[72]

An Càr

Le FIONNLAGH DOMHNALLACH

(Na dealbhan le Morven Chamshron)

. . . . fear caol, seang, ìosal, a dheanadh ceud mìle san uair . . . .

RIAMH bhon a theab sinn bean amhinisteir a chur o fheum le bighseagail, tha sinn air a bhith seulaichte gum bitheamaid na bu shàbhailte air ceithir cuibhlichean na air dhà. Agus riamh bhon a chunnaic sinn gu robh rathaidean ann na bfheàrr na rathaidean na Hearadh, bha sinn deimhinne nach deanadh càr an gnothaich dhuinn ach fear caol, seang, ìosal, a dheanadh ceud mìle san uair gun anail a bhithna uchd, agus an còrr nam biodh duine dol a dhiarraidh dotair. Ach, “aisling bodaich mar a dhùrachd!” An uair nach ruigeamaid, mar theaghlach, air cràmhlach eich a dheanadh an t-Earrach, cha robh móran dòchais gun deanamaid siubhal chuibhlichean na bu chomh-fhurtaile na busaichean Iain Dholaidh.

Fhuair sinn bighseagail dhuinn fhéin an uair a thainig sinn a Ghlaschu, ach reic sinn e turus agus sinn gann de thombaca. Riamh bhon uairsin, tha sinn air a bhith sìos is suas staidhrichean anns na tramaichean, agus, ’nar latha, cheannaich sinn de theiceidean bhusaichean na phaipearaicheadh tigh.

An uair a chaidh achlann dhan sgoil, thug sinn suas air làimh iad n déidh latha, agus an uair a ruidhleadh clann chàich seachad oirnn ann an carbadan siùbhlach de gach seòrsas de gach dath, dhinniseamaid ultaichean do na piollagan againn fhéin mun fhallaineachd a bha iadsan afaotainn as achoiseachd. Cho fads a baithne don t-saoghal cha robh dad againne mu chàraichean. Gu dearbh, is ann a bha rudeigin againnnan agaidh! Ach, an dràsdas a rithist, an uair a bhitheamaid air cinn ar stocainnean mu thràth cadail, bhitheamaid atoirt sùla air na paipearan naidheachd far am biodh daoine atairgsinn chàraichean aig prìsean bho chóig notaichean gu cóig mìle. Bha sinn air a bhith toilichte le rudeigin leth ma leth.

Aon lathas gun an còrr againn ri dhèanamh, chaidh sinn sìos am baile a thoirt sùil air ablach càir air an robh paipear atoirt cliù nach robh uile gu léir a réir na prìse. Cha robh sgillinn ruadh againn a phàidheadh am bainne gu ruigeas air achòrr. Ach cha robh sin gu diofar. Cha robh sinn adol a dheanamh ceannach ann.


[73]

Chòrd an càr ruinn an uair a chunnaic sinn e, ’na sheasamh leis fhéin ann an còrnair. Bha e caol, ’s bha e seang, ’s bha e cho ìosals gum feumadh luch a dhol air a glùinean gu faighinn fodha. Thug sinn sùil air snàthad an astairs chunnaic sinn gun ruigeadh i ceud mìles a fichead san uair nam biodh éiginn air chùl na cuibhle. Bha sinnnar seasamh ag aisling— ’gar faicinn fhéin bus ri bus ri Stirling Moss agus leth-mhìle air thoiseach air Mike Hawthornean uair a thainig seabhaltach mór dubh far an robh sinn a dhfhoighneachd am bu toil leinn càr. Dhaidich sin gum bu toil, ach le gàire beag coma-co-dhiùbh thuirt sinn gur e rudeigin na bu mhotha na so a bha a dhìth oirnn, ’s thug sinn taing do Math nach robh duine a baithne dhuinn an làthair a chluinneadh an dula-bhreug.

Ach bha an seabhaltach dubh cearta coma bha dhìth oirnn. Thug e aon sùil oirnn, aguss fheudar gun do chuir e roimhe ann an làrach nam bonn gu robh sinn adol a cheannach achàir so ged a shracamaid.

Thòisich e! Thog e bonaid achàir, agus cha mhór nach do stop e ar sròn dhan einnsean. Agus chuir e dheth. Mu phlugaichean, mu charburettors, muaxle ratio,mu chompression, agus mu rudan eile mu nach cuala sinne riamh. Agus bha sinne an sud acoimhead cho glics a dhfhaodamaid.

Thubhairt e gun do dhaithnich e gur e duine a bhannain aig an robh fhios air tòrr mu chàraichean agus gu robh e fhéin cho measail air achàr so agus gun do dhiùlt e a reic an fhéin ri muinntir Ecurie Ecosse air eagals nach coimheadadh iad as a dhéidh. Cha chuala sinn duine le a leithid de chothrom labhairt bhon a chuala sinn ministir as an Eaglais Shaoir air Di-haoine comanachaidh aig òrduighean Shaboist. Ann an seòrsa de thransa, ghabh sinn peann is paipear as a làimhbha e air a bhith -mhodhail an diùltadhagus chuir sinn ar n-ainm ri luideag phaipeir a gheall dhà-san òrdugh banca airson leth na prìse agus an còrr den phrìs an taobh astigh de dhà bhliadhna, agus a thug dhuinne an càr NBG13. An uair a bha sinn acur ar n-ainm ris an òrdugh banca shaoil leinn gum faca sinn aghaidh abhancair mar ann an neul.

An la-rna-mhàireach chuir sinn sròn achàir a tuathsinn fhéin agus an teaghlach afalbh air splaoid an t-samhraidh. Ghabh sinn an rathad a bfhaide amach a Glaschu feuch am faiceadh a h-uile duine a baithne dhuinn sinn anns achàr againn fhéin. Càr math!

[Dealbh]
Mu phlugaichean, mu charburettors, muaxle ratio,mu chompression . . .


[74]

Nach dubhairt mo charaide, am fear dubh, sin rium! Dhinnis e dhomh nach leiginn leas barrachd air pinnt ola mu uair sabhliadhna, agus gu robh NBG13 cho aotrom air peatroil agus nach leiginn leas ach mu làn spàin tea an dràsdas a rithist mar a fhreagradh sin orm fhéin. Bha sinn ann an sud mata, agus an tanca làn; srann fon bhonaid; agus an teas-grianach.

Bha leth-cheud mìle air ar cùl, agus sinn ann am marbh mheadhon na dùthcha, an uair a dhfhairich sinn seòrsa de staghadh fo ar bròig. Thuirt sinn ruinn fhéin nach robh ann ach cadal deilgneachnar coiss gun sinn eòlach air càr cho mór, ach, an ceann leth-mhile eile cha robh teagamh anns achùisbha NBG13 asrathartaich ann an dòigh nach robh uile gu léir fois-inntinneach! Agus bhan t-srathartaich cus dha. Le osna mhór uabhasach, agus le dhiog, shocraich e e fhéin ri fàl an rathaid, agus as a sud cha charaicheadh e.

A nise tha feadhainn ann air an do bhuilich an Cruthadair tàlantan iongantach. Bheir iad uaireadair as a chéile, ’s cuiridh iad ri chéile a rithist i; ni iad radio as crogan silidh; agus sàbhaidh iad pìos fiodha cho dìreach ri saighead len sùilean dùinte. Cha robh sinne dhiubh sin riamh; ach bha sinn riamh titheach feuchainn. an còrr a dheanamaid an ud agus sùilean an teaghlaich oirnn mar a bha sùilean an teaghlaich anns an àirc air acholuman.

Cha robh fhios againn ach air aon rudgum biodh feadhainn a bhiodh acàradh chàraichean uaireannan adol fòdhpa. Agus rinn sinn sin, leis an fhéileadh agus le ultach nupairean de gach cumadh. Agus cha be sin am fàsachfaighinn fon chàr ud. Bha ar sròn plaoisgte ri pìob a bha còmhdaichte le ola, agus a h-uile turus a ghluaiseamaid corrag bha sinn atarruing fala a badeigin. A leithid eile de sgriuthaicheans de nutaichean. . . . .

Chuir sinn car ann an sgriutha an sud. Thug sinn gnogag do phìob ann an so. Chrath sinn rud sam bith a chitheamaid a ghabhadh crathadh. Agus ann an deich mionaidean liùg sinn amach agus dhfheuch sinn fàsgadh air putan an startaidh. Cha robh an còrr againn air a shon!

Dhfheumamaid feasgar geamhraidh gus an sgeul uile innse, ach fóghnaidh na dhfhóghnas! Ann an ceann leth-uair thainig cuideigin a thug dhuinn galan peatroil, agus dhfhalbh NBG13 mar an teine biorach.

Bha mu sheachd mìle air ar cùl an uair a thuirt duine den chloinn gu robh fàileadh neònach atighinn a badeigin, agus bhuail e oirnn gura dòcha nach do chuir sinn as an toitean mu dheireadh a ghabh sinn. Stad sinn feuch an lorgamaid am bun. Ach ma stad, thòisich an t-annradh. Cha fhaiceamaid fad ar sròine le smùid, agus cha

[Dealbh]
. . . leis an fhréileadh agus le ultach nupairean . . . .


[75]

toireadh am fuaim a bha atighinn fon bhonaidnar cuimhne ach coire goileach air an do rinn cuideigin dìochuimhne. Agus a nise bhan dìle bhàthtann, ’s bha achlann afàs eangarra!

[Dealbh]
. . . . coire goileach air an do rinn cuideigin dìochuimhne.

Cha robh sinn cinnteach ach a aon rud-nan suidheamaid far an robh sinn gum fàsadh an t-einnsean fuar ge be an còrr a dheanadh e, oir bha sinn fhéin air ar lathadh. Ghabh sinn fasgadh mar a bfheàrr a dhfhaodamaid, agus thòisich sinn air an tìde chur seachad atrod. An dara duine acur achoire air an duine eile airson achàir, ach bha ena maghaidh-sa gura a chuir mainm ris aphaipear a rinn a cheannachd! Bha sinn aig ìre an sgaraidh-pòsaidh an uair a thainig cobhairfear de na daoine cuideachail aighearach ud air am am bi blìon an còmhnaidh, agus dhan luthaigeadh tu sglog an uair as motha tha edeanamh a dhìchill.

Cha robh dad nach baithne dha mu chàraichean. Ann an tiota na sùla chàraich e toll air pìob, agus lìon e an t-einnsean le uisge. Ach, anns an dol seachad, dhinnis e dhuinn gu robh feum againn air leth-ghalan ola; gu robh droch ghnogadh anns acheann mhórge be tha sinagus nach deanadh dad feum ach einnsean ùr. Dhinnis e dhuinn eadhon gu a chosgadh einnsean airson càr cho mòr sud. Ma bha cothrom labhairt aig an fhear a reic an càr, ’s ann a bha dhà uimhir aig an fhear ud. An uair a bha e afalbh, dhinnis e dhuinn gu robh e adeanamh a chuid airgid aceannachs areic seann iarunn, agus dhfhàg e againn a chairt.


[76]

Mar a bfhaide chaidh sinn a tuaths ann bu mhiosa a dhfhàs an gnogadh, gus mu dheireadh nach aithnicheadh duine air an fhuaim -dhiùbh an e càr no motor-bighseagal a bhair an rathad.

Bha abhean asìor bhrùnndails achlann asìor mheigeadaich, ach bha sinne cinnteach asainn fhéin agus cinnteach as an t-seabhaltach mhór dhubh a reic an càr ruinn. Cho luaths a ràinig sinn fón, chuir sinn cagar thuige, achge be de a thachairgann gun creideadh sibh gur e an aon duine a bhann. Far an robh e cho coibhneil bàigheil roimhe, is ann a bha e nise amh, colgarra, agus ann an trì mionaidean thug e òirnn aideachadh nach e mhàin gur e sinn fhéin a dhfhaochnaich e gus an càr a reic ruinn, an uair a bha esan an aghaidh sin, ach gur e sinn fhéinle -thlachd agus guina bhris an càr a dhaon ghnothuich. Bha sinn taingeil nach do mhair airgiod a fon ach trì mionaidean no bha sinn air aideachadh gur e an càr a ghoid bhuaithe a rinn sinn! Liùg sinn air ais chun achàir far an robh a bhean afeitheamh gus a chluinntinn mar a chuir sinn sad de na h-itean as an t-seabhaltach mhór dhubh. Agus an uair a chuali mar a chaidh dhuinn, thug i sgolladh òirnn a rinn mannran de sheanchas an fhir air afón!

Giùlainidh spiorad an duine móran, ach thig an t-àmmar a thig an t-àm a bhristeas an sràillean druim achàmhailnach fuiling an spiorad an còrr. Thuirt sinn rinn fhéin gum be mullach aghliocais ar n-aghaidh a chur air Glaschu, far an robh, co-dhiùbh, teine agus seasgair agus àiteachan far am faigheadh duine trèan.

Rinn sinn sin, agus, anns achabhaig a bhann, dhìochuimhnich sinn gu robh an rathad bu ghiorra adol seachad air dorus abhancaan t-àite mu dheireadh a bha dhìth oirnn fhaicinn aig acheart àm ud . . . .

[Dealbh]

titleAn Càr
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh Dòmhnallach in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page