[268]

AN RIASAG BHUIDHE (COLBHASAIGH)
le Barbara Nic Alasdair (Satchell)

Be sreath do thaighean tugha, dlùth air achladach a bha anns abhaile bheag seo, taighean a thog muinntir abhaile iad fhèin. Bha camhsair do chlachan sìnte aruith o cheann gu ceann mun coinneamh. Cha robh gàrraidhean flùr aca, ach dìreach nalillies aig Màiri Dharach.

Bha croitean thall pìos math air cùl abhaile. Be obair throm a bhann nuair a dhfheumadh na mnathan a bhith giùlain buntàtat, mòine, ’s mar sin air aghaidh, ann am bascaidean air an dromannan. Bhiodh fir abhaile thall ann an Diùraigh, ag iasgach ghiomachs gan creic airson beòshlaint; bann ann an uamh a bhiodh iad afuireach.

Bha taigh Sheumaisna sheasamh leis fhèins be seo an aon àite san robh gàrradh. Bhiodh dearcan dubh, gròiseidean agusrhubarb aige . Cha robh Seumas pòsda, ach be caraid na cloinne. Bhitheamaid atadhal air, Di Dòmhnaich, aleigeil fhaicinn dha napeeniesghlan. Bhiodh aran lof aige agus bheireadh e dhuinn pìos, is ìm is siùcar. Bha cluais gu math truacanta aige agus dhèisdeadh e ris na cùraman againn.

Anns achiad taigh san t-sreath, bha am bàrd Colbhasach, Gilleasbuig MacNèill afuireach. Tha e searbh nach eil an obair aige sgrìobhte oir rinn e òrain èibhinn mhath; bha mòr dubh aige le Ready mar ainm, agus bha Ready crosda: bha eagal againn roimhe. Anns an ath taigh bha cloinn NicLeòid agus an seana-mhathairMrs MacFadyen: b ’eFaidia bhiodh againn oirre. Tha cuimhneam gum biodh i asàbhadh fiodh airson na teine. Bha a nighean aiceMrs MacLeodair falbh ann a seirbhis aig aon àm agus bha i car droil, cha mheasgaicheadh i le daoine abhaile, bha ise cho ionnsaichte. ’S anns an ath taigh bha Màiri Dharach, a bhiodh afigheadh stocainnean don h-uile duine sabhaile. Bha coimhearsnach aice dom bainm Catrìona Alasdair. Bise ban-tàillear an eilein, bhiodh i dèanadh fuaigheal do na h-uaisleans na h-ìosalan; bha beirt innleachd fuaigheal aice, agus air làithean fliuch, rachamaid a-staigh do thaigh Chatrìona, bheireadh i dhuinnportair a’ mhachine . Cha robh i mòr le Màiri Dharachs bhiodh i ag ràdh, “cha bhi eudail afigheadh ach daoine leisg.”

Bhan taigh againn anns amheadhon, ’s a sin fear mo sheanmhar; aig acheann shìos uile gu lèir bha tigh bràthair mathar; bha ma dhusan cloinn aige, ’s bha bean laghach aige à



[269]

[Dealbh]

Sòthaigh. Bu toigh leinn a bhith dol don taigh sin, bha bràthair mathar glè naomh, bhiodh searmoin bheag aige anns an taigh a h-uile oidhche, mun teidheadh iad a chadal. Bha aig achloinn anns abhaile bheag seo, ri coiseachd trì mìltean chun na sgoileadh. Bha aca ri dol pìosa math mus ruigeadh iad an rathad mòr, bhitheadh brògan tacaideach orra anns agheamhradh, agus cas-ruisgte san t-samhradh. Bhiodh pìos bonnach mineadh agus ìm acanam pòcaid airson an dìnneir aig meadhon latha, ’s bann gu dearbh glè acrach a bhiodh iad mun ruigeadh iad dhachaigh airson an tràth feasgair. Gheibheadh iad iasg saillte le buntàta, “stewcoinean ”, brot na ma-dhfhaoidte buntàtas sgadan. Be bonnaich mhineadh an t-aran, chan fhaigheadh tu lof ach aig abhliadhna ùir, air uairean bhiodh lof ann lecurrants”, bha seo cho math ri cèic sa bith. Bhiodh Seumas aceannach lof na bu trice o chionn cha bhiodh e adeasachadh, mar a bhiodh mnathan abhaile.

ThigeadhBodachClaus ” aig a Nollaig, agus lìonadh e na stocainnean mòra dubha bhiodh Màiri Dharach afigheadh dhuinn, le ubhal, orainsear, cnothan, mìlsean agus daonnan tiodhlac bheag air choreigin. Bhiodh na daoine asgrìobhadh air falbh do Ghlaschu chun Blackwood airson bocsa mòr(tea chest)do bhiadh. Bha aon bhodach anns abhailes cha robh uabhas beurla shasannach aige, bhiodh a bhean afulang leis a chion mheirbhidh. Aon uair aig deireadh litir Bhlackwood chuir am bodach. “P. S And a pound of soda for Bell for the storm”. Bem fearas-chuideachd bfheàrr leis na caileagan beaga, a bhith dèanadh taighean beag. Bha creagan freagarrach airson aghnoth-



[270]

aich ri taobh na h-aibhne far am biodh sinn anns an t-samhradh gar glanadh fhèin. Cha robh ann ach glè bheag de chraobhan ach bha shònraichte ann air an robh àrdadan letheach suas, ’s nuair a thigeadh an t-uisge bann sachraoibh seo a bha sinn afasgadh. Cha robh rathad mòr ceart dol a dhionnsaigh abhaile; bann air chois troimh na cnocan a rachadh daoine don bhùth a bha ma thrì mìltean. Dhabrainn gum be astar glè mhòr a bha seo, a ghiùlain pocaidhean mòra mineadh agus gnothaichean eile.

Choinnich cuideigin mo sheanair aon lathas poca min air a dhruim. Bha e bodhar (mo sheanar). Thuirt a fear eile ris, “Cia mar a tha thun-diugh a Cholla?” Fhreagair mo sheanair, “Tha bolla mineadh”, “Cia mar a tha daoine saRiasag Bhuidhe?” “Tha deich air fhichead”. Tha eagal orm gum biodh bolla mineadh barrachd is sin an-diugh. Ann a naoi ceud deug agus dhà air fhichead, bfheudar dhuinn an t-àite prìseil seo fhàgail. Thog aBhan-Mhormhair Strathcona deich taighean mòr gasda dhuinn anns aGhlasaird, ach cha robh a dhìth air abhàrd a thaigh fhèin fhàgail. Dhfhan e leis fhèin fad mìosachan anns an Riasag mus tàinig e don Ghlasaird. Tha mi dèanadh dheth gun robh nàdur an fhaigheadair ann cho math ri bàrdachd, oir rinn e òran airson càraid òg a bha suirigh, mar a leanas,

Theid thu null leam a rùin,
S bithidh taigh ùr againn saGhlasaird
S bhon than aiteirich cho mòr
Gheibh sinn òran san dol seachad.
Chì thu fhèin gu bheil iad rìomhach
Air an gnìomh le aols le clachan
Sgleadan tan a Bhaile Chaolais
Tha gan dìon bho ghaoiths bho fhrasan.

Bithidh gu leòr againn co-dhiùbh,
S gheibh sinn inneal giùlain dhachaigh
S nuair a bhios thu dol don bhùth
Bheir e null thu fhèins an leanabh.”

Cha tàinigmotor -cardon eilean gus mu fhichead bliadhna an dèidh sin, achs fheudar gun dfhuair am bàrd rabhadh roimhe sin. Cha robh mis ach còig bliadhna nuair a diomraig sinn don Ghlasaird. Chuir sinn seachad bliadhnachan làn toileachais ann; bha croitean brèagha dol a-sìos chun achladaich aig gach taigh. An-diugh chan fhaicear annta ach gobhraichean ag itheadh an fheòir a bàbhaist a bhith toirt biadh don chrodh.

Tha anDeep Freezera-nis acumail biadh ris na daoine, ’s chan eil iomradh air iasgach neo air bleoghan. Co-dhiùs e naidheachd eile a tha anns aGhlasaird.

titleAn Riasag Bhuidhe
internal date1994.0
display date1994
publication date1994
level
reference template

Barbara Nic Alasdair in Gairm 167 %p

parent textGairm 167
<< please select a word
<< please select a page