DAOINE GUN FHUIL, GUN FHEOIL
le Dòmhnall Iain MacIomhair
Tha Eilean Leòdhais ainmeil airson iomadh adhbhair, agus cha lugha dhiubh sin na daoine. Tha an t-eilean ainmeil cuideachd airson dhaoine de ghnè eile, airson dhaoine gun fhuil, gun fheòil- Fir Tàileisg Uige. Aon uair ’s mi a’ beachdachadh orra, chuir mi romham beagan rannsachaidh a dhèanamh mun deidhinn. Tha m’ fhiosrachadh air a tharraing á caochladh àitean, le oidhirp na criomagan aonadh ri chèile.
Tha tàileasg a’ tighinn bhoCharturanga, cleasachd cogaidh Innseanach a tha a’ dol air ais cho fada ris an 6mh linn. Cluinnear mu dheidhinn an toiseach ann an sgrìobhadh Persianach san 6mh linn, ach ann an 1972 fhuaireadh dà ìomhaigh ìbhri ann an Ruisia, ’s bhatar a’ meas gur e fir tàileisg a bha annta, ’s dòcha a’ dol air ais cho fada ri 200 A.D.
Chaidh a’ chleasachd tro Phersia chun nan Arabach, agus ràinig i an Roinn Eòrpa mun 10mh linn. Tha an t-ainm Beurla a’ tighinn bhon fhacalshahsa’ chànan Phersianaich, agus tha e a’ ciallachadh rìgh no neach-riaghlaidh. Tha tàileasg eadar-nàiseanta a-nise, ach ghlèidh grunn de dhùthchannan na h-àird an ear an gnè fhèin den chleasachd. Ann an Sìona ’s eXiang - qia tha aca air, agus ’s eShogia tha aca air ann an Iapan.
Tha am facal Beurla airson tul-chasgadh, ’s e sincheckmate, a’ tighinn bho na facail Phersianachshah mat, a’ ciallachadh tha an rìgh marbh.
Ann an tàileasg Iapanach, tha na pìosan glacte a’ dol chun an taoibh eile, ’s air an cur air ais air a’ chlàr ann an suidheachaidhean a roghnaicheas an cluicheadair.
Tha an t-ainm ròcas, no an caisteal mar a bhios air uaireannan, a’ tighinn bhon fhacal Phersianachrukh, a’ ciallachadh carbad. Aig aon àm, an àite na carbaide, chaidh pìos coltach ri suidheachan a bhios air druim ailbhein a dheilbh, agus ’s ann bho a leithid de shuidheachan a thàinig an cumadh a tha air an ròcas an-diugh.
San 12mh linn ann an Iapan bha seòrsa de thàileasg ann ris an cante Tai-Shogi le clàr air an robh 625 ceàrnagan agus 354 de fhir tàileisg.
Sna Linntean Meadhanach, bha cuid den bheachd gun robh tàileasg ro fhurasda, agus thàinig seòrsachan na bu duilghe am follais. Bha Tàileasg Thaimearlain, a bhatar a’ cluiche aig cùirt a’ cheannsaiche Thartaraich, a’ cleachdadh clàir air an robh 110 ceàrnag, agus bha cumadh chàmhail agus shiorafan air cuid de na fir tàileisg.
Ach dè mu fhir tàileisg Leòdhais? Tha grunn sgeulachdan agus iomraidhean ann mun deidhinn. Seo mar a tha a’ chiad iomradh san t-sreath seo a’ dol:
San earrach 1831, dh’fhalbh a’ mhuir le cuibhreann mhòir de thom gainmhich ann an sgìr’ Uige an Leòdhas agus dh’fhoillsich i togalach bheag cloiche fo thalamh rudeigin coltach ri àmhainn, aig doimhne mhath fo uachdar na talmhainn. Thàinig an togalach bheag gu aige fir a bha ag obair sa’ choimhearsnachd agus bhris e a-steach don togalaich. Chuir an rud a chunnaic e iongnadh mòr air. Ciod a bha sin ach, ’na bheachd-san, cruinneachadh de dhaoine beaga sìdhe air an do chuir e dragh gun fhios dha. Thilg e sìos an spaid a bha ’na làimh, agus rinn e air an dachaigh ’na dheann agus e fo iomagain mhòir. Ach bha a bhean ag iarraidh faighinn a-mach mu na daoine beaga agus thug i air tilleadh chun an àite agus na samhlaidhean beaga ìbhri a thoirt leis, ged a bha esan air smaoineachadh gum b’ iad daoine beaga sìdhe mun cuala e ann am beul-aithris.
Tha iomradh eile ag ràdh gur ann aig Seòras Mòr MacCoinnich a bha tac tuathanas Bhaile na Cille agus fearann eile ann an Sgìr’ Uige, agus aig aon àm gun robh crodh aige aig àirigh iomallaich an ceann a deas na sgìr, ann an àite air an robh an Aird Bheag faisg air beul Loch Reusoirt. Bha fear ag obair do MhacCoinnich a’ buachailleachd a’ chruidh an sin, agus air oidhche fhiadhaich chaidh bàta air na creagan aig an Aird Bhig. Madainn a-màireach chunnaic buachaille MhicChoinnich, bho àite san robh e air falach, seòladair a’ snàmh gu tìr agus poca beag air a dhruim. Lean am buachaille seòladair nuair thàinig e air tìr, rug e air, agus am priobadh na sùla mharbh e e, an dùil gum faigheadh e beairteas agus airgead bhuaidhe.
Thiodhlaig e an seòladair ann am poll mònach, agus thill e gu Baile na Cille a dh’innse da mhaighistir mar a thachair don bhàta, a’ comhairleachadh dha an sgiobadh a mharbhadh agus gabhail thuige fhèin am beairteas a bha esan a’ cumail a-mach a bha sa’ bhàta. Ach thug MacCoinnich achmhasan don bhuachaille airson
na comhairle buirbe seo, agus mhaoidh e air gun chron a dhèanamh air an sgiobadh air chor sam bith, ach an fheadhainn a bha air bòrd a threòrachadh chun an taighe aigesan.
Mar sin ràinig an sgiobadh uile Baile na Cille gu sàbhailte, ach a-mhàin an seòladair a chaidh a mharbhadh leis a’ bhuachaille. Nochd MacCoinnich gach gnè aoigheachd ri na coigrich. Dh’fhuirich iad còmhla ris fad mhìos, agus san ùine sin thug iad às a’ bhàta na chùm a’ dol iad agus na riaraich MacCoinnich.
Nuair dh’fhàg na maraichean an dùthaich chaidh am buachaille gu far na dh’fhalaich e am poca a thug e bhon t-seòladair a mhurt e, ach an sgrùdadh e na nithean a bha anns a’ phoca. Aig a’ cheart àm bha eagal gu leòr air gum faighist a-mach mun nì a rinn e, eadhan ged a bha e a’ fuireach ann an ceàrnaidh iomallach den sgìre. Nuair dh’fhosgail e am poca, dè bha ’na bhroinn ach ìomhaighean snaidhte de chaochladh sheòrsachan, agus air eagal ’s gun cleachdte na h-ìomhaighean mar dhearbhadh ’na aghaidh, choisich e co-dhiù deich mìle ann an dorchadas na h-oidhche, agus thiodhlaig e na h-ìomhaighean snaidhte ann an tom gainmhich ann an àite eile de Uig.
Cha do shoirbhich leis a’ bhuachaille bho sin a-mach, agus gu dearbha b’ ann a chaidh cùisean na bu mhiosa agus na bu mhiosa dha, gus mu dheireadh air sgàth mì-ghnàthachadh a rinn e air mnathan, chaidh deachdadh gun deidheadh a chrochadh air Cnoc na Croiche ann an Steòrnabhagh. Nuair thugadh chun na croiche e, dh’ aidich e lìonmhorachd nan nithean olc a rinn e, agus, am measg rudan eile, mar a mharbh e an seòladair agus far na thiodhlaig e na h-ìomhaighean.
A-rèir iomraidh eile, dh’fhalbh a’ mhuir le oitir gainmhiche ann an 1831 aig Eadar Fhadhail, a’ foillseachadh togalach cloiche coltach ri àmhainn fuine. Thug tuath-cheatharnach an aire don togalaich neònaich. “Bhris e a-steach ann,” tha cunntas ag ràdh, “agus bha iongnadh mòr air nuair a chunnaic e, mar a shaoil esan, cruinneachadh de bhòcain ’s de dhaoine beaga air an tàinig e gun fhios dha.”
Bha 78 pìosan ann uile gu lèir, à ochd no à barrachd de bhuidhnean neo-iomlan; tha 67 dhiubh a-nis ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn agus an còrr san Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann.
Don luchd-teòma ealain a rinn a’ chiad sgrùdadh orra, cha b’ urrainn dhaibh a bhith na bu gheasaichte nam b’ e tàcharain a bha annta - oir tha na samhlan beaga seo air leth sònraichte ann an eachdraidh ealain nan linntean meadhanach.
Cha do lorgadh an leithid roimhe sin na ’na dhèidh, agus tha
luchd-sgrùdaidh aon-inntinneach ann a bhith gam meas mar “an cruinneachadh as iongantaiche de fhir tàileisg àrsaidh ann am bith.”
Tha iad air an làn sgeadachadh agus a’ coimhead coltach ri àrd cho-labhairt de luchd-riaghlaidh ’s de luchd-comhairle às na linntean meadhanach. Tha iad ’nan comharr, gu ìre nas motha na fir tàileisg sam bith eile, air miannan ’s air cleachdraidhean an cuid mhaighistirean, rìghrean, ban-rìghrean agus easbaigean fala is feòla a bhiodh a’ cluiche le pìosan cho iongantach, air clàir a bha cheart cho iongantach, uaireann an le ann-leagadh de òr ’s de airgead. Cha do rinn na snaidheadairean dearmad air mion-phuing fheumail ann an aodach nan ridirean, ann an trusgan nan dèireach no ann an suaicheantas nan rìgh.
’S iad na pàin a-mhàin na cùisean-bheachdan; aig àm nuair a bha ridirean a’ cùnntadh, dhèanaist a’ chùis ás aonais dhaoine cumanta. Seach nach biodh an tuath-cheatharnach cumanta (am pàn) a’ cluiche tàileisg agus nach fheumadh e e fhèin fhaicinn air a’ chlàr-cluiche, faodar fhoillseachadh mar neo-dhuine ann an cumadh rudeigin coltach ri leac-uaighe.
B’ iad mion-phuingean na h-armachd agus nan trusgan a bhuilich air luchd-teòma Taigh-tasgaidh Bhreatainn an comas amas air aois nam pìosan seo. Mar eisimpleir, tha clogadan cònach air a’ mhòrchuid de na fir a tha armaichte, agus stocan-cluaise stàilinn maille ri stocan-sròine a-chum an srònan a dhìon; bha stocan-sròine den t-seòrsa seo tearc san 11 mh linn ach cumanta gu leòr san 12mh linn. Air an làimh eile, tha na lùirichean goirid agus sìmplidh, mar a bhatar a’ cleachdadh ro dheireadh na 12mh linne nuair a bha na lùirichean air an dèanamh na bu sgeilmeile.
Ann an sealladh cluicheadair tàileisg ’s iad na ròcasan na rudan as neònaiche mun chruinneachadh. Bha a leithid de ròcasan-cogaidh air an cleachdadh an Inis Tìle suas chun na 17 linne, nuair labhair sgrìobhadair Frangach ann an 1644: “Tha na ròcasan coltach ri caipteanan, ris an can sgoilearan Innis TìleSeantuirianan.” B’ ebrokrnobrokuram facal Innis Tìleach air a shon – ach cha b’ e fear tàileisg a-mhàin a bha e a’ ciallachadh dhaibhsan; bha am facal a’ ciallachadh duine làidir, treun cuideachd.
Thatar an dùil gur ann bhon fhacal Innseanachroth, a’ ciallachadh carbad armaichte, no bhon fhacal Phersianachruch, a’ ciallachadh dromadair, a thàinig an ròcas Breatannach, ach an dèidh beachdachadh air a’ bhrokrthreun, làidir ann an cruinneachadh Leòdhais, mhol an eachdraiche ainmeil Sir Frederic Madden gum bu chòir a bhith a’ sealltainn ris anrokhPhersian-
aich airson fìor bhun an fhacail ròcas, seach gu bheilrokha’ ciallachadh gaisgeach no neach-cogaidh. Ma tha sin mar sin, b’ iad na h-Innis Tìlich a-mhàin san Roinn Eòrpa a ghlèidh bun-chiall an fhacail ’nan ìomhaighean tàileisg; tha làthaireachd nan ròcasan-cogaidh a’ comharrachadh gur ann an Innis Tìle a chaidh na fir tàileisg a shnaidheadh, ’s gun deach am fàgail an Leòdhas le marsanta seòlaidh a bha a’ dèiligeadh, maille ri nithean eile, ri ìomhaighean ìbhridhe. No ’s dòcha gun robh na Lochlannaich fhèin aig an àm sin a’ cluiche le ròcasanbrokran àite chaistealan. Ma bheachdaichear air eachdraidh marsantachd an ceangal riSamarkand ’s ri àitean eile aig deas (lorgadh buinn às na ceàrnaidhean sin ann an tasgaidhean Lochlannach na 10mh linne), ’s dòcha gun d’ fhuair na Lochlannaich aithne air tàileasg san Asia.
An taca ri cluiche an là an-diugh, b’ i cluiche shlaodach, throm a bha ann an tàileasg anns na linntean meadhanach. Cha robh a’ bhàn-righ a’ gluasad ach aon cheàrnag gu trasdanach, agus mar sin b’ i am pìos bu laige a bha air a’ chlàr. Cha d’ fhuair i an cumhachd a tha aice an-diugh chun na 15mh linne. Cha b’ urrainn don easbaig gluasad ach dà cheàrnaig gu trasdanach agus cha robh cumhachd sam bith aige sa’ cheàrnaig eadaraich, ged dh’fhaodadh e leum thairis oirre ma bha i falamh. Cha b’ urrainn do na pàin gluasad ach aon cheàrnag san tòiseachadh, agus cha robh caistealadh idir ann.
Bha àite sònraichte gu bhith aig tàileasg ann an gnothaichean saoghalta, no gu dearbha ann an gnothaichean gnètheasach. Ann an cùnntas bhon 12mh linn, nuair thatar a’ cur Thriostain gu Eirinn a dh’iarraidhYseult, bean-bainnse an Rìgh Mharcais, tha iad a’ cluiche tàileisg le chèile air bòrd a’ bhàta. Tha an cùnntas aigGottfried von Strasburgag innse gun deach a’ chluiche a choileanadh air clàr a bha sgeadaichte gu bòidheach, agus tha e ag ràdh gun robh na fir tàileisgvon edelen Helfenbeine ergraben meisterliche – “Air an dèanamh de ìbhri luachmhor, snaidhte gu h-ealanta”. ’S ann a tha sin coltach ri gun robh iad a’ cleachdadh fir tàileisg Leòdhais!
Tha gaisgeach eile anns na linntean meadhanach, Huron àBordeaux, a’ bòsdadh mu 1200 mu a chomasan air a’ chlàr tàileisg. Thug an neach aig an robh e air aoigheachd, an RìghYvorin, man airidh gun cluicheadh e an aghaidh nighean an rìgh, a bha ealanta aig tàileasg, leis a’ ghealladh annasach, ma bhuannaicheas ise caillidh tusa do cheann, ach ma nì thu tul-chasgadh oirre… gheibh thu i aon oidhche nad leabaidh a-chum dhèanamh leatha mar is miann leat. BhuannaichHuron, oir bha a’ mhaighdeann air gaol mòr ghabhail air fhad ’s a bha a’ chluiche a’ dol.
Tha an dàn a leanas air a dheasachadh mar gum biodh an neach a lorg fir tàileisg Leòdhais, mas fhìor, ag innse mu dheidhinn tro dhàn a tha e fhèin a’ sgrìobhadh:
Air feasgar earraich air an tràigh,
’s mi siubhal mall air chuairt,
gum faca mi sa’ ghainmhich bhàin
ficheadan de thàchrain truagh’;
Cha robh fuil annt’ ’s cha robh feòil
’nan seasamh anns an àmhainn fhuair,
briathran cha robh ac’ ’nam beòil,
claistneachd cha robh ac’ ’nan cluais;
Tàcharain nam bliadhn’ a shiubhail,
reòit fad linntean air an tràigh,
fàilte cha d’ chuir orm no furan
mar shaighdearan fo òrdugh bàis;
Leam gun thog mi iad gum dhachaigh
’nochd sa’ chuan mus biodh ’ad bàtht’,
oir cha robh miann agam gun caillist
ìomhaighean aig beul muir-làin;
Cha robh briathran ac’ a dh’innseadh
eachdraidh shìmplidh an cuid dhaoin’,
no cò a chruthaich iad san ìbhri
no ciod an rìoghachd ás na thaom;
Iomraiteach gu dearbh’ gum bi iad
an cùirtean lìonmhor mòr’ na dùthch’,
is cha bhi cuimhn’ air fear a lìbhrig
an sgeulachd mu fhir tàileisg Uig’!
Is ann gun urra a tha a’ bhàrdachd seo, oir cha b’ e am fear a lorg na t-ìomhaighean a chuir na briathran ri chèile, seadh ma chreideas sinn na tha na h-iomraidhean ag innse dhuinn mu thuath-cheatharnach a bhith a’ lorg nam fear tàileisg. Ach tha na tha san dàn coileanta an ceangal ris an fhiosrachadh a tha againn, ged nach eil e a’ suathadh gu ìre mhòir sam bith ri eachdraidh nan ìomhaighean.
Tha fios gu bheil mòran sgeulachdan ann, eadar gu bheil iad faoin no fìor, mu na fir tàileisg. Is mòr am beud cho fada ’s a tha iad bho Leòdhas an-diugh, ged a bhios dùil riutha air chuairt a dh’aithghearr.
title | Daoine gun Fhuil gun Fheòil |
internal date | 1994.0 |
display date | 1994 |
publication date | 1994 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacIomhair in Gairm 168 %p |
parent text | Gairm 168 |