Sgoil mhic Neacail an Steornabhagh
Le ALASDAIR URCHARDAN
AN uair a chaidh a’ chiad Bòrd-sgoile a chur air bhonn an Steòrnabhagh (1873) bha cóig sgoiltean anns a’ bhaile: dhà air an cumail suas le Sir Seumas MacMhathain, té leis an Eaglais Stéite, té leis an Eaglais Shaoir, agus Sgoil Mhic Neacail nach robh a bheag ach air a h-ùr fhosgladh. B’e Alasdair Moireasdan MacNeacail an cóigeamh mac de’n teaghlach; bha athair ’na cheannaiche éisg, bha tuathanasan chaorach aige agus a chuid long fhéin air sàl: duine, a rèir coltais leis an do shoirbhich an saoghal. Fhuair Alasdair fhòghlum an Ard-sgoil Ghlaschu agus thug e mach a cheàird mar innealadair air Cluaidh. An uair a bha e fhathast òg, chaidh e gu Shanghai far an do thòisich e air a cheann fhéin a’ togail long agus a’ dèanamh innealan.
Gu duilich chaidh a mharbhadh an 1865 le tubaist air bòrd té de na luingeas ùra is i air a ciad turus is gun e fhathast ach trì bliadhna deug ar fhichead. Ann a thiomnadh dh’fhàg e treasa earrann ionmhais, mar a thubhairt e, “an dòchas gun dèan mi feum air chor-eigin do chloinn mo sheann eòlaich.” B’e an dòigh a b’iomchuidhe le a bhràithrean iarratas a riarachadh sgoil ùr a thogail anns a’ bhaile. Le cuideachadh agus brosnachadh bho Shir Seumas chaidh an sgoil so fhosgladh air 27/2/ 73 agus cóig fichead ’s a cóig sgoilear innte. Ged bu bheag cha b’fhada a’ fàs, agus b’éiginn a bhith sìor chur rithe. Lean bràithrean Alasdair eiseamplair-san agus eatorra thug a’ chóignear eadar thogail is airgead luach £20 ,000. (Aig an dearbh àm tha aitreabh ùr ’ga thogail anns am bi fichead seòmar a bharrachd. Chan fhuilear e, agus cha b’ann roimh ’n mhithich.
B’iad Iain Sutharlan agus Iain Foirbeis na ciad chinn a bha oirre, ach is ann an uair a thainig Uilleam Gibson chuice an 1894 a chuir i ceart roimpe. Is esan a rinn Ard-sgoil dhith le cùrsa-fòghluim a bheireadh clann Leódhuis dìreach do’n Oil-thigh. B’esan an t-uasal a chunnaic cho feumach ’s a bha an t-eilean air a leithid agus a dheilbh na dòighean anns an robh leasachadh air an fheum. Chuir esan, da rìreadh, an t-eilean fo chomaine nach eil e furasda chur an céill. Rinn e móran de’n bheagan: an uair a leig e dheth a dhreuchd an 1925 bha an 105 suas gu 960, agus mu 450 arms an Ard-sgoil. Chaidh ainm na sgoile fad is farsaing air feadh na rìoghachd; bha àite is éisdeachd aige a measg luchd-comhairle an fhòghluim, agus is beag an t-iongnadh
[Dealbh]
C. J. S. Addison.
gun do chuir an rìgh fhéin urram air (C.B. E. ). As a dhéidh, gu 1944, bha Iain MacRath, laoch as an aon fhaghairt. Cha do chaill an sgoil a cliù r’a linn. Bha e ro eudmhor m’a deighinn, cha robh caomhnadh air fhéin anns an àite far an d’fhuair e ionnsachadh, a bha a nis an urra ris agus a bha cho mór aige. An diugh tha againn Mgr. C. J. S. Addison a Machair Aonghuis. Fo stiùireadh ghlic-san tha an sgoil chan ann a mhàin a’ seasamh r’a dualchas ach a’ sìor dhol am mòid an àireamh is an cliù. Tha innte a nis 1441; dhiubh sin tha 716 anns an Ard-sgoil, agus 95 a’ feuchainn Teisteanas an Fhàgail (1956). An sìol a chuir Uilleam Gibson an 1894 nach ann air a thàinig am fàs dhuilleach is mheanglan.
Ged bu Ghall Mgr. Gibson chunnaic e is dh’aithnich e luach na Gàidhlige agus bho’n fhìor thoiseach fhuair i àite an cùrsa-fòghluim na sgoile. Chan eil teagamh nach ann gu sònraichte air iarraidh is air impidh-san a cheadaich Bòrd an Fhòghluim paipear àrd an Teisteanas an Fhàgail an 1916. Smuainich a liuthad duine a chaidh troimhe so anns an dà fhichead bliadhna: tha sgrìobhaichean Gàidhlig pailt—nan togradh iad. Tha Mgr. Addison ro dhéidheil oirre, is math a sgrìobhas is a leughas e fhéin i agus a mholas e do’n òigridh i. A measg luchd-teagaisg na Gàidhlig bha na daoine ainmiel Murchadh Moireasdan, Aonghus L. MacDhòmhnaill, Seumas MacThómais, agus Iain MacDhòmhnaill. Bho 1925 is e Alasdair Urchardan a tha an urra rithe.
An aon Ard-sgoil anns an eilean tha i tarruing as gach baile tuatha. Chan eil comas air, agus tha sochairean mu choinneamh na tha a’ chlann a’ call. Tha dà thigh-fuirich(hostel)airson nan caileag a ghabhas eatorra barrachd air ceithir-fichead, agus aitreabh ùr mór brèagha airson nam balach a chumas a cheart uimhear. Togaidh iad oilean agus fòghlum annta. Tha mi cinnteach gur iomadh ban-sgoilear a bha againn agus a tha nis air tighinn gu latha a fhuair faochadh d’a cianalas ann a bhith cuimhneachadh nan làithean sona a chuir i seachad san t-seann tigh air a’ Mhol-a- deas.
[Dealbh]
An fheadhainn a dh’fhiach na paipearan Gàidhlig ann an Teisteanas an Fhàgail (1956), agus an ceathrar a tha a’ teagasg Gàidhlig. Tha Mgr. Urchardan air an fhìor laimh-dheis.
Agus a thaobh Chloinn Neacail: tha ainm na sgoile againn, tha ar suaicheantas againn—gach biùgan anns a’ phleasg a’ riochdachadh fear de’n teaghlach. Tha na ceithir tighean anns an sgoil air an ainmeachadh air na ciad cinn—Sutharlan, Foirbeis, Gibson, MacRath. Agus aitreabh ùr nam balach, anGibson Hostel,a’ gleidheadh cuimhne air na rinn esan do òigridh an eilein.
“Leanamaid” (Sequamur)ar facal-suaicheantais, agus nach ann romhainn a bha na laoich a b’fhiach an leantainn.
[Sanas]
title | Sgoil mhic Neacail an Steòrnabhagh |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Alasdair Urchardan in Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |