[343]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

CHAN EIL againn nach cuala le tùirse cridhe gun chaochail Cairistìona NicAoidh, gu h-obann, an lànachd a beatha. Chaill cùisean na Gàidhlig gu h-iomlan, agus Gairm gu h-àraidh, brod na banacharaid. Bha Cairistìona co-aimseireil rium fhìn an Oil-thigh Ghlaschu, agus is doirbh gu dearbh dhomh chreidsinn nach eil i tuilleadhnar measg. Tha e iomchuidh dhòmhsa, as leth boireannaich Ghairm, agus as mo leth fhìn, ar co-fhaireachdainn agus ar bàigh a chur an céill leis an dùrachd as dìlse, do dhAlasdair agus Fiona bheag, air an tainig an dealachadh dòruinneach so gun dùil.

THA an samhradh air tighinn oirnn, agus cha deifir cho aileanachs a tha aghrian, tha mi làn chinnteach gun thàirngeadh osna no dhà mar thà mu chor an trusgain shamhraidh. Bu chòir don t-samhradh so a bhith làn misnich dhuinn matà, oir cha robh uimhear de chothrom againn a riamh air gach seòrsa aodaich, a bho sheachdain gu seachdain afàs nas fhurasda an cumail taitneach, snasmhor, le nas lughas nas lugha de shaothair. an nach do chuir a cùl uair no uaireigin air culaidh air a robh miann a cridhe aice, nuair thug i smuain car tiota air cho trics a bhiodh an t-iarannna làimhga cumail air dòigh, agus sin air an bu teotha. Coma co-dhiùbh, cha ruigear a leas a dhaithghearr ach ainmean nam moghan ùra ionnsachadh agus faodar an trusgan as rìomhaich a cheannachd gun iomagain. Chan eil an luchd-rannsaichnan tàmh, agus tha SILICONE aig ceann-toisich nan stuthan ealanta a thatar a nis acleachdadh.

Nach tric a chaidh gùn no ad ùr mhealmhaid a mhilleadh le fras samhraidh. Chan fhada gus an ceannaich sibh mealmhaid air nach dearg an t-uisge, is air nach fan spot, oir bithidh silicone oirre. Tha an innleachd so a nisga cleachdadh araon air gach aodach ùr agus sean. Tha iad air amhealmhaid a dheanamh cho furasda a làimhseachadh ri clò sam bith eile; tha gach bian nas tlà loinnreach; tha leathar nam bròg nas dìonaich, is chan fhàg clàbar làrach grànnda orra. Bhasuededraghail a riamh, ach faodar a nis a ghlanadh le clùd fliuch gun faileas fhàgailagus gu dearbh cha bheag abheannachd sin. Gheibhear aodach-canaich le lìomh mar shìoda. Chan e mhàin gu bheil earradh soirbh a ghlanadh ach tha siliconegan deanamh cho righinn ris aphoca cuideachd. A bharrachd, smuainichibh cho tric is a dhòirteas cupan tea no nitheigin den t-seòrsa sin air trusgan ùr. Cumaidh silicone gach bho dhrùidheadh air an aodach: ’s ann a ruitheas rud dheth gun lorg fhàgail. an stuth mìorbhuileach so còtaichean móra dìonach anns abhaic as truime. Ma thachras gun dòirt an dubh air deise fuirichidh ena bhoinne cruinncha teid e troimhn chlò idir.

Gheibh deiseachan, seacaidean agus briogaisean dròcaid nam fear sìneadh saoghail le silicone, agus tha e coltach gu bheil eadhon na



[344]

[Sanas]



[345]

cathraichean atighinn do na bùithtean, air ball, le bratan-còmhdaich nach fàs salach gu clisg, agus as feumail buileach, nach caith am feasd. An ùine ghoirid bithidh aodach siliconaichte ra fhaotainn air an t-slait, nach bi ach mu thasdan na dhà nas daoire, agus so an t-eadar-dhealachadh as motha ann am beatha is an sàmhchair gach a tha déidheil air cor a trusgain a bhith dreachmhor air bheag saothair.

Thug mi iomradh o chionn bliadhna na còrr air TOPPSachiad lìomh àirneis anns an robh silicone. ’S ann a tha e duilich an diugh lìomh fhaicinn gun silicone ann, oir tha so da-rìribh atairgsinn tearmunn bho gach milleadh a tha an cois fliuchaidh.

Bha mi leughadh bho chionn ghoirid gu bheilear a nis acleachdadh sgàilean tana de shilicone air gloine uinneagan nam pleunaichean airson gu ruith an t-uisge dhiabh, gun mhóran dragh a chur air léirsinn nam fear-stiùiridh. Is iomadh neach a shuidh greiseag aig cuibhle-stiùiridh càr air bog fliuch, a bheir guidhe nach eil an t-àm ro fhad as sam faighear an cleas so airson an cuid uinneagan mar an ceudna. aig a tha fios nach bi e air na speuclairean no la-eigin.

Math no dona ga bheil cuid de na h-innleachdan a thug abhliadhna chaidh seachad am follais, saoileam gur h-e silicone as goireasaiche. Feumar cuimhneachadh nach caomh leis na gnàthan ùra so an garbh-làimhseachadh. Ma bheirear toidh, mar a tha an luchd-dèanamh acomhairleachadh, iad an cuid obair car aimsir. Gu dearbhs ann a tha uimhear de dhòighean ùra air gach clò agus brat a chur an dòigh an diugh is gu bheil sinn an cunnart broillisg ma tha sinn aineolach air gu as ciall daibh. So, ma tha, achuid as cumanta. Ma thuigeas sinn carson a tha a leithid sud na so ion-mhiannaichte, ’s dòcha gun toir sinn barrachd suim do gach comhairle seòlaidh.

GHEIBHEAR anart agus aodach-canaich nach teid lurcach(crease-resisting) .Tha so aciallachadh gun tuit gach filleadh agus lurc asda a cheart cho luaths a sheasas sibh. Faodar iad so a nighe no an glanadh, ach cha ghabh iad ri dath no ri todhar, oir sgriosaidh so an seòrsa de ròsaid a thagan cumail san dreach so.

Bha uair a bha na pleatannam plàigh, ach ma dhiarras sibh pleatan maireannach(durable pleats)leanaidh na thogras sibh de phleatan am brod nam preas ùine mhóir. Feumaidh so cuideachd cùrman san nighe.

THA an t-aodach-canaich air a bheil gleans(glazed)socrach a chumail glan. Tha e ri tilgeadh gach salchair dheth; chan fhoadar fhàisgeadh idir. ’S e a chrochadh cho luaths a thig e as abhùrn as glice, is chan fheum e ach beagan iarnaigidh. Ma tha e cnapach(embossed)bithibh faiceallach air truimead ur làimh air an iarann, oir gabhaidh e dheanamh còmhnard.

THARael - Brookair léintean geala thoirt amach ann anTOPLIN ’s cha tainig an samhailnam shlighe fhathast. Tha an colair an sàs riutha, ach tha e alaighe gu snog agus beagan cruadhachaidh ann. Mo bhriathran buidhe dhuibh gur fhiach iad so an not ach sgillinn as prìs orra. Bitheargan nighe a h-uile h-oidhche agusgan cur suas air maide-crochaidh. -rna-mhàireach tha an



[346]

léine deiseil gu cur an àirde rithisd gun iarann buntainn dhi. Is iomadh beannachd a thug mi fhìn air toplin air an earrach so. Tha rabhadhnan cois gun an cur am bogadh no am braichachs e as iongantaich buileach leamsa gu bheil iad cho geal ris an t-sneachd daonnan. Chan fhaodar àicheadh gu bheil iad aseasamh ri truailleadh dùis abhaile mhóir le fìor éifeachd. Mar thuirt fear-an-tighe an roimhe, “Tha iad nas gile na geal.” Tha feadhainn bàn-bhuidhe, bàn-ghorm agus glas anns na bùithtean cuideachd.

Bho fhuaradh modh seirg agus crìonaidh air clòimh agus snàth tha tòrr sàbhalaidh comasach araon do gach sean agus òg, ach is glic an a bhios faiceallach mun taosnadh fhathast, oir is e so dearg-namhaid na clòimhetha soga luadh ra chéile.

S iomadh fàsgadh cridhe a gheibhear bho àm gu h-àm mun àireamh mhór de chloinn a thagan losgadh ri linn gùn a dholna smàl. Chan fhada gus am faigh sinn aodaichean nach teidnan teine clisg(flame-proof) .Ged nach las nylon e fhéin suas, bha an dòigh ragachaidh a bha neo-sheachanta air lìon mìn nylon uabhasach cunnartach faisg air lasair. Tha an gàbhadh so a nis air a cheannsachadh agus cha chaill an stuth a chomas anns an nigheadaireachd mur teid a bhruiche.

FAR a bheil teaghlachga thogail tha an tubhailt-bhùird gu tric tais, agus ged tha iomadh gnè brat-bhùird nach eil trom air bean-an-tighe, aontaichidh grunn math nach eil móran dhiubh anabarrach tlachdmhor daonnan. ’S eGAYDEXas ainm do na tubhailtean as grinne a chunnaic mi idir. Tha sheòrsa taobh orra. ’S ann den aodach-canaich a tha iad, le aon taobh air a chur saleithid de dhòighs gun gabh a h-uile spot a sgùradh dheth le clùd fliuch. Than taobh so rud-eigin faileasach ach cha dearg teas soitheich air. Cha sgàin e agus cha ruisg an craiceann dheth. Ma tha an taobh so buileach sgreataidh cha ruigear a leas an tubhailt a chur am bogadh ach suathadh math a thoirt oirre gu h-iomlan le clùd bog fliuch is siabann. Nuair tha an taobh eile salach faodar a nighe mar is àbhaist, agus iarann blàth a ruith thairis air. Gheibhear mu thimchioll air fichead de dheadar-dhealachadh dhreachan anns na bùithtean air deugachadh thasdan.

Ma tha sinn déidheil air na tha so de dhòighean ùra ann an aodach fhaotainn am pailteas, feumaidh sinn an sireadh, agus gach thairgsear dhuinnnan àite a dhiùltadh. Mar as motha an tòirs ann as clisge a bheir an luchd-deilbh tuilleadh amach. Tha rag-mhuinealachd am measg nam mnathan aig amannan mu earbsa

[Sanas]



[347]

[Sanas]

chur ann an gnathasan ùra, is tha sona bhacadh mór, oir is lìonmhor iad a tha den bheachd nach eil glan, snasmhor mur do cheus i i fhéinna cheann.

CUIRIDH an a tha atoirt sùil no smuain air cho geàrrs a tha beatha na thatar afighe ann an snàth geal, gu h-àraid do chloinn, fàilte airORLON. Dhfheòraich mi am bùth an Glaschu mu dheighinn bho chionn ghoirid. Tha e aca, air trì is naoi sgillinn an iarna ùinne, anns na dathan bàna as bòidhcheachs ann san fhear gheal a bha mo shùil. Ged a tha e car daor cha bhi sgillinn agaibh air, oir cha teid e steach gu bràth; cha chaill e chruth (mar is tric a ni nylon): chan fhàs e odhar (mar chlòimh); cha bhlais an leòmainn air, agus tha e mar an cashmere nuair theid fhighe.

ANNS an dealachadh nach iomadh màthair a thill gu minig a dhamharc mus robh a naoidhean air aghaidh sachluasaig. Is doilgheasach cho trics a chluinnear mun tubaist so. Is aithne dhomh a chaill balach beag mar so, ’s cha be aineolas air cloinn, oir bha triùir eile aice, no beag cùraim, a choisinn so. Cuiridh gach màthair ceud fàilte air na cluasaganfoam - rubbera tha ram faotainn an diugh. Chan e mhàin gu bheil e comasach anail a tharruing trompa, ach tha tuill chruinne air am feadh, agus cha deifir ged a theid an leanaban air a bheul fodha, oir chan eil e an cunnart sam bith a mhùchadh. ’Se na cluasagan so an t-urras as cinntiche as urrainn màthair noidhein fhaotainn an aghaidh beud, oir tha fios math againn le chéile gur ann le cheann air cluasaig a tha an leanaban acaitheamh achuid as motha den latha mhór.

title“Gnothaich Bhoireannach”
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 16 %p

parent textGairm 16
<< please select a word
<< please select a page