[342]

Cairistiona, Bean Alasdair Mhicaoidh

CHAN fhaighte móran cho eudmhor a thaobh cùisean na Gàidhlig ri Cairistìona NicDhùghaill, a bha pòsda aig Alasdair MacAoidh. Bann a mhuinntir Mhuile a bha i, agus bha Gàidhlig Mhuile gu siùbhlach air a bilean. A riamh bho bha i anns an Oilthigh, agus roimhe sin, nochd i an ùidh sona cànain fhéin, agus bha ena riarachadh dhi fhéin agus do chàch nuair a chuireadh teagasg na Gàidhlig an Ard-sgoil Bellahouston an urra rithe. Rinn i saothair nach bu bheag anns an dreuchd sin, agus i daonnan deiseil gu làmh-chuidich a thoirt aig Mòdan agus aig cruinnichidhean Gaidhealach far an robh iarraidh oirre mar bhana-bhritheamh is mar bhana-òraidiche.

Cha do chaill i an ùidh sin ri linn aphòsaidh, agus an uair a chuireadh Gairm air bhonn, bann thuice-sa a chaidh sinn a dhiarraidh cuideachadh, is sinn air duilleagan a chur air leth airson nam boireannach. Sgrìobh i na duilleagan sin dhuinn ochd turusan, is bha làn dhùil againn gu faiceadh sinn annas a làimhe is snas a briathran iomadh uair eile.

Ach cha robh sin san dàn. Laigh sprochd air na Gaidheil an Glaschu, agus air a cuideachd is a càirdean an iomadh àite, nuair a chualas gun do chaochail i gu h-aithghearr air an ochdamh fichead den Ghiblean. Is iomadh duine aig am bi cuimhne chùbhraidh air a maise, air a fialaidheachd, air a giùlan mòdhar, socair coibhneil. Bha i uasalna dòigh agus toilichtena nàdur. Tha ar co-fhaireachdainn aig a céile, agus aig a nighinn bhig, Fiona, a tha a nis gu bhith aig aois sgoile.

titleCairistiona, Bean Alasdair Mhicaoidh
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 16 %p

parent textGairm 16
<< please select a word
<< please select a page