[25]

Obair Shalach

Bha triùir bhràithrean acòmhnaidh le chéile agus am piuthar adeanamh banas-tighe dhaibh.

Chaochail am piuthar agus an deidh greis chuir na fir umhail nach robh an fhàrdaich cho grinn réidh rianail agus a bàbhaist di a bhith, agus dhaontaich an triùir gum bu chòir boireannach a lorg a chumadh an tigh air dòigh.

Chuir iad an comhairle ri chéile ach gu an dòigh air am bfheàrr so a dhèanamh agus be an co-dhùnadh a bhann gum feumadh Murchadh pòsadh.

Cha do chòrd so ri Murchadh. Labhair e mach agus thubhairt e“ ’Se Murchadh, daonnan Murchadh! Ma bhios iasg ri sgoltadh, ma bhios bàthach ri cartadh, ma bhios obair shalach air bith ri dèanamh, ’se Murchadh a dhfheumas a dèanamh.

( ’Sann bhon Mhàidsear Tormod Macleòid a fhuair sinn i so.)

titleObair Shalach
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Tormod Macleòid in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page