STIOMRABHAGH
le Calum MacMhaoilein
Chaidh Comann Eachdraidh na Pàirce a chur air chois o chionn beagan bhliadhnachan. Tha iad air beagan rannsachaidh a dhèanamh mu na bha tachairt anns an Sgìre anns na linntean a dh’fhalbh, agus bidh sùil aca a bhith leantainn air an adhart leis an obair seo, oir tha mòran de eachdraidh an àite air a dhol à cuimhne.
Air an 28mh den Og-mhios 1991, thàinig an Comann còmhla aig Eaglais Ghrabhair gus turas a ghabhail gu Stìomrabhagh, baile a chaidh fhàsachadh uair agus uair troimh na linntean.
Chaidh na bha de dhaoine ann an Stìomrabhagh ann an 1858 a ruagadh às, gu àite fhàgail aig na fèidh. Chaidh cuid aca a Leumrabhagh ach b’fheudar do chuid eile a dhol cho fada às ri Gleann Tholasdaidh. B’aithne dhomh fear à Gleann Tholasdaidh a bha ag innseadh dhomh mar a choisich a sheanmhair à Stìomrabhagh gu Gleann Tholasdaidh timcheall ceann Loch Eireasort leis a’ bhò, fhads a bha a sheanair a’ dèanamh a shlighe air eathar leis am beagan àirneis a chaidh aca air a chruinneachadh.
O chionn ceud bliadhna, ann an 1891, thug croitearan bho gach taobh de Loch Eireasort ionnsaigh air Stìomrabhagh gus croitean a chosnadh dhaibh fhèin. Cha deach leotha glè mhath agus nochd cuid anns a’ chùirt fo chasaid gun robh iad a’ bristeadh na sìth. Chuir cuid aca seachad beagan làithean anns a’ phrìosan, ach fhuair cuid eile às gun pheanas. Nuair a chaidh foighneachd do Aonghas MacPhàil à Grabhair an robh e ciontach is e a fhreagair e, “Is dòcha gum bheil mi a’ bristeadh lagh na rìoghachd, ach tha mi cinnteach nach eil mi a’ bristeadh lagh Dhè.”
Nuair a chaidh croitearan agus na teaghlaichean aca a thogail do Chogadh a’ Chàisear ann an 1914, chaidh iomadh gealladh a thoirt dhaibh ris nach deach cumail. Fhuair iad gealladh gum faigheadh iad talamh gu leòr, ach cha robh guth air na geallaidhean sin nuair a thàinig sìth air an dùthaich. Bha iomadh fear ann am bailtean na Pàirce a bha dèidheil air talamh fhaighinn, agus bha sùil aca air
talamh torach Stìomrabhaigh mar àit’ anns am faigheadh iad sin.
B’ann à Leumrabhagh agus à Colbost a bha a’ mhòr chuid de na rinn an ionnsaigh air Stìomrabhagh an dèidh a’ chogaidh seo. Chaidh leotha na b’fheàrr na chaidh le an athraichean ann an 1891, ach bha sgeula bhrònach ri innseadh an cois na h-ionnsaigh.
Bha dà bhràthair ann an Calbost, Niall agus Dòmhnall Moireasdan, a-measg na bha dèanamh ullachadh airson na h-ionnsaigh. Bha mac aig gach fear aca a bha ochd bliadhna deug de aois, air an robh an aon ainm, ainm an seanair, Iain. Chaidh iad suas gu Stìomrabhagh agus chuir iad suas ballachan nan taighean. Chaidh iad an sin air ais gu Calbost agus dh’fhalbh iad leis an àirneis, tughadh an taighe, agus nithean eile a bhiodh feumail dhaibh ann an eathar iasgaich. Bha an dithis òg ann an eathar beag an dèidh na t’èile. Nuair a bha iad a’ dol a-steach beul an Loch Shealg dh’fhàs an aimsir na b’fhiadhaich, agus thug cuairt ghaoithe an eathar beag air falbh, agus chaidh an dithis a bhàthadh.
Bha Niall agus Dòmhnall agus an teaghlaichean fo mhòr bhròn airson nam balach òga a chaill am beatha. Dhrùidh e air Niall cho mòr agus gun do leig e às gach ullachadh a bha e a’ dèanamh agus cha deach e a Stìomrabhagh idir. Ach, duilich agus mar a bha a’ chùis do Dhòmhnall chaidh e air adhart agus chuir e suas taigh ann an Stìomrabhagh.
Tha mi den bheachd gur e ceithir teaghlaichean a ghabh sealbh air talamh ann a Stìomrabhagh aig an àm seo. Co-dhiù is e ceithir teaghlaichean a bh’ann ri mo chiad chuimhne fhìn. Còmhla ri Dòmhnall Moireasdan bha Domhnall Carmìcheil, Dòmhnall MacNeacail, agus Pàdruig Siosal, le an teaghlaichean. Cha b’e bàs gillean òga Chalboist an aon tubaist bhàsmhor a thàinig air Stìomrabhagh aig an àm seo. Bha Dòmhnall Carmìcheil a’ tighinn gu tìr à eathar le gunna ’na làimh. Dòigh na dòigh air choreigin chuir e air falbh urchair a leòn e gu bàs.
Mar a bha ùin’ a’ dol seachad bha duine bho dhuine a’ falbh à Stìomrabhagh agus nuair a thòisich an dara Cogadh Mòr cha robh ann ach teaghlach Dhòmhnaill Moireasdan. Bha teaghlach mòr aig Dòmhnall ach ged a bha, bha iad gu lèir air an toirt air falbh gu an dachaighean pòsda neo don chogadh agus cha robh ann ach Dòmhnall agus a bhean. Cha robh iad fada mar sin nuair a chaochail bean Dhòmhnaill agus ann an 1942 b’fheudar dha Stìomrabhagh fhàgail agus thàinig fàsachadh eile air an àite. Air an turas còmhla ruinn bha mu fhichead duine de shliochd Dhòmhnaill Moireasdan, agus chaidh dealbh a thogail dhiubh gu leir ann an seann làrach taigh an sinnsear.
Bha mi glè thoilichte gun do thachair gu robh mi ann an
Grabhair air mo chuairt Shamhraidh air an latha bha cuimhne air a chumail air Stìomrabhagh agus chaidh mi còmhla ris a’ chomann gu toileach. Thug sinn na càraichean a-null gu Orasaidh far an rogh roghainn againn a dhol gu Stìomrabhagh dha ar cois air neo a dhol ann air tè dhe na h-eathraichean a bha fir Orasaidh air a chur nar tairgse. Bha mi dèidheil air gach dòigh agus chaidh mi gu Stìomrabhagh thar a’ mhonadh, ach chuir mi romham an t-slighe air ais a ghabhail air eathar.
Bha còrr math air ceithir fichead neach anns a’ chòmhlan, le aoisean a’ ruith eadar ceithir bliadhna agus ceithir fichead. Bha cuid ann a bha eòlach air an àite mar a bha Dòmhnall MacLeòid à Leumrabhagh agus Murchadh MacMhaoilein à Orasaidh, am fear a b’aosda a bha sa’ chuideachd, agus mar sin cha robh dìth fir seòlaidh oirnn. Chunnaic sinn na bha air fhàgail de na taighean, chan e a-mhàin na chaidh a thogail an dèidh an dara cogadh ach cuideachd feadhainn a chaidh a thogail roimh 1858 agus ann an 1891. Chunnaic sinn cuideachd ballachan a chuir daoine suas agus iad an dùil tighinn gu Stìomrabhagh, ged a thàinig nì air choreigin a chùm iad gun tighinn. Bha aon tè as a’ chuideachd a thàinig à Borgh air taobh siar an eilein, gus am faiceadh i an àite far an robh a h-athair, Coinneach MacAoidh à Calbost, an dùil dachaigh a chur suas ged nach deach e a riamh ann. Fhuair Ceanag lorg air an làrach agus chuir i ‘daffodils’ ann.
An dèidh dà òraid ghoirid bho chinn-suidhe a’ Chomainn chaidh càrn a thogail mar chuimhneachan air an turas. Fhuaradh clachan anns a’ chladach air son bonn a’ chàirn a dhèanamh agus an dèidh sin chuir gach neach a bha làthair clach a bha iad air a thoirt às a’ bhaile às an tàinig iad air a’ chàrn. Chuir Ceanag Bìoball anns a’ chàrn agus chrìochnaich cùisean le facal ùrnaigh agus seinn salm.
Chòrd an turas gu Stìomrabhagh ris gach duine, ach gu h-àraid ris a’ chloinn. ’S e clann a thoirt air turas den t-seòrsa seo dòigh as fheàrr as aithne dhomh air eachdraidh an àite a chumail ann an cuimhne gach ginealach a tha fàs suas.
title | Stìomrabhadh |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | Calum MacMhaoilein in Gairm 159 %p |
parent text | Gairm 159 |