[161]

CO-LEUGHADH

le Màiri NicAmhlaidh

Tha e air a dhearbhadh gu bheil co-leughadh air piseach a thoirt air ionnsachadh-leughaidh na cloinne. Tha seo fìor don chlann a tha nas aosda neo do chlann a tha deireannach neo don fheadhainn aig a bheil duilgheadasan cuideachd. Aon dòigh anns an obraich e gu buileach math - an uair a tha inbhich atòiseachadh air co-leughadh nuair a tha an leanabh atòiseachadh afeuchainn ri leughadh - eadar ceithir agus seachd bliadhna.

Tha co-leughadh sìmplidh - ach feumar a leantainn gu dlùth ma tha e gu bhith tarbhach. Nuair a bhitheas mi gaionnsachadhdo phàrantan tha mi ag àithne dhaibh mar a leanas.

Seo na ceumannan.

(Canaidh mieson leanaibh agusiairson a neach-teagaisgach faodaidh gur e leanabh boireann agus inbheach fireann a tha ag obair)

Ceum 1. Taghadh an leanabh an leabhar.

Ceum 2. . .. Tòisichibh aleughadh còmhla. Tha e furasda do chlann briathran ath-labhairt agus is e seo a tha tachairt an toiseach. Gach facal. Nuair a tha sibhse ag ràdha na facail tha an leanabh gan ràdha gu h-aithghearr dlùth às bhur dèidh. A h-uile facal. (Dhfhaodadh gu saoil sibh gu bheil seo neònach an toiseach ach chan fhada gum bi sibh comhfhurtail le chèile aco-leughadh. Tha e car mar gum biodh sibh aseinn còmhla. Ma tha e duilich iarr is gu faic sibh bhideo neo eisimpleir ga chleachdadh bho charaid a tha eòlach. Tha cuid de luchd-teagaisg an-diugh glè eòlach.

Ceum 3. . .. Mar a tha sibh aleughadh còmhla thig an t-àm uaireigin nuair a tha an leanabh afàs comasach agus earbs aigena chomas fhèin agus tha e ag iarraidh oirbh leigeil leis leughadh leis fhèin. Aig an àm sin tha comharradh aige a bheir e seachad dhuibh gus seo a nochdadh. ( ’S e comharradh gun bhruidhinn a tha seo - put air bhur làimh neo gnog air abhòrd, neo mar a rinn aon nighean bheag, làmh air bhur beul.) Nuair a gheibh sibh an comharradh a tha seo, fanaibh sàmhach oir is e a tha an comharràdh ag radha ribh.. ..

Leig dhomh leughadh leam fhein.”

Leig leis a dhol air adhart leis fhèin. Cumaibh gu socair còmhla ri chèile, sibhse acoimhead ris an leabhar agus esan aleughadh. .. gus an àm. ..

4. . .. nuair a thig e gu facal nach aithne dha neo ma e mearachd. . ..



[162]

Stad tiota neo dhà feuch an cuir e fhèin ceart e. .. agus an uair sin abair am facal air na thuislich e, canadh esan e gu ceart agus gabhaibh air adhart aleughadh còmhla gus an ath thuras a bheir e an comharradh dhuibh - agus fanaibh a-rithisd sàmhach.

Sin agaibh e. Cumaibh air adhart leis an dòigh a tha seo gus a bheil an leanabh ga fhaighinn fhèin comasach air an leabhar a leughadh. Nuair a tha e comasach tha sibh aig.. ..

Ceum 5. Aleantainn ga chuideachadh air facal neo dhà a tha fhathasd duilich, neo aco-leughadh an-dràsda is a-rithisd nuair a tha stuth-leughaidh nas duilich aige.

màthair neo athair, piuthar, seanair. .. duinemòrsam bith an co-leughadh. as foighidniche agus as ciùine san taigh? Uaireannan tha clann nas sine sna sgoiltean air an dòigh cuideachaidh a tha seo ionnsachadh - agus tha iad ag obair le clann aig nach eil mòran de chuideachadh san dachaigh. Tha seo acòrdadh ris an fheadhainn bheaga a tha sin agus tha dearbhadh againn gun dèan e feum.

Chan eil cabhaig neo mion-sgrùdadh anns an dòigh seo agus chan eil achlann acall misneachd mar a thachras ro thric nuair a tha leughadh air iarraidh orra is gun iad fhathasd deiseil.

Tha seachd bliadhna a-nis bho thòisich mi ag obair co-leughadh agus còig bho chrìochnaich mi achiad ionnsaigh ann a sgoiltean an Dun Eideann. Thug na thàinig à sin misneachd agus cinnt dhomh gum bfhiach cumail air adhart agus on uair sin tha ena chleachdadh agam bhithbrosnachadh agus acumail taic ri oidhirpean co-leughaidh an siuds an seo. Chan e mionnsaigh-sa buileacha bhannleis an fhìrinn inns. Thòisich mise leis na còig sgoiltean bu tric a bha mi frithealadh agus dhinnis mi dhaibh mu dheidhinn ach bhon uair sin bha e leotha fhèin anns gach sgoil agus lean iad air adhart mar a bha iad fhèin ag iarraidh. Bha sin air rèir an luchd-teagaisg a bha sàs ann, agus mar a bha iad fhèin ga fhaicinn freagarrach anns an sgoil aca fhèin.

Anns gach sgoil chaidh sgrùdadh comas-leughaidh a dhèanamh leis gach leanabh, mus do thòisich iad, agus anns achealla-deug às dèidh mhìos den ionnsaigh.

Bha coinneamh agam anns gach sgoil leis na pàrantan agus an luchd-teagaisg, mus do thòisich sinn agus aig an deireadh.

Aig achiad choinneamh nochd sinn dhaibh mar a dhèanadh iad co-leughadh agus sheall sinn bhideo dhaibh - bhideo a thàinig à Sasainn, a Kirklees, far na thòisich iad air an obair. (Bha pìos èibhinn anns an sinSeo mar NACH dèan sibh ea bha toirt gàire caran nàrach air mòran de na bha làthair - oir bha iad ag aithneachadh gu robh iad fhèin air uairean droch-nàdurrach agus -fhoighidneach leis an fheadhainn òg. Rinn aon de na sgoiltean againn fhèin bhideo a bha dìreach snasail, agus fhuair mi iasad oirre son na ceithir sgoiltean eile.



[163]

Aig achoinneimh às dèidh làimh sheall sinn an bhideo a-rithisd agus thionail sinn beachdan agus ceisdean a bha làn fiosrachaidh dhuinn. Dhionnsaich sinn bha gu feum agus rud neo dhà nach robh. Nochd an sgrùdadh a rinn sinn aig toiseach agus aig deireadh cùise gun robh achlann air adhartas a dhèanamh a bha fad air thoiseach air na shùilicheadh duine bhuapa ann an ùine cho goirid.

Tha e nis mar fhasan aig mòran de na bun-sgoiltean againn an dòigh leughaidh a tha seo a chomhairleachadh do phàrantan nuair a tha clann atòiseachadh air P1 san sgoil, agus an dràsda is a-rithisd tha iad ga ionnsachadh do phàrantan eile. Chan eil mise mar as tric ag obair còmhla riutha air seo ach bithidh mi acluinntinn ciamar a tha dol dhaibh. Seo sgeul neo dhà uapa-san.

Tha aon bhanamhaigistir-sgoile ann a rinn ionnsaigh leis achlas aice air fad an uair a bha i fhèin agabhail clas ùrachaidh anns aCholaisd. Rinn sinn bhideo còmhla den dòigh anns an sgoil agus fhads a bha sinn asàs rinn sinn bhideo de mhòran eile timcheall air an sgoil. Tha seo a-nis deiseil aig an sgoil gu pàrantan an fheadhainn òg ùr ionnsachadh. Rinn ise sgrùdadh roimh làimh agus às dèidh làimh agus bha i fhèin agus na pàrantan glè thoilicht leis. Thubhairt i fhèin gun tàinig piseach nach fhaca i riamh roimhe air achlas agus gun robh na pàrantan agus achlann fhèin inntinneach agus trang aleughadh. Tha i den bheachd gun lean an toileachas agus an ùidh ann an leabhraichean unnta le chèile. A thuilleadh air a sin choisinn i an duais a bàirde anns achlas aig aCholaisd.

Ann an sgoil eile bha an tidsear-taice alorg dòigh ùr airson an fheadhainn bu dheireannaiche a chuideachadhnan leughadh agus le cead tidsear P7 fhuair i iasad air grunnan bhon chlas sin. Dhionnsaich i an dòigh co-leughaidh gu mionaideach dhaibh agus fhuair gach aon sgoilear bho P7 leanabh bho P3 ga robh leughadh duilich. Bha iad asuidhe còmhla gach latha às dèidh àm dìnnearach as an sgoil agus aleughadhnan càraidean còmhla. Thàinig piseach air an leughadh agus air an ùidh a thaca ann an leughadh. Ach chan e iadsan a-mhàin air an tàinig piseach. Bha aon nighean bho P7, Eilidh, nach robh idir math air bruidhinn am-measg chàich. Bha i air leth socharach agus sàmhach. Chòrd an gnothaich rithe-se gu mòr agus bhruidhneadh i ris an luchd teagaisg mu dheidhinn - rud nach dèanadh i a riamh roimhe. An dèidh làimh thàinig a màthair suas don sgoil a dhfhaighneachd fo ghrian a rinn iad ri Eilidh. Bha i fada nas cinntiche agus nas earbsaiche innte fhèin agus bha a màthair a-nis mòran nas riaraichte mu dheidhinn is i dol don àrd-sgoil.

Bha balach crosd air an aon chlas P7. Bha e an còmhnaidh ri mìosdadh agus cha robh an tidsear ag iarraidh cothrom co-leughaidh thoirt dha air eagal gu milleadh e a h-uile le chleasan. Ach dhiarr



[164]

e fhèin agus fhuair e cothrom agus bha e cho dìcheallach ri duine a bhann gach latha, acuimhneachadh nuair a bha tìde co-leughadh ann, agus moiteil nuair a dhaithnich e gu robh a cho-leughadair atighinn air adhart cho math. Tha co-leughadh a-nis adol air adhart gach bliadhna le P7 agus P2 agus P3 anns an sgoil seo agus tha am maighistir-sgoile cinnteach gu bheil gach sgoilear abuannachadh.

Ach facal rabhaidh - feumar an dòigh a leantainn gu dlùth agus sùil a chumail mas tuisich luchd-leughaidh - pàrantan neo sgoilearan. Tha uirsgeul uabhasach agam a chumas sinna mo chuimhne. Ann an sgoil eile bha an tidsear-taice cuideachd air clann na bu shine a lorg agus air càraidean co-leughaidh a stèidheachadh. Ach thachair gun robh ise an uair sin tinn agus cha robh i as sgoil fad mìos. Bha dùil gun robh an co-leughadh adol air adhart gu dòigheil - gus an latha a thàinig am maighistir-sgoile a-null gu dealbh-bhideo a thogail de gach dithis. (Bha mi ag iarraidh orra seo a dhèanamh o àm gu àm - tha na dealbhan sin glè tharraingeach do phàrantan agus chan eil as fheàrr leis achloinn na iad fhèin fhaicinn air bhideo. Agus aithnichidh sinn ma tha iad nas fheàrr na bha iad air leughadh.)

Thòisich am maighstir-sgoile leis a bhideo. Bha achiad chàraid glè mhath, mar a bha dùil. Leugh an leanabh mòr agus leugh am fear beag gu ciatach còmhla ris. An uair sin chaidh e far an robh Sìne bho P7 agus Tòmas bho P3. Thòisich iad còmhla mar a chaidh an ionnsachadh ach nuair a rinn am fear beag mearachd, an àite am facal a ràdha ris agus leantainn aleughadh mar a dhionnsaich i, ’s ann a chuir ina sheasamh anns achùil e, sgrìobh i am facal air abhòrd agus dhiarr i air a lireachadh a-mach trì turais. Nach e an sean nòs a tha drùidhteach! Tha mi toilichte nach robh am maighstir-sgoile cho leamh is gun do stad e a bhideo. Chùm e air adhart agus tha fianais againn air fìor bhrochan! Tha mi toilicht gun do thog an dearbh leadaidh a bha sin ath-ionnsachadh agus bha i fhèin agus an gille beag glè dhòigheil an dèidh sin aco-leughadh anns an dòigh cheart.

Tha bhalach eile a dhaithnicheas mi ann an sgoil speisealta agus tha an dàrna fear ga robh leughadh duilich duilich ag obair còmhla ri balach sona, sìtheil a leughas beagan a bharrachd air. Tha iad acuideachadh a chèile gu mòr. Bha an dithis moiteil mun ghnothaich an uair a bha luchd teagaisg atighinn a dhfhaighneachd dhaibhsan mu dheidhinn. Bha iad asealltainn gu breàgha dhaibh ciamar a bu chòir an dòigh a leantainn.. ..

Tha cuideachd cuid de na sgoilearan a tha san t-siathamh bhadhna an àrd-sgoil adol sìos gu bun-sgoil ann an ceàrnaidh bhochd de Dhun Eideann, agus tha iadsan adèanamh feum agus agabhail ùidh anns an obair.

Tha aon ionnsaigh mhòr eile againn seachad - o chionn ghoirid far



[165]

nach robh mi achnam chuidiche agus mo dheagh bhana-charaid astiùireadh. Bha seo ann an sgoilInnerwick, shìos fo sgaile Torness niucleach. ’S e baile beag leis fhèin a thann agus fhuair sinn cothrom air an sgoil gu lèir a dhol an sàs ann. Agus am baile, eadar pàrantan is sean-phàrantan. Bha an sgoil gu ruige P6 gu lèir san ionnsaigh agus dhiarr P7 cuideachd compàirt a ghabhail. Rinn an luchd-teagaisg fhèin bhideo, chruinnich iad na pàrantan gus an ionnsachadh agus thug iad ochd seachdainean ris an ionnsaigh. Shoirbhich leotha gu h-anabarrach. Agus tha a-nis bhideo aca ri reic air seachd nota deug ag innse mar a thòisich agus mar chaidh dhaibh. Aig an deireadh tha grunnan de na pàrantan atoirt am beachd doNancy Allsoppa stiùir iad. Sgrìobh sinn mu dheidhinn sanTimes Educational Supplement (an uiridh) ma tha sibh son tuilleadh a leughadh. Bu mhòr am piseach a rinn na sgoilearan anns an mhios. Bha amhòrchuid san sgoil glè mhath air leughadh mar a bha (air thoiseach air an aois), agus rinn iad adhartas. Ach bha ochdnar anns an sgoil nach robh cho math. Bha iad sin air dheireadh air an aois - agusse seo na h-àireamhan a thug toileachas buileach dhuinn.

Na leughadairean a bha air dheireadh air an aois nuair a thòisich iad, rinn iad 12 mìosan pisich an aithneachadh agus 13 de mhìosan ann an tuigsinn.

Mar a bha am bodach eile le phòcaidean làn taing, saoilidh mise gu bheil pòcaideannam eanchainn làn chomhairlean agus sgeulachdan mun chuspair seo agus tha mi cur riutha fhathasd. An oidhche roimhe chaidh iarraidh orm bruidhinn ri buidheann a tha acuideachadh mar luchd-teagaisg le clann a tha feumach air taic a-mach às an sgoil. ’Se seo buidheann a tha dol a chuideachadh gun phàigheadh, ’nan tìde fhèin. Bha iadsan an dùil feuchainn air co-leughadh agus cluinnidh mi uapa-san an ceann greis. Bithidh sgeulachdan eilenam phòcaidean.

Cuiridh mi sìos an seo na smuaintean as feumaiche a thàinig às an obair - cuid dhiubh - agus gu ruige seo.

1. Bithibh glè chinnteach gun ionnsaichear an dòigh gu mionaideach. Tha e coimhead sìmplidh ach mar a bha anns an sgeul uabhasach a dhinnis mi, tha e furasda gu leòr a bhith ceàrr agus an àite maith thig cron às. Uaireannan tha e glè dhoirbh do phàrantan cumail ris an dòigh. Tha cus cabhaig orra agus tha iad airson gu leugh an leanabh nuair nach eil e (neo i) deiseil gu leughadh leis fhèin. Ma tha an obair an urra ribh, cùm sùil gu geur air gach càraid: coimheadaibh riutha an ceann seachdain neo cealla-deug an toiseach. Uaireannanse seanair neo seanmhair as foighidniche - neo eadhon duine an taobh a-muigh den teaghlach.
2.
3. Tha an Leabhar Leughaidh a tha aca as sgoil fhathasd ro phrìseil aig cuid de phàrantan. Leig aon den luchd-teagaisg a bha ag obair air



[166]

co-leughadh an Leabhar Leughaidh gu taobh son na sia seachdainean a bha iad aco-leughadh - ach am biodh tuilleadh tìde aig na pàrantan gu co-leughadh fheuchainn. Cha dèan i rithisd am mearachd a bha seo. Nuair a bha coinneamh againn an dèidh làimh bha pàrantan ann den bheachd gun robh i air sia seachdainean a chall don fheadhainn bheaga, agus cha robh fios an dèanadh iad suas an call a chaoidh.

3. Chan eil luchd teagaisg gu lèir cho measail air an dòigh a tha seo agus feumaidh sinn iad sin fhàgail, an dòchas gun dearbh sinn dhaibh gu bheil feum ann.

4. Tha e math grunnan de luchd-teagaisg eile a tha ag obair anns an aon dòigh coinneachadh ri chèile. Tha na ceudan de bhuidheannan air am feuchainn ann an Sasainn anns gach seòrsa sgoil le gach seòrsa oileanach agus tha coinneamhan aca gach bliadhna aig an cluinn daoine na tha air tachairt. Tha iad air fheuchainn leis a h-uile seòrsa leanaibh, le co-leughadairean aig an taigh is anns an sgoil. Cuiridh iad chugaibh sanasan agus fiosrachadh oKirkleesma tha sibh ag iarraidh cuideachadh is comhairleachadh.

5. Tha mi air pàipearan mu cho-leughadh a thoirt seachad do phàrantan leotha fhèin agus ionnsachadh mu cho-leughadh a dhèanamh le màthair agus leanabh leotha fhèin, ach tha mi cinnteach gu bheil rudeigin atachairt nuair a tha làn sgoil neo clas adol a sàs ann, nach dèan dithis sam bithag obair leotha fhèin a chaoidh. Tha e gabhaltach, mar gum beadh, neo tha nàdur de dhùsgadh, faodaidh mi radha, atachairt. (An cuir sibh Gàidhlig dhomh airmissionary zeal’? ). Tha a h-uile duine sàs ann, achlann atighinns afalbh bhon taigh is ag innse mar a tha dol dhaibh, na leabhraichean a leugh iad. Tha na pàrantan atighinn a-steach don sgoil agus le làn còir, iad fhèinnan luchd teagaisg agus rud acasan ri ràdha a tha gu feum. Gu h-àraidh anns na sgoiltean an àiteachan bochd, chunnaic mi na bannan eadar na dachaighean agus na sgoiltean afàs daingeann agus urram is càirdeas afàs.

Agus an rud mu dheireadh. Feuch gun dèan sibh bhideo dhuibh fhèin. Cha dhìochuimhnich mi am feasgar a sheall achiad sgoil a bhideo aca fhèin - thàinig faisg air ceud de na pàrantan a choimhead - sluagh nach robh an leithid a-steach air an doras roimhe seo. Chan eil e duilich bhideo a dhèanamh. Tha fios agam oir rinn mise feadhainn agus chan eil ealamhachd sam bith annam - tha eanchainn anns achamara fhèin, saoilidh mi agus tha sin cho math. Tha toileachas aig achloinn iad a bhith air a bhideo agus thig na pàrantan ga coimhead nuair nach tigeadh iad aig uair sam bith eile. Agus sin i agaibh gus a sealltainn turas an dèidh turais. Chan fhàs a bhideo sgìth mar a dhfhàsas sinne, ag ràdha an aon rud airson an ceudaibh turas.

Bha cothrom agams trì uairean am bliadhna coinneachadh ri cuid



[167]

den luchd-teagaisg troimh mheadhoin na Gàidhlig agus chòrd na cothroman a bha sin gu mòr rium. Bhruidhinn sinn mu cho-leughadh an cuid de na sgoiltean agus chunnaic cuid dhiubh bhideo a bha agam. Shaoilinn gun dèanadh obair anns an dòigh seo feum, mar a rinn e anns na sgoiltean anns a bheil mise ag obair. Ma tha tuilleadh eòlais a dhìth oirbh, cuiribh fios thugam agus cuidichidh mi mas urrainn dhomh.

( ’Se Bana-mhòrair a thann am Màiri a-nis,
ged nach eil i aleigeil guth oirre - Fear-deas.)

NADUR ABHACHD NAN EADAILTEACH

bho Aonghas Mac-a- Phì

Leugh mi bho chionn ghoirid, an leabhar mu dheidhinn nan Eadailteach( “Italiansle David Willey) pìos a thug fìor-ghàir orm. Bhan t-ùghdar alabhairt mu nàdur àbhachd nan Eadailteachs gu bheireadh gàirorra. .. seo mar a sgrìobh e.

Tha mi cinnteach gur e an rud as motha bheir gàire air Eadailteachs e na sean-fhacail coiteanta a bhitheas ginealaich fhathast asìneadh a-nuas bho linn gu linn. ’S tric a than toinisg seo atarraing às na boireannaich, leithid sean-fhacal ChalàbraichA fimmana ndavi i capigli longhi e u sensu curtu’ (Tha falt fada air na boireannaich is eanchainn bheag.) . .. ’s cuideachd sean-fhacal às a Ròimh. .. “La donna è come li cavalli, se conosce da li denti’ (S coltach na mnathan ris na h-eich, ’s aithne dhut iad air na fiaclan aca.)

Ach airson toinisg fìor-thioram agus gliocas-beatha bhitheadh e doirbh a dhol seachad air sean-fhacal fada, Tuscanach a thag innse le eòlas searbh, saoghalta:

Seachain lighichean tinn, fir-cuthaich sùrdail, daoine brìghmhòr, boireannaich eu-dòchasach, coin gun chomhart, fir nach bruidhinn, daoin a theid uair salatha gu aifreann, iadsan a chluicheas cairtean airson airgead, cùnnradhan le meàrlaich, taighean-òsda ùra, sean siùrsaichean, lorgan oidhche, barailean britheimh, amhrasan dhotairean, òrduighean cheimiceirean, roinnean fir-lagha, baraganan iasadaichean-airgid, deòirean mhnathan-phòsda, breugan cheannaichean, spùilleadairean nad dhachaigh, sean nàmhaidean, seirbhisich air tilleadh, cuthach na gràisge, eich air teicheadh, dìmeas bhuapasan as fheàrr na thu-fhèin, comann fir-brathaich is cearraichean agus aimhreit leothasan nas motha na thu-fhèin.”

Da-rìreadh be fear gu math searbh a rinn suas an cùnntas seo, nach be?

titleCo-leughadh
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

Màiri NicAmhlaidh in Gairm 150 %p

parent textGairm 150
<< please select a word
<< please select a page