LATHA SAM BITH SA’ PHRÌOSAN
le Eòghann MacGillEathain
Amannan Anshocrach
Tha sinn gu minig a’ leughadh o chionn treis anns na pàipearan-naidheachd, agus tha sinn a’ cluinntinn anns na meadhonan san fharsaingeachd, mar a tha nithean a’ dol troimh-a- chèile nar
prìosanan an Alba, agus an Sasainn cuideachd.
Chan eil e ’nam inntinn a bhith a’ liùbhradh aiste fhiosrach air mar a chaidh cùisean ceàrr, agus chan fheuch mi ìocshlaint dhan euslaint leantalaich seo a chur air adhart. Tha na h-aimhreitean a thachair fhathast ann am mothachadh an t-sluaigh. Thig ainmean gu ar n-inntinnean – Ceann Phàdraig, Barlinnie, Saughton, Shotts, Glenochil – agus tha sgrùdadh geur air a ghabhail os làimh leis na h-ùghdarrasan dreuchdail air a h-uile cùis is suidheachadh a thàinig am follais anns na trioblaidean. ’S e dòchas dhaoine an cumantas gun treòraich an rannsachadh seo daoine gu co-dhùnaidhean a bheir strì gu ceann.
Beachdaicheamaid, ge-ta, air cho cumanta ’s a tha ar-a- mach dhe gach seòrsa an aghaidh ùghdarrasan an-diugh sa’ choimhearsnachd. Chan urrainn nach bi a leithid ann, eadar na prìosanaich is an luchd-faire. Na nithean a chuireas dragh air daoine an taobh a-muigh dhen phrìosan, ’nan saothair, ’nan dreuchd, ’nan cosnadh – tha iad sin a cheart cho coltach dragh is aimhreit a bhrosnachadh. Chan eil anns a’ phrìosan, gu fìrinneach, ach sgàthan a’ toirt ath-ìomhaigh air cùisean a-muigh.
Is coltach, ge-ta, gum bi an sluagh a’ smaoineachadh gun urrainn beatha chiùin, reusanta a bhith a’ dol air adhart o latha gu latha, is buaireas an dèidh buaireis a’ briseadh a-mach. Ach is ann mar seo a tha. Is biadh is deoch dha na meadhonan fios fhaotainn mu thachartasan aimhreiteach. Chan eil naidheachd sam bith aca dha na leughadairean ma tha gnothaichean an latha a’ dol gu dòigheil anns na prìosanan.
Cùisean Gearain
Gheibh thu cuid a thogas gu h-àrd gearan a’ phrìosanaich gu neo-chlaon-bhreitheach, is feadhainn eile a chuireas air adhart an cronachadh fhèin gu bheil na prìosanaich air am maothachadh tuilleadh ’s a chòir. Is dòcha gu faighear freagradh cothromach le bhith a’ coimhead air beatha nam prìosanach gu coitcheann o latha gu latha.
Do Shaorsa Chaillte
Saoilidh mi gur e an nì as fheàrr a thig tarsainn, air an rèidio is an telebhisean co-dhiù, is iad ri prògram air gnothaichean a tha a’ buntainn ri prìosan agus na thèid ann, fuaim chruaidh, chinnteach doras na cille a’ dùnadh gu daingeann air prìosanach, mar chomharra air an t-saorsa a chaill e.
Nach toir seo ort stad, a leughadair. Beachdaich air mar a dh’fhaodas tu gluasad far an togair thu, is nuair a thogras tu, is mar a thogras tu, a h-uile latha, a h-uile mionaid. Caill an comas prìseil seo, is chan eil mòran romhad as fhiù dad, gu h-àraidh is tu gus binn-beatha a chur seachad air an taobh a-staigh dhe na ballachan bagarrach, mùgach, neo-aoigheil.
Dol Seachad Gach Latha
O seo a-mach chan fhaod thu dad a dhèanamh ach mar a dh’iarrar ort. Eiridh tu sa’ mhadainn gad dheasachadh fhèin agus d’fhàrdach chumhang, mus tèid thu a dh’ithe anns an t-seòmar-bìdh, is ceud aghaidh neo-aithnichte gad sgrùdadh, is a’ meas do chùis is do chàileachd.
Glasar a-rithist thu, gus am bi an uair ann saothair an latha a thòiseachadh, a-rèir mar a chaidh a roinn dhut. Gheibh thu muga tì am meadhon na h-obrach. Thèid thu air ais gu do thalla gu do dhìot tràth-nòin. Glasar thu nad chill a-rithist a’ feitheamh àm obrach. Fad na h-ùine tha cuideigin a’ coimhead ort, is a’ sgrùdadh a h-uile gluasad a nì thu. Aig crìoch saothair an latha, fanaidh tu sa’ chill an dèidh bìdh feasgarach, gus an tig mu dhà uair anns a bheil saorsa agad measgachadh le prìosanaich eile. Faodaidh tu fuireach nad chill, no a bhith ri cluichean-bùird, no eacarsaich a dhèanamh.
Cha dèanar dad ach mar a chuirear romhad, no le cead air leth. Thig àm cadail, ach ’s dòcha nach tig cadal. Tha do chompanach a’ srannail. Tha a’ chill cho fuar. Tha cuideigin ag èigheach gu cruaidh – dè tha ceàrr? Dè ma thachras dad, is mi glaiste a-staigh? Teine? Am fear seo – dè an seòrsa duine a th’ann? An toir e ionnsaigh orm? M’athair! Mo mhàthair! Mo bhean, ’s a’ chlann! Gu dè a thug an seo mi? Còig bliadhna! Deich bliadhna. .. no
barrachd! Ach thèid eadhon sin seachad. .. An tèid?
Deireadh Seachdanach – Beagan Foise do Chorp is do dh’Anam
Deireadh seachdanach! Nad thàmh! Thig do phàrantan. Bha latha a rachadh tu dhan t-searmon, ach faodaidh tu do roghainn a dhèanamh – fantainn nad chill, nad thalla, no a bhith ri adhradh sa chaibeal. Tha seirbheisean ann Latha na Sàbaid do Chaitligich is do Phròsdanaich, agus ùine airson sgrùdadh a’ Bhìobaill ann an clas air leth. Mas seinneadar thu, cuiridh còisir na caibeil fàilt’ ort a sheinn còmhla riutha. Tha salm Gàidhlig aca a sheinneas iad o àm gu àm. Gheibh prìosanach Caitligeach aifreann gach seachdain, agus aig an Nollaig is aig a’ Chàisg bidh Comanachadh ann dha na Pròsdanaich.
Fear-Comhairle
Ma tha a dhìth ort bruidhinn ris a’ mhinistear no ris an t-sagart, cuiridh tu d’ainm sìos air leabhran, is chithear thu aig d’obair no nad thalla gu pearsanta.
Cuiridh na clèirich fios dhut a dh’ionnsaigh clèireach na sgìre aig an taigh, ma dh’iarras tu sin, is faodaidh esan tighinn gad fhaicinn gu riaghailteach.
Faodaidh tu coimhead air adhart ri tadhal do chàirdean uair sa’ mhìos gu cumanta, no chì thu iad math dh’fhaodte a dhà no trì uairean sà mhìos air tadhal goirid, a-rèir d’inbhe sa’ phrìosan, agus suidheachadh do dhachaigh. Ach ma tha thu a’ feitheamh do dheuchainn, tha cus a bharrachd de shochairean agad. Ma tha teaghlach agad, faodaidh iad tighinn gad fhaicinn cuideachd san talla-aoigheachd, is bidh mnathan an làthair a chumas sùil air an òigridh mar ghoireas dha na pàrantan.
Feum air an Lèigh
Ma bhios tu a’ faireachdainn tinn, innsidh tu sin do phrìomh oifigeach na talla, is an dèidh bracaist thèid thu a dh’fhaicinn an lèigh. Mas e an dèideadh a tha gad mharbhadh, is gu feum thu fiaclaireachd, thèid thu airson sgrùdaidh fheumail chun an lèigh-fhiaclan, is gu lèigh eile ma tha do shùilean a’ cur dragh ort.
Math dh’fhaodte gur h-e dìobhail-misnich a tha a’ dorchnachadh do spioraid fa chomhair deuchainnean a’ phrìosain, no nì a tha a’ cur dragh air do chridhe is do spiorad a dh’fheumas cuideachadh gus do chur air seòl nas cinntiche – tha comas agad a dhol a dh’fhaicinn an lighiche-inntinn no an inntinn-eòlaiche.
Ma thig tinneas a chumas san leabaidh thu, theid thu dhan roinn-eiridinn; is ma bhios feum agad air aire a bharrachd, cuirear
a-mach dhan ospadal a-muigh thu, is bidh oifigeach an sin còmhla riut.
Leabhraichean, Cluichean, Biadh, Ceòl, Aodach
A bheil leabhar a dhìth ort? Tha sgeilp no dhà de leabhraichean ri faighinn san talla agad, is tha leabharlann air leth math suidhichte airson feuman phrìosanach san fharsaingeachd.
Bidh cothrom ball-coise agad anns na ceàrnagan, agus air an taobh a-muigh dhe na tallachan anns na raointean-cluiche. Mas e sin do roghainn, tha goireasan air leth rim faotainn airson eacarsaich, agus tha cluich-cneutaig is snucair anns na tallachan.
Uair san t-seachdain, bidhcanteenfosgailte anns na tallachan, is gheibh thu mìlsean, tombaca is pàipearan airson shiogaraitean, agus goireasan eile a leigeas leat d’airgead cosnaidh a phàigheadh a-rèir aithris do chairt-obrach. Ma dh’iarras tu do ghiotàr, is coltach gu faigh thu cead i a bhith agad, is cò a chuireas bacadh air meileòidian-beòil?
Sin beagan de shuidheachadh prìosanaich làitheil a thachras riut on uair a thèid thu dhan àite-gabhail-a- staigh, far am fàgar do chuid aodaich is an cuirear ort èideadh a’ phrìosain. ’S e stuth grànda, garbh a th’ann a chuireas stamp a’ phrìosain ort is a chomharraicheas dhut do shuidheachadh dìblidh fad ùine do bhinn. Tha seòrsa de stuthdenimcleachdte cuideachd, a tha a’ coimhead cus nas fheàrr.
Còraichean Sìobhalta
Ach cuimhnich, a charaid: a dh’aindeoin nan uile, tha do chuid fhèin de chòraichean sìobhalta agad. Is fear-àiteachaidh na dùthcha thu fhathast. Faodaidh tu aon litir san t-seachdain a chur a-mach an asgaidh, is pàighidh tu airson gin a bharrachd. Faodaidh tu a’ fòn a chleachdadh, a’ pàigheadh airson gach gairm thu fhèin.
Ma tha thu san talla anns a bheil luchd-feitheimh Cùirt (Remand), faodaidh tu na thogras tu de litrichean a chur a-mach, cho fad’ ’s nach bi thu a’ mì-ghnàthachadh na sochair. Agus bidh do litrichean an cumantas air an sgrùdadh – nì nach còrd riut co-dhiù a tha thu anns an àite-gleidhidh no a-muigh aig an taigh. Tha ùghdarras a’ ghleidhidh eudmhor. San talla seo tha e ceadaichte dhut do chuid aodaich fhèin a chumail ort, no èideadh a’ phrìosain a chleachdadh. Faodaidh tu litir a chur a dh’ionnsaigh Ball-Pàrlamaid, is cuideachd gu Ughdarras Còraichean Dhaoine san Roinn-Eòrpa.
Tha cead agad mar an ceudna aslach àraidh a chur air beulaibh Rùnaire na Stàite. Ma tha a dhìth ort d’fhear-lagha fhaicinn, faodaidh tu sin a dhèanamh.
Cunnart Dhrogaichean
Ma tha pasaids shocrach a dhìth ort ’s tu an grèim, na bean ris na drogaichean a dh’fhaodas a bhith a’ dol mun cuairt gu dìomhair, is na iarr air neach an leithid a thoirt thugad ri àm cèilidh ort, co-dhiù air do shon fhèin no mar shàsachadh do mhiann na cuideachd a tha fo bhuaidh nan drogaichean. Is ma tha thu a’ faighinn fios on dachaigh a chuireas dragh ort mun teaghlach, iarr a dhol a choimhead muinntir na roinne sa’ phrìosan, a chuireas fios chun na roinne ionadail faisg air do dhachaigh.
A bheil thu ag aideachadh dhut fhèin gur e an daorach no ceàrrachas a dh’fhàg mu dheireadh thu an grèim? Matha thu a’ cur romhad an trèigsinn, gheibh thu cothrom tachairt ri d’leithid, is èisdeachd ri daoine a fhuair làmh-an-uachdair air na cleachdaidhean sin agus a thig dhan phrìosan a dh’aon ghnothach airson misneachd a thoirt seachad.
Buill de Chaochladh Chreideamhan
Ma tha thu de chreideamh àraidh is gu feum thu seòrsachan bìdh a sheachnadh, is nì eile a ghabhail ’nan àite, nithear seo. Ma tha a dhìth ort fear-cleachdaidh no ceannard o d’chreideamh fhèin fhaicinn, cuirear sin air dòigh dhut leis anchaplain.
Cùram air a’ Mhòr-shluagh mu Mheudachadh Fòirneirt
Tha e nàdurrach gu leòr anns an lathaichean seo, is uiread de bhriseadh lagha a’ dol, gum bi daoine cùramach mu thèarainteachd cuirp is maoine, is gu h-àraidh mu shàbhailteachd na h-òigridh is iad on taigh, is mu dhìon ar daoine a th’air fàs aosda. Ged a tha an lagh gan cuartachadh uile, tha feadhainn ann a chuireas suarach an lagh, is a tha toileach a bhith a’ dol an cunnart prìosain.
Is aithne dhaibhsan, nuair a dhìtear is a chuirear an grèim iad, nach eil air tachairt dhaibh ach a-rèir am mearachd fhèin gun do rugadh orra. Mar cho-thoradh, cha bhi dragh air a’ mhòr-shluagh, ach taingealachd airson gach eucoraich a chuirear air falbh.
Gabhaidh an sluagh beachd math air gun do ghlacadh is gun do chuireadh an grèim e, is gum bi e a’ fulang cudthrom an lagha airson ùine cho fad’ is a chuir am britheamh air.
Co-dhùnaidh daoine gu bheil an t-eucorach coma co-dhiù is nach eil àite nas fheàrr ann dha na bhith an grèim far am pàigh e airson beud a rinn e air duine neo-chiontach.
Braighdeanas – Peanasachadh no Leasachadh
Tha a’ chuid mhòr dhen t-sluagh toilichte mar sin ann a bhith ag
aontachadh gur iad prionnsapalan a’ ghlasaidh suas casgadh neo-laghalachd, agus ath-dhìoladh ceart o cheann gu ceann na binne. Chan fhaicear am prìosan leotha ach mar thaigh-cumail agus mar àite peanasachaidh, le deagh sguad de dh’fhir-gleidhidh is tuairnearan-iuchrach an tòir orrasan a tha fo làimh, fad an t-siubhail.
Bidh an leithid a’ luaidh an t-seòlaidh sgriobtaireil ‘sùil airson sùla’, gun a bhith toirt fa-near nach eil an ràdh sin ag àithne peanasachadh gun tròcair gu ruig a’ chrìoch mu dheireadh. Nach e an Naomh Pòl a dh’aithris, “Fhuair mi o na h-Iùdhaich còig uairean dà fhichead buille ach a h-aon” – is carson nach d’fhuair e an dà fhichead buille a-rèir an lagha? Airson nach bitheadh luchd-faire an lagha a’ dol thairis air a’ bhinn ’nan eud airson lànachd dìolaidh, eadhon le aon bhuille – nì a bhiodh dheth fhèin a’ briseadh an lagha.
Ath-Cheannachadh is Cumail Thruacanta
Tha sinn taingeil nach ann mar sin a tha gnothaichean. Tha prionnsapal cudthromach eile ga chur air ar beulaibh. ’S e sin, gum bu chòir oidhirpean cearta a dhèanamh gus gum bi prìosanaich air an aiseag air ais, fhad ’s a tha iad an grèim, is gun tèid iad a-mach a-measg an t-sluaigh, mu dheireadh, mar chreutairean ath-cheannaichte nach till a-rithist a dh’ionnsaigh na dòigh-beatha a b’adhbhar iad a bhith ’nam prìosanaich sa’ chiad àite. ’S e a th’aca air seo ‘Ath-cheannachadh’. Tha an eileamaid seo paisgte anns an dealbh sgriobtaireil mun bhreitheanas dheireannach, mar a labhair Iosa – “Bha mi euslan, agus thàinig sibh gam amharc; bha mi am prìosan, agus thainig sibh am ionnsaigh”. Anns na lathaichean seo, is prìosain air an lìonadh is a’ dol thairis air an gabhail dhreuchdail, tha beachd-smaoin eile air a cur air adhart – ‘Cumail Thruacanta’ – leis a bheil feadhainn a’ tagradh nach urrainnear, a dh’aindeoin a h-uile deagh aire do dh’ath-cheannachadh, a leithid de nì a thoirt gu ìre èifeachdaich.
Mar sin, tha iad a’ co-dhùnadh nach eil e mar fhiachan air fir-riaghlaidh na seirbheis ach na prìosanaich a tha fon cùram a chumail, a ghleidheadh is a fhrithealadh gu truacanta. Cha bhi am prìosanach air a mhaslachadh; cha mhò a nithear dìcheall air ath-cheannachadh mar dhleasdanas.
Cuirear prìosanaich ann an ceithir seòrsachan mar seo.
A. Fear a dh’fheumas gleidheadh dhen inbhe as àirde (highest security).
B. Fear a dh’fheumas cumail chinnteach (very secure – not maximum).
[Sanas]
C. Fear nach fheum uiread de ghleidheadh, ach nach fhaigh comas teichidh.
D. Fear as urrainn a bhinn a chur seachad ann an suidheachadh fosgailte.
Thèid a’ chuid as motha de phrìosanaich do C is D nuair a bhios iad a’ cur seachad na binne, agus tha an dòchas ann gum bi e comasach daoine a’ dèanamh binne fada a chur do C no D o thoiseach na binne. Bheireadh deasachadh mar sin barrachd comais airson tadhal air fòrladh coimheadaichte.
Dè an Seòrsa Cumail?
Cluinnear gearan thall ’s a-bhos gu bheil am prìosanach air fhaiceall ann an dòigh tuilleadh ’s a’ chòir bàidheil, gun chuimhne air eucoir, gun dragh air mun neach a chaidh a dhochann gu dona, no air an neach a chaidh a mhurt is a luchd-eisimeil a dh’fhàgadh gu truagh. Chan eil sinn ag àicheadh gu bheil an leithid a-measg nam prìosanach, ach cha mhath a bhith a’ cur aon chomharra air daoine eadar-dhealaichte ach a bhith a’ sealltainn air eucoir, binn is nàdur a’ phrìosanaich. Chan eil a h-uile prìosanach ’na mhurtair, no ’na fhear-truaillidh bhan, no ’na fhear a rinn ionnsaigh air muinntir aosda.
Agus chan eil a h-uile eucoir a rinneadh air a dealbhadh ro-làimh. Chuir cuid an gnìomh rudeigin gu h-obann is iad air an glacadh ann an aon mhòmaid de dhìth-cèill, de dh’fheirg, no de dh’eagal, no de theannachadh nach urrainn dhaibh fhuasgladh, no nuair a bha iad fo mhisg. Tha mòran dhiubh sin a’ giùlan uallach an droch ghnìomh a rinn iad a latha ’s a dh’oidhche, le nàire, is bidh an t-uamhann a thuit orra còmhla riutha fad am beatha.
Nuair a dh’iarras sinn freagradh dhaibhsan a tha breitheach a thaobh dèiligidh leasachail, cuimhnichidh sinn air na faclan, “Ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chòrcar, bidh iad mar olainn”. Is e seo prionnsapal de chreideamh nan Iùdhach is nan Crìosdaidhean nach urrainn dhuinn a chall. Chan eil facal no còir aig riaghaltas a’ phrìosain mu nàdur na breith, ach dìreach am prìosanach a ghabhail a-staigh. An uair sin, feumar a ghleidheadh is a chumail mar dhuine, is chan ann mar bhiast. Tha Dia “a’ tabhairt air a’ ghrèin fèin èirigh air na droch dhaoine agus air na daoine maithe, agus a’ cur uisge air na fìreanaibh agus air na neo-fhìreanaibh”.
‘Daoine Cruaidhe’
Air an taobh eile, tha iad ann a chumas a-mach gu bheil an dòigh-
beatha a thathar a’ riarachadh dha na prìosanaich sa’ chumantas ro chruaidh. “Seadh,” their iad, “is mì-dhaonna.”
Tha prìosanaich ann a tha ’nan ‘daoine cruaidhe’ – tiotal àicheanach a thugadh dhaibh gu minig leis na meadhonan craobh-sgaoilidh. Chaidh iad le beachd cinn-làidir an aghaidh lagha, is a-rèir gnìomhachais bhuirb nach eil furasda gabhail ris. Tha cuid dhiubh nach iarr feàrrad ’nam beatha, is a mheasas ath-nuadhachadh mar fhianais air anfhannachd neo-fhearail.
Is beag-chuid iad sin a-reir àireimh, ach anns an t-saoghal neònach, dhoilleir a dhrùidheas tron phrìosan, nuair a thig tubaist, air a leantainn le corra chasaid ga dèanamh an aghaidh riaghaltas a’ phrìosain mu dhroch cor nam prìosanach fo làimh fhòirneartaich nan oifigeach, is minig a gheibhear an leithid air chùl na h-aimhreite.
O chionn bliadhna no dhà air ais thathar air prìosanaich òga a ghabhail a-staigh a dhèanamh còig bliadhna no barrachd, a’ leantainn droch eucoire, no malairt dhrogaichean, is nach iarr a bhith sèimh ach draghail, oir mar a tha nithean smachdachaidh air a bhith a’ gluasad, ’s dòcha nach fhaigh feadhainn aca saorsa a’ pharòil.
A dh’aindeoin a h-uile seòrsa duine cruaidh a tha air a chumail, chan fheumar aon stampa a chur orra uile. Tha a h-uile fear air leth. Tha a chomasan fhèin aige. Am faigh iad tighinn am bàrr? Tha aon duine co-dhiù a bha ainmeil anns a’ phrìosan is a tha a cheart cho ainmeil on a chaidh e a-mach – Seumas Boyle. Chuireadh esan anns an Aonad shònraichte ann am Barlinnie, an Glaschu, an dèidh cùrsa fada, ceannairceach, agus an sin fhuair e saorsa a ghibhtean fhosgladh a-mach, is fhearg is a dhroch càil a cheannsachadh. Ged nach b’iad oifigich-gleidhidh a’ phrìosain a thug air tuiteam ann an làmhan an lagha sa’ chiad àite, chuir e làimhseachadh gun chiall às leth a luchd-cumail sa’ phrìosan is e ag ràdh nach robh dòigh eile aige air a’ chùis a dhèanamh follaiseach, ach a bhith a’ cumail air ’na rag-mhuinealas.
Dh’atharraich e san Aonad Shònraichte, is cha b’esan a-mhàin. Tha e a-nis air a bheatha a choisrigeadh do chuideachadh nam feumach, is do chleachdadh a ghibhteana thaobh ealain.
Tha daoine an grèim nach b’aithne dhaibh fhèin an sìol math a bha planntaichte annta eadhon mun tàinig iad dhan phrìosan. A bheil daoine ‘cruaidhe’ cho cruaidh uile-gu-lèir? Nach math as d’fhiach ionnsaigh ùr, mheudaichte a shuidheachadh coltach ri Barlinnie is an t-Aonad sònraichte gus an sìol sin uisgeachadh a chum àrach mhath is na droch bhuaidhean a thig on taobh a-mach, a cheannsachadh? Nach tig am prìosanach danarra dha ionnsaigh
fhèin? Tha deagh eisimpleir ri faotainn san sgeul mun Mhac Struidheil. Tha seo ann cuideachd. Chunnaic athair a’ bhalaich staid ìosal a’ chulaidh-thruais a b’e a mhac, is fhreagair e a ghuidhe.
A thaobh suidheachadh nam prìosanach a thig a-staigh dhan phrìosan às na h-ionadan-gleidhidh airson òigridh: tilgear air ball iad an sàs ann am beatha làitheil nan inbheach, beatha nach tuig iad gu tric, nach còrd riutha, is a bhios duilich dhaibh a ghiùlain. Faodaidh an teannachadh a thig air feadhainn a thighinn gu ìre is nach fhaic iad fois no saorsa ach am beatha thruagh fhèin a chrìochnachadh.
Cluinnidh mi fhathast guth àlainn balaich a bha sa’ chòisir, is e le tlachd a’ seinn an 23mh Salm anns a’ Ghàidhlig, a dh’ionnsaich e ged bu Ghall e. Bha coltas àigh is socair air a ghnùis, ach ghabh esan, gun dùil ris, a bheatha fhèin. A bheil rèiteachadh fhathast feumail, a bharrachd air làimhseachadh lèigh is aotromachadh a’ chràbhaidh, a dh’obraicheadh nàdur de dh’àile teaghlachail eadar prìosanach fo chùram is iomnaidh fir-gleidhidh àraidh – seadh, eadhon prìosanach eile a ghabhas aire?
Tha feum gum bi gleidheadh is cùram cothromaichte. Thathar a-nis a’ beachdachadh air comasan toirt gu ìre a bhith aig prìosanaich, gus fuasgladh a thoirt gu buil air na draghannan is na ceistean pearsanta a bhios aca. Mar sin, thathar nas buailtiche co-obrachadh fhaighinn o dhuine mura cuirear teannachadh air. Ma dhèiligear ri duine mar neach cùramach, bidh e nas coltaiche gum bi e ’na dhuine cùramach nuair a dh’fhàgas e am prìosan.
(Ri leantainn)
title | Latha sam Bith sa’ Phrìosan |
internal date | 1991.0 |
display date | 1991 |
publication date | 1991 |
level | |
reference template | Eòghann MacGillEathain in Gairm 155 %p |
parent text | Gairm 155 |