[328]

Ceòl Mòr

le Aonghas Mac a’ Phì

CarsonCeòl MòrnaCeòl Beag”? – tha eadhonCeòl Meadhonachan ceòl a phìob-mhòir agus cluinnear iomradh an co-fharpaisean aMhòid, muÒran Mòr’, seach òran do sheòrsa sam bith eile.

S gu tha sinn aciallachadh, nuair a bhruidhneas sinn air ceòl, na òran mòr? An e gum bheil e cudthromachna ghnè agus gum feum sinn barrachd ùidh is modh a thoirt dhà san t-seinn? ... am bheil e nas fhaide na ceòl air bith eile? – Is dòcha gum bheil beagan dheth sin fìor gu leòr, ach chan eil e cho furasda sin an Ceòl Mòr a chur leis fhèin, an dara taobh, seach ceòl sam bith eile.

Innsidh iomadh pìobairainmeil dhut, gum bheil e gu math doirbh do mheuran ionnsachadh a dhol an grèim iomadh port dannsa, leithid sige neo ruidhle sònraichte leis cho eadar-fhightes a tha na pongan aig aphortfada nas doirbhe na fha e dhut eòlas-chorragan a chur air taorluath neo crùnluath na pìoba an ceòl mòr.

Tha mòran dhaoine dhen bheachd gun toigh leotha ceòl pìob-mhòr nan Gaidheal agus gum bheil e brosnachail a bhithg èisdeach ri còmhlan phìobairean is drumairean air a mheàrsis è a theireadh nach eil? Ach cuir iomadh ‘aficionado’ dhen t-seòrsa ud a dhèisdeachd ri ceòl mòr agus innsidh iad dhut nach eil ann ach an drànndan gun bhlas dhaibhsan ... ’s chan e coimhich iad idir gu math tric, ach Gàidheil is Albannaich le cion-eòlais air eachdraidh ar ciùil.

Bha eadhon mo sheanamhair fhèin, a bha gu math dèidheil air ceòl na pìoba, dhen bheachd gur ann agleusadh na pìoba a bhiodh mathair, nuair a bha e air ùrlar achiùil mhòir a thòiseachadh.

Their cuid an-diughpìobaireachdnuair a thatar aciallachadhceòl mòr’. Ma theid thu gu co-fharpais phìoba, chì thu gum bheil eadar-dhealachadh aca anns na co-fharpaisean. ThaMeàrsis



[329]

Srathspèidhs anRùidhleagus ant-Sigenodànns an t-Seòladair’ (an ‘Hornpipe’) aca agus cuideachd anns a’ ‘phìobaireachd’ ’s iad tric atoirt an t-ainm damaichte udPibrochair. Ach nach e pìobaireachd uile e ... ceòl na pìoba-mòire?

Cha robh guth aig na seann phìobairean anns na linntean roimh Bhlàr Chùl-lodair air an t-sèorsa còmhlan phìobairean agus air an t-seòrsa ceòl-meàrsaidh a tha cumanta an-diugh. Biad na rèiseamaidean ùra Gàidhealach aig deireadh an 18mh lìnn agus bhon àm sin air adhart, a ghabh ris amheàrs mar a thatar ga chluich an-diugh.

Bha na seann phìobairean ris amheàrs cheana, ach gheibhear puirt an ceòl mòr a bhiodh aca agus bespaidsearachda theireadh iad risleithidSpaidsearachd ChloinnIc RathneoSpaidsearachd Chloinn Ràghnaill”. A dhaindeoins mar a tha cuid an dùil, tha mòran a bharrachd an ceòl mòr na Cumhaidhean is ceòl brònach.

Anns an fharsainneachd, tha ceòl mòr atuiteam an aon do thrì sreathan…Ceòl brosnachail, leithid ceòl Cruinneachaidh…neo ceòl a bheireadh neart dhan cheatharnach am blàrs am meadhon cogaidh. Ceòl Fàilte, atoirt urram do cheann-cinnidh neo do ghaisgeach a bhuannaich sa’ bhlar…agus ceòl tùrsach, brònachna chumha dhaibhsean nach maireann, a bha teann dhan ùghdars ùidh aige annta.

Ach a bharrachd air na seòrsan sin tha iomadh port grinn an ceòl mòr nach gabh comharradh, oir bhiodh na fir-chiùil, leithid ChlannIc Cruimein Dhunbheagains am pìobaire dall MacAoidh à Geàrrloch, ’s iomadh ùghdar-ciùil eile air feadh na Gàidhealtachdnan latha, acur ri chèile ceòl maiseach air cuspairean inntinneach a thug sòlas dhaibh.

Tha port annasach ann air an tug an t-ùghdar, “Cath geilbheach nan Eunagus mar a dhèisdeas tu ris, cluinnidh tu sgiamhail nan eunsocair anns an ùrlar, ’s ameudachadh anns an t-siubhal, gus mu dheireadh anns an taorluaths gu h-àraid anns achrùnluath, tham blàr air tighinn gu ìre agus cluinnear gach brag aig sgiaths gach stracadh aig spuirean is gob.

Ach mus tèid mi nas fhaide air adharts dòcha gum bfhèarr dhomh innse dhaibhsan nach eil eòlach air ceòl mòr, gum bheil e mar cheòl clasaiceach eile, le ùrlar neo ‘theme’ air a bheil am fear-ciùil atogail ‘variations’. Than toiseach an t-ùrlar acur a-machna phongan, cridhe achiùil. Aleantainn seo than siubhal ameudachadh gu socair air na chaidh roimhe agus mar as trice, dùblachadh an t-siubhail an dèidh sin. Tha uairean pàirt an dèidh an t-siubhail ris an abrar, an leumluath, ach nas trices en taorluath a tha tòiseachadh air modh aphuirt a thoirt gu ìre, le



[330]

breaban luath dhe na meòirean. ’S en crùnluath agus uairean an crùnluath-a- mach an gluasad mu dheireadh anns aphorts e acrùnadh cèol a dhfhosgail leis an ùrlar. Seo matà mar a thatar aseinn ceòl mòr.

Ach atilleadh gu na puirt fhèin…gheibh thu port leithid“ ’S leam-fhèin an Gleann”, nuair a chluinneas tu anns na pòngan fìor-phròis Iain Dubh Mhic Cruimeins e cuide ri Iarla Sìophoirt adol troimh Ghleann Seile…ag innse dhut an ùidh a bhaige gum boineadh an t-àite dhàs cho pròiseils a bha ena bhòidhchead.

Ach ri linn na rèiseamaidean Gàidhealach mar a thubhairt mi, ghabh an t-Arm ùidh mhòr am pìobairean a bhith abrosnachadh na saighdeirean – ’s chan eil teagamh nach toir ceòl na pìoba air saighdear òg na sean a dhruim a dhìreachadh ge be cho sgìth e. Bu mhath a dhaithnich an t-Arm seo agus chan eil teagamh nach drinn e feum do phìobaireachds do phìobairean, oirs iomadh balach ceòlmhor a rinn ainm dha fhèin an èideadh an Rìghs a thàinig gu ìre-chiùil nach fhaigheadh en àit eile.

San toiseach bha e coltach gu leòr gum biodh a bharrachd ùidh aig an Arm sacheòl bheag…ceòl na meàrss mar sin air adhart…ach bha na h-uimhir do oifigich nan rèiseamaidean Gàidhealach à teaghlaichean nan gleanntan agus glè dhèidheil air ceòl an t-sean nòs. Mar sin, eadar pìobairean a chùm grèim air ceòl an t-sìnnsre (a dhaindeoin òrdain riaghaltais cèin an latha) agus uaislean a dhaithnich a thlachd, cha deach an ceòl mòr buileach air chall oirnn.

Cha mhòr nach deach ge , mur a be breithneachadh beagan dhaoine a dhfheuch ri canntaireachd ar sìnnsrean a sgrìobhadh sìos, leithid Cailein Caimbeul à Earra-Ghàidheal an 1791 agus daoineile coltach ri Aonghas MacAoidh à Raarsaigh is Aonghas MacArtair a sgrìobh puirt aig toiseach an 19mh. linn. Feadhainn eile dhan toir sinn taing, Dòmhnall Dòmhnallach às an Eilean Sgiafhanach agus an Seanalair MacThòmais.

Tha sinn nas fhaide an comain nan daoine sin na thuigeas sinn, oir mur a ben obair rannsachaidh a rinn iad bha na taisgean-chiùil seo air seachran gu bràth. Badhbhar seo nach robh ar sìnnsrean eòlach air ceòl a sgrìobhadh sìos. Tha mi cinnteach nach do bhuail e riamh orra ceòl a cheangal le peann. Nuair a bha iad ga chur ri chèiles ga ionnsachadh do phìobairean òga, be sheinn a rinn iad. Be canntaireachd a thugar air seo agus ma dhèisdeas tu ri còmhlan phìobairean abruidhinn air puirt, cluinnidh tu ‘Hecham’ an sud, is ‘Tachum’ an seo agus tuigidh tu gur e canntaireachd a thaca ag innse pongan phuirt dha chèile.

Tha mi-fhìn dhen bheachd, mur a bheil guth seinn math aig a



[331]

phìobaire( ’s tha uairean nach eil) gum bheil canntaireachd gu math doirbh a thuigsinn agus tha cuimhneam uair a bhithg èisdeach pìobaire ainmeil air rèidio afeuchainn ri port a chur an canntaireachd agus guth na ròcais aige…chan aithne dhomh fhathast gu m port a bhaige.

Anns an -an-diugh tha ceòl na pìoba Gàidhealaich gràdhaichte air feadh farsainneachd an t-saoghails air a sheinn an iomadh dùthaich, cèin do Alba. Saoil gu theireadh ùghdairean-chiùil nan linntean a dh’ fhalbh…leithid Pàdraig Mòr Mac Cruimein, a rinn cho mòr a phuirtna làtha, thall ud an taigh-tughaidh am Boraraig, Loch Dhunbheagain, nam biodh e cuide ruinn an- diugh…a ’ cluinntinn pìobairean ealanta le ainmean annasach à dùthchannan air nach cual esan iomradh riamh, ’s iad acur an cridhe ann a bhith aseinn a chiùil air ùrlar nan co-fharpaisean airson duaisean a bha air Pàdraig Mòr a chumail beò airson bliadhna.

Ged a tha ùidh aig pìobairean an t-saoghail air ceòl beags en ceòl mòr a chuireas iad romhpa ionnsachadh fad am beatha, le tuigse gur i seo am prìomh-cheòl dhan phìob-mhòr agus nach eil inneal-ciùil eile a-measg innealan-ciùil an t-saoghail air fad le ceòl clasaiceach sònraichte dha fhèin coltach ris aphìob-mhòr.

Tha ùidh mhòr an ceòl na pìoba air feadh an t-saoghail mar a thubhairt mi agus tha cuid do phìobairean san n-diugh adèanadh am beò-shlàint gu lèir air pìobaireachd. Tha co-fharpaisean agabhail àite a Shamhradhs a Gheamhradh an àiteigin a-nis air feadh an t-saoghail far am faod na farpaisich duaisean mòra a bhuannachd. Ged a ghabhas mi ris, gum bheil na co-fharpaisean adèanadh mòran feum am brosnachadh agus atarraing mòran dhaoine a dhèisdeachd ri maise ceòl ar sinnsrean… ’s atoirt air na farpaisich a bhith dìleas san deasachadh an ceòl as fhèarr a sheinn…chan eil mi uile gu lèir toilichte gur h-i an ceòl as maisiche a thig às na co-fharpaisean. Nuair tham pìobaire asireadh duais, tha e faiceallach nach dèan e mearachd mheòirean sam bith air eagals gun cuir am breitheamhna aghaidh e, nuair a bhitheas e acùnntas è a bfheàrr a sheinn. Chan eil teagamh nach fheumar cruinneas anns acheòl oir cha chuidich mearachd ceòl sam bith…ach an rud a dhfheumas am fear-ciùil a chumail fa chomhair bho thùs, gur aCeòla than seos chan e fuaim atighinn à inneal gun chridhe. Mur a bruidhinn an ceòl riuthasan a tha ga èisdeachd, chan eil e gu feum sam bith. Tha e soirbh duaisean a chosnadh, mur a bi na breitheamhan ag iarraidh ach ealantas chorragan, ach mur a bheil tuigse agus àrdachd atighinn



[332]

bhon phìobaire gu a luchd-èisdeachd, cha thoill e idir duais.

Mar sin, ged a tha staid ceòl-na-pìoba an deagh òrdan air feadh an t-saoghails gu h-àraid an Alba, bu mhiann leam fhìn, ’s chan eil minam aonar, gun robh a bharrachd tuigse ga ionnsachadh dhan òigridh a thag èirigh suasnam pìobairean gur en ceòl agus an t-eadar-theangachadh bho sgrìobhadh gu a sheinn as cudthromaiche nan ‘technique’. Eisdeadh iad ri mhaises na tha eg ràdh riutha an toiseach agus feuchadh iad an uairsin, le tuigse, ionnsachadhs a thoirt do chàch.

Seo ceòl ar sìnnsre agus bheireamaid ùidh dhan bheairteas a dhfhàg iad againn.

title“Ceòl Mòr”
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

Aonghas Mac a’ Phì in Gairm 152 %p

parent textGairm 152
<< please select a word
<< please select a page