AIR AR SLAINTE!
le Iain Mac a’ Ghobhainn (Dun Eideann)
Tha luchd-àrsaireachd na h-Eiphid ag innse dhuinn, am measg iomadach ùr-sgeul eile, gum bitheadh muinntir na dùthcha sin a’ dèanamh lionn dhaibh fhèin le bhith grùdaireachd eòrna, glè fhaisg air dòighean a’ latha’n- diugh fhèin. Tha chùis sin follaiseach gu leòr anns na deilbh a dh’fhàg na rìghrean ’s na h-uaislean aca air ballaichean an tuamain (i.e. uaighean), agus cuimhnich gu robh an obair sin mar chleachdadh cumanta aig an t-sluagh, mìltean bliadhna R.C.
Agus, a-rèir coltais, bhiodh daoine ’g ullachadh ’s ag òl deoch-làidir air choreigin, fada mas deach eachdraidh a sgrìobhadh idir; agus chan eil mòran dùil gun sguir iad bhon uair sin. Dh’fheuch iad iomadach dòigh air lionn is fìon a dhèanamh troimh na linntean, is anns gach ceàrnaidh, agus tha gu leòr sgrìobhte agus air aithris mu dheidhinn; feadhainn ag ràdh, cus. Bitheadh sin mar a bhitheas, chan eil teagamh sam bith nach robh daoine riamh a’ faighinn sòlas is beothachadh is misneachd, ann an deoch-làidir; air a’ làimh eile, feumar aideachadh gum bì, an dràsda ’s a-rithist, a’ mhadainn mhàireach gu math dòrainneach an dèidh “oidhche, chridheil, choibhneil… ” Mar a their facal-suaicheantais Chlann Mhuirich: “Na slìob an cat ach le miotag.”
Co-dhiù, ma bheir sinn fa-near ar dùthaich fhèin, tha fios math aig an t-saoghal gu lèir gur e uisge-beatha an deoch-slàinte againne, agus cuideachd, nach eil a leithid ri fhaighinn ann an àite sam bith eile air thalamh ach “tìr nam beann, etc. ”, ged tha gu leòr thall ’s a-bhos a’ feuchainn an dìcheall ri atharrais a dhèanamh air. Tha iomraidhean ann tha deanamh dheth gur e teachdairean manachail a’ chreidimh Chrìosdail a thug dòighean-tarraing deoch-làidir an toiseach gu Alba, agus tha feadhainn a’ gabhail sin mar dhearbhadh air a’ bharail gur ann à Nèamh fhèin a thainig an deoch-slàinte air am beil “uisge-beatha” againn mar ainm an-diugh; gun teagamh sam bith tha feadhainn eile ann nach eil uile gu lèir sàsaichte leis a’ bheachd sin; ach leigidh sinn leotha…
A dh’aindeoin cho fiosrachail ’s a dh’fhàs daoine riamh air gach dòigh is innleachd a tha co-cheangailte ri cinneadh deoch-làidir tha e rèisde ’na iongnadh cho fad’s a bhatar a’ feitheamh ri dòigh à stèidheachadh airson àireamh sònraichte chur ri neart deoch-làidir; dòigh a bhiodh sìmplidh is furasd a thuigsinn don mhòr-shluagh, gus am biodh iad riaraichte leis na gheibheadh iad air an cuid airgid. Ged a tha chùis sin an-diugh nas soilleire na bha i, a-rèir ùine mhòr ’s ann glè throimhe-chèile bha i. Chan eil nì air thalamh a thogas barrachd breislich ann an inntinn luchd-òil na ’n cuspair ris an canar “proof strength”. Bha dòighean eadar-dhealaichte aig muinntir Ameireagaidh is sinn-fhèin is muinntir na Roinn-Eòrpa, ach a-nis, ma tha duine airson ciall deimhinn a chur air a’ chùis, chan eil aige ach comhairle ghabhail bho Achd na Cusbainn (1962); seo na dearbh bhriathran:–
“Spirits shall be deemed to be at proof if the volume of the ethyl alcohol contained therein made up to the volume of the spirits with distilled water has a weight equal to that of twelve thirteenths of a volume of distilled water equal to the volume of the spirits the volume of each liquid being computed as at 51 degrees Fahrenheit. ”
Siud agaibh a-nis e! ’S iongantach mar a biodh na misgearan gu math domhainn ann an imcheist a’ feuchainn ri seòrsa de bhreithneachadh a chur ris a’ cheann-teagaisg ud; agus a’ co-dhùnadh gur e fìor eucoraich a bh’ann a muinntir a’ Chusbainn, no luchd-obraich an taigh-staile, airson a leithid a dh’ amaideas do-thuigsinn a leigeil fo sgaoil mu ghnothaich cho cuidreamach.
Ach ciamar a riamh a dh’èirich a’ facal “proof”? Tha fios aig duine glic sam bith gur e “dearbhadh” a’ Ghàidhlig a th’air, ach carson “dearbhadh”? Bho chionn fhada, tha e coltach gu robh dòigh àraid aca air “dearbhadh” neart an uisge-bheatha; bha iad ga mheasgachadh le fùdar-gunna agus a’ cur teine ris; na lasadh e, bha e làidir gu leòr, agus a-rèir barail, bha e “dearbhte”; mar a robh a làidir gu leòr, cha lasadh e.
Chan eil mòran eile ri ràdh mu dheidhinn a’ chleachdaidh ud, ach ’s mathaid gu robh e driomag bheag na bu chiallaiche na ’n dòigh a bh’aca bho chionn fhada airson feuchainn neart lionn. Bhiodh a’ “fear-dearbhaidh” a’ dòrtadh làd lionn air uachdar bòrd fiodha; bha e ’n uair sin a’ dol ’na shuidhe air a’ bhòrd, air mullach a’ lionn; bha màs leathar air a’ bhriogais aige; le bhith feuchainn ri èirigh, bha dùil gun toireadh e eirmis air neart a’ lionn a-rèir an
tarraing a bhiodh eadar a’ lionn is màs a’ bhriogais!
Chùm daoine air adhart leis na seann dòighean sin gus mu dheireadh b’i boireannach a rinn grìogagan gloinne (falamh) leis an tòimhsear neart deoch-làidir; bha sin a-rèir an deidheadh na grìogagan fodha no fuireachd air uachdar; bha iad diofar meud agus àireamh sgrìobhte orra, a dh’innseadh neart na deoch.
Chleachd uisge-beatha bhith ga reic le, can, “70 proof” sgrìobhte air bileag a’ bhotail, ach chan eil an àireamh sin idir ag innse dè ’n uimhear alcol a th’ann; feumar an àireamh 4/7 a chur ri àireamh “proof” airson faighinn neart a’ “chreutair”; mar eisimpleir tha “70 proof” a’ ciallachadh 40% alcol. ’S e seo an àireamh a chithear an diugh air bileagan botail; tha sin a’ sealltainn gu bheil sinn beagan is beagan a’ teannadh ri cleachdaidhean na Roinn-Eòrpa, agus leis an fhìrinn innse, tha iad nas fhasa thuigsinn na “proof” mar a bha e cheana.
Nuair a theid an t-uisge-beatha tharraing anns an taigh-staile, tha iad ga chur ann am baraillean daraich fad thrì bliadhna air a’ chuid as lugha, agus glè thric mòran nas fhaide. Fad na h-ùine bhitheas an t-uisge-beatha anns na baraillean tha beagan dheth a’ falbh ’na dheatach suas don iarmailt; sin as coireach gur e “cuid nan ainglean” a their iad ris an deatach seo. Tha feadhainn ag ràdh gur ann air sgàth seo a tha àile na h-Alba cho fallainn; feadhainn eile a’ cumail a-mach gu bheil barrachd aingealan ag itealaich os cionn taighean-staile na h-Alba na àite sam bith eile air thalamh. Chan eil fhios nach d’fhuair feadhainn aca sealladh air na h-aingealan, no UFO air choreigin, às dèidh gabhail droma no dhà…no trì…
Ann an grunn àiteachan air feadh na dùthcha gheibhear iomradh air an dòigh anns an robh daoine tarraing uisge-beatha dhaibh-fhèin uaireigin mas do thòisich a’ Riaghladh a’ cur cìs air a’ ghnothaich agus a’ toirmisg do dhuine sam bith a bhith ris an obair sin, ach a-mhàin na taighean-staile mòra. Feumaidh iad an t-uisge-beatha chumail ann an taigh-tasgaidh, glaiste bho gach neach ach maoir a’ Chusbainn. Tha an Riaghaltas a’ faighinn gu leòr cìs às, mòran a bharrachd air a’ chiad chosgais. Ach ’s e cheist dè mar a thòisich daoine air uisge-beatha dhèanamh bho thùs? Chan urrainn dhuinn an-diugh a bhith cinnteach ach tha luchd-eirmis a’ dèanamh dheth gur ann ri linn luchd-nan-uamhan a bha e; nuair a bhitheadh iad a’ bruich lite eòrna bha ’n deatach ag èirigh gu mullach na h-uaimhe; agus mhothaich fear aca gu robh uisge air choreigin a’ sileadh sìos air a mhuin; agus shuath e chorrag air an t-sileadh; agus chòrd am blas ris, nuair a chuir e chorrag ’na bheul; agus bhon uair-sin cha robh ’n còrr mu
dheidhinn ach cumail air adhart…agus seall an ìre aig am beil an gnothaich an- diugh…fiach milleanan pùnnd Sasannach gach biadhna.
Ged a tha a’ chuid mhòr de na Gaidheil mar as tric dèidheil air blas na tha’m broinn nam botail, chan urrainn e bhith nach bi feadhainn aca, uaireannan, a’ smaoineachadh gum bu chòir na h-ainmeannan air bileagan nam botal a bhith beagan nas fhaisge air blas na Gàidhlig na tha iad. Mar eisimpleir “Glen Fiddich”: chan eil facal sam bith ann an Gàidhlig le dà “D” còmhladh ri chèile, ged tha gu leòr anns a’ Chuimris. Dè tha ’n t-ainm seo a’ ciallachadh? An e “fiadhach”? no “fiadhaich”? no “fithich”? no dè? Agus “Bunnahabhainn”: ’s cinnteach gum bu chòir seo a bhith sgrìobhte “Bun na h-aibhne” … “Tomnavulin” – “Tom a’ mhuilinn”; agus mar sin air adhart. Tha gu leòr ainmeannan eile air feadh na dùthcha chan e mhàin air botail uisge-bheatha, ach cuideachd air mapaichean, nach eil sgrìobhte mar bu chòir dhaibh anns a’ Ghàidhlig; agus tha feadhainn cho fada bhon a’ Ghàidhlig ’s gur e cuis-ghàire th’annta. Ach, ’s ann mar siud “a chaidh an càl a dholaidh aig na bodaich Ghallda” nuair a bha iad a’ feuchainn ri ainmeannan Gàidhlig a sgrìobhadh: càite riamh a robh na bodaich Ghaidhealach?
title | Air ar Slàinte |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1991.0 |
display date | 1991 |
publication date | 1991 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 157 %p |
parent text | Gairm 157 |