[51]

INNIS TILE
le Seonag Mhoireasdan

Air mo shlighe dhachaigh às an sgoil, bha siud, thadhail mi le ceud cabhaig an oifis luchd-turais a cheannach ticeard rathad-iarainn. Ghlac mo shùil map mòr fom chomhair air abhalla. Bha aon fhacal sgrìobhte air - ICELAND . Rinn seo grèim orm, agus bhòidich mi gun tadhlainn an sin uaireigin.

Shuath mi ri iomadh rubha mun do ràinig mi Innis Tile, ach riamh bhon uair sin tha mi inntinneach teò-chridheach dhan dùthaich annasach seo. Is eMiss Black” a bha air da-fhichead bliadhna a thoirt ateagasg ann an Sgoil MhicNeacail an companach a bha agam - agus cha burrainn na binntinnich no na bèibhinn. Cha tug sinn ach uair-a- thìde air diet-itealan à Glaschu chun aphrìomh-bhaileRekjavik .

An ath sgèith sinn air itealan beag thairis ri bòrd deas na mara gu sna ràinig sinnHofnan ear-dheas Innis Tile. Chunnaic sinn shìos fodhainn EileanSurtsey a dhèirich a-mach às achuan ri linn brùchdadh bolcànach ann an 1964. (Tha nise rathad troimh cheann-a- deas Innis Tile ged nach robh nuair a thadhail sinne ann). BhoHofn ghabh sinn ann am bus suas taobh an ear na rìoghachd, null an taobh tuath agus sìos an taobh siar gus na ràinig sinnRekjavik air ais. Tha Innis Tile nas motha na Eirinn a Tuath agus Eire còmhladh, ach chan eil daoine ri fuireachd ach timcheall an oir. A-staigh san tìr bha an eighr-shruth as motha air an t-saoghalVatnajoicull agus beinn-theineHekla . Bha mòran dhen tìr coltach ri uachdar na gealaich mar a chì sinn e air teilebhisean.

Is e àite iongantach than Innis Tile. Tha an t-uisge teth troimh na pìoban anns na taighean atighinn teth às an talamh. Bha sinn asnàmh ann an uamh le uisge cho teths a dhiarradh duine ann an amar-ionnlaid. Airson lof a bhruich cha robh aca ach an taois a chur ann am bucas fon talamh agus bhruicheadh teas na talmhainn i. Aon fheasgar chaidh sinn air bàta-iasgaich gu eilean beag tuath air Innis Tile, seachad air creagan mòra làn eòin de gach seòrsa. Air an eilean bheag seo ghabh sinn ealla ris aghrian adol fodha mu mheadhan oidhche agus ag èirigh cairteal na h-uarach an dèidh sin. Gu dearbh, thog mi dealbh gun lasair-sholais agus thàinig e mach glè mhath.

Fhads a bha sinn anns abhus bha againn ri fios a chur air a rèidio an-dràsda agus a-rithist chun abhaile a bfhaisge bhiodh


[52] oirnn. Bha seo airson gu robh an talamh agluasad le beanntan làbha. BhaHekla air spreadhadh san Earrach mun robh sinn ann, agus bha an làbhana bheanntan mòra dubh, nas àirde na taigh, le ceò agus teine as am mullach, fhathast agluasad gu socair thar na tìr. Far an deach am bus ceithir--deug roimhe sin bha làbha a-nis, agus bfheudar dhuinne a dhol na bfhaide null. Tha cruas anns a h-uile àite gun mòran doimhneachd talmhainn am meadhan na tìre. Mar sin chan eil an aon fheum aca air ròidean.

Is ann an hostailean sgoile mar bu tric a bha sinn afuireach, ach bha taighean-òsda glè inbheil aca cuideachd. Aig àm bracaist bha clàr bidhe de gach seòrsa, eadhon iasg amh, aran dubh Gearmailteach agus iomadh rud eile. Bheireadh tu leat gach seòrsa a chòrdadh riut agus na thogradh tu dheth. Bha bàrr (neo uachdar) tiugh aca fhèin air an robhskeur. Thug ena mo chuimhne-sa na leacan bainne-tiugh a bhiodh fon an uachdar samhias fad an t-samhraidh, ach bha e na bu ghoirte. Chòrd e riumsa ged nach do chòrd e ris na Goill. Bhiodh na daoine acur dhiùbh am brogan aig dorais nan taighean agus nam bùthan agus adol a-steach air ceann an stocainnean, ach cha do rinn sinne siud idir.

Aon thàinig oirnn thighinn às abhus seach nach robh an drochaid làidir gu leòr airson cudthrom abhus agus na daoine a ghiùlain. Bhitheadh sinn adol astar agus ùine mhòr eadar biadhan. An bha seo, bha sinn air fìor mhoch-eirigh a dhèanamh agus an rathad mòr a ghabhail. Cha robh guth air stad airson diathad agus an-dràsdas a-rithist bha fear abhus ag innse dhuinn an uair a ruigeadh sinn am baile far an cuireadh sinn seachad an oidhche, gu faodadh sinn itealan a ghabhail gu eilean anns anArtic Circleagus gheibheadh sinn barrantas gu robh sinn air a bhith ann. Bha e nise trì uairean feasgair agus cha robh guth air biadh no sealladh air baile anns am faigheadh sinn e. Chuala miMiss Blackag ràdh fo h-anail: “ ’S e barrantas gun deach mi thairis Abhainn Iòrdain a gheibh mise mur a greas iad orra le mo bhiadh!”

S e bun a bhann, an dèidh a h-uile togail ris, gun robh cus ceò ann agus cha dhearcadh an t-itealan air an t-slighe.

Cha do fhreagair mi fhathast acheist a bhios a h-uile duine acur orm seòrsa aimsir a bha agaibh?” Bha e na bu bhlàithe na Leòdhas a dhfhàg mi. Troimh an bhiodh sinn ri toirt dhinn ar càrdagan no seacaid ach feasgar bha glaodh fhuar atighinn bhon eighr-shruth.

S iomadh rud eile a tha agam ri innse mun tìr annasach seo, ach is dòcha gun dhinnis mi dhuibh gu leòr airson miann a chur oirbh fhaicinn air ur son fhèin.

titleInnis Tile
internal date1993.0
display date1993
publication date1993
level
reference template

Seonag Mhoireasdan in Gairm 165 %p

parent textGairm 165
<< please select a word
<< please select a page