(Manannan ’s Isle,le Dàibhidh Craine. Manx Museam and National Trust.15/- .)
Is dòcha ann an deich bliadhna eile nach bi duine air fhàgail aig am bi a’ Ghàidhlig Mhanainneach mar chainnt mhàthaireil, agus is dòcha gur h-e sin as coireach gu bheil ath-bheothachadh ùidhe againn ’ga fhaicinn anns a’ chànain, anns an litreachas agus an eachdraidh an eilein. Tha, gun teagamh, buidheann de Mhanainnich òga a nis ag ionnsachadh na Gàidhlig aca fhéin as ùr, ach cha bhi ann ach cuspair sgoilearachd tuilleadh. Is math sgoilearan eudmhor a bhith ann. Chaidh treallaich mhath a sgrìobhadh mu’n eilean is mu’n chànain anns na sia bliadhna a chaidh seachad—leithid nan leabhraichean aigR . H. Kinvig (History of the Isle of Man), K. H. Jackson (Contributions to the Study of Manx Phonology), R. L. Thomson (A Glossary of Early Manx) ,a tha a’ tighinn am follais anns anZeitschrfit fur Celtische Philologie). Is tha a nis againn an leabhar aig Dàibhidh Craine.
[Sanasan]
[Sanasan]
Tha Mgr. Craine a’ togail chuspairean a eachdraidh an eilein anns an t-seachdamh is anns an ochdamh linn deug, is tha caitheamh-beatha an t-sluaigh anns na linntean sin a’ tighinn beò da-rìreabh fo a làmhan. ’S ann a leabhraichean na h-Eaglaise is na cùirte a tha e a’ togail móran de’n fhianuis a tha mar stéidh do a sgeul, is tha e a’ toirt mu ar coinneimh dearbh-bhriathran nan daoine—cuid dhiubh am Beurla is cuid an Gàidhlig. Cluinnidh tu an so fear a bha air a shàrachadh gu mór a’ guidhe dhà-san a bha a’ cur dragh air“Drogh ooir, drogh yerrey as beggan grayse” (Droch uair, droch dheireadh is beagan gràis). Chì thu an sin cunntas a sgrìobhadh sa’ bhliadhna 1608, nuair a bha caora a’ cosg 3/4d, cearc 3d, agus cairteal de phunnd siùcar 6d. Chan eil prìs a’ bhìdh a’ sìor dhol an àird.
So feadhainn de na cuspairean air a bheil Mgr. Craine a’ sgrìobhadh: Sgoil-dhubh is buisneachd, Lighichean Manainneach, Triath an Eilein, Murt Uilleim Mhic a Faille, An Eaglais agus a’ Chléir (1600-1800), PrìosanSt . German’s, Ceannaiche Manainneach anns an ochdamh linn deug. Tha móran soluis aige ’ga chur air mar a bha cùirtean na h-Eaglaise agus na cùirtean eile ’gan cumail, agus tha e ’na chuis-iongnaidh mar a tha iochd is an-iochd ri ’m faicinn an achlaisean a chéile.
Chì sinn anns na linntean sin dà sheòrsa caitheamh-beatha, dà sheòrsa sìobhaltachd (ma dh’fhaodar am facal so a chleachdadh airsoncivilization) làmh ri làimh: iarmad na caitheamh-beatha a thiomnadh do na Manainnich bho an athraichean Ceilteach, is na nòsan ùra a shìoladh asteach ’nam measg bho na Sasunnaich. Rinn so roinn is sgaradh air an t-sluagh—na h-uachdarain a’ leantainn dòighean coigreach is na h-ìslean a’ deanamh mar a b’fheàrr a dh’fhaodadh iad. Cha robh dòigh air a leithid a sheachnadh, is na h-urracha móra, na h-easbuigean is na h-àrd-uachdarain mar bu tric ’nan coigrich. Chunnaic sinn a leithid ann an ceàrnan de’n Ghaidhealtachd. Tha eachdraidh làn de rabhaidhean ged nach toirear dhaibh ach ainneamh.
Tha obair bhliadhnachan air chùl an leabhair so, ach chan eil an obair a’ tighinn eadar thu is do thoil-inntinn ann a bhith ’ga leughadh.
[Sanas]
Oir tha inntinn an ùghdair gu math air a stòradh, is tha a pheann siùbhlach.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Manannan's Isle) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |