An Sgeilp Leabhraichean
“Guests of War, ”le Robin Jenkins. Clò-bhuailte le Macdonald (15/ ).
Bhon a sguir an cogadh tha na mìltean de nobhalan Albannach air tighinn bhàrr nam beairt-bhualaidh ach, gu mì-fhortanach, chan eil mòran aca as fhiach an t-saothair. Is fhiach dhuinn sùil a thoirt air grunnain dhiubh mus tionndaidh sinn ris an leabhar so aig Robin Jenkings, oir gabhaidh iad roinn ’nan grunnain.
An toiseach, an nobhal eachdraidh. Tha eachdraidh na h-Albann a’ tarruing sgrìobhadairean, mar a tharruingeas càise luchagan. Jane Oliver. Margaret Irwin. Christina Keith. Agus na dusain eile. Tha iad uile air sgeulachdan a thogail a duilleagan eachdraidh na dùthcha, mar is trice sgeulachdan gaoil anns a bheil ar rìghrean ’s ar n-uislean a’ deanamh suirighe ’s a’ deanamh dìolanais. Sgeulachdan a reiceas ach anns nach eil doimhne mhór sam bith, agus a bhios air chall gu tur ann am beagan mhìosan.
An uair sin, an nobhal gaoil fhéin—a’ tarruing bho mhac-meanmna an ùghdair. Tha na ceudan dhiubh sin air tighinn am follais anns na bliadhnachan so mu’m bheil sinn a’ bruidhinn, bho sgrìobhadairean mar a tha D. E. Stevenson, Jean Matheson, Guy MacCrone, Oswald Wynd—gun ach buille thoirt thall ’s a bhos. Tha iad sin mar a dh’fhaodas iad a bhith—math no dona—ach chan eil iad dealaichte bho nobhalan gaoil an dùthaich sam bith eile. Ged a tha iad Albannach ann an dòigh, no air an sgrìobhadh le Albannaich, chan eil iad a’ cur gu ìre mhóir sam bith ri litreachas sònraichte na h-Albann, no a’ toirt deilbh air beatha ’s air caithe-beatha na dùthcha.
Tha ar cuid fhéin againn cuideachd de nobhalan siubhail is gàbhaidh. Tha Nigel Tranter a’ cur ris an àireamh, agus Stewart J. Allan Rennie agus Neil Bell. Rinn Alasdair Mac’Illeathain na mìltean asH .M. S. Ulysses.
Chan eil dìth luchd-sgrìobhaidh òirnn anns na grunnain sin, agus ann an grunnain eile cuideachd. Ach, taca ris na bliadhnachan eadar an dà chogadh, an uair a bha George Blake, Neil Gunn agus Lewis Grassic Gibbon aig tréine an neairt, tha sinn gann, gann, de dh’ùghdairean a tha a’ dealbhachadh caithe-beatha làitheil na h-Albann. Bha sinn riamh gann dhiubh taca ri Sasuinn.
Ach, goirid an déidh a’ chogaidh, thòisich ainm ùr air nochdadh—Robin Jenkins. Fear an sgrìobhas an deagh sgeulachd agus a tha a’ leantainn dlùth ri fìreantachd beatha ann an Alba. So Gaily Sings The Lark. Happy For The Child. The Thistle And The Grail. The Cone Gatherers.Anns na leabhraichean sin gheall Robin Jenkins gun robh e fa-near dha rudeigin a b’fhiach an t-saothair a chur ri ar
litreachas. Tha an gealltanas sin air a leantainn, ged nach eil e fhathast air a choimh-lìonadh, anns an leabhar ùr aige—Guests Of War.
So cuspair air nach deachaidh móran a sgrìobhadh fhathast—na mìltean a chaidh a chur air fògradh as na bailtean chun na dùthcha an uair a thàinig cunnart bomaidh aig toiseach a’ chogaidh. Bha iad againn air a’ Ghaidhealtachd—ann an Tiriodha agus ann an àiteachan eile—clann is màthraichean a chuireadh air falbh a Glaschu, no a dh’fhalbh le’n saor thoil fhéin. Dé a bhuaidh a thug na bliadhnaichean anns an dùthaich air giollain phiollagach a cùiltean groda Ghlaschu? Dé a’ bhuaidh a thug iadsan air luchd na dùthcha chun an deachaidh iad.
Ann anGuests of Wartha Jenkins a’ feuchainn ris na ceistean sin a fhreagairt. Tha e a’ leantainn gach nì a thachair ri còmhlan a dh’fhàg slumaichean Glaschu—cuid dhiubh le aighear is cuid le ionndrainn is móran le mialan—agus a fhuair comaraich ann am baile beag an ceann a deas Albann.
Cha leig sibh as an leabhar aon uair ’s gum fosgail sibh e. Ach, a dh’aindeoin sin, chaidh Jenkins, gu mì-fhortanach, ceàrr. Thuit e ann an gaol ri Bell McShelvie, màthair a bhleidich na h-àrd oifisean gus an d’fhuair i air falbh a Glaschu mar thé de’n fheadhainn a roghnaicheadh gus coimhead as déidh na cloinne. Cha b’e an t-eagal a bhrod Bell gu falbh, ach rud a bha san fhuil aice. B’ann de mhuinntir na dùthcha a bha i fhéin, agus bha Glaschu ’ga tacadh, agus b’e so an aon chothrom a chunnaic i riamh gus faighinn air ais chun nan cnoc ’s nan raointean mu’m biodh i ag aisling. Gabhaidh an luchd-leughaidh gaol air Bell cuideachd. Ach cha b’e eachdraidh Bell air an do thòisich Jenkins, ged is ann leis a sin a chrìochnaich e. Agus rud eile. Bha’n t-eagal air an gaol-phòg fhàgail as an leabhar, agus shlaod e steach maighstir-sgoile òg tapaidh agus caileag ghrinn bheairteach gus blas milis a chur air an sgeul. Tut, tut, cha robh feum orra. Ach ’se brìgh na cùise, gun do chaill an t-ùghdar an sgeulachd ionmholta air an do thòisich e—an sgeulachd a fhreagradh na ceistean a chuir sinn an so shuas—dé a’ bhuaidh a thug baile agus dùthaich air a chéile?
Thuirt sinn móran mu’n leabhar so a chionn agus gur fhiach e sùil mhath a thoirt air. Tha Jenkins ’na mhaighstir-sgoile ann an Dùn-omhainn, agus tha e soilleir gu bheil e ag ionnsachadh ceàird an sgrìobhaidh bho bhonn gu mullach. De na cóig leabhraichean a sgrìobh e, tha gach fear nas fheàrr na’m fear a chaidh roimhe. Cha bhi fada gus am faic sinn leabhar fo ainm a chuireas sgrìobhadh nobhalan ann an Albainn bus ri bus ri prìomh sgrìobhadh nobhalan ann an t-saoghal. Cumaibh sùil air.
F. McD.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Guests of War) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |