FEALLSANACHD
le Torcuil MacRath
Thig na Sasannaich as t-fhoghar
le fùdar ga fhrasadh,
eadar cù agus gunna
thèid cearc-fhraoich thoirt gu làr.
Rinneadh an lagh ann a Sasainn,
tha e sgrìobht ac’ air pàipear,
gur leo farsaingeachd a’ mhonaidh
gu oir a’ mhuir-làin.
Cha robh a riamh tòrr chearcan-fraoich air an astar ud a-mach on bhaile againn. Bha na h-uimhir ann gun teagamh bho bu chuimhne le duine. Is dòcha gu robh iad ann fada mus deach Tursachan Chalanais a thogail.
Co-dhiù, làimh ris a’ bhaile tha gleann ris an canar Gleann na Beinne Bric. Sin far na rinn a’ chearc-fhraoich a nead air an t-samhradh seo chaidh, agus air an t-samhradh roimhe sin. Bha i le cuid uighean an taobh a’ ghlinne, falaichte seasgair am-measg an fhraoich.
Thog i àl ann cuideachd. Cha robh duine a bha dol an astar ud a chuireadh dragh oirre. Ach cha do shàbhail sin i. Thàinig na Sasannaich agus chuir iad às dhi, agus gu ìre mhòir dhan àl cuideachd.
Thaobh bàs na circ’ ud
a bha cho luideach air iteig
tha crònan ri ionndrain
aig tuiteam nan sgàile.
Ged as neònach an rud e tha ceangal eadar bàs na circe-fraoich agus ceist a chuir mi air a’ Phàrtaidh Laborach o chionn meall bhliadhnachan air ais. Mar sin gun facal a-null no a-nall nì mi imrich air sgiathan na cuimhne, thairis air na bliadhnachan gus an ruig mi a’ bhliadhna 1945. ’S e samhradh a bh’ann.
Bha cogadh Hitler seachad agus cha b’fhada gus am bidhte a’ leigeil a’ bhom atamaich ma sgaoil os cionn bailtean Sheapan. Ach ’s ann a bha sin gun thighinn aig an àm ’s ann a bha ar n-aire-ne air taghadh
Pàrlamaid a bha gu bhith ann air an fhicheadaibh latha dhen Iuchar. B’e seo a’ chiad thaghadh a bh’ann bho 1935. Abair càineadh. Cha robh olc fon ghrèin nach robh am Pàrtaidh Tòraidh agus Laborach a’ cur às leth a chèile.
Anns an taghadh a bh’ann bha mi fhìn, mar a thuirt am measan, gu math bragail. Deise ghorm a’ Chàbhlaich Rìoghail orm is a ruma dearg a bha sinn a’ faighinn a’ cumail mo chridhe rium. Cha b’e long mhòr air a robh mi, agus mar sin bha e furasda gu leòr botal a lìonadh agus a chur an dara taobh. Mar bu deirge e ’s ann a b’fheàrr e.
Cha robh poilitics agam. Cha bhuininn do phàrtaidh sam bith ach air a shon sin bha beachd no dhà agam. Mar eisimpleir, bha mi a’ dèanamh dheth nach robh e ceart a bhith a’ reic agus a’ ceannach talaimh. Bha am feallsanachd a bh’agam cho sìmplidh ’s a thogras tu. Cha b’e duine rinn an talamh, a’ chearc-fhraoich, am fiadh no am bradan. Cionnas a-rèisde as urrainn an dàrna duine a ràdh gu bheil còir aigesan air na nithean sin a bhàrr air duine eile?
’S e feallsanachd tha sin a bhuineas do dhualchas nan Gaidheal. Crann à coille, fiadh à fireach, breac à linne - trì meirle às nach do ghabh an Gaidheal a riamh nàire. Chanainn fhìn nach b’e meirle a bh’ann. Mar sin bha a’ cheist a chuir mi air a’ Phàrtaidh Laborach nàdurrach a-rèir na feallsanachd a bha, agus a tha, agam.
Dh’fhaighnich mi dhiubh gu dè bha dùil aca a dhèanamh mu dheidhinn na h-oighreachdan neo-eisimeileach a fhuair seilbh air fearann na Gaidhealtachd agus nan Eilean. Tha còrr air dà fhichead bliadhna agus a ceithir a-nis bho lìbhrig mise na bh’ agam ri ràdh agus cha d’fhuair mi freagairt fhathast.
Agus fhathast ann an Gleann na Beinne Bric, airson spòrs agus cur-seachad, tha na Sasannaich a’ marbhadh an corra chearc-fhraoich a th’air fhàgail. Ged a bhruidhinn mi air oir a’ mhuir-làin, chan eil an t-ùghdarras a tha aca a’ stad an sin idir:
Togar lìon bhàrr na mara
mus glacar ann bradan,
chan fhaod iasg an t-Sasannaich
a bhith air ithe le gràisg.
Gun teagamh, thàinig caochladh air iomadach rud bho thog mise a’ cheist an toiseach anns a’ bhliadhna 1945. Airson aon rud, chan eil croitearachd ann a-nis ach mu làimh, gu sònraichte cho fada ’s a tha na h-Eileanan air an gabhail a-steach. Co-dhiù lean an t-ainm. Ach a-rithist bha taobh air croitearachd nach robh uile gu lèir fallain. Chuala mi an seanchas seo aig seann bhodach o chionn iomadh bliadhna, nuair a bha mi ’na mo chlèireach-baile.
’Na òige bha ùidh mhòr aig a’ bhodach ann an iasgach. Cha bu dùth leis fearann. Mar sin bha e airson gum faigheadh e làrach taighe ann an àite sònraichte anns na chuir e sùil. Bha an t-àite seo an cois na mara air taobh a-muigh crìochan a’ bhaile anns a robh e a’ fuireach aig ann àm.
B’aithne dha an dithis a bha a’ coimhead thairis air cùisean a’ bhaile. “Dìreach”, ars esan, “anns an aon dreuchd anns a bheil thu fhèin an seo an-dràsda”. Chaidh e far a robh an dithis sin agus dh’innis e dhaibh gu dè a bha aige san amharc. Ach dh’aithnich e nach robh càil aca mu dheidhinn làrach taighe a thoirt dha.
A’ chiad fhear aca ris na bhruidhinn e, dh’fhaighnich am fear sin dha an ann air a dhol às a chiall a bha e. “Dh’innis mise”, ars am bodach, “fàth mo thurais dhan fhear eile cuideachd ach chaidh esan dhan talamh ’s cha do fhreagair e mi”.
Chan eil mi a’ cantainn gun do thachair a leithid seo ro thric, ach air a shon sin thachair e an siud ’s an seo. Ach anns an fharsaingeachd faodaidh sinn a ràdh gun thòisich an croitear a’ coimhead air fhèin mar uachdaran aig a robh còirichean air leth.
Tha dlùth-cheangal aig a’ phuing seo ris a’ chuspair a th’agam. Oir mas e rud e ’s gun teid na h-oighreachdan a chur à bith ’s gum faigh na Gaidheil seilbh air fearann an sinn sear, ’se guth an t-sluaigh ’s chan e guth nan croitearan a-mhàin bo chòir a bhith tighinn an uachdar.
Mar sin a-rèir na feallsanachd air a bheil mi bruidhinn ’s e na nithean a tha gnèitheil dhan tìr dha feum sinn an aire a thoirt: am fiadh, am bradan fiadhaich agus an crodh Gaidhealach. Chanainn gum bu chòir na nithean sin a bhith air an cur gu feum chum maith an t-sluaigh anns gach ceann dhen Ghaidhealtachd mar a bhios sluagh an àite a’ faicinn iomchaidh.
Gu cinnteach chan eil sinn faisg a mhìle dhan fheallsanachd seo. Eadhon air oighreachd Urras Steòrnabhaigh chan eil bhòt ach aig croitear agus aig an feadhannn eile tha pàigheadh ràtaichean. Gun teagamh dh’fhaodadh seo atharrachadh ri linn a’ chìs-coìmhearsnaich ged nach teid mise a thoirt rann molaidh air a’chìs sin.
Co-dhiù, bidh feallsanachd air choreigin ann. Mura bi siud ann bidh seo ann. Ma chanas duine nach eil feallsanachd aige, chan eil e ach ag innse mun t-seòrsa feallsanachd a tha aige. Tha drochd amharas agam mun t-seòrsa feallsanachd tha buailteach air a bhith ann aig a’ cheann thall mura coimhead na Gaidheil beò:
Thig na Sasannaich as t-fhoghar
’s bidh ’n t-airgead ga thabhach,
’s ceannaichear leotha gach croit
tha ’n diugh aig Gaidheil air màl.
title | Feallsanachd |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | Torcuil MacRath in Gairm 150 %p |
parent text | Gairm 150 |