ROIMH “CURAM ANNS A’ CHOIMHEARSNACHD” 1993
le Cairistìona A. NicRisnidh
Anns a’ Ghiblean 1993 chaidh “Cùram anns a’ Choimhearsnachd” a stèidheachadh tro lagh na Rìoghachd ’s thathar den bheachd gum bi cùisean nas fheàrr gu h-àraid mu thimcheall a bhith a’ coimhead às dèidh seann dhaoine ’s gun teid cùram a ghabhail dhiubh ’nan dachaighean fhèin cho fads a bhios iad ag iarraidh, neo cho fads as urrainn sin a bhith deis. Bithidh an obair ’s na seirbheisean seo air a riaghladh tro Roinnean Obair Sòisealta.
Ach cha b’e càil ùr a bha seo a thaobh feadhainn de na seann dhaoine anns na Eileanan an Iar. Bha oidhirpean mòr air an dèanamh airson coimhead às dèidh seann dhaoine ’s an cumail ’nan dachaighean fhèin roimhe seo mar a chithear. Seo cùnntas air mar a dhèilig seirbheisean Comhairle nan Eilean is taic na coimhearsnachd ri feumalachd an teaghlaich againne ’s ar pàrantan aig deireadh an làithean, mus tàinig an lagh seo a-steach.
Mar iomadach teaghlach eile le pàrantan a’ fuireach anns na h-Eileanan, bha e a’ dèanamh tòrr dragh dhuinn ciamar a dhèanadh sinne agus iadsan a’ chùis nan tigeadh an latha a dh’fheumadh iad cuideachadh ’na sean aois, is sin gu h-àraid leis a’ Chuan Sgìth eadar sinne ’s iadsan. Bha sin eadhon ’s ged a bha brathair ’s piuthar-cèile a bha gu math furachail air a feumalachd a’ fuireach faisg orra. A bharrachd air na bh’againn mu dheidhinn ar pàrantan, tha mi creidsinn, mar theaghlaichean eile, nach robh sinn airson an uallach gu lèir fhàgail orrasan a bha faisg air làimh.
Bha ar pàrantan air a bhith air thigheadas ann am Brù bho phòs iad ann a 1932, air a lot far na rugadh ’s na thogadh ar n-athair. Bha a lot air a thoirt a-steach le sheanair às dèidh dhàsan a bhith air fhuadach às a Riof ann an Uig ann a 1850 - Pàirc Bhrù, àite a bha glè mhi-charthannach ’s eadar-dhealaichte ris a Riof a thaobh teachd-an-tìr, iasgach ’s goireasan beò-shlainte eile aig an àm sin.
Ach bitheadh sin mar a bha e, bha ceangal mòr aig ar pàrantan ris an àite anns an do thog iad ceathrar cloinne ’s ged a bha fios glè mhath aca gu robh iad glè dhi-beathte a dhol a dh’ fhuireach còmhla ri duine sa bith den teaghlach uair sam bith, bha iad glè aindeonach fàgail an dachaigh fhèin. Is cò a chuireadh umhail orra?
Ged a bha ar n-athair rudeigin cuagach ’s caileapair air an dàrna cas aige, bha na dithis aca a’ dèanamh a’ chùis glè mhath leo fhèin, a’ coimhead às dèidh beagan chaorach, lios na lusan, ’s lios eile timcheall an taighe le rèidhlean is i làn shìtheanan. Bhitheadh iad a’ cuideachadh daoine eile le mòine mar a b’urrainn dhaibh ’s ag oibreachadh a’ mhòine aca fhèin le cuideachadh bho choimhnearsnaich ’s bhon an teaghlach.
Mar sin bha cùisean a’ dol rudeigin mar a bha iad a riamh ach ’s dòcha beagan na bu shlaodaich. Bha iad gu math dòigheil le ar bràthair a’ tadhal a h-uile latha ’s e fhèin ’s a bhean a’ tadhal air Disathairne is feasgair na Sàbaid. Bhitheadh càch den teaghlach a’ fònadh gu tric ’s a’ tighinn dhachaigh aig na làithean saora ’s a’ cuideachadh mar a b’urrainn dhaibh. Cha robh càil mìorbhaileach, neo-àbhaistach neo eadar-dhealaichte a seo a bharrachd air teaghlaichean eile. Seo mar a dhùilichear cùisean a bhith aig an àm sin anns na h-eileanan.
Ach dh’atharraich cùisean dhuinne ann a 1983 an uair a dh’fhàs ar màthair tinn ’s a bha feum aca air cuideachadh. Fhuair iadHome - Helpbho Chomhairle nan Eilean ’s abair thusa gun do chuir iad fhèin ’s an teaghlach meas air an t-seirbheis sin. Bha ar màthair 73 ’s ar n-athair 81 aig an àm sin.
Ach cha b’e a-mhàin am meas a chuir iad air an t-seirbheis fhèin ach cho math ’s a bha aHome - Helpann an dòighean eile. As an dol seachad dhith air gnothaichean eile, bheireadh i a-steach an t-aodach bhon an t-sreang, shealladh i ris na caoraich, a’ fuasgladh neo dùnadh geata dhaibh, chuidicheadh i aig àm na mòine ’s ann an iomadach dòigh eile, is sin gu lèir ’na tìde fhèin. A thuilleadh air a sin, thigeadh i le prèasantan de uighean is bèicearachd. Nam bithidh i ann a Steòrnabhagh neo faisg air bhana-èisg ghabhadh i an cothrom air iasg (rud air a robh ar pàrantan glè mheasail) a cheannach dhaibh. Gun teagamh phàigheadh iad i airson rudan mar sin. A bheil àite eile ann far a bheilHome - Helpssamhail ris an fheadhainn a tha aig Comhairle nan Eilean? A bharrachd air a bhith ’naHome - Helps, tha a sùil air na seann dhaoine mar bhall den a’ choimhearsnachd cuideachd. Sin mar a fhuair sinne iad co-dhiù.
Thàinig bàs aithghearr air ar màthair ann a 1985 aig aois 75, a’
fàgail ar n-athair ’na aonar san tigh. Ach ged a bha, bha e airson fuireach ann le cuideachadh aHome - Helpcho fad ’s a b’urrainn dha. Bha creideamh mòr aige gu ruigeadh Roinn na h-Obair Sòisealta air fheumalachd. Agus cha do leig iad sìos e. Mar a bha e a’ fàs na b’fheumalaich bha Roinn na h-Obair Sòisealta a’ toirt dha tuilleadh cuideachaidh. A bharrachd air a sin bha luchd na bhanaichean glè mhath ar a bhith a’ cur am bathair a-steach an taigh dha. Bha am Post air leth math cuideachd. Mar a chanadh sinn, bha sùil na coimhearsnachd air. Bha e eagalach dèidheil air leughadh ’s bha seirbheisean a leabharlainn-siubhail glè fheumail airson leabhraichean a chumail ris. Mar a bha e a’ fàs na bu mhì-chomasaich ’s na coimhearnsaich ’s na co-aoisean aige a’ fàs na bu ghainne bhiodh e ri dèanamh cèilidh air an fòn. ’S e duine a bh’ann a bha cur feum agus meas air cuideachd. B’e sin àite eile san robh aHome - Helpglè fheumail, a’ toirt a-steach naidheachdan na coimhearsneachd ’s na sgìre.
Ach thàinig an t-àm ann a 1990 an uair a bha an taigh feumach air a chàradh. Bha dorsan is uinneagan ùr ri chur ann is mòran eile a thuilleadh air a sin. Cha robh air ach fear de na Taighean-Fasgach ann am Barabhas a rèiteachadh le Comhairle nan Eilean ach an deidheadh ar n-athair a dh’fhuireach ann fhad ’s a bhithear a’ càradh an taighe. Cha robh aige ri feitheamh fada. Chaidh e a Bharabhas anns an Og-mhìos 1990. Bha truas mòr againn ris a’ fàgail a thaigh fhèin, eadhan airson ùine ghoirid, às dèidh faisg air tri-fichead bliadhna air a làrach, is a’ chuid bu motha dha bheatha ann am Brù. Ach ’s ann dhuinn bu lugha a leigeadh a leas. Abair thusa gun do chòrd Barabhas ’s an taigh beag goireasach ris. Bha daoine a-mach ’s a-steach fad a latha, ’s e sin am port a dhannsadh esan! Cuideachd gu leòr! Bha a bhràthair-cèile dà dhoras bhuaithe agus ban-nabaidh à Brù an ath dhoras. Bha e a-measg chàirdean agus luchd eòlaich ’s cha b’ urrainn dha a bhith na bu thoilichte. Cha robh e fhèin no an teaghlach air tuigsinn mar a bha an aonaranachd air snàigeadh a-steach ’na bheatha ann am Brù bho bhàsaich ar màthair. A bharrachd air a sin bha na nàbaidhean ’s na co-aoisean air fàs tearc, bha a fhradharc a’ fàilligeadh ’s bha e duilich dha leughadh.
“Tha mi beò a seo,” chanadh e, “ ’S ann a bha mi dìreach a’ fuireach ann am Brù mu dheireadh”.
Bha awardena’ coimhead a-steach a h-uile madainn, is chùm aHome - Helpoirre mar a b’àbhaist. Bha an taigh blàth is seasgair, ’s bha rùm gu leòr ann dhàsan ’s na bha e ag iarraidh a thoirt leis à Brù airson fheumalachd.
A chiad turas a chaidh mi dhachaigh às dèidh dha a dhol don
Taigh-Fasgach dh’fhaighnich mi dha le beagan iomagain,
“Dè a-nis mar a tha seo a’ còrdadh ruibh?”
“Tha gu math”, arsa esan, “Cha teid mise air ais a Bhrù tuilleadh leam fhèin ged a chàraichear an taigh!”
As an Dàmhair sa’ bhliadhna sin chaidh ar n-athair a thoirt don ospadal airson opairèisean cabhagach don a stamag aige ann a meadhan na h-oidhche. Smaoinich sinn gun tigeadh e thugainn fhèin a Ghlaschu no gu ar bràthair ’s a bhean ann a Siadair nuair a thigeadh e a-mach às an ospadal. Bha e fhèin a’ dol le sin. Ach nuair a thàinig an t-àm mhiannaich e a dhol dhachaigh a Bharabhas. Bha e a’ làn chreidsinn gun toireadh Roinn an Obair Sòisealta a-rithist cuideachadh dha a-rèir fheumalachd. Agus cha robh e ceàrr!
Fhuair eHome - Helpairson an teine a ghlanadh is a chur air as a’ mhadainn is airson a bhracaist a thoirt dha anns a leabaidh, rud gu dearbh air nach robh e a riamh eòlach. Bha awardena’ tadhal aig deich uairean a h-uile madainn, Home - Helpeile aig aon uair deug airson obair taighe is biadh meadhon-latha ullachadh, tè eile aig còig uairean, àm na tì, is t’eile mu dheich uairean airson a shuipear a thoirt dha. Bhiodh ise a’ dèanamh cinnteach gu robh plaide an dealain is solas na leap air. Cò a dh’iarradh seirbheis na b’fheàrr na sin?
A thuilleadh air seirbheisean Comhairle nan Eilean bha na càirdean, a luchd dàimh, na nàbaidhean ’s an teaghlach a’ cumail taic ris. ’S e fhèin a bha air a dhòigh! Bhiodh e fhèin ag ràdh nach robh Màthair na Bànrigh (a cho-aois) air a coimhead às a dèidh na b’ fheàrr na bha esan!
Thàinig bàs aithghearr air le tinneas cridhe anns a’ Ghearran 1991 nuair a bha e gu bhith ceithir fichead bliadhna ’s a deich. Chaochail e ’na leabaidh fhèin mus tàinig an ambulance airson a thoirt don ospadal. Bha ar bràthair ’s a bhean, a bhràthair-cèile is càirdean eile timcheall air aig an àm.
An dùil an dèan seirbheasan ùra “Cùram anns a’ Choimhearsnachd” a thòisich anns a’ Ghiblean 1993 càil nas fheàrr a thaobh seann dhaoine? Bithidh e cruaidh orra. Ach tha aon nì fìor, gus bith dè cho math ’s a bhitheas iad, cha bhi duine nas taingeil air a son no nas toilichte leo na bha ar pàrantan ’s an teaghlach againne leis na seirbeisean a fhuair sinne. Bha na seirbheisean is taic na coimhearsnachd ag obrachadh còmhla ri chèile ’s a’ coinneachadh ri ar feumalachd ann an dòigh a bha gu math rianail aig an àm a bha siud.
title | Roimh ‘Cùram anns a’ Choimhearsnachd’ 1993 |
internal date | 1993.0 |
display date | 1993 |
publication date | 1993 |
level | |
reference template | Cairistìona A. NicRisnidh in Gairm 164 %p |
parent text | Gairm 164 |