i, mar sin, an sgàil a companaich, achna leth-bhreac dha.

Cha ruig mise a leas iomradh idir a thoirt air mór-oibrichean Shir Compton fhéintha iad iomraiteach agus bithidh. ’S ann a chaidh mise choimhead an duine uasail sofìor charaid na Gàidhligeair sgàth aithris co ris a bha e coltachna dhachaidh. Be sin an dachaidh bhòidheach, stàiteil, làn dhealbh agus àirneis phrìseilbha litrichean Greugais an dath òir suas taobhan na staidhre. Chan eil e furasda tionnsgain air còrr agus ceithir mìle deug leabhar, ach sud san robh iad gu h-òrdail, réidh. ’S a leabhraichean air gach taobh, na tallain eadar sheòmar. Tha suas ris an àireamh sin de chlàir aige cuideachd, achs ann a bha an clàr ann am fear a chuir an Gramaphone thuca aig àm na bainnse òirclàr den òr as deirge dreach, ann am bocsa de thartan Chloinn Choinnich, air a bheil òraid a rinn Sir Compton don Bh.B. C.

[Sanas]



[266]

Tha cùirteinean fada de shìoda mollach (no meilmheid) anns gach rùm, gach dath eadardhealaichte mar fhreagaireadh an àirneis, uaine agus dearg mar as trice. ’S ann an cathair àrd ghàirdeanach a tha Sir Compton asgrìobhadh daonnancathair dhearg le stòl-chas agus bòrd-sgrìobhaidh eadar an ghàirdean. Tha e air grunn dhiubh a chaitheamhna . Chan eil bodach saGhaidhealtachd nach fhaodadh ceò a thogail ceart comhladh leis na tha de phìoban tombaca an sud. Anns an leabaidh, ’s amachs asteach, bha trì cait Siamese cho bòidheach pròiseils a chunnaic mi riamhcreutairean uallach, mór-chuiseach a thanns na cait so, agus is iad a dhfhaodas le bian mar shìoda.

Chuir Sir Compton blàth bheannachd thugaibh uile, agus dhfhàg e mise co-dhiùbh làn iongantais agus irisleachd. Bha fearas-chuideachd an so— “Bu chòirdeir e, “Ministear Diùltaidh a bhith saPhàrlamaid. ’S ann a chuireadh esan fàilte chridheil air ceistean dreamasach.” Tha cuimhne chumhachdach aige, ’s chan eil samhla guth sam bith nach cuir e air. Tha a inntinn geur nimheil, àbhachd nas sradagaiche is a chridhe nas òigeil na móran den òigridh.

Ghabh mi cupan tea maille ris. Cha robh spaidealachd no pròis an so, cha robh àrdan no uaibhreachas. Tha sinn sealbhach gu bheil an dachaidh shònraichte sonar measg an Alba, oir innte gheibhear nithean nach fhaod Alba chaoidh a chall, aoidheachd is ceòl-gàire, cliù a tha sìmplidh.

[Sanas]

title“Gnothaich Bhoireannach”
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page