Chan eil fhios agam nach robh iad ceart
Le TORMOD MACLEOID (Nis)
BHIODH na Gaidheil o shean, agus móran dhiubh, eadhon gus an latha ’n diugh, a’ toirt géill do shaobh-chràbhadh agus a’ toirt creideis do nithean a shaoileas sinne anabarrrach gòrach. Chan eil fhios agam an déidh a’ h-uile rud an robh iad cho fada ceàrr. Nach eil bàrd Sasunnach ag innse dhuinn gum bi nithean a tha ri teachd a’ tilgeil an sgàilean rompa, agus có an Sasunnach sam bith a chuireadh tu air thoiseach air Gaidheal ann an ath-fhradharc no fàisneachd?
Le bhith toirt sùil air ais dà fhichead bliadhna agus còrr, air nithean a bh’air an toirmeasg dhomh, chan eil mi idir cinnteach nach robh rudeigin anns a’ chreideamh a bha aig na bhuineadh dhomh. Chaidh mo chasg ceud uair cho math ri h-aon airson a bhith luasgadh na creathuill ’s i falamh, oir ’nam beachd-san luaisginn-sa naoidhean ùr nodha innte ann an ùine gun a bhith fada. Bha ochdar anns an teaghlach againne as mo dhéidh fhéin. Nach toir sin smaoineachadh air duine?
An latha rachadh an leanabh a bhaisteadh, cha robh a’ chead a nighe no ’ghlanadh an oidhche sin mas cailleadh e brìgh uisge a’ bhaistidh. Ach an diugh, baisteadh ann no as, tha an naoidhean air ionnlaid ’s air a lìomhadh roimh àm a leapa. ’S nach eil a bhuil? ’N téid latha seachad nach fhaic ’s nach cluinn ’s nach leugh thu mu mhi-stiùireanan òigridh (nojuvenile delinquency,mar a their iad) —an latha ’n diugh?
Chan fhaodadh na caileagan a bhith air am baisteadh leis an aon uisge ri na balaich, oir nan tachradh sin, dh’ fhàsadh feusag air a’ chlann nighean sin an ceann tìde. Chan eil duine a chumas a shùilean fosgailte gach latha, eadhon air sràidean Steòrnabhaigh fhéin, nach mothaich nach eil an cleachdadh sin air a chumail mar bu chòir dha.
Nuair a thòisicheadh an leanabh a’ deanamh a’ chiad cheumannan, dh’fheumadh e staidhre a dhìreadh leis fhéin mus cromadh e, air neo chan fhaigheadh e air adhart anns an t-saoghal. Mur an robh staidhre ann, bha being ann ’s bha ise freagarrach gu leòir. Nach iomadh Gaidheal math a rinn a’ chiad streup rithe, ’s a fhuair a’ chiad mhisneach as an oidhirp sin? Chaidh fear a chomharrachadh amach dhomh fhéin uaireigin, a bha làidir gu leòir ’na chorp ’s ’na inntinn, nach fhaca dà bhonn-sia ruadh aige fhéin còmhla a riamh a chionn ’s gun tug e ceum leis fhéin as a’ chreathaill chon an làir mus do rinn e fiù oidhirp air dìreadh gu stòl.
Nan tuiteadh fàd as an teine, bhiodh sùil ri neach asteach nach buineadh do’n tigh idir. ’S ann iongantach da-rìreadh a bhiodh e air oidhche fhada Gheamhraidh mura nochdadh nàbaidh air choireigin. An nis, bho dh’fhalbh an teine fosgailte ’s a ghabh stòbh àite, cha tuit fàd, agus cha mhór nach fheum thu càirt-cuiridh fhaighinn bho do nàbaidh air taobh eile an rathaid mus nochd thu do shròn asteach air a dhorus.
Nan goireadh an coileach mu’n dà reug, bhiodh sùil ri droch naidheachd. Có a chaoidh a dhìochuimhnicheas cochlaidh nan eun sin an oidhche mus do bhris an Cogadh Mór amach?
Ach a thuilleadh air na bhiodh co-cheangailte ris an tigh, bha iad a’ creidsinn ann am ban-bhuidseachan, an taibhsean, an droch shùil ’s an gruagachan. Bha na gruagachan air an cunntadh gun mhóran lochd; bhiodh iad a’ leumnaich ’s a’ cleasachd am measg a’ chruidh air a’ gheàrraidh agus nam biodh a’ bhanarach fialaidh riutha bha iad gun chron sam bith. Bha bodach air a’ gheàrraidh againn-fhéin a’ sealltainn dhomh na creige leis am biodh a sheanmhair a’ toirt air a bhith dòrtadh a’ chiad chupain bainne thigeadh bho’n bhoin airson nan gruagachan a chumail air an dòigh. Faisg air làimh bha, agus thà, Tom a’ Bhìdh, far am biodh e a’ fàgail mu chiaradh an fheasgair pàirt de’n h-uile mulchag a rachadh a dheanamh an latha sin, ’s cha bhiodh criomag air sgial anns a’ mhadainn dhith. Bha e ag innse dhomh nach do thachair tubaist no dochann do dhuine no do bheathach ré nam bliadhnachan sin, gu aon fheasgar, ’s an t-acras air, nach ann a dh’ith e an càise a chaidh a chur leis. An ath oidhche, mu’n àm sin, chaidh a’ bhó a b’fheàrr a bh’aca ann am boglaich ’s chaill iad i.
Bha na ban-bhuidseachan cho lìonmhor ann an làithean m’òige ’s a tha clann-nighean le briogaisean an diugh air an dùthaich ann an Leódhus. Tha cuimhne làidir agam air cho math ’s a bha daoine dhaibh airson an gean math a chumail. Dheanadh iad-san corp crèadha ’na do riochd, nan tigeadh tu cros orra, gu h-àraidh ann an gaol; bheireadh iad an toradh as a’ chrodh ’s bhiodh gun bhrìgh. ’S e an ìocshlaint a bha aig daoine airson so a leasachadh breac beò a chur do’n bhainne, ’s bheireadh sin cumhachd na ban-bhuidseach gu neoni. Bha so glé throm air na Rubhaich bho nach robh bric ann an lochan na sgìre sin, gus na chuir MacLeòid Phort-mhollair feadhainn dhiubh air Loch an Tiumpain. Bho’n àm sin bha ìm na bà na bu phailte agus na bu thairbhich anns na bailtean sin, na bha e riamh roimhe.
Bhiodh eagal am beatha air na h-iasgairean gun tachradh té dhiubh-san riutha air an slighe gu creig no gu eathar, oir bha iad cinnteach gun gabhadh a’ bhan-bhuidseach cruth sam bith a thogradh i airson a dùil fhéin a thoirt amach. Tha cuimhn’ agam a bhith muigh air an eathar le na lìn bheaga air feasgar ciùin foghair nuair a dh’éirich ròn mór ri ar clathaich. “A,” ars am bodach a bha san deireadh,
[Sanas]
“tha do cheann briagha sleamhainn an dràsda ach ’s ann odhar gaoisneach a bha e nuair a dhearc mise ort air mo shlighe chon a’ chladaich. Tha cho math dhuibh a bhalachaibh na lìn a thogail.” ’S e dà bhiorach is cnòdan a thàinig do’n eathair am feasgar ud. Turchairt?
Ach ’s e an corp crèadha a bha cur eagail air a h-uile fear, agus ’s fear glé làidir ’na inntinn a mhealladh air “té aig an robh an cnocan,” ’s e sin té anns an robh a’ bhuidseach an ruith na fala. Chaidh innse dhomh mu fhear a mheall aon té de’n t-seòrsa so, ’s phòs e té eile. Rinn ise corp crèadha dha ’na riochd ’s chuir i do’n allt e. Mar a bha ’n corp ri sìoladh as, thòisich esan ri sìoladh as, ’s chaidh na casan aige cho caol ri casan clacharain. Bha e mar sin a’ sileadh as latha bho latha nuair a thadhail ban-cheard astigh.
Ciontach ’s mar a bha e faireachdainn, dh’innis e dhi mu ’ghalair agus ciod a bha mar mheadhon ris. Thuirt a’ bhan-chearc ris nach robh leighis ann dha ach a h-aon, agus b’e sin léine ’bhuineadh do’n té a thréig e fhaighinn air dhòigh air choreigin agus a cur uime, agus e cuimhneachadh gun a toirt dheth gus an tuiteadh i dheth leatha fhéin. Gu mi-shealbhach dhà-san, ’s ann a bha ceathrar pheathraichean aig a’ chaileig air na mheall e, ’s chan aithnicheadh esan leine té bho thé no eadhon bho léine am màthar. Thug an truaghan suas ri mìos, a latha ’s a dh’oidhche, ag eunach sreang aodaich an tighe sin, ’s a’ tighinn dachaidh gach dàrnach a h-oidhche le léine air mu choreigin air a suaineadh fo a gheansaidh, ach ré na h-ùine sin, cha robh furtachd annta dha. Mu dheireadh thall, thurchair e air an té cheart agus bho’n mhionaid a chuir e air i, dh’fhairich e e-fhéin a’ dol am feabhas. Thug an duine sin na bliadhnachan móra ri dol gu iasgach a’ chosta sear is siar is do’n néibhi le stiallan do’n léine ud leth ris, agus, nuair a chaochail e aig aois mhór, cha robh mìr air lorg dhith ach faitheamh na h-amhach a bh’ air a dhol cho dubh ri cairteal tombaca. Faic sibhse nis—thuig e a ghalar agus fhuair e an aon ìocshlaint a bha air a shon.
Bha am feàlagan ri bhith air a sheachnadh far am faicear e, agus gu h-àraidh le na Rubhaich, oir bha iad-san a’ creidsinn na ruitheadh an creutair beag sin tarsainn air teis meadhon beathach no duine gun cailleadh am beathach no’n duine sin an lùths. Bha feàlagan aig mo shean-seanair fhéin air a shailleadh ’s air a chruadhachadh ann an crogan crèadha air bàrr a’ bhalla airson a shuathadh ri beathach lag sam bith air an tigeadh e tarsainn air a’ mhòintich ré an t-samhraidh ’s an fhoghair nuair a bha biadh bheathaichean pailt gu leòir. Is iomadh caora, bha gus toirt suas an deò, a chuir e air a bonnan le suathadh achlais bho’n ìocshlaint ud. An diugh, nuair a gheibhear caora air a’ mhòintich nach urrainn seasamh. tha fios ’ga chur air lighiche a’ chruidh. Innsidh esan ainm a’ ghalair dhuit ann an cànain borb nach tuig duine eile; bheir e“pill”do’n chaoraich—ach an tig i troimhe? Glé ainneamh. Nach iomadh beathach bochd a chaidh a dhìth roimh ’n àm airson nach robh daoine, a tha tuigseach ’nam beachd féin, a’ toirt spéis do leighisean an sinnsirean?
Agus gu dearbhadh a’ toirt dhuibh air cumhachd a’ bheathaich so, thachair dhomh fhéin agus do charaid dhomh fear dhiubh a ghlacadh,
aon latha, ann an rùdhan. Chuir Calum, mo charaid, ann am bil a’ bhonaid e airson feala-dhà a bhith aige leis aig an tigh. Nuair a ràinig sinn an dachaidh, bha iad air suidhe sìos ri’m biadh, agus am bodach a’ dol a thòiseachadh air an altachadh. Thug Calum dheth a bhonaid, gun chuimhne aige air gu dé bha aige ann, agus sud am feàlagan ’na dheann leum am measg nam bròg fo’n bheing. Ma chaidh, mus canadh tu sgian-bhùird, cha robh stòl, no bòrd, no leabaidh, no dreasair, no sorchan sam bith a bha troigh an àirde bho’n làr nach robh cuideigin air a’ chorra-biod air ’na chorruich ruinne— ’s an éigheach a bha sud! Thug a’ chùis mar sin suas ri leth-uair a thìde ’s am biadh a’ dol air dhìth air a’ bhòrd, gus na lorg an cù am beathach bochd. Cha b’e biadh air a bheannachadh a fhuair sinne am feasgar ud. Ach fuirich ort. Cha robh sia seachdainean air dol seachad nuair nach robh aon ghaoisinn fuilt ann an ceann Chaluim os cionn a dhà chluais. Dh’fhàs e cho maol ri sagart, ’s cha robh e bliadhn’ ar fhichead, ’s tha e mar sin fhathast. ’S iomadh latha bho’n latha sin a chaidh innse dha gu robh e fortanach gur ann mu ’cheann a ruith am feàlagan ’s nach b’ann mu theis-meadhon.
Le bhith ’smuaineachadh air na nithean sin agus a’ meòmhrachadh ’nam inntinn fhéin air an dearbhadh a fhuair mi air na h-ìocshlaintean a bh’ aca airson tinneas an rìgh, teine-dé, an tinneas-air-ais, ’s mar sin air adhart, tha mi de’n bheachd nach robh na daoine bho’n tàinig sinn cho fada ceàrr idir.
[Sanas]
title | Chan eil fhios agam nach robh iad ceart |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |