[303]

Air an Spiris

CO-CHRUINNEACHADH JORDANHILL

GLE ghoirid an deidh don àireamh so de Ghairm a thighinn on chlò, bithidh grunn math de 1uchd-teagaisg Gàidhlig atogail orra a Ghlaschu a chur an cinn ri chéile a thaobh teagasg na Gàidhlig anns na sgoiltean, air Gaidhealtachd is air Galldachd. Is ColaisdeJordanhilla chuir an cuireadh thuca, agus bithidh na coinneamhan sin air an cumail anns aCholaisde bhon trìtheamh gu ruige an t-siathamh den Iuchair.

Tha an t-àm iomchuidh gus a leithid so de cho-chruinneachadh a ghairm. Tha àireamh an luchd-Gàidhlig asìor shìoladh as, ach aig an aon àm tha cogais nan Gallga bhiorgadh a thaobh seann chànain na dùthcha. Is fhada bho bha e aithnichte do dhuine smaoineachail sam bith gum bann fìor dheireil a bha teagasg na Gàidhlig anns an sgoil-bhig, an uair nach leughadh ach corra dhuine aGhàlidhlig le tlachd, aig aois ceithir-bliadhna-deug. Aig an aon àm, feumar aideachadh nach eil ach criomag de leabhar an suds an so, ann an Gàidhlig, a tha freagarrach do chloinn na h-aoise so.

Is iomadh rud a dhfhaodadh sinn fhòghlum bhon rian-teagaisg a thathas acleachdadh an Eirinn agus anns aChuimrigh, agus bho gach ullachadh, a thaobh leabhraichean is eile, a thaga dhèanamh anns na dùthchannan tha sin. AigJordanhillcluinnidh sinn luchd-labhairt as an dhùthaich sin, agus a thuilleadh orrasan feadhainn de ar luch-teagaisg is ar luchd-ceasnachaidh fhéinleithid Raghnaill MhicLeòid, Alasdair Urchardain, Iain MhicGilleathain an Obain is Iain MhicGilleathain Inbhirnis, Anna NicCoinnich agus feadhainn eile. Tha sinn an làn-dhòchas gun cluinn sinn uile rudan a chuireas smuain oirnn, agus gun cuir an smuain sin gu gnìomh sinn, anns an sgoil-bhig, anns an àrd-sgoil, ann an Comhairlean Siorrachd, ann an Colaisdean, agus an Oil-thighean.

titleAir an Spiris
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 16 %p

parent textGairm 16
<< please select a word
<< please select a page