[276]

DÒMHNALL OG MACNÌLL AGUS NA BARRAICH AN CEAP BHREATAINN

bho Sheumas Watson (Ceap Breatainn)

Bann a mhuinntir Bharraigh a bha Dòmhnall Og MacNill: Gaidheal a tha ainmeil chun an -an-diugh ann an eachdraidh Siorramachd Bhictoria ann an Albainn Nuaidh.

Be còta dearg airm arìgh a bha Dòmhnall acosg sabhliadhna 1758. Bha e an làthair san aon bhliadhna sin nuair a chuir feachd nam Breatannach an daingeanach Louisburg, ann an Eilean Cheap Breatainn, fo shèisd gus cumhachd Riaghaltas na Fraing a sgiùrsadh a-mach às acheàrnaidh ud do dhAmeireaga-a- Tuath. As deaghaidh dhan t-sèisd a bhith ullamh bha Dòmhnall air bòrd air soitheach-cogaidh a dhfhàg Cala Louisburg adèanamh air Cala Shidni, air neo Abhainn nan Spàinteach mar a theirte ris san aimsir ud. Air an t-slighidh gu port chunnacas seann soitheach-seòlaidh Frangach air a robh siùil gu math riobagach, luideagach agabhail seachad gu fuaradh orra. Ged bu bhochd an coslas a bhair abhàta thuagh a bha seo, bha feadhainn air bòrd an t-soithich-chogaidh a bha amharasach nach robh achùis mar bu chòir dhi a bhith. Bha an deasbad adol agus Dòmhnall Og san èisdeachd nuair a thuirt an còcaire, ga chur an cèill anns a Ghàidhlig, “Ged is broinneagach, salach do choltas, is luachmhor na tha nad bhroinn.” Ghabh Dòmhnall a bheachd fhèin air seo fad greiseig agus chuir e roimhe iomradh a thoirt air briathairean achòcaire dhan chaiptean. Rinn an caiptean dheth gu robh brìgh dha-rìreadh anns na faclan a labhair an còcaire agus ghabh iad a-mach an tòir air aluing Fhrangaich samhionaid. Cha bfhada an dearbhadh atighinn air beachd-shùil achòcaire nuair a chuir na seòladairean Frangach siùil ùra ri crannaibh agus thog iad orra gu còrsa na Fraing le cùrsa càm, doirbh a leanaid. As deaghaidh dhi iomadach ga ruith dhfhairtlich air aluing-chogaidh Shasannaich an soitheach Frangach a chur an sàs. Bfheudar dhi sguir dhen ruaig nuair a thàinig an nàmhaid sàbhailte gu cala san dùthaich aca fhèin. Leis cho anmochs a bha i sabhliadhna agus ràithagheamhraidh ateannadh orra cha robh cus feum ann a bhith tilleadh air n-ais a chladaichean Chanada. Air a shàilleabh


[277]

sin leigeadh sgioba na luing-cogaidh fa sgaoil air fòrladh. Bha Dòmhnall Og air a chunndais mar fhear dhiubh sin agus chuir e aghaidh air a dhachaigh fhèin ann am Barraigh.

Thug Dòmhnall Og an geamhradh taitneach gu leòr measg a chuideachd fhèin. Agus bu mhòr am moladh a rinn e air bòidhchead, is toradh Eilein Cheap Breatainn: gu sònraichte air cladaichean Lèig Bhra dOr nuair a bhitheadh e ga aithris dha na càirdean mar a dhèirich dhana shaighdear air an taobh thall an Canada. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh san ath-bhliadhna, 1759, anns abhlàr ainmeil ud a chaidh a chur air Magh Abrahaim anns aMhòr-Roinn Quebec.

Ged nach do thill Dòmhnall Og a-riamh a dhEilean Cheap Breatainn cha do dhìochuimhnich muinntir Bharraigh, sìos dhan ath ghinealach, mar a dhealbhaich e dhaibh gealltanas na dùthchadh àlainn ud thar achuain. Agus anns abhliadhna 1799 thàinig ceathrar do Chloinn Nill gu tìr mar eilithrich ann am Pictou air tir-mòr na h-Albainn Nuaidh. Biad sin: Dòmhnall mac Ruairi agus a mhac Ruairi, agus Eòin mac Dhòmhnaill agus a mhac-san fhèin Iain. Thug iad an geamhradh air fàrdrach aig càirdean ann an Arasaig, goirid do BhailAntigonish, ach cho luaths gun do dhfhàs an t-Earrach rinn iad calg direach air Ceap Breatainn ann am bàta beag, uidheimichte le seòls ràimh. Nuair a ràinig na laoich Baile Naoimh Pheadair, taobh na maradh, rinn iad tarraing air abhàta tarsainn na coilleadh gu ruige cladach na Bra dOr. Bha ena chùis iongnaidh dhaibh gu bhith faicinn cho mòrs a bha an Lèigna meud agus an deaghaidh dhaibh iomaramh dhan ear, acumail ris achladach mu dheas, cho fada ri Ceann aBhàighe thill iad air n-ais agabhail taobh achladaich mu thuath dol ionnsaigh an aird an Iar. Goiridna dheaghaidh sin dhamais iad air na caoiltean air an do chuireadh Caolas nam Barrach mar ainm, agus bann an sin a chuir iad rompa gun tuinicheadh iad. Ach man dfhuair iad fiùs craobh spruis a leagail choinnich grùnn borb do dhInnseanaich riutha dhen treubh ris an abrarMic Mac”.

Tha am beul-aithris a leanasna chùnndais air mar a dhèirich dha na Gaidheil treuna a bha sachruaidh-chàs a bha seo a-rèir eachdraidhs seanachas a tha air tighinn a-nuas o ghlùin gu glùin measg muinntir Shannraidh air neoIonamar a theirear ris air an -an-diugh, baile beag an cois Caolas nam Barrach.

Chan eil e ach nàdarra gur e fear a Chloinn Nill a mhuinntir an ionaid ud a tha ga aithris. ’S e sin Migi Mac Bean Neileig, Ruairi, Eòin aPhlant. Duine sgairteil, laghach, gasda nach do chuir cas a-riamh air fearann Albainn.

Nuair a thàinig na ciad Ghaidheil, nuair a thàinig iad a-nall, ’s e


[278]

[Dealbh]
(An dealbh le Ellison Robertson, Sydney, Alba Nuadh)


[279]

na h-Innseanaich a bha san àite seo an toiseach. Thàinig iad a-nalls cha robh criù ro mhòr aca. Ach nuair a thàinig iad leis na bàtaichean air tìr bha na h-Innseanaich rompa. Ach ged a bha na h-Innseanaich fhèin rompa dhaithnich na Gaidheil nach robh an gnothach dol a bhith rèidh, agus cha robh na h-Innseanaich airson càirdeas a dhèanamh riutha. ’S chunnaic na Gaidheil bhochda, leis na bhaca do dhaoines na bhanan aghaidh, nach burrainn dhaibh cus a dhèanamh. An aon rud a chuimhnich iad air, gum bfheàrr leotha sìth dhèanamh le Dia, air tàilleamh nach robh cus do dhaoinaca. Choisrig iad iad fhèin. ’S nuair a choisrig iad iad fhèin mhothaich na h-Innseanaich a rud a rinn na Gaidheil. Dhaithnich iad an uair sin gur e Caitligich a bhannda. Ach chaidh na h-Innseanaich a mhealladh cho tric…ach bha aca ri dòigh air choreigin eile fhaighinn a-mach a robh iad dha-rìribhnan Caitligich. A robh sgath aca shealladh gum buineadh iad do luchd nan Caitligich?

Dhfhosgail fear dhe na Gaidheil…dh ’fhosgail e drong bheag a bhaige, na bocsa, cha robh e gu diofar, ’s thug e mach crois. Thog echrois suas. ’S nuair a thug echrois suas chrath na h-Innseanaich làmh leo ag aithneachadh gu robh iad dhan aon chreideamh. Cha robh na h-Innseanaich son an còrr trioblaid a dhèanamh on a chunnaic iad gu robh iad dhan aon taobh. Bha iad afaicinn cha robh sin ceart dhaibh, ’s iad fhèin barrachd aca do dhaoinenan aghaidh.

bhann an uair sin ach bha easgannan gu leòr aig na h-Innseanaich, ’s rinn iad a-mach gun dèanadh iad feasd mhòr. Chaidh sin a dhèanamh ach cha robh na h-Innseanaich ag usaideachadh salainn. Cha robh cleachdeadh aca salann a bhith aca. Ach bha salann gu leòr aig na Gaidheil. Ach bha na Gaidheil iad fhèin…eagal aca rona h-easgannan a bha na h-Innseanaich atoirt dhaibh, ged a bha iad acantail gur e easgannan a bhannda, air tàilleamh gun deach am mealladh trup reimhid le nathairichean a thoirt dhaibh ann am biadh an àite nan easgannan. Ach dhaithnich iad leis cho còirs a bha na h-Innseanaich gu robh an dùrachd gu math, agus thairg iad dhaibh salann. Sin rud nach dfhuair na h-Innseannaich blas riamh air gus an uair sin. Dhfheuch na h-Innseanaich asalann air abhiadh, ’s chòrd asalann riutha gu math. ’S dhfhaighnich iad am burrainn dhaibh sian a thoirt dhaibh dhan t-salann a bhaca. Rachadh aca sin a dhèanamh nam biodh dòigh aca airson asalann a chumail. Cha robh sin doirbh sam bith leis na h-Innseanaich air tàilleabh cairt abheitha bhith aca. Leag iad achairts chuir iad asalann a sins phaisg iad sin. Sin an dòigh a bhaca air an t-salann a chumail.

A-nisd airson an gnothach a thoirt car gu deireadh, air alàr a


[280]

thasin an drasd’, far na choinnich na Gaidheil ris na h-Innseanaich, tha eaglais air a togail ann air acheart làr far na choinnich iad. [Eaglais Chaluim Chille] ’S tha rud eilann. Cha robh e gu diofar co às an tàinig Innseanach a riamh dhan Chaolas, cha robh trioblaid sam bith eadar na h-Innseanaichs na Gaidheil riamh. Nuair a thigeadh iad a-measg nan Gaidheal, air taobh aChaolais, cha bhiodh trioblaid, ’s cha bhì gu sìorraidh. Sin stòiri na h-Innseanaich bhochda agus stòiri nan Gaidheal a thàinig an toiseach guIona” …gu Sanndraidh.

titleDòmhnall Og MacNìll agus na Barraich an Ceap Bhreatainn
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

Seumas Watson in Gairm 151 %p

parent textGairm 151
<< please select a word
<< please select a page