[80]

Seacaid Gairm

THA Gairm ann an còmhdach ùr an turus so, ach tha sinn an dòchas nach eil na thana bhroinn eadar-dhealaichte bhon àbhaist ann am brìgh! Bha an t-eagal oirnn gu robh na seacaidean afàs ro choltach ri chéile, agus nach aithnicheadh daoine na Gairmean a fhuair iad bho na Gairmean nach dfhuair.

Air an t-seacaid so muigh, ’si an dealbh, dealbh de na mnathan luaidh a dheasaich clòthan na Bàn-righ ann an Drinisiadars na Hearadh. So agaibh iad . . . .

Air an làimh chlìgann gum faic sibh Mór Chaimbeul a Plocrapol, ach anull bhuaip-se the Róna Fhearghasdan a Leac a, Curstaidh Anna Ros a Liceasto, Mairi Dhòmhnallach a Drinisiadar, Raonaid Dhòmhnallach a Drinisiadar agus Anna Dhòmhnallach a Drisiniadar.

Air an làimh dheisSeonag NicDhòmhnaill (Bean Alaic aPhuist a rinn fear de na clòthan), agus anull bhuipe-se tha triùir eile a Driniseadar, Mairi Fhearghasdan, Anna Mhoireasdan agus Magaidh Sara NicDhòmgnaill (no Bean Ruaraidh Uilleim. Is ise a rinn an clò eile.)

An so shios, chi sibh Bean Alaig aPhuist agus Bean Ruaraidh Uilleim aliùbhraigeadh nan clòthan don chàraid rìoghail air cidhe an Tairbeart.

[Dealbh]

titleSeacaid Gairm
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page