Cothrom Na Feinne Do’n Sgoil-Ghaidhlig
THA iad beò fhathast a fhuair an ciad oileanachadh anns na sean sgoiltean Gàidhlig a bha air an cumail suas leis na h-eaglaisean agus le buidheannan eile. Is dòcha gu faic cuid aca an oghaichean no an iar-oghaichean a’ togail orra do’n sgoil-Ghàidhlig ùr. ’S iomadh atharrachadh a bhios eadar an dà sheòrsa, ach tha e ’na dhleasdanas air na Gaidheil deanamh cinnteach gum bi a’ chuid as motha dhiubh sin a chum maith. Cha b’ann le cridheachan tais a chur Comhairle an Fhòghluim an Siorrachd Inbhirnis rompa a h-àite dligheach a thoirt do’n Ghàidhlig ann an cuid de na sgoiltean aca, oir bithidh iomadach fear-bogha ag eirmse orra bho chùl gàrraidh. Bithidh ùidh aig móran de luchd-leughaidh Gairm anns an oidhirp ùr so, agus bha sinn ro-thoilichte cead fhaighinn bho’n Ollamh Iain MacGilleathain, Fear-stiùiridh an Fhòghluim an Siorrachd Inbhirnis, ceistean a chur air mu a deighinn. Cuiridh sinn sìos ann an so na ceistean a chuir sinn air agus na freagairtean a fhuair sinn.
Ceist—Dé na h-àiteachan anns a bheil dùil agaibh am fòghlam dà-chainnteach so a thairgse do’n chloinn?
Freagairt—An t-Eilean Sgitheanach agus Innse Gall air fad (ach Leódhus, a bhuineas do Shiorrachd Rois).
Ceist—Cia mheud pàisde bhios air a ghabhail asteach ann?
Freagairt—Timchioll air 2,500.
Ceist—A bheil dùil agaibh tòiseachadh anns an sgoil-bhig, agus cùrsan a dhealbh bho bhliadhna gu bliadhna mar a theid a’ chlann troimh’n sgoil? No, an tòisich sibh aig gach ìre anns an sgoil, a’ tàthadh nan cùrsan ri chéile an ceann sreath, mar a chithear iomchuidh?
Fregairt—Tha dùil againn a dhol an sàs gu daingeann ann an teagasg na Gàidhlig aig gach ìre anns an sgoil, agus aiste cuideachd.
Ceist—An urra dhuibh innse dhuinn cuin a nithear tòiseachadh air an oidhirp ùr so, a) anns an sgoil-bhig b) anns an sgoil-mheadhoin c) anns an àird-sgoil?
Freagairt—Chan eil clàr-tìde(time-table)air a shuidheachadh againn. Tha dùil againn tòiseachadh tràth anns an t-seisean ùr (1956-57), ach tha againn ri ar comhairle a chur ris an luchd-teagaisg, agus mar sin bithidh dùil againn co-chruinnichidhean de luchd-teagaisg a chumail thall ’s a bhos, gu h-àraidh anns na h-eileanan.
Ceist—A bheil dùil agaibh fiachainn ris a’ phàisde aig nach eil cànan ach Beurla a dheanamh a cheart cho fileanta anns an dà chainnt ’s a bhios am pàisde aig nach eil ach Gàidhlig a’ dol do ’n sgoil?
Freagairt—Thà, ach bithidh so ann an tomhas mhór an crochadh ri deagh-rùn nam pàrantan.
Ceist—Ma thig clann Bheurla gu ruig Uibhist-a- deas agus Beinn-a- Bhaodhla ri linn an ionad-rocaidean bhith air a thogail, dé nì sibh riutha-san?
Freagairt—Bu mhath leinn ùidh am pàrantan a tharruing air chor ’s gun cuidicheadh iad leinn ann a bhith a’ toirt eòlas do’n chloinn air a’ Ghàidhlig.
Ceist—A bheil gu leòir de luchd-teagaisg agaibh aig a bheil Gàidhlig?
Freagairt—Cha mhór nach eil. (Chuireadh sanas do’ n phaipear dhà no trì thuruis o chionn ghoirid, ag iarraidh duine a theagaisgeadh Gàidhlig, ach cha d’fhuaireadh freagairt.)
Ceist—A bheil an luchd-teagaisg sin air an ullachadh fa chomhair na h-oibreach a tha ’nur rùn, agus mur h-eil, a bheil dùil agaibh ullachadh a dhèanadh dhaibh?
Freagairt—Tha a’ chuid as motha aca air an ullachadh, ach dh’fheumadh sinn cùrsan a bhith againn a dh’aona ghnothaich airson dòighean ùra teagaisg (is e sin teagasg chànainean) a chur an céill, gu h-àraidh dhaibhsan nach eil cho òg ’s a bha iad.
Ceist—Dé ur barail air na leabhraichean Gàidhlig a tha againn mar thà a chum obair-sgoile? Am biodh leabhraichean ùra a dhìth oirbh, e.g. leabhraichean air eachdraidh, geography ,obair-nàduir 7c.? Am faigheadh clò-bhualadairean cuideachadh ann a bhith a’ cur amach leabhraichean sin?
Freagairt—Chan eil leth gu leòir de leabhraichean Gàidhlig againn, agus móran de na tha againn chan eil iad freagarrach. Tha so gu h-àraidh fìor a thaobh leabhraichean na cloinne bige. Dh’fheumadh iad sin bhith cho inntinneach, tarruingeach ’s a b’urrainn a bhith.
Is dòcha gum biodh Comhairlean Fòghluim deònach cuideachadh a thoirt do chlò-bhualadairean.
Ceist—Leis an dòigh-teagaisg ùr so, am biodh an ceasnachadh aig crìch na sgoile-bige(Qualifying no Control Examination)na bu dorra do’n chloinn? Am feamadh sibh dearbhaidhcan-toinisg(intelligence tests)ùra a dheilbh?
Freagairt—Tha a’ cheist so duilich a freagairt. Tha na dearbhaidhean a tha ’gan cleachdadh mar thà, ’s e sin dearbhaidheanMoray House,duilich ann an tomhas do’n chloinn, a chionn gu bheil iad ag iarraidh eòlas air facail (Bheurla), is tha sinn a’ cumail cuimhne air a sin. Ach, chan eil dùil againn gum feum sinn dearbhaidhean ùra.
Ceist—Dé an seòrsa co-éigneachadh a bhiodh ann do na riaghailtean ùra? Am biodh ceasnachadh cunbhalach ann? Nam biodh, a bheil luchd-ceasnachaidh Gàidhlig gu leòir ann?
Fregairt—Dh’fheumadh ceasnachadh cunbhalach a bhith ann. Bhiodh feum againn air tuilleadh luchd-ceasnachaidh nan robh so ’ga dhèanamh gu math.
Ceist—Am bi Gàidhlig air a cleachdadh troimh mheadhon nan innleachdan ùra e.g. leasanan air an ràdio, filmichean is a leithid sin?
Freagairt—Bithidh.
Ceist—Am bi ullachadh nas fheàrr air a dhèanamh a thaobh leabhraichean Gàidhlig airson leughadh (is e sin, ann an leabhar-lainn)?
Freagairt—Bithidh.
Ceist—Am bi sibh a’ leantainn dòighean-teagaisg a tha aca ann an dùthchannan eile mar a tha Eirinn agus a’ Chuimrigh?
Freagairt—Chan eil so air a chur an dara taobh fhathast. Tha beachd againn gun tadhail sinn anns na dùthchannan sin.
Ceist—A bheil e ’nur beachd ùidh nam pàrantan agus an t-sluaigh a tharruing chun na h-oibreach so?
Freagairt—Thà, troimh choinneamhan, postairean(posters)is a leithid sin.
title | Cothrom na Féinne do’n Sgoil-Ghàidhlig |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |