Eilean nan Caorach
Le T. M. MACCALMAIN
AIR an t-seachdamh là de’n Og-mhìos chaidh mi air turus guFair - Islecòmhla ri buidheann dhaoine a chaidh ann a ghabhail beachd air suidheachadh muinntir an eilein, agus iad a’ bagairt imrich a dheanamh as, mar a rinn na Hiortaich an 1930 agus mar a rinn muinntir Shòthaidh o chionn beagan bhliadhnachan.
Air madainn Dhiar-daoin chaidh mi air bòrd itealain air taobh amuigh baile Inbhir-Nis. Dh’éirich sinn air na sgiathan aig 8.45. Thadhail sinn airson deich mionaidean aig laimrig-adhair Inbhir Uige aig 9.30. Cóig mionaidean fichead as déidh sin bha sinn tarsaing air a’ Chuan Arcach agus ’nar seasamh air talamh cruaidh aig port-adhairKirkwall. Aig aon uair deug dh’éirich sinn a rithist a dh’ionnsaigh nan neul, agus ràinig sinn port-adhair Shumburgh ann am fìor cheann-a- deas Shealtainn aig 11.45. As déidh dhuinn biadh a ghabhail ann an tigh-òsda Shumburgh chaidh sinn air bòrd a’ Bhrenda, bàta-dìon an iasgaich, agus sheòl sinn gu deas.
ThaFair Isle ’na laighe letheach eadar na h-Eileanan Arcach agus na h-Eileanan Sealtainneach, agus e mu chóig mìle fichead bhuapa sin. Is e eilean beag a tha ann, mu thrì mìle am fad agus mu dhà mhìle air leud. Chan eil e idir soirbh faotainn chuige. Tha creagan àrda casa, stùcan móra, agus sgeirean cunnartach timcheall an eilein gu léir, ach a’ mhàin gu bheil port cumhang aig a’ cheann a tuath agus port
nas leathainne anns a’ cheann a deas. Ach tha na puirt sin gun fhasgadh sam bith an uair a bhios a’ ghaoth a’ séideadh dìreach ateach orra.
Tha leth a tuath an eilein ’na mhòintich thioraim, dorcha le fraoch, ag éirigh suas do’n bheinn as àirde anns an eilean, Ward Hillno, mar a dh’fhaodamaid a chur anns a’ Ghàidhlig, “Beinn an Fhreiceadain” no “A’ Bheinn Fhaire.” Tha a’ bheinn so còrr is seachd ceud troigh an àirde, agus bu tric, anns na linntean fad as, a rinn ceatharnaich faire air a mullach, an sùil ri iomall cuain, feuch am faiceadh iad siùil nan nàimhdean a’ nochdadh, agus, an uair a chitheadh, cha b’fhada gus am biodh an teine-rabhaidh air a lasadh agus na lasraichean ag éirigh suas, agus iad ag innse do na h-uile a chitheadh gu robh an nàmhaid a’ tighinn dlùth.
Tha leth a deas an eilein feurach torrach, agus e air a roinn amach ’na chroitean air sluagh an eilein. Tha móran chaorach aca, an dà chuid air an talamh fheurach anns a’ cheann a deas agus air a’ mhòintich mu thuath, agus tha cuid de’n bheachd gur e so as ciall do ainm an eilein, “Eilean nan Caorach,” oir tha am facal “faer” anns a’ chànain Lochlannaich a’ ciallachadh “caora.” Air taobh an ear an eilein tha meall àrd cas d’an goirear “Creag nan Caorach.” Tha feur a’ fàs air mullach a’ mhill, agus bìtear ag ionaltradh chaorach air. Ach is ann le mór-dhragh agus le cunnart a bhios daoine a’ làimhseachadh nan caorach air Creag nan Caorach. Chan fhaigh iad chuige ach suas ri aghaidh carraig chais shleamhainn far a bheil slabhraidh iarainn suidhichte aca a chum is gun greimich iad air sin an uair a bhios iad a’ dìreadh is a’ teàrnadh bearradh na creige. An uair a tha aca ri caoraich a thoirt á Creag nan Caorach, feumaidh iad breith orra agus an ceangal agus an leigeil sìos air ceann ròpa air aghaidh na creige.
Ach gus tilleadh ris an turus air an robh sinn, sheòl sinn, mar a thubhairt mi, air a’ Bhrenda amach á Sumburgh, agus chuir i a sròn bhiorach riFair Isle,cóig mìle fichead gu deas. Amach bho cheann a deas Shealtainn tha farsaingeachd mara ris an abrar anRoost ,far a bheil sruthan a’ coinneachadh agus, ma tha dad de ghaoith ann idir, éiridh na tuinn, agus abair thusa luasgadh is crathadh! Fhuair sinne ar cuid dheth sin anns a’ Bhrenda, ach an ceann dà uair a thìde ràinig sinn an Acarsaid Mu Thuath ann amFair Isle.Gu sealbhach, bha a’ ghaoth a nis air toirt dheth, agus fhuair sinn gu cladach ann am bàta-aiseig beag, ris an abair na h-eileanach“flit-boat”( “bàta-imrich,” an e? ). Fhuair sinn strùpag tea agus an uair sin chaidh ar giùlan ann an làraidh (aon de’n dà charbad-ola a tha aca air an eilean) gus a’ chinn a deas, far a bheil na croitean agus na tighean. Thadhail sinn, ’nar buidhnean beaga, dithis is triùir còmhla, ann an cuid de na tighean, bha còmhradh againn ri feadhainn de mhuinntir an àite, agus sheall sinn mun cuairt. Choisich cuid againn, agus ghiùlaineadh a’ chuid eile anns an dà charbad, air ais na trì mìle do’n Acarsaid Mu Thuath, agus is ann an sin a bha an fhéisd ’gar feitheamh. As deidh a’ bhìdh, bha coinneamh againn ris a’ mhór-chuid de mhuinntir an eilein anns an talla bheag. Aig ochd uairean feasgar (an deidh a bhith ceithir uairean a thìde air an eilean) chaidh sinn air bòrd a’ Bhrenda,
agus thug i asteach sinn gu cidhe Lerwick leth-uair roimh mheadhon-oidhche. Air an turus air ais, ged a bha fairge ann, cha robh a’ chùis cho fìor dhona is a bha air an turus a dh’ionnsaigh an eilein.
Air madainn Dhi-haoine, ann an Lerwick, bha coinneamh againn ann an seòmraichean Comhairle Siorrachd Shealtainn, a ghabhail beachd air ciod a bu chòir a dheanamh a thaobh cor is suidheachadh luchd-àiteachaidh Eilean nan Caorach.
BuinidhFair Isledo’n Urras Nàiseanta(The National Trust) ,agus bha Iarla Wemyss ceann-suidhe an Urrais Nàiseanta, agus feadhainn de’n chomhairle aige, còmhla ruinn. Bha ann mar an ceudna riochdairean bho Chomhairle na Siorrachd, bho’n Phanal Ghaidhealach(Highland Panel) ,bho Rùnaire na Stàite airson Alba, bho Bhòrd Tuathach an Dealain, bho Bhòrd an Aiteachais, bho’n Mhaoin Ghaidhealaich(Highland Fund) ,agus bho bhuidhnean ùghdarrasach ach eile. Bha Mgr. Iain MacNeachdainn a’ riochdachadh Coimisean nan Croitearan. Bha Mgr. Calum Moireastan (a mhuinntir Bheàrnaidh Leódhuis) a’ riochdachadh Bòrd an Iasgaich Ghil. Bha mi fhìn a’ riochdachadh Eaglais na h-Alba agus Comhairle Albannach Buidheann Bhreatannach a’ Chraobh-sgaolidh.
Is ann mar so a tha suidheachadh an t-sluaigh ann amFair Isle.Mar a tha a’ tachairt an iomadh àite eile an Albainn, tuath is deas, agus gu sònraichte anns na h-eileanan, tha àireamh an t-sluaigh a’ sìor dhol sìos. O chionn ceud bliadhna bha còrr is trì cheud neach a’ fuireach ann amFair Isle.Ann an 1901 bha 147 ann. Ann ann 1931 bha 108 ann. Ann an 1948 bha 65 ann, agus an diugh tha 45 ann uile gu léir.
Chan e a mhàin sin, ach de’n dà fhichead ’s a cóig a tha ann an ceartuair, tha deichnear (triùir fhear agus seachdnar bhoireannach) os cionn trì fichead bliadhna a dh’aois. Tha naoi-deug ann (deichnear fhear agus naoidhnear bhoireannach) eadar dà fhichead is trì fichead bliadhna a dh’aois, agus dhiubh sinn tha cóignear gun phòsadh. Tha seachdnar fhear agus aon bhoireannach ann, eadar cóig-deug agus dà fhichead bliadhna a dh’aois, agus gun ghin dhiubh sin pòsda. Tha ochdnar cloinne ann fo aois a cóig-deug, aon nighean agus seachdnar bhalach.
Chithear, mar sin, gu bheil suidheachadh mì-fhallain anns an eilean-sa. Tha feadhainn de’n òigridh a’ miannachadh falbh, ach am faigh iad cosnadh an àitean as goireasaiche agus a chum is gum bi cothrom aca pòsadh agus dachaidh a dheanamh dhaibh fhéin. Ma dh’fhalbhas feadhainn de’n òigridh, ciod a dh’éireas do’n mhuinntir aosda, oir is e so eilean a dh’fheumas sgioba matha de dhaoine làidir airson gach obair is dleasdanas, an ceann an fhearainn, air tòir nan caorach anns na creagan cunnartach, agus gu sònraichte mar sgioba an aon bhàta mhóir( “Am Buachaille Maith”) a tha aca, a tha aon uair gach seachdain a’ dol gu Lerwick agus air ais le litrichean is luchd-turuis is badhar. Chan eil bùth air an eilean idir, a bharrachd air aon oifis-postachd. Tha dà eagalis air an eilean—eaglais bheag a bhuineas do na“Methodists”anns a bheil seirbhisean air an cumail le aon de shluagh an eilein, agus Eaglais na h-Alba. Tha misionaraidh aig Eaglais na h-Alba ann amFair Isle,agus tha bean a’ mhiosionaraidh
[Dealbh]
a’ teagasg na sgoile. Ged a tha dà eaglais ann, chan eil an sluagh air an roinn a thaobh adhraidh. Tha iad a’ cumail nan seirbhisean ann an dà eaglais, uair ma seach, agus tha iad uile a’ frithealadh an dà eaglais.
Tha bean-eiridinn aca air an eilean, agus is mór a’ bhuannachd sin dhaibh, ach an uair a thig tinneas obann bheir e uairean a thìde mus ruig an t-euslainteach tigh-eiridinn Lerwick, agus ma bhios droch shìde ann chan eil dad a ghabhas déanamh.
Tha tigh-soluis air rubha a tuath an eilein, agus tigh-soluis eile air a’ cheann a deas, agus tha beagan theaghlaichean ceangailte riutha sin. Bidh fir an eilein ag iasgach mu na cladaichean, ach a mhàin air son feuman na dachaidh. Chan eil an t-iasgach mar a bhà, agus mar sin chan eil buannachd ann a bhith a’ strì ris.
Bidh mu ochdnar de na boireannaich a’ cur seachad a’ gheamhraidh a’ snìomh na clòimh mhìn agus a’ fighe nam pàtaran brèagha ris an abrar “Fair Isle—miotagan is guailleachain is seacaidean beaga is peiteagan—agus bidh iad ’gan reic. Gach samhradh bidh mu cheud neach a’ tadhal an eilein airson seachdain no dhà a dh’fhaicinn nan eun a tha cho lìonmhor ann. Tha seachd tighean-còmhnaidh anns an eilean anns nach eil neach sam bith a’ fuireach, agus tha àireamh chroitean air dol fàs.
Is i a’ cheist: “An còir dhuinn airgead a chur amach air daoine a chumail ann an eilean iomallach de’n t-seòrsa so?” Sin ceist a tha doirbh a fuasgladh. Chan abair mi ach dà rud. Tha mi de’n bheachd gu robh e ceart an sluagh a thogail air falbh á Hiort agus á Sòthaidh agus an suidheachadh an àitean a bu ghoireasaiche, oir b’e sin iarrtas
an t-sluaigh; ach, ma tha sluagh eilein no àite a’ miannachadh fuireach, agus ma tha coltas ann gum bi soirbheachadh cuimseach aca ma bheirear ceartas dhaibh, is e mo bheachd gur còir cuideachadh leotha fuireach. Tha a’ mhór-chuid de shluaghFair Islea’ miannachadh fuireach, agus is eilean e a dh’fhaodadh barrachd toraidh is soirbheachaidh a nochdadh na tha r’am faicinn an dràsda. Ach, ma tha sluagh ri leantainn air an eilean-sa, feumar àireamh nithean a dhèanamh. Tha feum air cidhe nas fheàrr na tha aca an dràsda. Tha feum air goireasan-siubhail. Tha feum gu sònraichte gun tigeadh ceithir na cóig de theaghlaichean ùra a dh’fhuireach agus a dh’obair anns an eilean.
Cha tig e dhòmhsa innse an so mu na beachdan a chualas agus mu na rùintean leasachaidh air an d’aontaich sinn aig a’ choinneamh a bha againn an Lerwick. Foillsichear na rùintean sin le Comhairle Siorrachd Shealtainn.
Anns a’ bhliadhna 1588 rinn aon de bhàtaichean-cogaidh an Armada Spàinntich long-bhriseadh air Eilean nan Caorach, agus fad geamhraidh bha dà cheud de na Spàinntich a’ fuireach air an eilean. Tha cuid de’n bheachd gur ann bho na Spàinntich sin a dh’ionnsaich na h-eileanaich air tùs na patarain bhòidheach a tha aca air an obair-fhìghte.
Is iomadh long is bata a chaidh ’na clàran air an eilean iomallach so. Anns a’ bhliadhna 1868 chaidh bàta mór Gearmailteach air tìr ann an geodha agus na ceudan air bòrd innte ach shàbhaileadh iad uile. An uair a bha sinn air an eilean chunnaic sinn pìosan briste de itealan Ghearmailteach a thugadh gu làr ri linn a’ chogaidh. Rinn na h-itealain Ghearmailteach ionnsaigh air na tighean-soluis barrachd is aon uair agus mharbhadh feadhainn am measg theaghlaichean nan tighhean-soluis, ach bha aon itealan ann nach do thill dhachaidh do’n Ghearmailt.
Feumaidh Riaghaltas na rìoghachd so roghainn a dheanamh a thaobh àitean mar a thaFair Isle.A bheil sinn airson gum bi daoine a’ fuireach annta? Mur eil, abramaid sin gun dàil, agus togamaid na daoine air falbh, seach a bhith ’gan cumail gun na goireasan a tha feumail dhaibh. Ma tha sinn de’n bheachd gum bi e ’na bhuannachd do’n rìoghachd a leithid de àitean a bhith air an àiteachadh, feuchamaid ris gach cuideachadh is misneachadh as urrainn a thoirt do shluagh nan àitean iomallach mì-dheiseil sin.
[Sanas]
title | Eilean nan Caorach |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | T. M. MacCalmain in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |