Baird a’ Bhaile againn (An Drobhair)
Le COINNEACH MACDHOMHNAILL
RUGADH ALASDAIR MACDHOMHNAILL anns an Ard Dhubh air a’ Chomaraich mu thimchioll a’ bhliadhna 1840, agus chaochail e mu 1910. Is ann air sgàth paidhir bhròg iall a fhuair e aig aon àm a chaidh “An Dròbhair” a thoirt mar ainisg air, agus lean an t-ainm ris fad a bheatha.
Cha robh e ach da là san sgoil riamh. An dara là a bha e innte, dh’fhalbh e le ’fhàd mòine fo achlais coltach ri gach neach de na sgoilearan eile, agus nuair ràinig e an sgoil, fhuair e dà nighean òg ’nan suidhe eadar e ’s an teine. Chuir so conas mór air, agus chan fhaiceadh e dad na b’ fheàrr na falt an dithis aca cheangal ri chéile. Tha e furasda gu leòir a chreidsinn gum biodh am maighistir-sgoile glé mhór dheth a dhòigh, agus thug e ’n deagh stialladh dha’n Dròbhair a chuir leithid a thàir air ’s nach deach e air ais do’n sgoil riamh tuilleadh. Ach air son sin, fhuair e eòlas air Beurla ri tìde, agus a réir ’s mar bhiodh e fhéin ag ràdh rachadh e air aghaidh ministeir sam bith anns a’ Chléir.
Is ann a’ seòladh a bha’n Dròbhair a’ chuid a b’ fhaide de a bheatha, agus chaidh a’ chiad amhran a rinn e riamh a dhèanamh nuair bha e a’ fàgail Ghlaschu ’na ghille òg, air a chiad turus gu muir. Anns an amhran so, the e toirt iomraidh air an turus agus air daoine àraidh a bha ann an sgioba a’ bhàta. So agaibh feadhainn de na rainn a bha air:—
“O chiall nach e mise bha ’fuireach air tìr
’S ann agam tha meas air a’ bhail’ againn fhìn;
Am baile bha bòidheach, an t-sròn san robh ’n t-sìth,
Far am faighinn an fheòil is mo leòir dhe’n an ìm.
’S e mise tha brònach ’s mi seòladh á Cluaidh
Dol air bòrd an “Srath Eireann” ’s e bha éibhinn an sluagh;
Bha ‘Crosset’ ag éigheach chun nan Eireannach suas,
’S bho nach tuiginn-sa Beurla, gum feumainn bhith luath.
’Dol seachad aig Grianaig bha i briagha gu leòir,
Bha mise glé chianail; cha b’ fhiach leam an dòigh;
Bha na seòladairean tinn, bha gach nì dheth a sheòl,
Bha ’m botul ’ga thrèaghadh ’s bha na Gaidheil ’ga òl.
Bha sgiob’ aig a’ bhodach cho math ’s a bha riamh,
MacMhathain Loch-aills’ cha toir taing air droch bhiadh,
MacLachlainn nan Eilean, chuireadh eagal air ciad,
Agus Murchadh MacMhàrtainn, chuireadh màs ann an cliabh.”
Tha aon eile de amhranan an Dròbhair a’ toirt luaidh air turus air an deach e fhéin agus dithis chompanach còmhla ris, aig àm na Calluinn, gu na h-Uamhagan a dh’iarraidh pigidh uisge-beatha a bha bean anns a’ bhaile sin a’ cumail Cha robh rathad mór idir a’ dol do’n bhaile so, agus b’ fheudar dhoibh coiseachd a h-uile ceum de na sia mìle
troimh ’n mhòintich, air oidhche dhorcha. Nuair a ràinig iad na h-Uamhagan is ann a chaidh innseadh dhoibh gu robh am boireannach air a’ phigidh a thoirt leatha gu baile eile a bha gu math faisg air a’ bhaile aca fhéin, agus cha robh an t-uisge-beatha idir r’a fhaotainn ann a sud:
“Hi ho ró air stuth na Calluinn
Thug an t-saothair as na balaich;
Gur ann aca-san bha’ n t-astar
Dol a seachad aig an Ob.
Nuair a ràinig sinn tigh Ruairidh
Fhuair sinn deoch de dh’ uisge an fhuarain;
Ruairidh Lìsi ’m balach suairce,
Chuir e sinn gu bruaich an ròid.”
Cha robh a réiste ach tilleadh air ais gu Culduibhe, chun an tighe anns an robh a’ bhean leis a’ phigidh, agus nuair a ràinig iad sin, bha aighear is itheadh is òl da-rìreadh aca:—
“Nuair a ràinig sinn Dòmhnall Uilleim,
Bha e ’na shuidhe fo ’n an uinneig;
Sgrogag snaoisein thug e dhuinne
’S gur e ’nighean a bha còir.
Fhuair sinn tea is fhuair sinn càise,
Fhuair sinn aran brèagha Gaidhealach
Mac an Léigh is Donnchadh Màiri
Dithis bu gheàrrte mu’n a’ bhòrd.”
Mu dheireadh, nuair a chuir iad crìoch air an cuid àbhachd anns an tigh sin, dh’ fhalbh an Dròbhair agus a chompanaich ann an eathar a null thar an locha gus a’ bhaile aca fhéin—leis a’ phigidh, agus na bha air fhàgail ann:—
“Nuair a sguir iad dhe’n a’ ghleadhraich
Fhuair an Dròbhair bìdeag choinnle,
’S ged bha’n daorach air a’ Philot,
Fhuair sinn greim air tigh na Sròin.”
Ri àm an Dròbhair, bha pòsadh àraidh ann an Camusteille, baile a tha mu choinneamh na h-Airde Duibhe air taobh thall an locha. Fhuair a h-uile neach anns an sgìre cuireadh do’n phòsadh ach an Dròbhair agus a bhràthair a mhàin—rud a chuir tàmailt mhór air an Dròbhair, gu h-àraidh seach gu robh am fear a bha pòsadh càirdeach dha. So agaibh, matà, pàirt de’n aoir a rinn e mu dheighinn a’ phòsaidh agus muinntir Chamusteille—no “na Seileanan,” mar a theirteadh riù aig an am sin:—
“Bha brot is feòil dha-rìreadh ac’
Is peabair as na h-Innseachan;
’S an coileach circe bh’ aig Iain Og,
Gun d’ fhàg iad còrr dha’n dìnneir dheth.
Bha sliasaid dhe’n an t-seilean ann
Is sup air cinn nan eireagan;
Bha lus an ròs ann agus fraoch,
’S bha caonnag air Iain Breabadair.
Bha caoraich mhóra bhoireann ann—
Bha Tómas Ruairidh coma dhaibh,
An Gille Bàn a bh’ aig Iain Og
Bha chlòimh a bh’ orr’ air thogail leis.
Bha caoraich bheaga mhaola ann,
Cha robh a’ chlòimh ach aotrom orr’,
Oir chaidh an smeuradh le droch theàrr
’S bha Donnchadh Geàrr ’ga taomadh orr’.
Gur mór an t-aobhar nàire dhaibh
Nach tug mi-fhéin ’s mo bhràthair ann;
Bha mnathan againn rachadh ann,
Is chanainn amhran Gàidhlig dhaibh.”
Nuair a bha an Dròbhair air dìreadh suas ann am bliadhnachan, agus air fàs ro shean air son a dhol gu muir, bhiodh e ag obair air na faochagan, agus gu math tric a’ dol astair fada gus an tional. Cha robh ann ach obair glé thruagh agus mhì-thairbheach, agus bha feadhainn ann a bhiodh a’ coimhead sìos air daoine a bhiodh ris. Aon là, far a bheil dà rathad a’ coinneachadh, thachair an Dròbhair ri Iain MacCoinnich, bàrd eile a bha fuireach ann an Toscaig, agus is ann mar so a bhruidhinn MacCoinnich ris an Dròbhair:—
“Dròbhair dubh nam faochag,
’S gur e ’chaoile a bheir bàs dha.”
Ach bha an dara fear cho geur ris an fhear eile, agus fhreagair an Dròbhair air ball:—
“MacCoinnich agus maoil air
’S e mar laogh as deidh a mhàthar.”
Is ainneamh àite anns an robh an Dròbhair riamh nach do chuir e rainn air choreigin r’a chéile. Bha an duine caol, àrd so air nach d’ fhàs ribe feusaig riamh, aithnichte air feadh na sgìre gu léir airson a sheòltachd agus a chuid spòrs, agus cha leigeadh e seachad tachartas neo-àbhaisteach sam bith gun amhran aighearach, aotrom a dhèanamh mu dheighinn.
[Sanas]
title | Bàird a’ Bhaile Againn (An Dròbhair) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Coinneach MacDhòmhnaill in Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |