The Maestro,le Robert Kemp. (Clò-bhuailte le Duckworth. 15/- .)
Sgeulachd mu fhear ciùil ainmeil a thainig gu Féis (a tha caran coltach ri Féis Mhór Dhun-Eideann) agus a ghabh gaol a chridhe air searbhanta a bha math air òrain Burns. Ni sibh gàire an uair a leughas sibh mu mhnathan uasal a’ bhaile a’ deanamh leth mhurt air a chéile, feuch có a bheir aoigheachd do na daoine móra a thig chun na Féise. Còrdaidh e ruibh cuideachd mar a tha Kemp ag atharrais air feadhainn ann an Alba a tha a’ dol ann am breislich le seann òrain ’s le poilitics iongantach ’s le féilidhean is rudan eile a tha ceart ’nan áite fhéin, ach amaideach san àite cheàrr!
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Maestro) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |