(Gwerin . A Half-yearly Journal of Folk Life.Deasaichte leIorwerth C. Peate. Basil Blackwell, Oxford. 6/- . )
Tha sinn toilichte fàilte a chur air iris ùr a tha a’ beantainn ri cuspairean Ceilteach, is tha sinn a’ guidhe saoghal fada do Gwerin, a tha air ùr dhol an clò. B’ann an Steòrnabhagh a rugadh e, gu h-iongantach, oir b’ann aig a’ Cho-Chruinneachadh Eadar-nàiseanta a chumadh an sin sa’ bhliadhna 1953 a chuireadh an céill gu robh feum air a leithid, is a ghabh Iorwerth Peate os làimh an obair.
Ged is e ainm Cuimreach a tha air an iris so buinidh na sgrìobhaidhean a chuirear an clò ann ri beatha an t-sluaigh anns na h-eileanan Breatannach uile, is nas fhaide mach na sin cuideachd. Bithidh gnothach aca ri beul-aithris, ri oibrichean dùthchail, ceàirdean (gu h-àraidh feadhainn a tha dol a bith), rian-togail thighean, is nithean de’n t-seòrsa sin. Mar eiseimplear, gheibh sinn anns an àireamh so cunntas air seòrsa de ghràn-chist, neo stòr-gràin a bha air a chleachdadh an siorrachd Chòrcaich an Eirinn. B’e ainm an stòir An Fhóir is bha e air a dhèanamh de shùgan, neo ròpa-connlaich. Bheil fhios a robh a leithid againn air Gaidhealtachd? Tha a rithist anns an àireamh so de’n iris cunntas air mar a tha crann-speala agus cas ràcain air an dèanamh amBedfordshireis anSuffolk. Agus tha cunntas againn bho Chalum MacGilleathain Ratharsair air “Beul-aithris Innse-Gall.” ’S esan am fear as fiosraiche a th’againn mu’n chuspair so, agus tha sinn toilichte a leithid so de chunntas fhaighinn uaithe.Tha e a’ toirt iomradh air sgeulaichean leithid Sheumais Mhic Fhionghuin, is Néill Mhic Gilliosa a Barraidh, Aonghuis Bharraich is Dhonnchaidh Clachair air an do sgrìobh e dhuinn mar thà an Gairm, agus Iain Mhic Dhòmhnaill, am Bàrd a Lochabar.
Thathas a’ sireadh leughadairean do’n iris so, is ma tha sibh airson fhaighinn, sgrìobhaibh ru ruigBasil Blackwell, 49 Broad Street, Oxford.Tha an sìnteas bliadhnail a’ cosg dà thasdan dheug.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Gwerin) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |