[309]

A Bheil AChoir mar a Chumar i?

Le DOMHNULL GRANND

’S tric a chuala sinn mu luach nan sean-fhacal. Gheibh an neach a sgrùdas na sean-fhacail Ghàidhlig gu h-àraidh luach a shaothrach, oir annta tha freumh aghliocais agus smior na fìrinn. Bitheadh sin mar a bhitheas, am fear uair no uaireigin nach eil air a shàrachadh leis an neach a bheir dhut sean-fhacal a fhreagras a h-uile suidheachadh, gun ghuth gu bheil na sean-fhacail gu tric calg-dhìreach an aghaidh a chéile.

Faodaidh tu a bhith an cuideachd far a bheil feadhainn abruidheann a nulls a nall mu cheisd chudthromach air choireigin, abair ceisd mar so, am bu chòir dhuinn a bhith na bu chàirdeile ris na Ruisianaich na thà sinn? Tha cuid acumail amach gum bu chòir dhuinn cuireach a thoirt do thuilleadh dhe na Ruisianaich tighinn a choimhead oirnn, agus cuid eile an aghaidh sin. Tha an còmhradh adol air adhart gu socair. Gun teagamh chan abradh tu gu bheil an luchd-labhairt adol a chur móran soluis air na cùisean air a bheil iad abruidheann, agus chan eil an còmhradh adol a chur gnothaichean an t-saoghail mhóir an òrdugh. Ach tha iadgan toileachadh fhéin gun a bhith acur dragh air duine eile.

So far an tig fear nan sean-fhacal air adhart. “Cha tig,” arsa esan, “muir-tràigh gun mhuir-làn na déidh.” Tha stad obann air achòmhradh. Chan eil an còrr ri ràdh. Sgapaidh achuideachd, a h-uile fear acoimhead mar gum bitheadh nàir air, aon chuid airson a bhith acur seachad a leithid de dhùine abruidheann, no a chionn nach do smaointich e fhéin air a leithid de cho-dhunadh dhan chòmhradh.

Is a tha fear nan sean-fhacal aciallachadh air an turus so le a sheanchas? ’S cinnteach gu bheilmuir-tràigh gu muir-lànaciallachadh daingneachadh càirdeis. Ceart gu leòir, ach nam be lasachadh càirdeis a bu mhath leis, bha e cheart cho furasda dha an sean-fhacal a thionndadh mar so: “Cha tig muir-làn gun mhuir-tràigh na déidh.”



[310]

Shaoileadh duine gum bitheadh mi-rùn air fhoillseachadh an aghaidh neach a bheir còmhradh gu crìch anns an dòigh so, ach chan ann mar sin a thà. ’S ann a tha a chliù air a mheudachadh gu mór a measg a chàirdean. Nam faigheadh e mar a thoill e, cha bhitheadh càirdean idir aige.

Nach iomadh duine a bhair a chlaoidh leis an fhear aig am bi an duanTha achòir mar a chumar i.” Ma tha so aciallachadh dad idir, tha e ag ràdh gu bheil gnìomh no cleachdadh sam bith ceart ma tha daoinega dheanamh gu cunbhalach. Dhfhaodadh an ràdh so a bhith air bilean aon sam bith de na slaightirean mun cuala sinn an eachdraidh; chan fhàgadh sin e achna dhroch chomhairle gu bhith air a cur mu choinneamh sluagh an latha an diugh. Cha leigeadh duine sam bith a leas fiachainn ri casg a chur air euceartan Mhgr. N., no Mhgr. H., no Mhgr. K., ’nan latha fhéin le bhith ag ràdh riu: “Cha bu chòir dhiubh sin a dheanamh,” oir fhreagradh gach fear aca gu ladarna, “Tha achòir mar a chumar i.” Ma ghabhas sinne cuideachd ris an t-sean-fhacal so, tha sinn aig acheann thall ag aontachadh còmhla riu nach eil a leithid de rud ris achòir idirann.

Tha comharraidhean àraidh air sean-fhacail dhen t-seòrsa so. Tha iad goirid. Tha facail annta a tha atòiseachadh leis na h-aon litrichean, mar a thaChòir, chumar.” Bhitheadh an sean-fhacal so a cheart cho pongail nan abradh neach, “Tha achòir mar a chithear inoTha achòir mar a chanar i,” no rudeigin dhen t-seòrsa sin.

Be achiad rud a chuir mi-fhìn an aghaidh nan sean-fhacal, co-dhiùbh a dhfhàg mi car amharusach mun fheadhainn a bhitheadhgan cleachdadh, gun cuala mi gu trics minam bhalachCeann mór air duine glic is ceann circ air amadan.” Bha so acòrdadh rium-sa taghta, oir bha mi atoirt a chreidsinn orm fhìn gu robh an ceann agam dhen fheadhainn a bu mhothaa measg nan sgoilearan.

Cha do mhair mo shòlas fada. Thàinig cuideigin (bliadhnachan an deidh sin bha amharus agam gun robh cinn caran beag aig clann an duine so) aguss e so a chuala mi, “Ceann mór air duine glic, agus mar as trice air amadan.”

Cha robh na bu bhuailtiche na sud air droch-nàdur duine, no balach, a dhùsgadh. am feum a bhann a ràdh gu robh roinn an t-sean-fhacail so colg-dhìreach an aghaidh a chéile. Ma bha e aciallachadhTha ceann mór mar as trice air amadan, ach faodaidh tu fhaotainn fìor chorra uair air duine glic,” carson nach canadh iad sin?

Be abhuil a bhann dhòmhsa agus tha mi cinnteach do iomadh balach eile aig an robh ceann os cionn achumantais gun dfhalbh sinn acnuasach am be uisge air an eanchainn no dhen t-seòrsa a dhaobharaich meudachd achlaiginn. Air an làimh eile chan eil teagamh nach toireadh an sean-fhacal anns an dreach so misneachd do luchd nan ceann beaga, ach a theireadh gum be rud feumail a bhann dhan càirdeans dhan dùthaich gum faodadh iad-san a thoirt a chreidsinn orra fhéin gu robh iad na bu ghlice na bhà iad.

Tha sean-fhacal eile ann a dhfhaodar a thogail mar eiseamplair air amhilleadh a tha an seòrsa so adèanamh. So agaibh i, “ ’S i a



[311]

mhuc shàmhach as motha a dhitheas.” Tha am fear a their so acurnad cheann ma chì thu duine sàmhach gu faod thu a bhith cinnteach gu bheil peacannan dìomhair air choreigin air a shiubhal.

Cha tig air ach casaid a thogailna aghaidh mar a leanas agus theagamh gun téid againn air na freagairtean aige a mheas, ma tha dad reusonachadh cothromach idirna chomas.

CeisdA bheil mucan air an roinnnan sheòrsa, mucan sàmhach agus mucan straighleach?

FreagairtGun tuilleadh eòlas air mucan, chan urrainn domh a ràdh.

CeisdA bheil aobhar sam bith agad a chreidsinn gu bheil iad air an roinn anns an dòigh so?

FreagairtChan eil.

CeisdGed a bhitheadh cuid de mhucan na bu shàmhaiche na feadhainn eile, am bitheadh e coltach gun itheadh an fheadhainn sin barrachd air càch?

FreagairtNam bitheadh ùine agam agus cothrom air leabhraichean ionnsaichte a sgrùdadh, dhfhaodadh gum faighinn aobhar a chuireadh iognadh ort.

CeisdAch ged a chuir thu so as leth nam mucan sàmhach, cha dfhuair thu aobhar fhathasd.

FreagairtCha dfhuair.

CeisdGed a bhitheadh na thuirt thu fìor mu ainmhidhean, an leanadh bho sin gum bitheadh e fìor mun chinne-daoine?

Freagairt— ’S dòcha nach leanadh.

CeisdA bheil ena chleachdadh aig daoine abhith abeachdachadh air mucan ag itheadh?

FreagairtChan eil aig móran dhiubh.

CeisdMar sins e fìor chorra dhuine a bheachdaicheadh, aguss e fìor, fìor chorra dhuine a leanadh eiseamplair nam muc.

Freagairt— ’S è.

CeisdMur ith an duine sàmhach barrachd na càch, an e gu bheil an sean-fhacal acur teachd-geàrr air choreigin eile as a leth?

FregairtFaodaidh gu bheil.

CeisdAch chan eil dearbhadh agad gu bheil an duine sàmhach nas buailtiche do a leithid sin de mhì-stuamachd na bhitheadh duine deas-briathrach?


[Sanas]



[312]

FreagairtChan eil.

Tha sean-fhaclan eile ann a tha gun toinisg uilc gu léir. Bha buamastair ann o chionn fada an t-saoghail a thuirt“ ’S miosa Muileach nan t-Ileach; ’s miosa an t-Ileach nan deamhan.” Smaointich; air an t-sreath as àirde, an deamhan; air an t-sreath as ìsle, am Muileach, agus eatorra an t-Ileach. Tha e éibhinn a ràdh gum be buamastair a thuirt so an toiseach, ach chan eil e idir éibhinn a bhith afaicinn, chan e mhàin gun déisd móran ris an duine, ach a réir coltais gu robh iadga chreidsinn. Mur a bitheadh iadga chreidsinn ags ag aithris a chuid amaideis as a dheidh, cha robh an sean-fhacal air mairsinn beò mar a rinn e gus an -an-diugh.

Faodaidh eileanaich eile, Leódhusaichs dòcha, no Sgitheanach, a bhith car coma ged a theirte a leithid so mu Mhuilich no mu Ilich. Ach deanadh iad air an socair. Bha iadsan acheart cho dual a bhith air an ainmeachadh ann an ràdh dhen t-seòrsa so, agus faodaidh e a bhith nach do chùm as iad ach gu bheil trì lididhean anns na facail, “LeódhusachagusSgitheanachagus mar sin gum bitheadh iad ro fhada airson an t-sreatha.

Mur eil iad anns an fhear so tha sreathan eile air an deilbhdha na Sgitheanaich co-dhiùbh. Feumar aideachadh nach dean eadhon mion-sgrùdadh lorg air sean-fhacal acur droch-bheus as leth Hearaich no Leódhusaich, ach so mar a theirear mu na Sgitheanaich, “Fhadsa bhitheas slat sachoill, bithidh foill saSgitheanach.” Nan abradh tu ri duineBithidh foill sna Sgitheanaich gu bràth,” bheireadh e sùil ort asmaointeachadhs dòcha gum bann afàs faoin a bha thu. Ach ma bhitheas tu cho seòltas gun can thu acheart rud ann an dòigh eile le a bhith acur air thoiseachFhads a bhitheas slat sachoill,” saoilidh am fear-éisdeachd gur e duine uabhasach glic a thannad, seòrsa de dhfhàidh cha mhór.

Tha a bhith acluinntinn an fhacailfoillan deidh an fhacailchoillacur seula na fìrinn air achùis; chan eil an truaghan a tha ag éisdeachd comasach air eanchainn fhéin, ma tha eanchainn aige, a chur am feum tuilleadh.

Ghabhadh sean-fhaclan dhen t-seòrsa so atharrachadh agus an deanamh chan e mhàin nas dreachmhoire ach cuideachd nas fìrinniche. Nam bitheadh fear le deagh ghean do Sgitheanaich ann, nach fhaodadh e an sean-fhacal a chur mar so, “Fhads a bhitheas slat sachoill, bithidh sgoinnsan Sgitheanach.” Thasgoinnaco-chòradh a reir fuaim richoillagus a bharrachd air sin tha e atòiseachadh le sg-, na h-aon litricheans a tha aig toiseach an fhachailSgitheanach.” Chòrdadh am facalsgoinnri móran na bhfheàrr na am facalfoill.” Theagamh gum bè a bu mhotha a thigeadh ri càil nan Sgitheanach co-dhiùbh.

Tha e follaiseach mar sin gum faod na sean-fhaclan as fheàrr a thagainn a bhith air an cur gu -fheum. Tha cuid dhiubh nach bu chòir an cur am feum idir.

Ach tha mi air mo mhealladh mur a cluinn mi cuid-eigin afreagairtTha achòir mar a chumar i.”

titleA Bheil A’ Chòir mar a Chumar i?
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Dòmhnall Grannd in Gairm 16 %p

parent textGairm 16
<< please select a word
<< please select a page