[270]

Tiriodh
Le SEUMAS MACTHOMAIS

Air an rathad a Chornaig Mór (Iain Camshron)

BHA uair a theirte Tìr Iosal an Eòrna ris an eilean-sa, agus bha an t-ainm sin fìor fhreagarrach aig an àm. Tha an tìr ìosal fhathast, móran dith nach eil leth-cheud troigh os cionn còmhnaird na mara, ach chan fhaicear raointean eòrna innte nas motha. Is iomadh luchd eathair de choirce is eòrna a thug manaich I Chaluim Chillenan latha fhéin as an eilean, agus nach liutha balach agus caileag a dhàraicheadh air math na talmhainn on àm sin, ach tha na buailtean an diugh gu léir, ach beag, fo fheur.

S e dùthaich ghrianach a tha so. Chan eil nas grianaiche an Albainn, agus tha na machraichean daonnan ùrar, gorm. Am mìosan an t-samhraidh tha gach machair fo bhlàth, le dìtheanan iomadh dathach, ach chunnaic mi ann an eileanan fad tuath air Tiriodh cluaintean a bheireadh bàrr air ann an dreach achulaidh ged nach math leis na Tirisdich sin a chluinntinn no aideachadh.

Tha an samhradh fionnar mar as trice, agus chan eil fuachd geamhraidh ri cur dragh air duine. ’S ann ainneamh a tha reodhadh atadhal an àite agus nas ro ainneamh na sin a thig an sneachda. A chionn nach eil beanntan àrda anns an eilean, ged a tha trì cnuic anns acheann a deas aige air an sloinneadh mar gun robh iad àrd uair-eigin, tha na neòil, nuair a thig tarsuing aChuain a Siar, asiubhal seachad air Tiriodh mar nach biodh iadga fhaicinn, agus adòrtadh an tuiltean air Muile agus air Tir-Mór.



[271]

Ma tha thu airson Tiriodh fhaicinn ann an sàmhchair, bheirinn achomhairle ort a thadhal mu mheadhon an t-samhraidh. Ma thig na gaoithtean, agus thig iad gu cinnteach chon an fhir a dhfheitheas riutha, fuirich am broinn an tighe, no biodh acair earbsach agad. Chan eil fasgadh ann. Theagamh gur e sin an t-aobhar nach eil eadhon aon chraobh afàs o cheann gu ceann den eilean. Ach ged a shéideas gaoth agheamhraidh gu gailleannach cha sheas i fada.

S e chiad iomradh a tha againn air Tiriodh ann an eachdraidh an cùnntas a tha sgrìobhte air mar a chaidh na Cruithnich fhuadach a ceàrnaidh de Eirinn agus a chaidh iad air thigeadas do thìr an eòrna.

Nan deidh-san thainig na Lochlannaich a bha ann an seilbh air an eilean ceudan bliadhna. Tha làraich nan dùn anns an robh na Cruithnichgan dìon fhéin ri am faicinn an iomadh àite fhathast, ach dhfhàg na Lochlannaich airm shònraichte no leugan luachmhor as an deidh anns na dùin-sa mar a chunnacar an àiteachan eile.

Air do na Lochlannaich na h-Eileanan a Siar fhàgail an deidh cath na Leargaidh Ghallda anns abhliadhna 1263, fhuair Clann Dòmhnaill nan Eilean ùghdarras air Tiriodh, agus thugadh e mar shaor thiodhlac do Chlann Mhic GillEathain anns abhliadhna 1517. So fine as lìonmhoire a gheibhear anns an eilean gus an latha an diugh.

Fhuair Caimbeulaich Earraghaidheil còir air Tiriodh anns abhliadhna 1674 aguss e Iarla Earraghaidheil uachdaran an eilein fhathast.

An deidh Achd nan Croitearan thòisich an sluagh air an talamh àitich a leasachadh, agus tighean còmhnaidh freagarrach a thogail. Le an saothair fhéin, agus air an cosguis fhéin, tha dachaidhean aig

[Dealbh]
“. . . raointean de ghainneimh ghil an achlais gach bàigh.”



[272]

amhór chuid aca an diugh anns am faod iad uaill a dheanamh. Uidh air an uidh, chaidh tacannan móra a bhriseadh sìosnan croitean as an urrainn teaghlach gnìomhach an teachd-an-tìr a thoirt gun ghainne.

Tha àireamh an t-sluaigh ri sìor sheargadh mar a tha atachairt ann an eileanan eile na Gaidhealtachd. Anns abhliadhna 1846 be an àireamh cóig mìle. Chan eil ann an diugh ach cheud deug. Tha an òigridh adol gu tìrean céine no do na bailtean móra, agus na seann daoine air am fàgail. Tha móran den chloinn anns na sgoilean nach do rugadh riamh an Tiriodh, ach a tha air daltachas an dachaidhean an eilein. ’S i aGhàidhlig cainnt na cloinne-sa, ach chan eil am freumhan anns aGhaidhealtachd idir, agus cha bhi e soirbh fìor Ghaidheil a dheanamh de chuid aca gu bràth.

Saoilidh cuid gur e eilean iomallach a than Tiriodh, ach chan ann mar sin a thà. Tha am bàta-siubhailga ruighinn trì san t-seachdain as an Oban, agus an t-soitheach adhair a h-uile ach na Sàbaid. Ged nach toir thu ach trì cheathramh na h-uarach air sgéith eadar Glaschu agus Tiriodh, tha thufàgail aon saoghal air do chùl agus afosgladh do shùilean agus do chluasan ann an saoghal eile. Tha aghleadhraich seachad, agus sàmhchair agus fois ariaghladh. Tha ùinich abhaile mhóirna thosd, agus beòlragaich nann tonn air tràigh ghil agus ceileireadh nan eungad thàladh. Tha drip is uallach atuiteam gu làr, agus saorsa gun fhadachd alìonadh do chridhe.

Co-dhiùbhs ann mar sin a thachair dhòmhsa anns an Og-mhios a chaidhs mi air chuairt an tìr-an-àigh. An ceann ceithir deug thill mi air mais air mùrachadh agus air mo bheathachadh an corps an inntinn, acreidsinn gu bheil sochairean aig muinntir nan eilean nach ceannaichear le òr, agus sonas agus riarachadh spioraid air nach urrainnear luach a chur.

Thug mi dhachaidh leam chuimhneachan a leanas mi fad iomadh latha. An toiseach, cho toilichte is cho càirdeils a tha muinntir an eileinnam measg fhéin agus cho aoidheils a tha iad ri coigrich, agus a rithist, ath-chuimhne air raointean de ghaineimh ghil an achlais gach bàigh leis achuan trom-dhathte le dealtradh gorm is uaine asgaoileadh thairis orra. Anns an Ob air cùl an tighe anns an robh mo chéile is mise afuireach chì mi fhathast na ròin moch is anmoch asnàmhs acur nan car dhiubh mu na sgeirean dlùth air làimh, gun duine beò acur dragha orra. Chì mi Barraidh atogail a chinn os cionn aChuain a Siar, agus Uibhist is na Hearadh air fàire. Chì mi Muile nam fuar bheann àrda astar goirid air falbh, I Chaluim Chille ra thaice gu h-ìosal, agus Ruma air cùl chàich san àirde tuath.

Chan aithne dhomh dòigh as fheàrr gu bhithtoirt deablh inntinne air doigh beatha an t-sluaigh na sùil a thoirt orra troimhn uinneig. Tha bùth acheannaiche fosgailte tràth samhadainn, achs ann anmoch feasgar a chì mi an luchd ceannachd atighinn, cuid air an casan, cuid air eich-iarainn air an rathad no air an tràigh, agus cuid eilenan càraichean. Tha ùine gu leòir an Tiriodh as deidh naoidh uairean feasgar airson gnothaich a dheanamh ris acheannaiche. Tha ùine gu leòir ann airson còmhradh ri neach sam bith a thig an rathad,



[273]

[Dealbh]
Bean-an-tighe agus a mac, Calum MacGilleathain

agus gu céilidh cuimseach a dheanamh anns an ath dhorus as deidh sin.

Cha teirig naidheachd no òran math Gàidhlig gu meadhon oidhche. Ma tha seinn is seanachasnan comharraidhean air riarachas agus sonas tha an chuid gun sòradh an Tiriodh. Agus chan e an òigridhnan aonar a tha toigheach air òrain ach na braisichean agus na seann daoine mar an ceudna. Cha robh duine annns achuideachd air a bheil mo shùil bu déidheile air seinn agus a bealanta air an obair na bean-an-tighe. Cha robh i ach ceithir ficheads a trì! Chan e gnothach dithis no teaghlaich a tha ann am banais an sud ach gnothach baile, no eilein.

Cha bhiodh eachdraidh Thiriodh coimhlionta mur a biodh iomradh air a dheanamh air am bàrr de dhaoine fiùthail a chuir e dheth fad nam bliadhnachan, gu sònraichte ministearan agus maraichean. Is aithne dhuinn cuid de na ministearan so a ràinig an cliù iomallan na rìoghachd agus nas fhaide mach. Bha na maraichean ainmeilnan latha agus feumail do chàch. Nach iad a bha dols atighinn fo sheòl eadar na h-eileanan is Tir-Mór le batharbiadh is connadh. Bha deich smacaichean fichead aon uair aseòladh o chladaichean an



[274]

eilein. Nach tric a thug iad luchd mònach a Colla agus as an Ros Mhuileach, agus nuair a sguir sin, nach iad a bhatoirt guail o dheas?

Bha port iasgaich an Tiriodh aon uair, ach chan fhaicear móran eisg atighinn gu laimrig am Baile Màirtinn an diugh. Chuir na tràlairean giorra-shaoghail air iasgach an truisgs alangainn o chionn fhada na fada.

Chan fhaca mi fàd mònach fad mo chuairt san eilean. Bha mòinega buain an cheann an eilein aon uair, ach chan eil an diugh far an robh amhòine ach creagan loma. Car ùine bha an sluagh an urra ri connadh a bha iad ag àrach an Colla agus am Muile. Chailleadh sgioba eathair barrachd air aon uair ag aiseag mònadh as an àite sin. Tha Baile Phuill an ceann a deas an eilein acumail air chuimhne gu robh riasg uaireigin anns acheàrnaidh sin, mar a tha Baile aMhuilinn anochdadh gu robh minga bhleith ann aig aon àm.

Tha e furasda siubhal eadar na bailtean on Chaolas sacheann a Tuath gu Hainis sacheann a Deas, agus o Sgairinis air an taobh an ear gu Còrnaig Mhór air an taobh an Iar. Co-dhiùbh, tha rathaidean mathagan ceangal ra chéile. Ach chan eil innealan siubhail goireasacdh don fhear turuis idir. Tha móran de na croitearan aig a bheil an càraichean fhéin, tha comharrachadh an inbhe aig a bheil iad.

Cha do dhionndrainn sinne nach robh càr againn fhéin. Rainig Mac Dhùghaill, Chòrnaig Mhóir, leinne gach cùil is cial anns an eilean air fad, agus dhinnis e dhuinn air an rathad na tha ri innseadh mu gach baile agus bàgh, mu gach cleachdadh is dòigh am measg an t-sluaigh. Ged nach e Tirisdeach a thann-san tha an t-aon choibhneasna chridhe.

Cionnas a nis a tha muinntir Thiriodh acosnadh an teachd-an-tìr? Chan eil obair ann ach obair fearainn, aguss e àrach chruaidh an obair shònraichte air a bheil na croitearan an crochadh airson am bith-beò. Tha o dheich ar fhichead gu trì fichead acair eadar talamh àitich agus talamh cùil anns gach croit. Air croit chumanta gheibh thu sia no seachd ba bhainne agus dusan no cóig deug eadar laoigh is aighean. “Cionnas,” arsa mise ri bodach sgoinneil, “a tha dol agaibh air na tha sin de bheathaichean a gheamhrachadh?” “Seall,” fhreagair e, “air na mulanan feòir sin anns an iodhlainn. Bha ochd ann deireadh an fhoghair, agus tha dhà ann fhathast. Chan eil dìth feòir an so, ma bhios an taiseachadh ann.”

Chan eil reic air bainne idir, ach tha iad abeathachadh nan laogh leis. Tha na -bhliadhnaich air an reic san Oban toiseach agheamhraidh. A thuilleadh air crodh tha caoraich bhàna air gach croit, agus tha tighinn-a- steach cuimseach an cois chlòimh is feòil chaorach. Bha uair a bha mucan acagan àrach ach leigeadh seachad iad gu buileach nuair a thuit aphrìs o chionn àireamh bhliadhnachan. Chan eil teaghlach gun chaigeann chearc airson am feumalachd fhéin.

Cho fadas a chì am fear-tadhail tha na Tirisdich gu math air an dòigh, riaraichte le an crannchur, agus neo-eisimeileach agus daonnan sona.



[275]

[Dealbh]
Abuannachadh na réis
(Dealbh le Eóghann Camshron)

[Sanasan]

titleTiriodh
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 15 %p

parent textGairm 15
<< please select a word
<< please select a page