A Chuairt
le Niall Brownlie
Air dhomh a bhith air saor-làithean an eilean mo bhreith is m’ àraich (Tiriodh), chuir mi romham air là brèagha samhraidh cuairt a chur air na h-ionadan air an robh mi cho eòlach an làithean m’ òige. Agus le seo san amharc, thog mi orm an dèidh meadhan-là, a’ cur m’ aghaidh air an iar.
A’ dol thar crìch na croite far an d’ rugadh ’s an do thogadh mi, fhuair mi mi fhèin an leth croite - bloigh den chroit a bha aig mo shì-sì-seanair, Alasdair Caimbeul a chaidh a mharbhadh am BlàrWaterlooan 1815. Bha dithis mhac aige agus roinn a’ bhantrach aige a’ chroit eatorra, agus ’nan leth-chroitean tha iad gus an là-an-diugh.
A’ dol tro thrì eile de chroitean Ghoirtein Dòmhnaill, ràinig mi am machair agus Land Lag an t-Seagail - ionad air an robh sreath de shia taighean-còmhnaidh nuair a bha mi ’nam bhalach-sgoile. Ach mo chreach, tha iad an-diugh fuar, fàs len cinn ’nan corp:
Thug mi cuairt feadh a’ bhaile -
Bha gach dachaigh mun cuairt
Làn dhaoine gun charraid,
Ged am maoin bha iad truagh;
Air lòin Lag an t-Seagail
Bha sia dachaighean suas -
An-diugh tha ’m buagh’llan sa’ chagailt
Anns na tobhtaichean fuar.
B’ ann don Land a bhuineadh Gilleasbuig MacLaomainn, athair Màiri NicLaomainn, a choisinn Bonn Oir a’ Chomuinn sa’ bhliadhna 1913. B’ i Màiri a bu mhàthair do Alasdair Mac-IllLeathain an sgrìobhadair ainmeil a sgrìobh HMS Ulysees agus iomadh nobhail ainmeil eile.
Shìos fodham, bha tobhta na Cailliche Beire, baobh oillteil air a bheil deagh sgeul am beul-aithris an eilein. Ach cha cheadaich ùine dhomh a h-aithris aig an àm seo - ’s e sin ma tha mi a’ dol a thoirt a-mach mo cheann-uidhe. A’ cur mo chùl ris an Land, leag
mi mo chas a dh’ionnsaigh a’ Bhealaich Bhàin. Bha am machair mun cuairt còmhdaichte am fallainn de chlòbhar is de fhlùirean - am boltrach chùbhraidh mar ìocshlaint shìthe dom anam.
Agus le ceum uallach, chuir mi am bealach ’nam dhèidh is, a’ gabhail an fhrith-rathaid seachad air Fang Ghoirtein Dòmhnaill, thug mi a-mach mo cheann uidhe, Beinn Chinn a’ Bhara. Ged a theirte beinn rithe san eilean, chan eil innte ach cnoc mu thrì ceud troig an àirde.
Ach o nach eil i gun a maise is a mòralachd fhèin is fhiach i a streap. Agus b’ e sin dìreach a rinn mi. Chan eil i doirbh a dìreadh bho cheann an iar Thràgha Bhì, tràigh gheal airgideach a fhuair a h-ainm bho Mho-Bhì Mac Bheòin, aba à Innis Chuscraid an Eirinn.
Bha mi a-nis aig Teampall Phàraig, àite fàsail, uaigneach far an robh togalach eaglaiseach o chian nan cian. Chan eil ri fhaicinn an-diugh ach làrach an Teampaill, ged a tha clachan rin lorg air an làr air a bheil a’ Chrois Cheilteach air a snaidheadh gu h-eireachdail. Cò a bha am Pàraig, chan eil fhios air a-sin.
A’ cumail orm, ghabh mi an t-slighe seachad air Rinn Chirinis, na Gnoban is Eilean Chèall gus an robh mi air àirde Rinn Thoirbheis far a bheil feannagan a bhuineas do linn air nach eil eachdraidh no iomradh am beul-aithris, ged a chuala mi bodaich ag ràdh gum b’ iad manaich à Teampall Phàraig a bha ri àiteach an seo.
A’ coimhead gu deas is gu ceann thall Thràigh Bhì, bha Baile Phuill - Baile nam Bàrd - ’na laighe mar bhrat bòidheach air dealbh chanabhais, a thaighean geala a’ deàrrsadh sa’ ghrèin. Anns na seann làithean b’ e baile iasgaich a bha ann agus b’ e sin a thug gum aire Fuadach Bhaile Phuill.
Air madainn bhrèagha shamhraidh sa’ bhliadhna 1856, sheòl seachd eathraichean le dà fhichead anam air bòrd à Port Driseig is às a’ Phort Mhòr gu banca iasgaich siar air an Sgeir Mhòir.
Mu mheadhan-là thàinig sgrìob chruaidh air a’ ghaoith agus rug là nan seachd sian orra. Chaidh na h-eathraichean a sgapadh, cuid dhiubh gu ruige Ile. Agus cha b’ ann gun chall, oir fhuair an rosad-mhara grèim air naoi de na h-iasgairean mun do shìolaidh an onfhadh.
A’ togail mo shùilean bho Bhaile Phuill, bòidheach is mar a bha e, bha dealbh-thìr eadhon a bu bhòidhche sgaoilte fam chomhair. Gu h-ìosal ri cladach, bha Camasul, agus sgeir Eala Mhòir. Siar air sin, bha Sròn Donnchaidh, rubha glas mealltach a tha dol air chall fon mhuir luaisgeach a tha a’ bristeadh gun sgìos thairis air eadhon le fèath nan eun. Tha am bogha garbh seo ag èirigh a-
rithist mu aona mhìle deug an iar is an iar-dheas ann an sgeirean uaigneach na Sgeire Mòire, sgeirean cho borb is cunnartach is tha rim faotainn air na cladaichean siar. Is iomadh deagh iùbhrach a fhuair uaigh uisgidh aig bun nan sgeirean seo mun deachaidh taigh-solais a chur air an Sgeir Mhòir. Agus eadhon an dèidh sin, chailleadh an soitheach-cargu AnLabradorair sgeir Mhic-Choinnich air là ceòthar Màirt sa’ bhliadhna 1905.
A’ cumail orm bho Rinn Thoirbheis ràinig mi Eilean nam Bà air cùlaibh na Sròine far an do shuidh mi a leigeil mo sgìos fo sgàile seann dùn Cruithneach. Siar orm, bha Snoig agus Carraig nan Gillean far an deachaidh triùir iasgairean a bhàthadh nuair a bhrùchd bòc-thonn bho thanalachd bogha na Sròine orra. ’Nam shuidhe an uaigneas is sàmhchair Eilean nam Ba, fada bho ùpraid is drip a’ bhaile-mhòir, dhrùidh sìth orm a bha gam tharraing, uidh air n-uidh, na bu dlùithe do mo Chruithear.
An ùine ghoirid, ath-nuadhaichte an colainn is an spiorad, thog mi orm gus an robh mi os cionn Uinneagan Beum a’ Chlaidheimh - stallachan casa, corrach, cunnartach. Nam bu bhith cò e a bhuilich an t-ainm ora, tha iad air an deagh bhaisteadh. Seo uinneagan gruamach, aosda Chinn-a- Bhara a’ coimhead a-mach air a’ Chuan Shiar, muir fharsaing, neo-chrìochnach a chaidileas mar am pàisde neo-chiontach nuair a thig tosd air anail a’ chuain, ach a dhùisgeas mar leòmhann seang, acrach nuair a’ shèideasAeolasam balg is a thèid Rìgh nan Tonn gu marcachd nan tonn dù-ghorm:
Nuair a shèideas a’ ghaoth
’S a bheucas do chaoir-tonnan àrd,
’S mise a dh’èisdeadh do ghlaodh,
’S tu beumadh ri maoil a’ bhàigh;
’S marcan-sìne le faoilt
Ag ìobairt ri caoch do ghàir;
’S tusa dh’innseadh dhomh, ghaoil,
Gur fìor nach caochail mo ghràdh.
Ach cha robh dhomh an Uinneagan Beum a’ Chlaidheimh ach a’ chiad bhlasad de mhòralachd Chinn a’ Bhara, oir gu tuath bha stallachan eadhon na bu ghlòrmhoire - sgoran gruamach mar Sloc nan Copag, an Caran, An Staca Biorach, Na Dabhaichean agus Sloc MhicCrithealaim, fosglaidhean dorcha a chaidh a chruthachadh le brùchdadh beinne-theine a bhuail an ceàrn seo nuair nach robh san t-saoghal ach naoidhean.
Air ùrlar nan sloc, bha a’ mhuir chiar a’ sìor-shuaineadh na
feamnach a tha a’ fàs air na creagan lìomhta dubh is an sin a’ dol às an t-sealladh anns na h-uaimhean dorcha a tha a’ ruith a-steach gu cridhe na beinne - uaimhean domhainn a tha falaichte bhon t-sùil leis na malaichean gruamach os an cionn. Aig bun nan stallachan, bha a’ mhuir luaineach a’ cìreadh nan creagan is a’ crònan mar gum biodh i a’ sìor-iargain is a’ tuireadh airson tubaiste mhòir a thachair an seo o chian nan cian.
Gu h-ìosal, bha am fulmair is an fhaoileag a’ snàmh air sgiathan balbh air na cas-shruthan gaoithe a bha ag èirigh bho ghrùnnd an aigeinn, an sgreuchan rèasgach a’ toirt teanga do na cas-chreagan balbh. Ged a thogainn mo ghuth àird mo chlaiginn, rachadh mac-talla air chall orm air feadh fuaim nan tonn is sgreadail nan eun - fuaimean a tha a’ dùsgadh is a’ cadal air ùrlar fuar na h-àibheis. Càite am bheil ionad nas fheàrr na ’n t-ionad seo a dh’èisdeachd ri dà òran a’ chuain:
Tha stuaghan na mara gu dian - èisd, o èisd -
A’ crònan mu sgeirean le fèath - ceòl binn;
Ach thig caochladh nuair dhùisgeas na sian;
Eisd leam ri dà òran a’ chuain -
Eisd, èisd, O èisd.
A’ tilleadh bhon bhile, ghabh mi orm gu tuath gu Dùn nan Gall, seann dùn Lochlannach. B’ e dùn air leth làidir a bha ann ’na latha, oir tha e air aon taobh air a dhìon le Sloc na h-Ursainn, is air an taobh eile le uaimh dhomhainn eile. Bho mhullach an dùin, bha an dealbh-thìr aig sìth am blàths an fheasgair, le ceò bàn ag èirigh air aodann na mara. Sear orm, bha an t-eilean ’na laighe fo thrusgan uaine an t-samhraidh le ceò teas ag èirigh os cionn gach boglach.
Bha an speur is an dealbh-thìr mar gum biodh faite orra fo ghathan òir na grèine a bha a-nis a’ cromadh gu ’n iar-thuath. Mu dhà cheud troigh fodham, bha Rubha Huinesgeir far an do mharbh mi iomadh liùgh bhrèagha nuair a bha mi òg. Siar air Huinisgeir, tha an Uaimh Mhòr, fosgladh domhainn, dorcha a tha a’ dol air chall an cridhe na beinne. Is e Uamh an Oir a theirte rithe san eilean agus tha e air a ràdh gum bheil i a’ dol tarsainn an eilein.
Chuala mi sgeulachd aig mo mhàthair gun tug pìobaire, le cù seilge ri bhonn, oidhirp air dol troimpe ach chan fhacas an t-aths-shealladh dheth. Air do nàbaidh dol air a lorg, fhuair e an cù beò aig beul na h-uaimhe, ach gun ròine fionnaidh air bho shròin gu bàrr an earbaill. “Gun dà làimh sa’ phìob is làmh sa’ chlaidheimh, cha siubhail neach gu bràth tron Uaimh Mhòir,” theireadh i gu
dùrachdach.
A’ cumail orm, oir bha a’ ghrian air siaradh, shìn mi mo cheum seachad air Leaba Nighean Rìgh Lochlainn, creag a tha air a cumadh mar uirigh. Cò a bha sa’ bhana-phrionnsa, chan eil eachdraidh againn air, ged a tha beul-aithris ag ràdh gun do theich i air falbh do Thiriodh còmhla ri gille òg nach robh air a mheas freagarrach le a h-athair rìoghail.
A’ gabhail na slighe seachad air Sloc Ghreathasgail, Dùn an Eilein Duibh, Sloc a’ Chèim, Leacan MhicShìridh, Eilean Shomhairle agus Port na Lacha, ràinig mi Tràigh nan Gillean aig taobh a tuath na beinne. Chùm mi orm gus an tug mi a-mach am frith-rathad seachad air Cnoc a’ Chlaidh far an robh teampall agus cladh mòr o chionn linntean air ais. Tha an cladh an-diugh falaichte bhon t-sìoban gun fiù is lorg air ballachan an teampaill.
Bha mi a-nis air m’ ais air rathad mòr an Righ is seachad air Taigh an Dròbhair far an robh reubalaich bho Dhìonnasg an Fhearainn a’ dol a chrochadh a’ mhaoir Seonaidh Mòr. Ach air dha rabhadh fhaighinn gun robh na diùlannaich a’ feitheamh air, ghabh e rathad aithghearra ri taobh Loch Phuill is tarsainn air sliabh Ghoirtein Dòmhnaill gu tèarainteachd Taigh an Eilein far an do chuir am Bàillidh Dubh MacDhiarmaid air falach e. An còig mionaidean eile, bha mi air m’ ais far an d’ fhàg mi an càr o chionn sia uairean a thìde.
Ged a bha là agam san robh mi glè eòlach air gach ionad is làrach, chan eil teagamh ann nach tug truimead nam bliadhnachan duibhre air an inntinn, ach bha mi taingeil gun tug An Cruithear an cothrom is an spionnadh dhomh gu cuairt eile a chur air na ceàrnan as fheàrr leam air an t-saoghal mhòr. Is le cridhe sona leum mi sa’ chàr is chuir mi m’ aghaidh air a’ Chaolas far an robh mo bhean Mairead a’ feitheamh orm aig an doras ag ràdh: “Amadain ghòraich gun chèill! Am fàs thu glic gu bràth?”
Agus an seagh cha robh mi a’ faotainn coire dhi, oir cha b’ eòl dhi maise Chinn a’ Bhara. Agus rud eile dheth, ged a tha i dèidheil air eilean a sinnsre, chan eil an co-cheangal aice a tha agamsa ri torann a’ chuain is fuaim na h-ataireachd àrd, oir cha d’ fhuair i mar a fhuair mise a h-àrach ri fuaim am beuc.
title | A’ Chuairt |
internal date | 1993.0 |
display date | 1993 |
publication date | 1993 |
level | |
reference template | Niall Brownlie in Gairm 163 %p |
parent text | Gairm 163 |